CrossReach News September 2015, issue 3 (Gaelic)

Page 1

CARING ACROSS SCOTLAND

A chleachd a bhith Cearcall Cùraim

• Solas air... A’ tadhal air daoine • Planaichean Pearsanta Ùra le Seargadh-inntinn • Liosta-chluiche airson do bheatha • Mi-fhìn ’s M’ Obair: Mairead Cassidy • Cùram Tarsainn na h-Alba

IRIS 3 2015

ANNS AN

IRIS SEO

Text

Silver Surfers

Tha Taigh Bhalmedie a’ cleachdadh teicneolas airson conaltradh a chumail ri còmhnaichean agus an teaghlaichean Sgeulachd shlàn air duilleag 4 OUR SERVICE AREAS

• • • •

Children and Family Counselling and Support Criminal Justice Homeless People

• • • •

Learning Disabilities Mental Health Older People Substance Misuse

providing a caring future

For more information visit:

www.crossreach.org.uk


AN ROBH FIOS AGAIBH?

ARTAIGILEAN SÒNRAICHTE Solas Biorach Tha Ailean Logan a’ mìneachadh mar a dh’adhbhraich ceanglaichean ùrachadh ann an Seirbheisean do Sheann Dhaoine.

Duilleag 5 Mise agus M’ Obair

Artaigil sònraichte air Neach-obrach na Bliadhna Mairead Cassidy agus luchdobrach eile aig Moll a Deas ann an Àird Rosain.

Duilleagan 8 agus 9

Agus… Tarraing a-mach Catalog na Nollaige CrossReach Duilleagan Meadhain

Tha Staitistigs an Riaghaltais a’ tomhas gum bi 25% de shluagh na h-Alba air aois 65 a ruigheachd ann an 2035 – tha sin nas àirde na an 17% ann an 2010.

Naidheachdan PEAIRT Barrachd air 40 àrd-neach-stiùiridh bho Sheirbheisean do Sheann Daoine cruinn ann am Peairt o chionn ghoirid gus prìomh luchd-labhairt Jacqui Nic an Tòisich (Oifigear Pròiseict, Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba) agus Heather Edwards (Comhairliche Seargadh-inntinn Luchdsgrùdaidh Cùraim). Thuirt Jacqui: “Tha sinn den bheachd gur e ar ceangal ri Cross Reach aon de na ceanglaichean as fheàrr a tha againn le buidhnean ann an co-bhonn a thaobh Thosgairean Seargadh-inntinn.”

DÙN ÈIDEANN Tha am buidheann ConneXions (a chomharraich 1d co-là-breith aca o chionn ghoirid) a’ cumail Latha Fosgailte Volunteer Summit Diciadain 9th aig Taigh-òsta King’s Manor ann an Dùn Èideann. Bheir an tachartas cothrom do shaor-thoilich na h-eòlasan aca a roinn agus gus ar cuideachadh Innleachd Shaor-thoileach CrossReach a leasachadh. Airson barrachd fiosrachaidh, bruidhinn ri ConneXions air: 0131 454 4335 no post-d gu: connexions@crossreach.org.uk.

HAMILTON Tha a’ Bheanphòsta Kay Armer, còmhnaiche ann an Well Hall ann an Hamilton, air 100 bliadhna a chomharrachadh anns an Iuchar. Tha Kay gu math aithnichte anns a’ bhaile, is bùth aodach bhoireannach air a bhith aice iomadach bliadhna. Agus tha sùil mhath aice fhathast airson aodach snog! Thàinig a teaghlach air fad còmhla, clann a bràithrean is a peathraichean is an cuid teaghlaich, airson partaidh nan ciad bliadhna aice. Am measg nan tiodhlacan bha sgrola bho oifis Mhorair-ionaid a’ Chrùin agus flùraichean bho Chomhairle Siorrachd Lannraig a Deas.

Facal bhon Deasaiche Air duilleag cùil a leabhair ‘Where Memories Go – Why Dementia Changes Everything’ tha Sally Magnusson a’ sgrìobhadh: “Is e Seargadhinntinn aon de na dùbhlain as motha gu sòisealta, gu h-eaconomach, gu saidheansail, gu feallsanachdail, is gu moralta nar latha. Is e neach-naidheachd a tha annam. Thàinig e gu bhith an sgeulachd bu mhotha dem bheatha.” Tha Sally ag aithris mun phian, mun mhilleadh dùil, mu na rudan èibhinn, mun toileachas a bha aice fhèin is a peathraichean fhad ‘s a bha iad a’ coimhead an dèidh am màthar gràdhaichte a dh’fhuiling gu fada le seargadh-inntinn. Tha i ag argamaid gu bheil an dòigh anns a’ bheil comann-sòisealta a’ meas an fheadhainn as meachaire na mheasg (am muinntir sin le seargadh-inntinn) feumachdainn air atharrachadh gu luath. Gu dearbh, is e a’ bhuaidh mhòr aig na sgrìobh i mu sheargadh-inntinn a màthar, Mamie, a thug oirre an carthannas ‘Playlist for Life’ a chur air bhonn. Rinn i seo an dèidh dhi tuigsinn cho cudromach is a bha ceòl ann am beatha dhaoine–chan e dìreach an fheadhainn air an robh seargadh-inntinn, ach gach aon againn. Tha e freagarrach gu bheil CrossReach–a’ chiad bhuidheann ann an Alba a dh’fhosgail dachaigh a dh’aona ghnothach airson seargadh-inntinn (agus a tha a-nis a’ ruith seachd dachaighean den aon sheòrsa) air ceanglaichean a dhèanamh le carthannas Sally. Tha CrossReach gus cumhachd ciùil a bhrosnachadh agus tha an leabhar aig Sally air a chleachdadh anns an trèanadh a gheibh luchd-obrach ùr. Faodaidh tu leughadh mun cheangal eadar CrossReach agus Playlist for Life air duilleag 11 den iris seo a tha a’ cur cuideam air ar Seirbheisean do Sheann Daoine. If you would like to get in touch, please e-mail: news@crossreach.org.uk or write to: CrossReach News, Charis House, 47 Milton Road East, Edinburgh, EH15 2SR.

Hugh Brown, Editor

Published three times a year by CrossReach. Please feel free to use any material or articles contained in this magazine, with an appropriate credit. CrossReach, Charis House, 47 Milton Road East, Edinburgh. EH15 2SR. Telephone: 0131 657 2000, Fax: 0131 657 5000, Email: news@crossreach.org.uk

Social Care Council

2

Operating as CrossReach Scottish Charity number: SC011353

A Gaelic version of CrossReach News is available to download from our website: www.crossreach.org.uk

www.crossreach.org.uk


A’ Coileanadh ar Misean

“…tha mòran chothroman ann airson na h-eaglaise air fad ar misean a choileanadh agus na dùbhlain a tha againn ann an Alba a thoirt gu buil.” Peter Bailey takes part in activities at Bellfield.

