CrossReach News January 2016, issue 1 (Gaelic)

Page 1

A’ GABHAIL CÙRAM AIR FEADH ALBA

A chleachd a bhith Cearcall Cùraim IRIS 1 2016

• Solas biorach air Seirbheisean-cùraim Inbheach • Tha Trèanadh Dìon airson a h-Uile Duine • Mi fhìn agus M’ Obair: Ailean Marshall

ANNS AN

IRIS SEO

• Fòcas Air…A’ Cur Fàilte air Daoine le Ciorraman Ionnsachaidh • Cùram Tarsainn na h-Alba

Seachdain CrossReach Tha am Modaràtair a’ moladh obair CrossReach ‘mar sheud nar n-eaglais’ Sgeulachd iomlan air duilleig 4 OUR SERVICE AREAS

• • • •

Children and Family Counselling and Support Criminal Justice Homeless People

• • • •

Learning Disabilities Mental Health Older People Substance Misuse

providing a caring future

For more information visit:

www.crossreach.org.uk


AN ROBH FIOS AGAIBH? Tha CrossReach an impis Tosgairean Seargadh-inntinn a chur air dòigh anns gach seirbheis airson Ciorram Ionnsachaidh. Tha seo an dèidh iomairt thùsail a stèidhich iad anns gach seirbheis CrossReach airson dhaoine nas sine.

ARTAIGILEAN SÒNRAICHTE Solas Biorach Tha Calum Moireach a’ mìneachadh carson a tha dùbhlain ann do Sheirbheisean Cùram Inbheach sa Bhliadhn’ Ùir.

Duilleag 5 A’ Dìon Tha John Duncanson ag innse carson a tha trèanadh ann an dìon cudromach airson luchdcleachdaidh seirbheis cho math ri luchd-obrach

Naidheachdan STEÒRNABHAGH Meal-a-naidheachd air THE SHED, suidhichte aig Eaglais Mhàrtainn ann an Steòrnabhagh, a choisinn Best Church Building Project anns na Christian Forum Funders Awards. Is e THE SHED an t-ionad airson seirbheisean òigridh agus coimhearsnachd na h-eaglaise. Is e àite sùbailte a tha ann far am faod buidhnean coinneamhan a chumail, deugairean coinneachadh, agus far am faod neach sam bith a tha a’ sireadh sìth agus fois cnuasachadh leis fhèin no taic a shireadh dha fhèin. Thadhail am Modaràtair air a’ phròiseact ann an seachdain CrossReach.

DÒRNACH

Duilleag 6 A’ Feuchainn air a’ Bhalla

Thog Alison Millar £4,000 airson Auchinlee tro bhith coiseachd Balla Mòr Shìona agus a’ coileanadh dhubhlain eile.

Duilleag 10

Chaill Taigh-Cùraim Oversteps cumhachddealain ann an droch shìde air a’ gheamhradh seo chaidh. Le sin thàinig Club Goilf Rìoghail Dhòrnaich a-steach gus dèanamh cinnteach nach fulang iad mar sin a-rithist ann an stoirmean a’ gheamhraidh. Chosg an club barrachd air £8,000 air gineadair dìosail mar chùl-taic. Thugadh an t-airgead mar thiodhlac leis a’ chlub bho Ionmhas Carthannais a’ Chaiptein a tha air a mheudachadh gach bliadhna tro bhith togail airgid air dà dheireadh-sheachdain sa bhliadhna. Bha cuirm air a cumail is cèic ann an cumadh gineadair air a dèanamh airson nan còmhnaichean.

Facal bhon Deasaiche Tha CrossReach air a bhith a’ comharrachadh co-là-breith 10 bliadhna agus aig àm Seachdain CrossReach bha Modaràtair an Àrd-sheanaidh, am Fìor Urramach Dr. Aonghas Moireastan, na aoigh aig tachartas co-là-breith còmhla ris na manaidsearan seirbheis againn. Agus, mar a bhiodh dùil, bha cèic shònraichte air a gearradh (dealbh gu h-ìosal). Bha taisbeanadh shlaighdean ann a sheall na tachartasan a b’ inntinniche on deichead mu dheireadh. Bha e inntinneach an àireamh chèicean fhaicinn a bha air an gearradh airson iomadach cùirm, leithid fhosglaidhean agus cuimhneachain-bliadhna. Bidh CrossReach a’ cumail nam bèicearan a’ dol! Tha uiread rud ann a tha na adhbhar taingealachd on a thòisich CrossReach agus dha-rìribh mhol am Modaràtair ar n-obair mar ‘seud na h-eaglaise’. Ach, cha b’ urrainn dhuinn ar n-obair cùraim air fad a dhèanamh as aonais taic mhòr bho na saorthoilich againn–comhairlichean, daoine a bhios a’ cuideachadh ann an àitean mar an cafaidh R&R, Luchd-taic Choithionalan a bhios a’ sgaoileadh Naidheachdan CrossReach–agus iomadh neach eile. Tha an tìde agus an obair a bhios sibh a’ cur ann a’ ciallachadh gum faod CrossReach cumail a’ dol a bhith na chuideachadh mòr ann am beathan dhaoine tarsainn na h-Alba. Mòran taing dhuibh uile!

Mas àill leibh bruidhinn rinn, cuiribh post-d gu: news@crossreach.org.uk no sgrìobh gu: CrossReach News, Charis House, 47 Milton Road East, Edinburgh. EH15 2SR.

Ùisdean MacIlleDhuinn, Deasaiche.

Published three times a year by CrossReach. Please feel free to use any material or articles contained in this magazine, with an appropriate credit. CrossReach, Charis House, 47 Milton Road East, Edinburgh. EH15 2SR. Telephone: 0131 657 2000, Fax: 0131 657 5000, Email: news@crossreach.org.uk

Social Care Council

2

Operating as CrossReach Scottish Charity number: SC011353

A Gaelic version of CrossReach News is available to download from our website: www.crossreach.org.uk

www.crossreach.org.uk


Cnuasachaidhean Tha mo dhreuchd mar CEO a’ toirt dhomh tòrr amannan brosnachail nuair a bhios mi a’ tadhal air seirbheisean is a’ riochdachadh CrossReach aig tachartasan air feadh Alba. A’ cnuasachadh aig toiseach 2016 air a’ bhliadhna a tha ri teachd, tha mi a’ toirt taing do Dhia airson na bliadhna a dh’fhalbh agus tha mi an dòchas gun còrd dealbhan de chuid de na mòmaidean sònraichte sin a bha agam dhut. Bheir 2016 mòran dhùbhlain is chothroman tha mi cinnteach, ach tha mi cinnteach às an taic ùrnaigh a gheibh sinn bho ar luchd-taic lìonmhor agus an stiùireadh bho Dhia is sinn a’ gabhail cùram de dhaoine agus gan cuideachadh ann an ainm Chrìosta.

Ceumnachadh Saor-thoilich Ath-shlànachaidh Adhbhar irioslachd a bhith nam phàirt den tachartas còmhla ri ceumnaichean a thabhainn iad fhèin a dh’aindeoin nearbhs agus mì-chinnt:”Is e an t-adhbhar airson a bhith a’ coimhead air ais, a bhith a’ gluasad air adhart. Tha sinn uile air an aon ràmh. Tha sinn uile air thuras. Bidh sinn uile gar ceasnachadh fhìn. Feumaidh sinn uile leantainn oirnn.”

Cùram Alba, Duaisean Dhachaigheancùraim Bha Taigh Balmedie na cho-bhuannaiche air Dachaigh-cùraim na Bliadhna (Care Home of The Year Achievement) airson a bhith a’ toirt seachad sàr-sheirbheis gu cunbhalach is gu h-ùr-ghnàthach agus bha The Elms ann an cuairt dheireannaich Duais Seargadh-inntinn agus Cùram Sònraichte.

Duaisean Luchd-obrach Tha dealas an luchd-obrach follaiseach agus aig cridhe nan seirbheisean a bhios iad a’ toirt seachad. Tha mi moiteil a bhith aig ceann buidhinn a bhios a’ toirt chothroman do luchd-obrach a leasachadh agus a dh’fàs gu proifeasanta. Seo buidheann a bhios a’ sìor-chonaltradh ris na daoine dham bheil sinn a’ toirt taic airson ar seirbheisean a dhealbhadh (anns an dealbh, neachcleachdaidh seirbheis Millicent Evans – 2014 Saor-thoileach na Bliadhna – a’ toirt seachad na duais).

Cridhe agus Anam “Clachan Beò – Naidheachdan Beò”. Thug Cridhe agus Anam cothrom do luchd-tadhail am fìor eadar-dhealachadh a tha ar n-obair a’ dèanamh fhaicinn is sinn ag innse nan naidheachdan beò anns an teant. B’ e deagh chothrom a bha ann cuideachd obraichean nan comhairlean agus nam buidhnean eaglaise eile fhaicinn.

Dùbhlan Goilf a’ Mhodaràtair Tha togail airgid bunaiteach do sheasmhachd CrossReach agus shaoil mi tòrr den cheangal a rinn am fìor-urramach Iain Chalmers ler Seirbheisean Teaghlaich agus Cloinne anns an Dùbhlan Goilf. Chan e goilfear a tha annam ach chord e rium gu mòr coinneachadh ri Bill Lockie agus Iain McTear (a bha na Shàr-churaidh PGA).

Fòram Luchd-cleachdaidh Seachdain CrossReach Tro Sheachdain CrossReach chleachd Fòram an luchd-cleachdaidh dòigh-obrach dheimhinneach anns a h-uile rud a thachair gach latha. B’ e amas an tachartais seo gach dùil agus comas a choileanadh.

Am Bungalo – “Strictly” CrossReach a’ dèanamh Strictly! Feasgar brosnachail le gaire agus spòrs agus a thug a-steach agus a mhisnich gach duine a bha ann. Shoirbhich leis air sgàth taic coimhearsnachd leantainneach fhialaidh.

Oomph’ aig Loidse Queens Bay Tha e an-còmhnaidh na thlachd tadhal air do nàbaidhean agus dhomhsa is e sin tadhal air Loidse Queens Bay agus pàirt a ghabhail ann an ‘Oomph’. Thairis air a’ bhliadhna a chaidh tha na nàbaidhean à Loidse Queens Bay air tadhal air Tagh Charis airson cupa tì agus còmhradh còmhla.

Peter Bailey Chief Executive Officer, Secretary of the Social Care Council

3


Seachdain CrossReach

Seachdain Sgoinneil Air feadh Seachdain CrossReach 2015, shiubhail Modaràtair an Àrd-sheanaidh am Fìor-Urramach Dr. Aonghas Moireastan timcheall na h-Alba gus tadhal air cuid de na 70 seirbheis taic agus cùraim againn. A’ labhairt aig deireadh na seachdain dripeil seo, mhol e obair fharsaing CrossReach: “Is e seo ministrealachd aig an oir–misean a tha air a dhèanamh ann an ainm Chrìosta, agus aon de sheudan na h-eaglaise.” Bha Dr. Moireastan ann an Steòrnabhagh anns na h-Eileanan Siar Diluain, agus chuir e seachad ùine aig Pròiseactan Lewis Street agus Dòchas gus bruidhinn mu dheidhinn buaidh na h-obrach aca a bhios a’ dèiligeadh ri dìth dachaigh agus mì-chleachdadh stuthan.

Wednesday – Hamilton

Monday – Stornoway

Tuesday – Inverness

4

Dimàirt, thadhail am Modaràtair agus a bhean air Taigh Chamsroin ann an Inbhir Nis, taigh-còmhnaidh le cùram airson dhaoine le seargadh-inntinn. Choinnich an càraid ri sgoilearan à Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a bhios a’ tighinn gu cunbhalach gus bruidhinn ri còmhnaichean anns a’ Ghàidhlig, cainnt am màthair. An dèidh sin, chaidh iad dhan stadium aig Caledonian Thistle FC far an robh co-labhairt airson Thosgairean Seargadh-inntinn. B’ e CrossReach a’ chiad bhuidheann ann an Alba a stèidhich tosgaire seargadh-inntinn anns na seirbheisean dha dhaoine nas sine, agus a tha a nis a’ dol a stèidheachadh na dreuchd seo anns na seirbheisean ciorram ionnsachaidh aca. Diciadain, choinnich iad luchd-obrach Taigh Wallace ann an Dùn Èideann a bhios a’ a’ toirt seachad sheirbheisean comhairleachaidh, agus an dèidh sin chuala iad mu Thaigh Simpson agus Gàrradh Sunflower–seirbheisean a bhios ag obair le

inbhich agus cloinn fo bhuaidh dhrugaichean no mì-chleachdadh alcol. Bha iad cuideachd aig Fòram Nàiseanta Ciorram Ionnsachaidh ann an Hamilton. Diardaoin, bha Dr. Moireastan air ceann adhraidh ann an Taigh Charis, Dùn Èideann, a’ phrìomh oifis airson àrd-sheirbheisean, mus do shiubhail iad a Pheairt gus coinneamh mhanaidsearan a fhrithealadh agus an 10mh co-là breith aig CrossReach a chomharrachadh. Gus crìoch a chur air an t-seachdain chùm am Modaràtair cuirm airson luchd-cleachdaidh CrossReach anns an taigh-còmhnaidh oifigeil aige ann an Dùn Èideann–rud a bha na ‘aoibhneas’, thuirt e. Thuirt Dr. Moireastan: “Tha e air a bhith na urram ana-mhòr seachdain a chur seachad comhla ri carthannas sònraichte na h-Eaglais fhèin, CrossReach, agus a bhith a’ tadhal air ionadan a bhios a’ toirt seachad cùram ann an Steòrnabhagh, Inbhir Nis agus Dùn Èideann. Cuideachd.

Bha sinn aig co-labhairtean ann an Inbhir Nis agus Hamilton. Tha e air a bhith na chothrom mòr a bhith ag ionnsachadh mun raon shònraichte de sheirbheisean cùraim agus taic a tha CrossReach a’ toirt seachad tarsainn na dùthcha agus fhaicinn dhomh fhìn proifeiseantachd agus dealas ar luchdobrach agus ar saor-thoilich. Tha sàr-ghnè a’ chùraim a tha air a lìbhrigeadh aithnichte gu farsaing agus tha seo na dhearbhadh air a’ chreideamh a tha aig bonn na tha air a dhèanamh ann an seirbheis Chrìosta. Thuirt Dr. Moireastan: “Tha e air a bhith na urram ana-mhòr seachdain a chur seachad comhla ri carthannas sònraichte na h-Eaglais fhèin, CrossReach, agus a bhith a’ tadhal air ionadan a bhios a’ toirt seachad cùram ann an Steòrnabhagh, Inbhir Nis agus Dùn Èideann. Cuideachd. Bha sinn aig co-labhairtean ann an Inbhir Nis agus Hamilton. Tha e air a bhith na chothrom mòr a bhith ag ionnsachadh mun raon shònraichte de sheirbheisean cùraim agus taic a tha CrossReach a’ toirt seachad tarsainn na dùthcha agus fhaicinn dhomh fhìn proifeiseantachd agus dealas ar luchdobrach agus ar saor-thoilich. Tha sàr-ghnè a’ chùraim a tha air a lìbhrigeadh aithnichte gu farsaing agus tha seo na dhearbhadh air a’ chreideamh a tha aig bonn na tha air a dhèanamh ann an seirbheis Chrìosta.