Tha am fòcas air Seirbheisean do Shean Dhaoine anns an iris seo a’ daingneachadh dhòmhsa an dleastanas a tha againn uile taic a thoirt do shean dhaoine nuair a thig an seann aois orra. Tha e mar gu bheil a h-uile duine ris am bi mi a’ còmhradh an-diugh a’ bruidhinn mu dheidhinn nan dleastanasan aca do chàirdean nas aosta, am miann gus an taic as fheàrr as urrainn a thabhainn, agus gu tric am milleadh dùil is gun fhios aca mar a gheibh iad cothrom air an t-seirbhis a dh’fheumas iad. Chan eil an dleastanas seo a’ dol a dh’fhalbh. Tha staitistigs ag innse dhuinn gu bheil an àireamh dhaoine a bhios 85 agus nas sine anns an RA (1.4 millean ann an 2012) a’ dol a dhùblachadh anns an ath 20 bliadhna agus a thrìbleachadh anns an ath 30^. Cuir ri seo gu bheilear a’ tomhas gu bheil an àireamh dhaoine a th’ ann an Alba le seargadh-inntinn a’ dol a dhùblachadh anns an ùine gu 2031*. Chì sinn gu bheil dùbhlain ann dhuinn uile. Tha mi an dòchas is tu a’ leughadh mu iomairtean CrossReach a tha a’ gabhail àite tarsainn na h-Alba gum bi thu air do mhisneachadh leis na dòighean anns a bheil sinn a’ feuchainn ri dòighbeatha seann dhaoine a leasachadh. Tha mi, coltach ri iomadach neach eile,

mar dhuine nach urrainn an gnothach a dhèanamh às aonais ‘gaidseatan’ agus a bhith sìor-cheangailte gu wi-fi (bruidhinn rim bhean!) agus le sin, dhomh fhìn gu pearsanta, thug an iomairt ‘Silver Surfers’ ann am Balmedie togail mhòr dhomh. Tha an iomairt seo na h-eisimpleir air mar a tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil ar seirbheisean freagarrach agus comasach air dèiligeadh ris na h-atharrachaidhean teicneòlach timcheall oirnn. Anns an iris seo de Naidheachdan CrossReach tha tòrr dearbhaidh air mar a tha sinne, mar sholaraiche cùram sòisealta nàiseanta na h-eaglais, a’ dèanamh na h-uiread gus feumalachdan dhaoine nas sine a fhrithealadh. Cuideachd, tha mòran chothroman ann airson na h-eaglaise air fad ar misean a choileanadh agus na dùbhlain a tha againn ann an Alba a thoirt gu buil. Ann an aithisg 2015 aig Comhairle a’ Chùraim Shòisealta dhan Àrd-sheanadh chaidh aithneachadh gu bheil feum ann taic agus goireasan a thoirt dhan eaglais

Peter Bailey Chief Executive Officer, Secretary of the Social Care Council

aig gach ìre gus na h-iarrtasan airson iomairtean cùraim shòisealta a leasachadh mar phàirt de mhisean na h-eaglais. Tha mòran air a dhèanamh mu thràth aig ìre ionadail. Ach, tha tòrr a bharrachd ann a dh’fhaodadh an eaglais a dhèanamh gus taic a thoirt do dhaoine nas sine agus an cuid chàirdean. Airson an adhbhair seo agus iomadach adhbhar eile tha an t-Àrdsheanadh air aontachadh: ‘Instruct the Council to appoint a Social Care Mission Officer to take forward the work of the Council in resourcing the Church and bring a development plan to the 2016 Assembly in order to reimagine the social care efforts of the whole church.’ Tha sinn air bhioran mun iomairt seo agus mun mhiann againn gus an eaglais anns an fharsaingeachd a dh’fhoghlamachadh, a bhrosnachadh, agus a thogail tro Fòram Cùram Sòisealta Eaglais na h-Alba. Thèid am fòram a chur air bhonn mar ghoireas air loidhne. Bheir dreuchd Oifigear Misean Cùraim Shòisealta taic do ghoireasan ionadail agus thèid taic iomchaidh do phròiseactan ùra spreòdach aithneachadh gus cuid de na dùbhlain anns an artaigil seo a choileanadh. ^ Later Life in the United Kingdom – Age UK, Lùnastal 2015 * Scotland’s National Dementia Strategy 2013 - 2016

3


Technology

Na ‘Silver Surfers’ Tha Anna Reid, Manaidsear Seirbhis, aig Balmedie faisg air Obar Dheathain, ag innse mar a tha teicneòlas air beatha chòmhnaichean a leasachadh.

Tha a’ chuid as motha againn air fàs suas ann an saoghal teicnigeach agus tha sinn air fàs cleachdte ris na dòighean a tha ann airson cumail seanchas ri ar caraidean agus ar teaghlaichean air feadh an t-saoghail. Ann an 2013 bha sinn fortanach gun deach againn rùm a leasachadh airson ceangal ris an eadarlìon. Tha seo air leigeil leis ar luchdcleachdaidh conaltradh a chumail ri càirdean agus teaghlaichean tro Skype. An uair a dh’fhosgladh an seòmar, bha cothrom aig na còmhnaichean ainm a thaghadh agus às na molaidhean thagh iad ‘Na Silver Surfers’.

trang a’ coimhead air an sgrìn. Ged a bhruidhinn gach duine aca rium, cha do thionndaich iad air falbh on sgrìn is iad a’ leantainn nan rathaidean a-steach a dh’Obair Dheathain 40 bliadhna air ais. Chan eil fhios agamsa an dreachadh agam air sin a dhèanamh is le sin is e an teachdaireachd ‘chan eil duine againn ro aosta airson ionnsachadh’! Tha an goireas seo air tlachd a thoirt dhan uiread: tha còmhnaichean is teaghlaichean air ceanglaichean a chumail suas; tha coinneamhan ath-sgrùdaidh air gabhail àite; agus tha aon neach air coimhead air a bhan-ogha dèanamh deiseil airson a bainnse.

Ann Reid and Duncan Evans (Photo - Ellon Times)

4

Tha Donnchadh Evans, aois 93, a’ fuireach ann am Balmedie agus tha a bhràthair, aois 90, a’ fuireach ann an Canada. Cha robh iad air a chèile fhaicinn airson iomadach bliadhna. Nuair a bha iad a’ fàs suas, bhiodh iad le chèile a’ cluich air an fhidheall agus feasgar na Sàbaid chluicheadh iad airson an teaghlaich. A dh’aindeoin eadar-dhealachadh 7 uairean a thìde, tro Skype chaidh againn air mòmaid iongantach a chlàradh nuair a choimhead gach duine aghaidh a chèile is iad a’ cur fidheall fo smeagaid is a’ toirt sùil air a chèile fon speuclairean. B’ e mòmaid shònraichte a bha seo oir beagan sheachdainean an dèidh seo bhàsaich bràthair Dhonnchaidh. Cha bhiodh na mionaidean prìseil sin air tachairt às aonais teicneòlais. O chionn ghoirid, air an 93mh co-làbreith aige, bha partaidh aig Donnchadh san dachaigh, agus tro Skype bha a nighean Sìne, a tha a’ fuireach ann am Brunei Darussalam an Ear-dheas Àisia an làthair. Bidh ise cuideachd a’ cluich air an fhidheall agus a’ seinn, agus ghabh iad rann còmhla tron cheangal bhidio iongantach seo. Tha ceithir coimpiutair le ceangal dhan eadar-lìon san rùm, agus an latha roimhe bha ceathrar air a bheil seargadh-inntinn

Balmedie quiet room

le seargadh-inntinn fuireach gu coitcheann còmhla ri daoine eile, tha faireachadh san rùm seo gu bheil thu a-muigh air chuairt sa choille le ballachan còmhdaichte ann an craobhan, flùrain-cluigeanach, eòin is dealanan-dè. Anns a’ chùl tha fuaim eòin a’ ceilearaich, fuaim easa, agus fuaim uisge a’ ruith gu socair thairis air clachan. Tha air a dhol gu math leis agus tha e air a chleachdadh gach latha. A’ tighinn a-steach dhan rùm, coisichidh còmhnaichean tarsainn feur fuadan is iad air an cuartachadh leis a’ choille. Cuiridh iad tìde seachad air na sèithrichean-tulgaidh a’ gabhail cothrom air àrainneachd shaorsnail. Tha dreach an aodainnean ag innse cho math is a tha a’ chùis a’ còrdadh riutha. An-diugh bha an rùm air a chleachdadh le ar Co-òrdanaiche Chur-seachadan agus bha am buidheann beag a’ còmhradh mu na flùraichean air na ballachan. Thug seo air aon neach iarraidh a dhol a-mach dhan

“Cha bhiodh na mionaidean prìseil sin air tachairt às aonais teicneòlais.” Tha an seòmar seo air soillseachadh cho cudromach is a tha ‘an rud a tha gam thoileachadh’ agus le sin thòisich sinn air pròiseact ùr am-bliadhna a thug a-steach còmhnaichean, teaghlaichean agus luchdobrach. A’ tuigsinn gun robh àite beag dhuinn fhìn a’ còrdadh ris a h-uile duine, chuir sinn romhainn seòmar eile a chur air dòigh. Bhiodh dreach coille air an fhear seo, agus na bhroinn bhiodh rudan a dhùisgeadh fhaireachdainnean is a bheireadh cothrom cnuasachadh ann an sìth agus fois. A chionn ‘s gum faod e a bhith doirbh do dhaoine

taigh-ghlainne gus flùraichean a chur. Bha am boireannach seo air tòrr ùine a chur seachad sa ghàrradh aice mus tàinig i a-steach gu suidheachadh taigh-cùraim. Ach nuair a chaidh fhaighneachd dhi ron seo, cha robh i air ùidh a shealltainn sa chuspair. Is dòcha gun do dhùisg àrainneachd an rùim cuimhne bho làithean a dh’fhalbh? Tha taic a bharrachd mar seo a’ toirt ùine is airgead is rùn, ach nuair a chithear a’ bhuil air na còmhnaichean is fhiach an t-saothair.


Spotlight

Ùr-ghnàthachas tro Chom-pàirteachais Tha Stiùiriche Sheirbhisean do Sheann Daoine, Ailean Logan, ag innse mar a tha com-pàirteachasan air ùr-ghnàthachas a lìbhrigeadh. Air a’ bhliadhna mu dheireadh, ar seirbhisean. Ach, tha barrachd na rinn sinn ar dìcheall seirbheisean lùib na bhith a’ cumail ri riaghailtean– den ghnè as àirde a ghleidheadh is ann mu dheidhinn co-obrachadh agus a leasachadh ann an airson a’ bhuil as fheàrr fhaicinn airson ainm Chrìosta agus aig an nan daoine a bhios a’ cleachdadh ar aon àm a bha a’ chothachadh seirbheisean agus gus taic a thoirt ris na dùbhlain a thig an cois dhan leasachadh phroifeiseanta àrainneachd cùram sòisealta a leantainneach aig ar luchd-obrach. bhios a’ sìor atharrachadh. Anns a’ Chèitean, chaidh an A bheil sinn air dèiligeadh ris na co-obrachadh dlùth agus an ceangal dùbhlain sin ma-thà? Tha sinn a a tha a’ fàs a dhearbhadh aig dh’aona-ghnothach air fheuchainn ar co-labhairt bhliadhnail airson ri cur ris ar seirbhisean agus ris an manaidsearan Sheirbheisean do t-èolas, na sgilean agus na tàlantan Sheann Dhaoine. Bhruidhinn le aig ar luchd-obrach ro-dhealasach chèile, Heather Edwards, prìomh agus mòr-mheasaichte gus Chomhairliche Seargadh-inntinn airson gabhail ri ùr-ghnàthachas le chomLuchd-sgrùdaidh Cùraim, agus Jacqui phàirteachaisean ùra agus feadhainn McIntosh bho Chomhairle Seirbheisean a tha gar leasachadh. Thug an dàrna Sòisealta na h-Alba air dreuchd latha de Sheachdain CrossReach anns Thosgairean agus air leasachadh na an t-Samhain 2014 blasad de na h-obrach agus nan ìrean ann an cùram com-pàirteachaisean ùr-ghnàthach seo seargaidh-inntinn. agus den tionnsgalachd taobh a-staigh Tha com-pàirteachasan a-staigh seirbheisean CrossReach a tha air an cuideachd riatanach ann a bhith tabhainn feadh na dùthcha. ag adhartachadh agus a’ togail Chaidh faireachdainnean dhaoine ùr-ghnàthachas. Sa bhliadhna a a ghluasad barrachd na bha an chaidh, tha obair eadar CrossReach dùil air latha-comharrachaidh agus Comhairle Misean agus “Tha sinn a dh’aona-ghnothach air agus taisbeanaidh Seirbhisean Deisciobalachd Eaglais na h-Alba fheuchainn ri cur ris ar seirbhisean CrossReach do Dhaoine nas Sine. air cuideam a chur air Misean Thuirt an Ceart Urramach Iain agus ‘Daoine nas Sine.’ Is e a’ agus ris an t-èolas, na sgilean agus Chalmers: “Tha an latha an-diugh bhuil gu bheil goireas fiosrachaidh na tàlantan aig ar luchd-obrach roair a bhith na shùileachan mòr air cuideachail agus pragtaigeach an obair iongantach a tha a’ dol air dhealasach agus mòr-mheasaichte gus againn air a’ chuspair. adhart taobh a-staigh CrossReach.” Airson nan trì bliadhna mu gabhail ri ùr-ghnàthachas le chomBha an seisean aig Gwen dheireadh, tha Guild Eaglais na Anderson aig an ìre as àirde is i a’ air taic a thoirt gus am fàs phàirteachaisean ùra agus feadhainn h-Alba taisbeanadh na h-obrach againn ar seirbheis Heart for Art. Air sgàth a tha gar leasachadh.” le eacarsaichean stèidhichte air na taic bhon chom-pàirteachas seo, ceòl – ‘Oomph’ (iomairt shòisealta a tha sinn air seachd buidhnean Art tha air a deagh ainmeachadh: ‘Our for Heart a stèidheachadh tarsainn Organization Makes People Happy’). na h-Alba. Bu mhath leinn ar taing Tha Gwen na Co-òrdanaiche Leasachadh Seargadh-inntinn aig Queens a chomharrachadh airson na taic miorbhailich a fhuair sinn bhon Ghuild Bay Lodge ann an Dùn Èideann. Bhuannaich Gwen Duais 2014 Dachaigh agus a thug soirbheachas dhan iomairt seo. Soirbheachas a bha cho Cùraim Nàiseanta Cùram na h-Alba agus Oide-foghlaim Nàiseanta na math is gu bheil sinn air com-pàirteachas ùr a chur air bhonn leis an Life Bliadhna Oomph. Changes Trust a chumas taic ionmhasail rin t-seirbheis Heart for Art suas Thug ar Co-òrdanaiche Leasachadh Seargadh-inntinn, Pamela Nic dhan Mhàirt 2018 is bheir seo cothrom dhi fàs. Aoidh, a cheumnaich o chionn ghoirid le MSc ann an Sgrùdaidhean Às leth sgioba Sheirbheisean do Sheann Dhaoine, bu toigh leam taing Seargadh-inntinn agus Linda Kelly, ar n-Oifigear Leasachadh Seargadha thoirt dhan luchd-obrach againn airson an dìlseachd iongantach agus inntinn (a tha an-dràsta a’ leasachadh ar n-obair le bhith clàradh an sgil. Tha sinn cuideachd fada an comain nan saor-thoileach agus nam seargadh-inntinn), taisbeanadh seachad ag innse mun obair againn le Buidhnean Chàirdean tarsainn na dùthcha a tha a’ toirt an ùine agus an Tosgairean Seargadh-inntinn a tha tarsainn ar seirbheisean air fad. tàlantan gu cunbhalach agus a bhios a’ beartachadh nan seirbheisean a Is e pàirt chudromach den obair againn a bhith ag obair gu dlùth ri bhios sinn a’ tabhainn. Luchd-sgrùdaidh Cùraim agus Comhairle Seirbheisean Sòisealta na h-Alba. Ailean Logan, Stiùiriche, Le seo nì sinn cinnteach gu bheil sinn a’ gleidheadh deagh-ghnè agus a’ Seirbheisean do Sheann Dhaoine cumail ris na riaghailtean sàbhalteachd airson nan daoine a chleachdas