Friday – Edinburgh

“Is e seo ministrealachd aig an oir–misean a tha air a dhèanamh ann an ainm Chrìosta, agus aon de sheudan na h-eaglaise.” Thursday – Perth


Solas Biorach

Bliadhna Ùr – Dùbhlain Ùra Tha Stiùiriche Sheirbheisean Cùram Inbheach Calum Moireach a’ mìneachadh mar a tha CrossReach ag atharrachadh gus dùbhlain ùra a làimhseachadh. Tha toiseach bliadhna ùir na adhbhar Chuir e truas oirnn anns an Dàmhair dòchais agus iongnaidh. Dè bheir 2016 neach-cleachdaidh seirbheis air an thugainn agus dè na h-atharrachaidhean robh sinn measail a chall, Alasdair Mac a chì sinn anns na Seirbheisean Cùram an t-Saoir bho ar seirbheis Ciorram Inbheach aig CrossReach? Ach tha a’ Ionnsachaidh aig Threshold Ghlaschu. Bhliadhna Ùr cuideachd na h-àm airson Bidh tòrr air coinneachadh ri Alasdair, ball cnuasachadh air bliadhna a chaidh dealasach de Fhòram Nàiseanta Luchdseachad agus tha mi airson cuid dhe cleachdaidh Seirbheis agus riochdaire sin a cho-roinn anns an iris seo de aig coinneamhan agus tachartasan Naidheachdan CrossReach. CrossReach. Tha luchd-cleachdaidh Tha dùbhlan fhathast ann cosgaisean seirbheis agus luchd-obrach ga chaoidh. a lùghdachadh dhan aon ìre ri ar teachd Dè tha romhainn, ma-thà, anns a’ a-steach. A rèir seo agus an aghaidh ar toil bhliadhna seo? Tha riaghaltas na RA am tha Cùram Inbheach air sgur a shireadh beachd 20% den GDP a shàbhaladh anns barantachadh Customer Service Excellence. an ath chòig bliadhna*. Le sin feumaidh ar Na àite bidh sinn a’ gabhail ri ‘Towards roinn cuideam a chur air ath-dhealbhadh Quality’. sheirbheisean do shaoranaich gus maoin A’ bruidhinn air Seirbheis Custamair, a thàladh. Mar sin, is dòcha gum faic sinn tha mi taingeil do na h-àrd-sheirbheisean barrachd Taic Fèin-Stiùirichte tarsainn taic gu lèir airson dàta fìor agus tìmeil barrachd roinnean seirbheis. Bidh seo ag a lìbhrigeadh, agus do adhbhrachadh cleachdaidhean mhaoineachadh gu h-àraidh ùra is seirbheisean pearsanta airson taic an-uiridh a chuidich ùra is leudachadh air pàigheadh “Mar as àbhaist, bidh luchd-cleachdaidh tro thoraidhean. le ‘fiachan aosta’ a bhith air am pàigheadh le Comhairlean. Thug seirbheis a’ stiùireadh na bhios sinn a’ Faodaidh fuasglaidhean Comhairle Siorrachd Lannraig a teicnigeach dòighean-obrach Deas air falbh 10% den tuarastal tabhann agus bidh sinn a’ strì gus an nas èifeachdaiche a thoirt a bha iad a’ toirt dhuinn gu a-staigh, ach tha maoineachadh tarraing a-steach do gach taobh den h-aithghearr anns an Dàmhair agus atharrachaidhean ann am obair againn.” an-uiridh agus le sin tha sinn a’ feallsanachd deatamach airson feuchainn ri dèiligeadh ri seo. an cur an gnìomh. Bidh cuid Anns an t-Samhain, chaidh de choimiseanairean a’ sireadh Susan NicGriogair, Manaidsear Threshold Ghlaschu, fho-fhastadh ‘An Luach as Fheàrr’ tro thairgseachadh. Bidh cuid ag iarraidh mar Oifigear Pearsanachaidh airson Leasachadh Gnìomhachais. Bha lùghdachaidhean agus cuid eile a’ co-rèiteachadh le solaraichean. i na deagh ghoireas nuair a bha Taic Fèin Stiùirichte air a chur air Bidh sinne a’ feuchainn ri co-obrachadh is atharrachadh gus bhonn aig Threshold Ghlaschu, agus le sin bidh i air leth feumail do cuingealachdan ionmhais a choinneachadh. Aig an aon àm, bidh ChrossReach na dreuchd ùir. sinn a’ tairgsinn sheirbheisean a bhios tarraingeach do luchdBha sinn ro-thoilichte Clarkston Cottage fhosgladh air àrainn cleachdaidh seirbheis. Air sgàth seo, tha sinn an dùil ar togalach Taigh Charis anns an Iuchar. (Tha cunntas mun seo anns an iris.) ùr Allarton fhosgladh ann an Glaschu nas fhaide san t-samhradh Tha Katie Mazzoncini, Manaidsear aig Allarton, ri bhith air a moladh agus tha sinn ag ùrnaigh gun tèid againn air cnapan-starra a airson an trèanadh a tha i a’ toirt seachad do cho-obraichean sheachnadh gus goireasan ùra a chur ann an togalach Gaberston ann an Slàinte Inntinn. Agus taing do Roy MacFhionghain airson ann an Allamhagh. Allarton a stiùireadh fhad ’s a bhios Katie a’ dèanamh cinnteach Mar as àbhaist, bidh luchd-cleachdaidh seirbheis a’ stiùireadh na gun tèid an gluasad dhan àite ùr gu rèidh. bhios sinn a’ tabhann agus bidh sinn a’ strì gus an tarraing a-steach Chaidh Chris McDonagh, Co-òrdanaiche aig Seirbheisean Taic do gach taobh den obair againn. Bidh seo air a chuideachadh Threshold, gu dreuchd ann an Obair Shòisealta. Tha sinn a’ toirt le bhith a’ toirt Thosgairean Pearsanachaidh a-steach dha na taing dha airson a bhith a’ stiùireadh na seirbheis as motha ann an seirbheisean againn. Tha sinn a’ coimhead air adhart ris a’ CrossReach fad bhliadhnaichean. bhuannachd a thig bhon fhiosrachadh agus bhon eòlas aca. Bidh Chuir sinn Mary-Therese McCabe ann an dreuchd mar Choiad sin air an co-roinn agus air an leasachadh taobh a-staigh ar òrdanaiche Manaidsearachd aig Taigh Rainbow an dèidh do seirbheisean. Tha sinn a’ guidhe dhaibhsan–agus gar luchd-obrach– Vic Walker àrdachadh fhaighinn gu Ceannard Seirbheis airson gach soirbheachadh anns an obair aca. Mì-chleachdadh Stuthan agus Dìth Dachaigh. Tha sinn a’ dèanamh luaidh air na rinn an dithis aca. Calum Murray Chuir sinn fàilte a-rithist air cuid a b’ àbhaist a bhith còmhla Director of Adult Care Services rinn agus a dh’aontaich ar cuideachadh nar n-èiginn air sgàth dìth luchd-obrach agus tha sinn fada nan comain airson na taice a thug iad dhuinn. Bha e math an coinneachadh a-rithist! *Bho: The State of the State 2015-16. Recalibrating Government. Deloitte.

5


Adult Care Services

Tha Trèanadh Dìon airson a h-Uile Duine Tha Iain Duncanson à Threshold Ghlaschu a’ mìneachadh carson a tha e deatamach custamairean a ghabhail a-steach ann an trèanadh dìon.