5


Making a Difference

Plana Pearsanta Ùr A dh’aithghearr, tro phlana pearsanta ùr buannachaidh gach còmhnaiche a tha fo chùram Seirbheisean CrossReach do Dhaoine nas Sine. “…Tha mi an dùil gum bi Plana Pearsanta aig gach neachcleachdaidh seirbhis ro dheireadh na bliadhna a fìor-sheallas na dùilean aca agus a thaisbeanas gu soilleir mar a choileanas CrossReach na feumalachdan cùraim agus taic aca.”

Resident Margaret Anderson with her Personal Plan

6

Tha Seirbheisean CrossReach do Dhaoine nas Sine air teamplaid ùr a dhealbh a tha stèidhichte air builean agus pearsa socraichte. Rinneadh seo le bhith a’ sgrùdadh na tha ann an-dràsta, na tha solaraichean eile a’ tabhainn, agus na bhiodh riaghlaidearan agus Coimiseanairean a’ sùileachadh. Tha Brenda Fhriseal, Ceannard Seirbhis airson Dhaoine nas Sine, a’ mìneachadh: “Tha am plana seo a’ ciallachadh gum bi conaltradh nas fheàrr ann le còmhnaichean airson dearbhadh dè dha-rìribh a tha iad ag iarraidh. Tha am plana mu dheidhinn dè an seòrsa cùraim a dh’iarradh neach bho na seirbheisean againn, agus mar a chuidicheadh sinn gus na dùilean, na miannan, agus na dòchasan aca a choileanadh. Tha an teamplaid ùr sa chiad àite a’ coimhead air dè tha neach airson fhaighinn, an uair sin air na comasan aca gus seo a choileanadh, agus mu dheireadh air dè an taic a bheir luchd-obrach gus a chuideachadh.”

Chuireadh Niall Watson à Taigh Wiliamwood dhan dreuchd ùr Manaidsear Cur-an-gnìomh gus an tuig luchd-obrach mar a chleachdar am Plana Pearsanta Buil Suidhichte gus am bi deagh bheatha aig daoine nas sine a tha fo ar cùram. Dh’inns Niall do Naidheachdan CrossReach: “Mar bhuidheann a bhios a’ gabhail tlachd ann a bhith ro-ghnìomhach, tha sinn air tòiseachadh air a’ Phlana Pearsanta ùr seo a chur an gnìomh anns na Seirbheisean gu lèir airson Dhaoine nas Sine air feadh Alba. Cha bhi e gu feum ach mar a thèid a chleachdadh gu h-èifeachdach e. Le sin bidh mi a’ tadhal air gach taigh-cùraim agus ag obair le luchd-obrach gus an leasaich iad am fiosrachadh agus an tuigse air. Tha mi an dùil gum bi Plana Pearsanta aig gach neach-cleachdaidh seirbhis ro dheireadh na bliadhna a fìor-sheallas na dùilean aca agus a thaisbeanas gu soilleir mar a choileanas CrossReach na feumalachdan cùraim agus taic aca. Tha Mairead Tait, Manaidsear Seirbhis, aig Taigh-cùraim The Elms ann

an Dùn Èideann den bheachd gur e ùr-ghnàthachas sgoinneil a tha anns na Planaichean Pearsanta: “Is e sgrìobhainn air a bheil dreach proifeiseanta le clàrinnse soilleir agus amas deimhinneach. Tha am fiosrachadh pearsa-socraichte, soirbh a leantainn, agus a’ cuideachadh luchd-obrach gus taic a thoirt do dh’fheumalachdan chòmhnaichean.” Tha Mairead Anderson air a bhith a’ fuireach aig The Elms airson 18 mìosan agus tha i dealasach mun Phlana Phearsanta: “Tha e glè dhathte agus is toigh leam na dealbhan. Is ann mu mo dheidhsinn-sa a tha e agus mu nas urrainn dhomh a dhèanamh, chan ann mu nach urrainn dhomh a dhèanamh. Tha mi smaoineachadh gu bheil e cuideachadh luchd-obrach gus eòlas nas fheàrr a chur orm.” Ann a bhith a’ dealbhadh na teamplaid ghabh sinn beachd air grunnan phoileasaidhean Nàiseanta, Roinneil agus iarrtasan laghail, nam measg Frèam Bhuilean 2014-15 Roinn na Slàinte agus a’ Chùraim Shòisealta, Frèam Leasachadh Sàr-mhathais agus iomairt LuchdSgrùdaidh Cùraim ‘Making Every Moment Count’. Chaidh na sgrìobhainnean sin a chleachdadh gus fiosrachadh a chumail ri Seirbheisean CrossReach airson Dhaoine nas Sine mu dè na builean a bu chòir a bhith ann airson chòmhnaichean. Dh’inns Niall barrachd dhuinn: “Tro na Planaichean Pearsanta aig luchd-cleachdaidh seirbhis bidh cothrom againn fiosrachadh a chlàradh airson gach neach mar a tha sinn gu làitheil a’ coileanadh builean a’ bhuidhinn airson Dhaoine nas Sine. Tha gach còmhnaiche an sàs anns a’ Phlana Phearsanta aca gu h-iomlan, agus bidh iad a’ taghadh nam builean a tha iad airson coileanadh - an uair sin tha e an urra ri luchd-obrach dèanamh cinnteach gun tachair seo.”


A’ tadhal air daoine le Seargadh-inntinn

Pamela Mackay

Deagh chomhairle airson tadhal air daoine le seargadhinntinn

1 2 Linda Kelly

Tha e doirbh a chreidsinn gun robh seargadh-innntinn na Phrìomhachas Nàiseanta ann an Alba cho fada air ais ri 2007. Is dòcha gun robh iongnadh ort carson a rinn Riaghlatas na h-Alba seo airson aon tinneas a-mach às an fheadhainn a bhios a’ bualadh air ar sluagh. Ach, thairis air na h-ochd bliadhna a chaidh tha sinn cinnteach gu bheil seargadh-inntinn air nochdadh mar chuspair cudromach am measg do theaghlaich fhèin, do lìonra shòisealta no d’ eaglais. Aig CrossReach tha iomadh taobh air an taic agus air a’ chùram a bhios daoine le seargadh-inntinn a’ faighinn. Tha sinn dealasach mun seo. Cha chuir sinn solas ach air trì dhuibh airson an artaigil seo. Seo an fheadhainn as cudromaiche dhuinne: • • •

3

A’ tuigsinn a’ phearsa shònraichte a tha anns gach neach le seargadh-inntinn A’ cur cuideam air na comasan a tha air fhàgail aig an neach an àite a bhith a’ caoidh an rud nach eile aca. A’ toirt taic do theaghlaichean far a bheil seargadh-inntinn

Tha sinn cinnteach gu bheil an fheallsanachd a bhios sinn a’ cleachdadh ann an CrossReach a’ bualadh air a’ chùram agus air an taic a bhios daoine le seargadhinntinn a’ faighinn ann an eaglaisean. Is e an rud as cudromaiche a bhith a’ cothachadh gum bi daoine le seargadh-inntinn agus an teaghlaichean air an gabhail a-steach gu beatha làitheil na h-eaglaise. Le bhith a’ dèanamh an rud sin a-mhàin, bidh thu a’ còmhdachadh mòran de na puingean a tha ann an ro-innleachd Riaghaltas na h-Alba airson seargadh-inntinn. Le sin, dè cho furasta is a tha e seo a choileanadh? Anns a’ chiad àite, tha e cudromach gun tèid na prionnsabalan a bhios aig eaglais a tha ‘bàigheil do sheargadh-inntinn’ a chleachdadh. Chan eil iad seo doirbh a chur an gnìomh agus le bhith gan dèanamh cuiridh e dreach in-ghabhalach air an eaglais airson ghalairean eile cuideachd. Ach, le bhith bruidhinn ri eaglaisean thairis a’ bhliadhna a chaidh, a rèir coltais, is e an duilgheadas as motha airson mòran dhaoine ann an coithionalan, tadhal air daoine agus an luchd-cùraim far a bheil seargadh-inntinn. Tha sinn a’ dol a thoirt dhut ‘high 5’ airson tadhal air daoine le seargadh-inntinn (is le sin bidh ceangal eadar òg is feadhainn nach eil cho òg nad choithional!). Aig Co-labhairt Eadar-nàiseanta Seargadh-inntinn CrossReach ann an 2010, bha sinn fortanach fàilte a chur air Màiri agus Raonaid à Aimeireagaidh, màthair agus nighean a bha a’ gabhail cùram de Mhàthair/Sheanmhair. Bhruidhinn iad gu dealasach mu cho furasta is a dh’fhaodas e a bhith bruidhinn ri cuideigin air a bheil seargadhinntinn - fiù ‘s aig an ìre as duilghe. Anns a ‘high 5’ aca, bhruidhinn iad mu chumail fios air 5 rudan mun neach air a bheil seargadh-inntinn (faic am bogsa aig oir na duilleig). Thairis air a’ bhliadhna mu dheireadh bhruidhinn sinn ri mòran eaglaisean mu chùram agus taic airson seargadh-inntinn agus tha e air bualadh oirnn an t-eòlas agus an ùidh a tha ann an eaglaisean airson a bhith a’ gabhail a-steach dhaoine air a bheil seargadh-inntinn agus an cuid theaghlaichean. Tha seo a’ toirt dòchas agus cuideachd chothroman dhan neach agus dha luchd-cùraim. Pamela NicAoidh agus Linda Kelly, Sgioba-Leasachaidh Seargaidh-inntinn

4

5

Faigh a-mach ro-làimh 5 rudan mu neach air a bheil thu a’ tadhal. Thoir leat dòigh eile airson am fiosrachadh seo a lìbhrigeadh. Mar eisimpleir, mas toigh le cuideigin trèanaichean, thoir leat dealbhan, leabhraichean no irisean mu thrèanaichean no fiù ‘s clip ghoirid air iPad a b’ urrainn dhaibh coimhead no DVD, ceòl, no òrain mu thrèanaichean. Na cuir cheistean! Is e mearachd chumanta a tha seo. Cuimhnich gu bheil thu a’ tadhal air cuideigin air a bheil droch chuimhne, is dòcha,sa gheàrr-ùine. Na rach a-steach gus faighneachd anns a’ bhad ‘Ciamar a tha thu?’ no ‘Dè tha thu air a bhith a’ dèanamh?’ no ‘Dè bha agad airson do dhiathad?’ Bidh seo a’ daingneachadh na chaill iad le seargadh-inntinn agus bheir e air falbh fèin-mheas agus misneachd. Tuig an dòigh as fheàrr air ceistean duilich a chuireas neach a fhreagairt. Is e an dòigh as fheàrr an còmhradh a stiùireadh air falbh on chuspair GU MALL. (Is dòcha gum bi iad a’ coimhead airson am màthair, ag iarraidh a dhol dhachaigh no a dhol a dh’obair). Feuch ri bhith coimhead air dè a tha air cùl na ceist. Mar eisimpleir, ma tha iad a’ coimhead airson cuideigin a chaochail bliadhnaichean air ais, is dòcha gu bheil iad fhèin a’ faireachdainn so-leònta agus fo eagal. Le sin feuch ri coimhead air mar a bheir thu taic do dh’fhaireachdainnean mar sin. Na bi eagallach thu fhèin. Uaireannan cha tèid an còmhradh mar a mhiannaicheadh tu no is dòcha gun tèid an neach troimhe chèile. Feuch gun cùm thu fhèin aig fois, iarr mathanas agus tòisich a-rithist.