Safeguarding Group

6

Anns a’ bhliadhna mu dheireadh chaidh àrd-luchd-obrach CrossReach gu trèanadh Mothachadh Dìona. An dèidh làimh chaidh a’ cheist a chur: Am bi luchd-cleachdaidh ar seirbheis an lùib an trèanaidh seo? Aig Threshold Ghlaschu, a bhios a’ toirt taic do dhaoine le ciorraman ionnsachaidh, tha sinn a’ creidsinn gu bheil luach aig gach duine agus gum bu chòir dhaibh a bhith an lùib gach taobh den t-seirbheis. Tha e air a bhith na chleachdadh aig gach seisean trèanaidh gum bi custamairean na lùib. Dh’fhaighnich sinn de CrossReach am b’ urrainn buidheann beag aig Threshold Glasgow molaidhean a chur ri chèile airson an trèanaidh seo. Thugadh cead dhuinn agus a dh’aithghearr bha comataidh againn anns an robh luchd-obrach, custamairean, oileanach à Oilthigh Cailleannach Ghlaschu agus àrd-oifigearan. Choinnich iad seo agus chnuasaich iad air de bha ann an cron agus ciamar a bhiodh e comasach a mhìneachadh do dhaoine eile. Mar a bha na coinneamhan a’ leantainn air adhart, bha e follaiseach gun robh an dòigh-obrach seo aig cridhe ro-innleachd 10 bliadhna Riaghaltas na h-Alba ‘The Keys to Life’. Tha seo ag amas air gnè beatha gach neach air a bheil ciorraman ionnsachaidh a leasachadh (www.gov.scot/ Publications/2013/06/1123).

“Bha e mìorbhaileach–Bha mi smaoineachadh gun robh e fìor chudromach a dh’fhaicinn mar a bhios dìon a’ cuideachadh a h-uile duine, agus thog e m’ aire mu na roghainnean agam is gun dèigheadh èisteachd ris na roghainnean agam agus spèis a thoirt dhaibh.” Gus tuigeadh gach neach an teachdaireachd seo, chaidh aontachadh gum bu chòir stuthan a bhith so-thuigseach agus gum biodh eileamaid de dh’atharrais anns gach seisean trèanaidh. Bha e riatanach seisean trèanaidh a chruthachadh anns am biodh daoine air am brosnachadh gus pàirt a ghabhail ann. Chnuasaich sinn cuideachd gur dòcha gum biodh an cunnart ann gun cuimhnicheadh custamair droch thachartasan ann an seisean. Dh’aontaich sinn an uair sin mus tòisicheadh seisean gun dèanamaid cinnteach gum tuigeadh custamairean gun robh taic ann dhaibh nan tachradh seo. Is dòcha nach tuig cuid de chustamairean gum bu chòir dhaibh an trèanadh seo

fhaighinn. Uaireannan, bidh daoine a’ gabhail ris gum bi cron ann is nach urrainn a sheachnadh. Chuir am buidheann ùine seachad a’ coimhead air DVD air cron agus bhruidhinn iad air dè a ghabhadh cleachdadh anns an t-seisean-trèanaidh. Cuideachd, tha e cudromach gun tèid cron aithneachadh. Dè nì thu ma tha amharas mu chron ann? Cò dha a dh’innseadh tu? Dè na còiraichean a tha agad? Gus leudachadh air an t-seisean-trèanaidh chaidh leabhar-obrach a leasachadh a bhiodh air a lìonadh le gach custamair taobh a-staigh ùine shònraichte. Tha e soilleir gu bheil buannachd ann do neach sam bith a thèid dha na seiseanan seo oir gheibh iad smachd agus tuigse air cron–no cron a dh’fhaodadh tachairt. Aig an ìre seo tha an comataidh air dà sheisean a lìbhrigeadh aig Threshold Ghlaschu agus tha am fios air ais air a bhith deimhinneach gu lèir. Bha Mairead Winchole, neachd-cleachdaidh seirbheis agus na custamair aig Threshold Ghlaschu, aig aon de na seiseanan: “Bha e mìorbhaileach–Bha mi smaoineachadh gun robh e fìor chudromach a dh’fhaicinn mar a bhios dìon a’ cuideachadh a h-uile duine, agus thog e m’ aire mu na roghainnean agam is gun dèigheadh èisteachd ris na roghainnean agam agus spèis a thoirt dhaibh.” Tha an comataidh air cur a-steach airson maoineachadh bho ‘The Keys to Life’ Implementation 2015-2017. Ma shoirbhicheas leotha, thèid an trèanadh seo a thabhann gu seirbheisean Ciorraman Ionnsachaidh agus is dòcha buidhnean eile.

Improving quality of life for people with learning disabilities

Easy Read


Seirbheisean-cùraim Inbheach O chionn ghoirid bha Cailean Robastan à Seirbheis Dìon Eaglais na h-Alba aig tachartas trèanaidh air a ruith le luchd-cleachdaidh seirbheis aig Threshold Glasgow. Tha e duilich ri innse, ach a dh’aindeoin ar dìchill, tachraidh milleadh is mì-fheum an àrainn Eaglaise no CrossReach. Ann an seirbheis Dìona Eaglais na h-Alba, bidh sinn a’ feuchainn ri dèanamh cinnteach tro thrèanadh agus foillseachaidhean dìona gum bi tachartas millidh agus mì-fheum a tha air amharas, air innse no air fhaicinn, air a chlàradh ann an deagh àm agus ann an dòigh chneasta. Tro bhith a’ toirt trèanadh agus mothachadh do choitheanalan agus luchdobrach CrossReach air dè tha ann am milleadh agus mì-fheum agus cò ris a tha e coltach, brosnachaidh seo dìon nam measg fhèin agus am measg feadhainn timcheall orra. Mar sin, ciamar a bu chòir dhuinn innealan agus mothachadh airson ‘fèin-dìon’ a thoirt dar luchd-cleachdaidh seirbheis air a bheil ciorram ionnsachaidh? Ciamar as urrainn dhuinn fiosrachadh agus trèanadh a thoirt seachad ann an dòigh so-thuigseach agus freagarrach dha na daoine so-leònta seo? Anns an Lùnastal chaidh mi gu Threshold Ghlaschu gus pàirt a ghabhail ann an Trèanadh Dìon a bha air a ruith le luchd-cleachdaidh seirbheis airson luchd-cleachdaidh seirbheis. Le taic bho Chairistìona NicÌomhair agus a sgioba, bha cnàmh-sgeulan air actadh a-mach le luchd-

cleachdaidh seirbheis is air an daingneachadh le filmean goirid anns an robh actairean le ciorram ionnsachaidh. Bha e na fhìor irioslachadh agus na thlachd luchd-cleachdaidh seirbheis fhaicinn a’ conaltradh ri chèile mu thaobhan eadardhealaichte de dhìon, mu ghnothaichean ceangailte ri cunnartan airgid, cunnartan gnèitheasach, mì-fheum ann am buidhnean stèidhichte agus dearmad. Ghabh an luchdèisteachd, a bha air an glacadh gu mòr leis a’ ghnothach, pàirt ann an còmhraidhean a bha domhain agus fosgailte mu dhìon agus mar a dh’aithnichear agus a dhèiligear ri ‘drochbheart’. Aig deireadh an tachartais trèanaidh seo, bha mi cinnteach gun robh an luchdcleachdaidh seirbheis sin air uidheamachadh na b’ fheàrr gus iad fhèin agus daoine eile a dhìon bho chunnart agus mì-fheum.

‘‘Bha e na fhìor irioslachadh agus na thlachd luchd-cleachdaidh seirbheis fhaicinn a’ conaltradh ri chèile mu thaobhan eadar-dhealaichte de dhìon.’’