7


Our Staff

Mi-fhìn is M’ Obair Ann an artaigil sònraichte, tha sinn a’ toirt sùil air Mairead Cassidy, a’ chiad neach-obrach o chionn ghoirid a tha air 40 bliadhna a chur seachad còmhla ri CrossReach. Anns na làithean seo, is tearc an neachobrach a chuireas seachad a’ chuid as motha de bheatha-obrach anns an aon àite airson an aon chompanaidh. Uill, tha Mairead Cassidy, manaidsear taighcùraim South Beach House ann an Àird Rosain air sin a dhèanamh agus is ise a’ chiad neach-obrach o chionn ghoirid a tha air 40 bliadhna a chomharrachadh le CrossReach. Fhuair i aithneachadh cuideachd mar Neach-obrach na Bliadhna 2015 aig cuirm Dhuaisean Luchd-Obrach CrossReach. Thuirt Mairead: “Is e urram mòr Duais Neach-Obrach na Bliadhna a choisinn–ach, is ann air sgàth do chòmhlan-obrach a thig duais sam bith.”

Kim Nic Leòid, Cuidiche Taigheadais Tha m’ obair a’ còrdadh rium oir tha agam ri bruidhinn agus èisteachd ri ar còmhnaichean agus ri ar luchd-obrach. Tha dùbhlain an lùib a bhith ag obair airson CrossReach, ach is toigh leam gum bi sinn a’ dèiligeadh riutha mar sgioba - tha rudan air an deasbad agus thig sinn gu co-dhùnadh còmhla. Tha e nas pearsanta a bhith ag obair ann an suidheachadh mar seo na a bhith ag obair ann an taigh-òsta no cafaidh; tha an obair seo a’ toirt dhomh cothrom a bhith ag obair leam fhìn nuair a bhios mi a’ glanadh sheòmraichean agus faodaidh mi gnòthaichean a dhèanamh mar as miann leam fhìn cho fad ‘s a chuireas mi crìoch air gach nì.

8

Margaret with her award


Thòisich Mairead ag obair aig South Beach ann an 1975 na cuidiche taigheadais, mar a dh’aithnichear an obair a-nis. Thairis air na ceithir deicheadan a dh’fhalbh tha iomadach dreuchd air a bhith aice, nan lùib: còcaire, neach-obrach cùraim, Ceannard Sgioba, is Iar-mhanaidsear gus mu dheireadh ann an 2006, Manaidsear Seirbhis. Tha seo air eòlas farsaing a thoirt dhi mun taigh-cùraim, a’ choimhearsnachd a tha e a’ frithealadh agus an roinn cùraim shòisealta far an robh i ag obair. Tro a beatha tha i air a bhith ro-ghnìomhach a’ sireadh agus a’ gabhail cothrom i fhèin a leasachadh gu

agus smaoineachadh nach bu toigh leam South Beach House. B’ e dachaigh mhòr uabhasach a bha innte leis na daoine ud a bha nas sine – ach, nuair nach eil thu ach 20 is ann mar sin a chì thu cùisean. A-nis is mi 60, tha e air a bhith gam leantainn fad mo bheatha, agus tha e air a bhith cho mòr nam bheatha agus tha ùidh mhòr, mhòr agam nam obair. Tha cùram air a sholarachadh le deagh bhuidheann – sgioba le teisteanasan. Tha toil aca uile SVQs a dhèanamh agus thig iad airson gach pìos trèanaidh. Tha taobh sònraichte aig a’ bhuidheann-obrach seo dhan obair aca. Is e seo tha a’ dèanamh South Beach House

“Tha taobh sònraichte aig a’ bhuidheann-obrach seo dhan obair aca. Is e seo tha a’ dèanamh South Beach House na thaigh air leth.” proifeiseanta. Mar obraiche-cùraim choilean i SVQ3 ann an Slàinte agus Cùram Sòisealta. Air sgàth seo fhuair i obair mar Cheannard Sgioba agus fhuair i cuideachd SVQ 4 ann an Cùram. Mar Iar-mhanaidsear, choilean i SVQ 4 ann an Manaidsearachd. O chionn ghoirid, chuir Mairead crìoch air PDA ann an Rianachd Leigheaschungaidhean agus Dioplòma Cleachdadh Cùram Seargadh-inntinn. Tha i air leth moiteil às an teisteanas mu dheireadh oir bha aice ri Oilthigh Shruighlea a fhrithealadh air a shon – rud nach creideadh i nuair a thòisich i le CrossReach ann an 1975! Dh’inns Mairead gu Naidheachdan CrossReach: “Chan eil fhios agam càit an deach an 40 bliadhna! Tha cuimhn’ agam coiseachd a-staigh air an doras

na thaigh air leth. Cha b’ urrainn dhomh m’ obair a dhèanamh às aonais mo luchdobrach.” Tha Mòrag Waring, Ceannard Seirbhis Maireid, làn molaidh dhi: “O 2006 nuair a fhuair Mairead obair Manaidsear Seirbhis, tha South Beach air ainm a choisinn airson a bhith a’ lìbhrigeadh seirbhis deagh-ghnè ann an Siorrachd Àir a Tuath. Tha i ag obair gun sgur gus dèanamh cinnteach gu bheil seirbhisean a’ sìor-leasachadh. Tha còmhnaichean South Beach agus an cuid chàirdean a’ cur làn-earbsa ann am Mairead mar mhanaidsear dachaigh a tha gu cunbhalach a’ faighinn deagh fhios air ais bho luchd-sgrùdaidh on taobh a-muigh mar Customer Service Excellence agus an Care Inspectorate. Tha an fheadhainn a tha air a

Sìne Robinson, Neach-obrach Cùraim Tha mi air a bhith ag obair ann an Taigh South Beach barrachd air 14 bliadhna agus tha an co-luadar le ar còmhnaichean an dà chuid gu pearsanta agus ann am buidhnean. Is toigh leam a bhith gan cuideachadh. Is toigh leam CrossReach oir bidh iad a’ gabhail cùram den luchd-obrach. Tha cothroman againne is dòcha nach bi aig luchd-obrach fhastaidhearan eile agus tha CrossReach cothromach. Bidh am manaidsear againn daonnan ag èisteachd rinn agus cuidichidh e sinn ann an dòigh sam bith a tha comasach dha.

Vicky NicGilleFhaolain, Còcaire Is e còcaire seallach a tha annam an-dràsta a’ gabhail àite neach eile, ach tha m’ obair a’ còrdadh rium oir bidh mi a’ cuideachadh dhaoine eile agus tha seo math dhòmhsa mar phearsa. Tha luchdobrach aig a’ bhuidheann seo a tha càirdeil agus furbhailteach dha luchd-obrach ùr. Tha mi smaoineachadh gu bheil an obair nas pearsanta ann an seo na ann an àitean eile oir bidh daoine a’ gabhail cùram gu ìre nas àirde agus tha seo gam shàsachadh.

bhith ag obair còmhla ri Mairead ga h-àrdmholadh airson a dìlseachd agus a deòin gus obair sam bith a dhèanamh nuair a dh’fheumar. Tha Mairead a’ cur tòrr a-staigh dhan bhuidheann san fharsaingeachd tron obair aice ann am planadh ro-innleachdail. Tha i na deagh eisimpleir do luchd-obrach.”

9


Geàrr-chunntas air na Naidheachdan

Puingean Ùrnaigh For those who wish to pray, please consider

CÙRAM TARSAINN NA H-ALBA

• Am Modaràtor, An Ceart-Urramach Aonghas Moireastan, agus a bhean Marion is iad a’ siubhal timcheall na h-Alba air feadh Seachdain CrossReach anns an t-Samhain • Luchd-taic Choitheanalan a tha a’ toirt an ùine seachad gus airgead a thogail airson CrossReach tro a bhith a’ reic chairtean Nollaig agus mhìosachain • Càirdean chòmhnaichean a chumas conaltradh ris an luchddàimh taing do theicneòlas agus choimpiutairean nar seirbheisean • Eaglaisean agus coitheanalan a bhios a’ toirt taic dar n-obair le bhith a’ gabhail pàirt ann an CrossReach agus Sàbaid a’ Chùraim Shòisealta 15mh Samhain • An làrach-lìn ùr le fòram airson cùraim shòisealta a shoillsicheas a liuthad seòrsa phròiseactan a tha air an ruith le eaglaisean ann an coimhearsnachdan air feadh Alba

Govanhill Play project Bha clann ann an Glaschu a’ cluich nan seann gheamaichean traidiseanta mar ‘hopscotch’ agus sgiobadh an samhradh seo air sgàth pròiseict cluich a-muigh. Bhrosnaich an Govanhill Play Project feadhainn òga gun a bhith a’ cur seachad an samhradh air beulaibh telebhisein no a bhith a’ cluich gheamannan coimpiutair. Bha an sgeama air a ruith leis an Daisy Chain Early Years Project aig CrossReach a bhios a’ toirt taic thràth do theaghlaichean le clann. Bha an Jeely Piece Club an sàs cuideachd. Ghabh 40 feadhainn òga pàirt ann an seiseanan cluich-a-muigh, le pàrantan còmhla ri cloinn nas òige na 8. Thuirt Liann Weir,

manaidsear seirbhis Daisy Chain:”B’ e an t-amas againn clann fhaighinn a-mach air doras agus a’ conaltradh. Bha sinn airson sealltainn do phàrantan cuideachd am feum a bha ann an seo agus gum biodh iadsan a’ gabhail pàirt. Ged a bha sinn suidhichte air an t-sràid, chaidh sinn gu pàircean ionadail agus ma bha clann eile a’ cluich faisg air làimh bhrosnaich sinn iad uile a thighinn còmhla. Tha 53 cànain air am bruidhinn ann an Govanhill, is le sin tha daoine à raon farsaing de dhùthchannan ann. Bha na seiseanan cluich-a-muigh nam meadhan cudromach airson clann a bhith a’ coinneachadh agus a’ dèanamh charaidean ùra.”

Chruinnich luchd-obrach CrossReach agus an aoidhean airson Seirbheis Comharrachaidh Bhliadhnail ann an Talla an Àrd-sheanaidh ann an Dùn Èideann anns a’ Chèitean. B’ e am prìomh neach-labhairt Andy Lowndes bhon charthannas Playlist for Life agus b’ e am modaràtair, An Ceart-Urramach Dr

Aonghas Moireastan, a thug seachad an òraid. B’ e seo a’ chiad rud oifigeil a rinn e on a ghabh e a’ chathair aig an Àrd-sheanadh. Tha an tachartas ag aithneachadh seirbheis fhada luchd-obrach agus an teisteanasan. Bidh luchd-obrach air leth a’ faighinn urram agus na saor-thoilich cuideachd. Fhuair barrachd air 110 luchd-obrach aig CrossReach teisteanasan an-uiridh–teisteanasan mar Scottish Vocational Qualifications, Teisteanasan Nàiseanta aig Àrd-ìre agus fiù ‘s BSc. B’ iad an fheadhainn a bhuannaich na prìomh dhuaisean: Ashley Reid, Neachionnsachaidh na Bliadhna; Carol Brackenridge, Duais airson Sàr-mhathas; Vera Lumsden, Saor-thoileach na Bliadhna; Mairead Cassidy, Neach-obrach na Bliadhna.

Aig deireadh an Ògmhìosa leig Anna NicDhòmhnaill, Ceannard Seirbhis, Daoine Nas Sine (Taobh a Tuath) dhith a dreuchd. Bha i san obair airson 14 bliadhna. Choisinn Anna Duais Coileanais Cùram na h-Alba 2010. Shiubhail Anna barrachd mhìltean na manaidsear sam bith eile. Bha i a’ siubhal gu cunbhalach on dachaigh aice ann an Dail Fhraoich gu dachaighean faisg air Meadhrath (Reay) agus ann an Sealltainn. Ghabh Andy Cashman a h-àite.

Tha làrach-lìn ùr www.socialcareforum.scot air a bhith air a chur air bhog le Comhairle a’ Chùraim Shòisealta gus leigeil le eaglaisean sgeulachdan innse agus fiosrachadh a thoirt seachad mu na iad a’ dèanamh a thaobh cùraim agus cuideachd gus deagh chleachdaidhean a roinn. Cuidichidh an stòr-dàta CrossReach gus fiosrachadh, ceanglaichean, agus togail a thoirt dhaibhsan a tha a’ dèanamh na h-obrach seo mu thràth. Cuideachd, thatar an dòchas gum bi daoine air am brosnachadh gus pàirt a ghabhail no barrachd a dhèanamh.