Màladairean Ùra airson Clarkston Cottage

Heather and Wilma’s new home

O chionn ghoirid, fhuair Heather agus Wilma taigh air màl bho CrossReach agus ghluais iad a-steach dhan dachaigh ùr aca ann an Clarkston Cottage le taic bho luchd-obrach Pròiseact Erskine. Thàinig an togalach (air àrainn Taigh Charis) air a’ mhargaidh ann an 2014. An toiseach bha e a’ dol a bhith air a reic, ach an dèidh

chòmhraidhean le coimiseanairean a bha ag iarraidh sheirbheisean ùra, so-ruigsinneach a leasachadh do dhaoine le ciorraman ionnsachaidh, dh’aontaich CrossReach am bungalo a thoirt far na margaidh. Rinn iad seo a dh’aona-ghnothach gus feumalachdan Heather agus Wilma a shàsachadh. Thuirt manaidsear Pròiseact Erskine, Greum Stiùbhart, do Naidheachdan CrossReach: “Bha an leasachadh aig Clarkston comasach tro chom-pàirteachais èifeachdach le Comhairle Lodainn an Ear, seirbheisean Ciorram Ionnsachaidh Coimhearsnachd, teaghlach, is coimheadairean, agus bha e air a mhaoineachadh gu sùbailte tro Thaic Fèin-Stiùirichte.” Dh’obraich an sgioba gu dlùth ri Oighreachdan CrossReach, Comhairle Lodainn an Ear agus teiripichean-gnìomhachd (occupational therapists) gus am bungalo ùrachadh agus atharrachadh. Chuidich teaghlaichean Heather agus Wilma le sgeideachadh agus àirneiseachadh an taigh brèagha ùir aca. Tha Heather agus Wilma air an dòigh ghlan leis an dachaigh ùr aca!

Allarton ag ullachadh airson an àm ri teachd Airson 25 bliadhna, tha Allarton ann an Glaschu air cùram agus taic a thoirt do dh’inbhich air a bheil tinneas-inntinn fìor dhona agus leantaileach. Air fhosgladh ann an 1990, tha Allarton air taic a thoirt do bharrachd air 100 neach gus fuireach ann an coimhearsnachd a bheir piseach air an Slàinte Inntinn. Ag obair còmhla ri Comann Taigheadais Phartaig agus Coimiseanairean à Seirbheisean Obrach-Shòisealta Ghlaschu, tha Allarton an sàs ann an sgeama ‘Togail Ùr’ inntinneach. Tha taigheadas sòisealta anns an dealbhachadh airson seirbheis Allarton, a’ dèanamh cinnteach gum bi e na phàirt den choimhearsnachd ionadail–astar fada bho na làithean anns an robh na goireasan cùraim air leth bho chàch. Tha manaidsear Allarton, Katie Mazzoncini, ag ràdh gur e àm air leth inntinneach a tha ann: “Tha obair togail a’ dol air adhart aig làraich Broomlea ann an taobh siar Ghlaschu agus tha luchd-cleachdaidh seirbheis agus luchd-obrach a’ coimhead air adhart ri samhradh 2016 agus sinn an dùil sealbh a ghabhail air ar togalach ùr-fhasanta air a thogail aig àrd-ìre càileachd. Tha sinn ro-thoilichte a bhith aig cridhe in-ghabhail shòisealta agus com-pàirteachais coimhearsnachd. Tha an làrach ùr faisg air an tè a tha ann a-cheana agus tha seo a’ ciallachadh gum faod na ceanglaichean a tha ann leis na Seirbheisean Sòisealta agus Slàinte a bhith air an cumail. Tha luchd-cleachdaidh seirbheis, càirdean, agus luchd-ùidhe seirbheis Allarton a bhios a’ coiseachd seachad air an làraich gu cunbhalach ag innse mar a tha an obair a’ dol. Tha Allarton air a bheannachadh le bhith cho soirbheachail mar sholaraiche seirbheis. Bidh ar gluasad gu dachaigh ùr a’ leasachadh ar comais gus seirbheis deagh ghnè a lìbhrigeadh airson ùine mhòr ri teachd.”

“...We’re delighted to be at the centre of social inclusion and community partnership, the close proximity of the new site to our existing one means that established links with Health and Social Services are retained.” 7


Seirbheisean-cùraim Inbheach

Threshold a’ fosgladh gu h-oifigeil

Threshold service users

Tha Ùistean MacIlleDhuinn a’ toirt iomradh air latha sònraichte ann an Hamilton.

8

Tha Seirbheisean Taic Threshold a’ toirt taic do dhaoine le ciorraman ionnsachaidh agus daoine air speactram uathach (autistic) tarsainn Siorrachd Lannraig. Dh’ainmicheadh am pròiseact Threshold oir, le ar taic, bidh cothrom aig daoine a dhol tarsainn stairseach eòlasan ùra. Tha sinn a’ cuideachadh dhaoine gu bhith smaoineachadh air cò ris a bhiodh beatha ùr coltach dhaibh agus an cuideachadh gus a’ bheatha sin fhaighinn. Tha sinn airson gun coilean iad na builean aca agus gum faigh iad cothrom a dh’ionnsachadh, agus am misneachd agus an neo-èisimeileachd a leasachadh, agus dùilean is miannan a choileanadh. “Tha e air mo chuideachadh gu mòr–is e am pasgan cùraim as fheàrr a fhuair mi riamh,” thuirt Iain, aon den fheadhainn a tha a’ faighinn taic bho Threshold. Is e a bhith ag aithneachadh chomasan agus a’ toirt taic do dhaoine gus na builean aca a choileanadh aon de na prìomh amasan aig an t-seirbheis shònraichte seo, agus air 25mh Lùnastal bha e air a dheagh chomharrachadh. (Bha a’ choimhearsnachd Threshold air gluasad gu fàrdaichean nas goireasaiche ann am meadhan Hamilton na bu tràithe sa bhliadhna.) Dh’fhosgail iad na dorsan aca gu buill teaghlaich, càirdean agus aoighean a fhuar cuireadh gus pàirt a ghabhail agus seo a bha a’ dèanamh na seirbheis seo cho àraid. Bha othail follaiseach anns an togalach. Stiùir luchd-obrach agus luchd-cleachdaidh na seirbheis an luchd-tadhail gu moiteil gu dealbhan de thachartasan, ghnìomhan, agus thursan a chòrd riutha is aig an aon àm ag innse nan sgeulachdan aca gu dealasach. Seo an t-seirbheis acasan. Bha e soilleir gun robh faireachdainnean làidir ann a thaobh in-ghabhail agus seilbheadaireachd. Air an fheasgair, leis an aon dealas, chuir iad fàilte air eòlaichean cùraim-shlàinte bho sgioba Ciorraman Ionnsachaidh Inbheach; riochdairean obair-shòisealta; luchd-sgrùdaidh Customer Services Excellence; buill den Chomann-cheàrd; Àrd-oifigear CrossReach, Peadar Bailey; Neach-gairm Comhairle Cùraim-shòisealta, Dr Salaidh Bonnar; agus Modaràtair Àrd-sheanadh Eaglaise na h-Alba, am Fìor-urramach Dr. Aonghas Moireastan agus a bhean Marion.

Threshold opening

Chuir Raghnall MacIlleDhuibh (Ceannard-seirbheis Ciorraman Ionnsachaidh) fàilte air na h-aoighean a chuala mu iomadachd na seirbheis. Thug e iomradh air an t-seirbheis fhad-bheatha as urrainn a thoirt seachad. Mhìnich e mun dòigh shùbailte a bha ann airson gach neach: • Taic do luchd-fàgail na sgoile gus gluasad gu seirbheisean inbheach • Taic fa leth gus pàirt a ghabhail ann an gnìomhan sa choimhearsnachd • Cothroman làitheil le taic-bhuidhne bho “Leading Lives” • Saor-làithean faochail anns an RA agus thall-thairis • Taic gus teanantachd a ghlèidheadh agus gus a bhith neo-eisimeil • Cùram-còmhnaidh dhaibhsan le feumalachdan aig ìre nas àirde Fhad ’s a bha aoighean ag ithe buffet agus a’ coinneachadh is a’ crac, chunnaic iad bhidio goirid le teisteanasan bho na daoine a bhios a’ cleachdadh Sheirbheisean Taic Threshold, fiosrachadh bho na luchd-obrach, agus dealbhan a’ sealltainn cuid de na tachartasan is gnìomhan, is an taic a fhuaradh.