• Ceangalan le buidhnean eile agus carthannasan eile mar Playlist for Life a leasachas an seòrsa beatha a bhios aig luchd-cleachdaidh ar seirbhis

If you would like to receive our free Prayer Diary three times a year, please call: 0131 657 2000, or download a PDF version from:

www.crossreach.org.uk

10

Our Mission Statement In Christ’s name we seek to retain and regain the highest quality of life which each individual is capable of experiencing at any given time.


Ùr-ghnàthachasan

Liosta-chluiche airson do bheatha Tha ceòl fìor-chumhachdach. Is iomadh faireachdainn a dhùisgeas e agus is iomadh cuimhne chùbhraidh a bhrosnaicheas e, gar ceangal gu àm a dh’fhalbh. Thuig an craoladair agus an neach-naidheachd Sally Magnusson seo agus thòisich i an carthannas ‘Playlist for Life’ agus a-nis còmhla ri Iar-Neach-cathrach a’ charthannais Andy Lowndes, tha i a’ cleachdadh na cumhachd a tha ann an ceòl airson buaidh dheimhinneach a thoirt air beathan agus ceanglan dhaoine air a bheil seargadh-inntinn tarsainn na h-Alba. Is i lèirsinn a’ bhuidhinn gum faigh “gach duine air a bheil seargadh-inntinn cothrom air liosta-chluiche na beatha aca fhèin a chluinntinn, gus an cuimhnich iad co iad.” An t-Samhain sa chaidh, dh’ainmich an t-Urr. Riseard Begg, Iar-neachgairm Comhairle Cùram Sòisealta Eaglais na h-Alba, aig tachartas ann an Eaglais Sgìre Shrath Bhlathain gum biodh iad a’ co-obrachadh leis a’ charthannas agus gun cuireadh iad air dòigh pìdhleat airson na h-iomairt ‘Playlist for Life’ ann an 10 seirbheisean ann an 2015 agus an uair sin gun cuireadh iad a-mach e gu gach seirbheis ann an 2016. Thug Sally an luchd-èisteachd air thuras domhainn a ghluais gach duine nuair a leugh i earrannan bhon leabhar aice “Where Memories Go: Why Dementia Changes Everything”. Tha an leabhar ag innse mar a chuidich seinn òrain air an robh i eòlach a màthair Mamie. Dh’fhuirich i nas fhaisg air a teaghlach na h-inntinn agus cuideachd chùm i cuimhne oirre fhèin is cò i. Bha tiamhaidheachd na thachair do Sally agus do a màthair a chaochail follaiseach. Mhìnich Sally agus Andy an uair sin a’ bhuaidh phearsanta

a bha aig ceòl air neach nuair a dh’èisteadh iad ri ceòl a bha air a bhith cudromach nam beatha. Chunnaic iad dhaibh fhèin a’ bhuannachd mhòr a thàinig air daoine a fhuair liosta-chluiche phearsanta agus air an robh seargadh-inntinn. Cuideachd, dh’inns iad mun atharrachadh-beatha a thàinig air na daoine fhèin is an cuid theaghlaichean. Airson com-pàirteachas a leasachadh barrachd, tha an leabhar ùr aig Sally air a chleachdadh mar phàirt den inntrigeadh aig luchd-obrach ùra do Sheirbheisean CrossReach Airson Dhaoine nas Sine.

Liosta-chluiche do Bheatha aig Sally Magnusson 1. Clarinet Concerto ann an A Major (Mozart): An ceòl as tlachdmhoire air an t-saoghal. Tha e a’ cur nam chuimhne bliadhnaichean a’ feuchainn ris a’ clàirneid a chluich. 2. The Pearl Fishers’ Duet (Bizet) air a sheinn le Jussi Bjorling agus Raibeart Merrill: B’ àbhaist dham athair agus dham sheanair a bhith ga sheinn còmhla aig a’ phiàno. 3. ‘I’d be Surprisingly Good for You’ à Evita: Tàladh agus suirghe! 4. ‘Two Sleepy People’ air a sheinn le Peadar Skellern: Na bliadhnaichean claoidhte an dèidh pòsadh, a’ chlann air fad sa leabaidh, a’ dannsadh nar leth-chadal ann an gàirdeanan a chèile. 5. ‘Sit Down, You’re Rockin’ the Boat’ à Guys And Dolls: Uairean a thìde ag èisteachd ris ar balach na dheugaire ag ath-aithris pàirt airson Nicely Nicely Johnson. Dìreach aon loidhne cheòlmhor agus tha mi air ais an sin.

www.playlistforlife.org.uk

I wish to support CrossReach by donating £................................. on a single monthly annual basis If single: Please post us a cheque (payable to CrossReach) or donate online at www.CrossReach.org.uk If monthly: I would like to make my donation on the 1st/15th (delete as appropriate) of each month starting: ........../........../................ If annually: I would like to make my donation on: ........../........../................ and each year thereafter

Your account details Name of bank: ........................................................................................... Address of bank: ........................................................................................ ...................................................................... Postcode: ............................. Account number:........................................................................................ Sort code: ...................................................................................................

Your personal details Name (inc title): .......................................................................................... Home address: ............................................................................................. ................................................................... Postcode: .................................. Phone number: ............................................................................................ Email address: ..............................................................................................

To the manager (Bank/Building Society): Please pay Bank of Scotland, 38 St Andrew Square, Edinburgh, EH2 2YR on the date indicated above and thereafter until further notice the sum indicated above for the credit of CrossReach Account No 00227186, Sort Code 80-41-21 If you pay tax, please sign this form and the tax office will give us 25p for every £1 you donate. I confirm I have paid or will pay an amount of UK Income Tax and/or Capital Gains for each tax year (6 April to 5 April) that is at least equal to the amount of tax that all charities that I donate to will reclaim on my gifts for that tax year. I understand that other taxes such as VAT and Council Tax do not qualify. I understand that the charity will reclaim 25p of tax on every £1 that I give. Please notify CrossReach if you want to cancel this declaration, change your name or home address or no longer pay sufficent tax. Signature: .................................................................. Date: ...../...../........... If you have any questions, call our Supporter Relations team on 0131 657 2000. Please send this completed form to: Supporter Relations, CrossReach, Charis House, 47 Milton Road East, Edinburgh, EH15 2SR 09/15

11


Church of Scotland Social Care Forum

Inform

Connect

Inspire

From lunch clubs to playgroups to helping people confront addiction, Churches across Scotland are involved in vital work supporting people in their communities, often doing it alone. The Social Care Forum is a place for everyone interested in social care to get together, share ideas and experiences, learn from each other, and get inspired. Tell us about your project, and see what others are doing at:

CR0108

www.socialcareforum.scot


Turn static files into dynamic content formats.

Create a flipbook
Issuu converts static files into: digital portfolios, online yearbooks, online catalogs, digital photo albums and more. Sign up and create your flipbook.