Tha Fiona Walker bho Sheirbheisean Taic Threshold a’ mìneachadh Cothroman Làitheil ‘Leading Lives’ Tha ‘Leading Lives’ na leasachadh ùr agus daidhneamaig airson Sheirbheisean Taic Threshold. Chaidh a chur air dòigh gus iarrtasan pearsanachaidh agus Taic Fèin-stiùrichte a fhreagairt. Tha na buidhnean againn air an stiùireadh le custamairean is stèidhichte air rannsachadh a ghabh beachd air gnìomhan inntinneach agus tlachdmhor a tha a’ còrdadh ri daoine. Nam measg tha fun-fit, ealan is ceàrdan, bobhlaireachd deich pinne agus spèileadh-deighe. Tha gach buidheann a’ faighinn taic bho luchdobrach càirdeil agus cuideachail aig a bheil ùidh anns a’ ghnìomh. Bidh iad a’ dèanamh cinnteach gum bi gach neach sàbhailte, a’ faighinn spèis, air a mheas, air a ghabhail a-steach, agus toilichte anns a’ bhuidheann. Tha seo a’ toirt cothrom càirdean a dhèanamh agus ceanglaichean a thogail ri daoine aig a bheil an aon ùidh, amasan, agus miannan. Tha sinn a’ toirt taic do gach neach gus am bi iad air am misneachadh, air an sàsachadh, agus air fèinluach a chur orra fhèin.


Seirbheasan-cùraim Inbheach

Ath-bheòthaich agus Ath-stèidhich

Seirbheisean-cùraim Inbheach Fòcas Air… A’ Cur Fàilte air Daoine le Ciorraman Ionnsachaidh

Prìomh Phuingean airson eaglaisean Customers at the Revive and Restore Café

Nuair a thèid thu a-steach do Revive & Restore Café (no R & R mar ghiorrachadh) ann an Eaglaise Coldside, Dùn Dè, gheibh thu fàilte fhurbhailteach bho shaor-thoileach càirdeil. An dèidh fàilte bhlàth bidh cupa tì no cofaidh, brot, no tòstaidh air a thairgsinn dhut agus thèid iarraidh ort suidhe aig bòrd airson ceathrar–tha seo a’ dèanamh chùisean nas fhasa mas e do chiad turas a tha ann. Tha saorthoilich a tha iad fhèin ann an ath-shlànachadh a’ toirt seachad taic cho-inbheil ann an suidheachadh blàth, sàbhailte. Bidh a’ mhòr-shluagh a’ coiseachd a-steach agus a’ measgachadh cuideachd. Nuair a choimheadas tu timcheall an rùim mothachaidh tu gu bheil tòrr chòmhraidhean agus tòrr gaireachdainn a’dol air adhart. Tha rudan eile a’ gabhail àite anns gach oisean–tha buidhnean a bheir cuideachadh le sochairean agus trioblaidean airgid; tha luchdobrach Iomairt Fallainteachd agus luchd-obrach mì-chleachdadh stuthan ann a tha deiseil gus taic agus cuideachadh a thoirt seachad, agus gus gnìomhan ealan is cheàrdan, bàr ingean, agus barrachd a ruith. Tha an cafaidh seo air a stiùireadh le saor-thoilich airson feadhainn tha ag iarraidh a bhith an sàs ann an ath-shlànachadh no fuireach ann an ath-shlànachadh. Tha CrossReach a’ toirt taic dha na saor-thoilich a bhios

ag obair anns a’ chafaidh, agus bidh ar luchd-obrach fhèin a’ cuideachadh anns a’ chafaidh. Tha Cathy Paton à Seirbheisean Taic CrossReach ann an Dùn Dè ag ràdh ma bhios mì-chleachdadh stuthan ag adhbharachadh aonarachd, faodaidh athshlànachadh a bhith mu dheidhinn cheanglaichean: “Innsidh an fheadhainn a bhios ga fhrithealadh cho cudromach is a tha a e a bhith a’ faireachdainn gu bheil meas ort agus gaol ort gun mì-bhreith sam bith. Innsidh na saor-thoilich dhut mu na cothroman a tha ann rudeigin ùr a dhèanamh agus sgìlean ùra a leasachadh. Tha iad ag ràdh gu bheil an obair anns a’ chafaidh a’ toirt faireachdainn mhath dhaibh. Is e cothrom a tha ann rudeigin a thoirt air ais dhan choimhearsnachd, agus is dòcha teisteanas no dhà fhaighinn aig an aon àm. Cuimhnich gun tuirt Iosa: ‘Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh. Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlamaibh bhuam, oir tha mise macanta agus iriosal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois do ur anaman.’ Ma tha ath-shlànachadh a’ ciallachadh smachd fhaighinn air ais air pìos ded bheatha a chaidh a ghoid no a chaidh air chall, is e cafaidh R&R an t-àite far am faigh thu cothrom air sin a dhèanamh.”

Gàrradh Seirbheis Dick Stewart Ciamar a thionndaidheas tu earrann de thalamh bàn agus neo-àitichte gu rudeigin sònraichte? Ueil, tha luchd-cleachdaidh seirbheis aig Seirbheis Dick Stewart ann an Glaschu air moladh gum bu chòir an gàrradh air cùl an taighe a bhith na àrainn fhosgailte airson theaghlaichean agus chàirdean agus gum bu chòir ceapaich-thogte le glasraich ùr a bhith ann cuideachd. Thug aon de na luchd-cleachdaidh seirbheis seachad an t-eòlas a bha aige nuair a bha e ag obair ann an gàrradh oighreachdan fosgailte Chaisteil Hunndaidh. Theagasig e an t-eòlas seo gu feadhainn eile fhad ’s a bha e ag obair air càraidhean àbhaisteach agus àiteachadh talmhainn. Thogadh beingean ùra agus ceapaich-thogte à plancaichean sgafallachd athchuairtichte. Rinn iad obair cumadh-fearrainn tarraingeach cuideachd. Thairis air na mìosan, ghabh tòrr luchd-

cleachdaidh seirbhis pàirt anns a’ phròiseact aig diofar ìrean – bho a bhith glanadh lusarnaich agus ag obair air cumadh-fearrainn gu bhith a’ cur a’ chiad bhàrr de thomatothan. Dh’aithris tòrr gun do chòrd a’ chùis riutha agus gun d’ fhuair iad ‘tòrr às dhaibh fhèin’, agus ‘fèin-luach mòr’ agus ‘còmhlachas’. Chunnaic tòrr luchdcleachdaidh-seirbheis seo mar mheadhan air rudeigin a thoirt air ais dhan t-serbheis agus cuideachd mar dhòigh air dìleab fhàgail. Tha Seirbheis Dick Stewart a’ tabhainn taic phearsanta gu suas ri seachdnar eucoireach an dara cuid mar dhòigh air prìosan a sheachnadh no aig àm a tha faisg air deireadh binn prìosain. Tha luchd-cleachdaidh seirbheis a’ faighinn taic gus coimhead air na droch-chleachdaidhean aca agus sgilean beatha ùr a leasachadh gus an tagh iad roghainnean eadar-dhealaichte anns an àm ri teachd.

• • • • • • • • • • • • • •

Anns a’ chiad àite, bi laghach rium, mas e do thoil e–dèan gàire agus bruidhinn rium Am b’ urrainn dhut cuireadh a thoirt dhomh a dhol còmhla riut gu tachartas eaglaise, mas e do thoil e? B’ fhìor toigh leam cuideachadh san eaglais. A bheil obair ann a dh’fhaodainn a dhèanamh? Bhiodh e sgoinneil nam b’ urrainn dhut mo choinneachadh taobh a-muigh na h-eaglaise uaireannan. Foighnich mum uireasbhaidhean, mas e do thoil e, agus cuideachd mo chuidiche-cùraim, ach mise an toiseach. Bruidhinn ri mo chuidiche-cùraim mu na feumalachdan acasan, mas e do thoil e. Bhiodh e na chuideachadh dhomh nam biodh ‘dlùth-charaid’ agam anns an eaglais. Tha e na chuideachadh ma bhios dealbhan agus taicean-lèirsinneach air an cleachdadh. Is urrainn dhomh tuigsinn dè an ath rud a tha a’ dol a thachairt ma chleachdas tu ìomhaigheagan cumanta air an sgrìon. Tha mòran chobhairean teicnigeach ri fhaotainn. Foighnich, mas e do thoil e, dè an fheadhainn a bhios mi a’ cleachdadh taobh a-muigh na eaglaise agus faic an gabh an cleachdadh anns an eaglais. Tha e math mas urrainn cuideigin anns an eaglais dreuchd a ghabhail gus feadhainn eile a chuideachadh agus a chomhairleachadh–ach, faodaidh gach neach a bhith na charaid dhomh. Is dòcha gum faod thu trèanadh a chur air dòigh gus an tuig daoine nas fheàrr na dùbhlain a dh’fhaodadh a thighinn mo rathad agus mar as fheàrr as urrainn cuideachadh a thoirt dhomh, agus a’ cuimhneachadh aig an aon àm gu bheil gach neach eadar-dhealaichte. Faodaidh tu foighneachd am b’ urrain dhomh an trèanadh ullachadh agus lìbhrigeadh. Mas e do thoil e, thoir cuireadh dhomh mo thàlantan, mo sgeulachdan agus mo sgilean fàilteachaidh a roinn. Na leig leam a bhith an-còmhnaidh a’ faighinn bho dhaoine eile. Dèan ùrnaigh air mo shon, mas e do thoil e– agus chan ann dìreach mum chiorram. Bidh mi, mar as coltaiche, a’ sireadh ùrnaigh airson nan rudan a bhios a’ cur dragh oirnn uile.

Taing do Bhuidheann-obrach Ciorraman Ionnsachaidh Eaglais na h-Alba a chuir na puingean seo ri chèile.

9


Anns an aithghearrachd

Puingean Ùrnaigh For those who wish to pray, please consider •

Luchd-taic Choitheanailean a bhios a’ cuideachadh CrossReach tro bhith taisbeanadh ar n-obair anns na h-eaglaisean aca.

Còmhnaichean agus luchd obrach aig Allarton ann an Glaschu is iad ag ullachadh airson gluasad dhan togalach ùr aca.

Còmhairle Cùraim Sòisealta a bhios a’ coinneachadh gus crìoch a chur air aithisg CrossReach a thèid dhan Àrd-sheanadh anns a’ Chèitean.

Luchd-obrach bho Sheirbheis Dìona Eaglais na h-Alba is iad a’ lìbhrigeadh trèanadh gu coitheanailean agus Seiseanan.

Saor-thoilich aig cafaidh R&R ann an Dùn Dè, agus an fheadhainn a bhios a’ faighinn taic on sgioba gus a bhith saor o dhrugaichean no alcol.

Feadhainn coltach ri Alison Millar a bhios a’ cruinneachadh airgead airson CrossReach gus an tèid againn ar seirbheisean cùraim agus taic a chumail a’ dol.

CÙRAM TARSAINN NA H-ALBA Meal-a-naidheachd air dà sheirbheis CrossReach ann an Duaisean Cùraim na h-Alba 2015. Bha Balmedie faisg air Obar Dheathainn na co-bhuannaiche de ‘Dachaigh-cùraim na Bliadhna’ agus bha The Elms anns a’ chuairt dheireannaich den ‘Duais Seargadh-inntinn agus Cùram Shònraichte’. Ghabh an cuirm-dhuaisean àite ann an Taigh-òsta Hilton ann an Glaschu san t-Samhain. Thuirt CEO CrossReach, Peadar Bailey gur e oidhche a bhios fada air chuimne a bha ann: “Tha mi air mo dhòigh ghlan gun robh a dhà de na taighean-cùraim againn anns na cuairtean deireannach agus nam buannaichean agus tha mi moiteil airson luchd-obrach na dà sheirbheise.”

Tha Alison Millar air barrachd air £4,000 a thogail airson Auchinlee ann an Ceann Loch Cille Chiarain tro bhith coileanadh dhùbhlannan cuirp. Carson? Ghabh Auchinlee (seirbheis shònraichte airson dhaoine le seargadh-inntinn) cùram dheth a seanair anns a’ Ghiblean 2014 agus shaoil Alison tòrr den dhòigh san robh iad a’ gabhail cùram dheth.

If you would like to receive our free Prayer Diary three times a year, please call: 0131 657 2000, or download a PDF version from:

www.crossreach.org.uk Our Mission Statement

10

In Christ’s name we seek to retain and regain the highest quality of life which each individual is capable of experiencing at any given time

Ghlèidh i àite air The Great Wall Triple Challenge (a’ ruith 2 leth-mharathon, a’ rothaireachd 93 mìle agus a’ coiseachd 31 mìle de Bhalla Mòr Shìona ann an dìreach 6 latha). Ach, bha an turas air atharrachadh gu cuairtcoiseachd a mhàin. Cha robh i airson duine a leigeil sìos agus le sin chruthaich i turas pearsanta dhi fhèin a’ toirt a-steach an clàr dubhlannach seo–14 Dàmhair: ruith leth-mharathon Mhaol Chinn Tìre; 15 Dàmhair: rothaireachd 66 mìle anns a’ Mull of Kintyre Bike Ultimate; 16 Dàmhair: siubhail gu Lunnainn agus itealaich gu Sìona; 18 Dàmhair: tòisich turas-coiseachd 5 latha (31 mìle) tarsainn a’ Bhalla Mhòir; 31 Dàmhair: ruith an

dàrna leth-mharathon ann am Maol Chinn Tìre! Ciamar a dh’fhairich Alison an dèidh na cuairt-dànachd aice? “A’ crìochnachadh slànfallain, b’ e sin rud anns an robh mi moiteil. Bha mi air mo bheannachadh le aimsir mhath anns gach dùbhlan a rinn mi ann am Maol Chinn Tìre. Bha an turas-coiseachd agam air a’ Bhalla Mhòr math dha-rìribh–bha an diofar seòrsa coiseachd a bha againn gach latha na iongantas, is choinnich mi ri daoine air leth air an t-slighe. Ruith Coinneach, am bràmair agam, an leth-mharathon còmhla rium an latha an dèidh dhomh tilleadh à Sìona. Cha robh sin tlachdmhor! Nuair a thòisich mi a’ ruith theannaich na fèithean agam nam chalpannan agus sann mar sin a dh’fhuirich iad fad 13 mìle. Cha robh mi air cuimhneachadh air jet-lag agus cha robh beachd agam dè cho tinn is a dh’fhairichinn. Cha bhithinn air crìochnaicheadh às aonais na taic mìorbhailich a fhuair mi.” Aig cridhe an togail-airgid aice tha an cùram a tha a seanair a’ faighinn: “Thug an dìlseachd, an dealas, agus an fhoighidinn a tha gach neach-obrach a thabhainn aig Auchinlee buaidh mhòr orm is rinn mi suas m’ inntinn sùim airgid cho mòr as urrainn dhomh a thogail gus dèanamh cinnteach gun cùm an t-seirbheis mhìorbhaileach seo a’ dol. Gach turas a bhios mi a’ tadhal air mo sheanair, bidh mi ro-thoilichte an conaltradh a bhios e a’ faighinn gach latha fhaicinn. Mar theaghlach, cha b’ urrainn dhuinn an còrr iarraidh.”


Luchd-obrach Tha Ailean Marshall na Iarr-mhanaidsear air Seirbheisean Latha Morven ann an Cill Mheàrnaig Thàinig mi gu CrossReach bhon ùghdarras ionadail anns a’ Ghearran 1996 mar Neachobrach Pròiseict gus seirbheis-thaic saorthoileach a chur an gnìomh. Tha mi air pàirt a ghabhail anns gach meur den t-seirbheis– seirbheis dhan fheadhainn nas sine na 65, TOPS, agus Seirbheisean For-ruigheachd (Outreach Services). Bha mi nam Cho-òrdanaiche Leasachaidh For-ruigheachd mus do ghluais mi ann an 2006 dhan obair a tha agam an-dràsta mar Iarr-mhanaidsear. Tha Seirbheisean Latha Morven a’ tairgsinn sheirbheisean deagh-ghnè tron latha airson dhaoine le cùisean slàinte inntinn is a tha a’ fuireach ann an Siorrachd Àir an Ear. Bidh sinn ag èisteachd ris an fheadhainn a bhios a’ cleachdadh ar seirbheis gus an t-seirbheis a dhealbhadh cho math ri bhith gan cuideachadh gu bhith pàirt den choimhearsnachd aca tro chothroman leigheasail. ‘Dè an obair a tha agad?’ seo ceist tha uabhasach doirbh dhomh a fhreagairt ann am beagan fhacail. “Bidh mi a’ toirt taic do dh’inbhich le cùisean Slàinte Inntinn.” Chì thu daoine a’ cur an dreach fhèin air an rud nan inntinn is mi a’ feuchainn ri m’ obair a mhìneachadh na bu dhoimhne. Is i an fhìrinn nach urrainn do mhìneachadh sam bith innse dè dharìribh a bhios a’ dol air adhart aig Morven. Chan urrainn do clichés no faclan fasanta a’ chùis a mhìneachadh. Nam biodh not agam airson a h-uile turas a chuala mi ‘to reduce social isolation’ airson an t-adbhar a thugadh seachad gus cuideigin a chur thugainn, cha bhiodh feum againn air leth den mhaoineachadh a tha sinn a’ faighinn. Tha mi an dòchas gu bheil mi a’ cur adhbhar airson a bhith beò air ais ann am beatha neach oir tha an

cuid as motha a bhios a’ tighinn thugainn air sin a chall. Bidh sinn a’ toirt cala dhaibh far nach leig iad leas cùisean a dh’fhalach. Bidh sinn ag èisteachd gu coibhneil riutha agus ag innse mu bhuidhneantaice gun iarraidh orra an cleachdadh. Bidh sinn a’ cruthachadh càirdeas nàdarra tro na cothroman a tha ar buidhnean a’ toirt seachad. Bha taisbeanadh ealain againn o chionn ghoirid anns an ionad-shlàinte ionadail a bha air a chur ri chèile agus air a stiùireadh le luchd-cleachdaidh seirbheis. Choisich aon bhoireannach, a dh’fheuch ri cur às dhi fhèin mus do chleachd i ar seirbheis, a-steach dhan oifis ag ràdh: “Èirich bho ur màsan agus thoiribh taic dhan tachartas seo.” Tha cuideigin eile, a chuir i fhèin aig an oir air sgàth tachartasan na beatha, a-nis ga tairgsinn fhèin mar shaorthoileach a’ toirt nan coineanach aice a-steach gu taighean airson seann dhaoine is a’ leigeil leis na còmhnaidhean a bhith gan slìobadh. Tha neach eile, an dèidh bhliadhnaichean de dì-mhisneachd agus smaointinn fèin-mairbhteach, air pòsadh o chionn ghoirid agus air a dhol air ais a dh’obair pàirt-ùine. Bha trioblaid aig aon eòlaiche cùraim-shlàinte a thuigsinn dè bha sinn a’ dèanamh oir bidh dreuchdan air an iomain mar is trice le amasan agus builean, coileanasan agus tiogadh bhogsaichean. Bha e strì oir, mar a bhios mòran, bha e air dìochuimhneachadh cò dha a bha na h-amasan agus na builean agus cò leis a bha an tìm anns a dh’fheumadh an coileanadh. Ann an amannan far a bheil budseadan teann agus sgeidealan air an sparradh oirnn, tha cunnart ann stialladh oirnn gun cuimhneachadh air an adhbhar air cùl na bhios sinn a’ dèanamh. Ach, tha sinne a’ leigeil leis an neach-cleachdaidh seirbheis a

dhol aig astair fhèin. Seadh, bidh sinn gam putadh, gan dùbhlanachadh, agus gam misneachadh gus a bhith ag obair taobh a-muigh an raoin cofhurtachd aca, ach leis an tuigse nach eil sinn gan treigsinn air sgàth is gu bheil an ùine ceadaichte aca air ruith a-mach. Chan eil sinne gan toirt a-steach dhan phrògram againn–tha iadsan gar toirt a-steach dha na beathan aca fhèin. Tha Slàinte-inntinn gu tric ag adhbhrachadh smaointinn fèineil, is bidh am fòcas seo a’ cumail chùisean ro mhòr. Tha sinne a’ cuideachadh dhaoine gus ath-fòcasadh air an t-saoghal timcheall, a’ cur nan cuimhne nach eil iad nan aonar agus gu bheil feadhainn ann a ghabhas cùram. Thàinig sin thugam as ùr aig an taisbeanadh ealain is mi nam shuidhe ri taobh a’ Chomhairliche Jim Todd, Probhaist Siorrachd Inbhir Àir an Ear. Fhad ‘s a bha sinn a’ cnacaireachd, bha cuideigin ag ialadh timcheall oirnn. Stad an Probhaist, fhuair e cathair dhan duine agus thug e dha cupa tì. “Trobhad is suidh còmhla rinn,” thuirt e. Bidh sinn a’ dìochuimhneachadh àrd-inbhe, bidh sinn a’ gabhail a-steach, agus bidh sinn a’ toirt adhbhar agus àite dhaibhsan a tha air sin a chall.

I wish to support CrossReach by donating £................................. on a single monthly annual basis If single: Please post us a cheque (payable to CrossReach) or donate online at www.CrossReach.org.uk If monthly: I would like to make my donation on the 1st/15th (delete as appropriate) of each month starting: ........../........../................ If annually: I would like to make my donation on: ........../........../................ and each year thereafter Your account details Name of bank: ........................................................................................... Address of bank: ........................................................................................ ...................................................................... Postcode: ............................. Account number:........................................................................................ Sort code: ...................................................................................................

Your personal details Name (inc title): .......................................................................................... Home address: ............................................................................................. ................................................................... Postcode: .................................. Phone number: ............................................................................................ Email address: ..............................................................................................

To the manager (Bank/Building Society): Please pay Bank of Scotland, 38 St Andrew Square, Edinburgh, EH2 2YR on the date indicated above and thereafter until further notice the sum indicated above for the credit of CrossReach Account No 00227186, Sort Code 80-41-21 If you pay tax, please sign this form and the tax office will give us 25p for every £1 you donate. I confirm I have paid or will pay an amount of UK Income Tax and/or Capital Gains for each tax year (6 April to 5 April) that is at least equal to the amount of tax that all charities that I donate to will reclaim on my gifts for that tax year. I understand that other taxes such as VAT and Council Tax do not qualify. I understand that the charity will reclaim 25p of tax on every £1 that I give. Please notify CrossReach if you want to cancel this declaration, change your name or home address or no longer pay sufficent tax. Signature: .................................................................. Date: ...../...../........... If you have any questions, call our Supporter Relations team on 0131 657 2000. Please send this completed form to: Supporter Relations, CrossReach, Charis House, 47 Milton Road East, Edinburgh, EH15 2SR

01/16

11


Church of Scotland Social Care Forum

Inform

Connect

Inspire

From lunch clubs to playgroups to helping people confront addiction, Churches across Scotland are involved in vital work supporting people in their communities, often doing it alone. The Social Care Forum is a place for everyone interested in social care to get together, share ideas and experiences, learn from each other, and get inspired. Tell us about your project, and see what others are doing at:

CR0108

www.socialcareforum.scot


Turn static files into dynamic content formats.

Create a flipbook
Issuu converts static files into: digital portfolios, online yearbooks, online catalogs, digital photo albums and more. Sign up and create your flipbook.