CrossReach News May 2015, issue 2 (Gaelic)

Page 1

A’ GABHAIL CÙRAM AIR FEADH ALBA

A chleachd a bhith Cearcall Cùraim ISSUE 2 2015

• Taic Dheimhinneach - Comhairleachadh • Fòcas Air...Ga Fhaighinn Ceart Airson • A’ Dèanamh Diofar Gach Leanaibh • Mì-fhìn is M’ Obair – Sandy Russell • Cùram Tarsainn na h-Alba

ANNS AN IRIS SEO

Bàidheil do Chloinn Deasachadh sònraichte a’ cur solas air ar Seirbheisean Cloinne agus Teaghlaich

OUR SERVICE AREAS

• • • •

Children and Family Counselling and Support Criminal Justice Homeless People

• • • •

Learning Disabilities Mental Health Older People Substance Misuse

providing a caring future

For more information visit:

www.crossreach.org.uk


AN ROBH FIOS AGAD?

Tha 220,000 òigridh ann an Alba - no 1 leanabh anns gach 5 am measg sluagh cloinne – beò ann am bochdainn. Tha CrossReach a’ cur an cuid maoin ri lughdachadh bochdainn cloinne.

ARTAIGILEAN SÒNRAICHTE Solas Biorach Tha Viv Dickenson a’ mìneachadh mar a tha Seirbheisean Cloinne agus Inbheach a’ dèiligeadh ri atharrachaidhean anns an lagh agus ann am maoineachas.

Duilleag 5 Gabh pàirt ann!

Naidheachdan LODAINN AN EAR Ghabh 20 sgioba pàirt ann an Dùbhlan Goilf a’ Mhodaràtair a chaidh a chur air bhonn airson a’ chiad turas aig Club Goilf Craigielaw ann an Longniddry anns a’ Ghiblean. Thogadh faisg air £5,000 airson Sheirbhisean Cloinne agus Teaghlaich CrossReach.

GLASCHU

Sgeulachdan air mar a tha CrossReach ag obair còmhla ri saor-thoilich agus buidhnean eile.

Duilleagan 8&9

A’ Dèanamh Diofar

Chomharraich The Mallard ann an Springburn 20 bliadhna anns a’ Mhàrt. Tha an t-seirbheis a’ tairgsinn cùram còmhnaidheach agus faochail do chloinn agus inbhich òga le duilgheadasan ionnsachaidh.

DÙN ÈIDEANN

Leugh mar a chuidich Daisy Chain Hafsah a thighinn a-mach aiste fhèin. Duilleag 6

Bha Anam agus Cridhe 2015 air a chumail ann an Gàrraidhean Sràid nam Prionnsa air 17 Cèitean. B’ e ‘Clachan Beò’ an cuspair agus ann am marquee CrossReach dh’inns sinn cuid de na ‘Sgeulachdan Beò’ aig luchdcleachdaidh ar seirbheisean.

Facal bhon Deasaiche Tha e mar an latha an-dè, ach tha Dimàirt 1 Ògmhìos 2015 a’ comharrachadh 10 bliadhna bho thòisich CrossReach. Tha cuimhne agam a bhith aig Talla Caird ann an Dùn Dèagh nuair a chaidh an t-ainm ùr seo a chur fa chomhair luchd-obrach agus aoidhean. Ghabh e àite Bòrd Cùraim Shòisealta. B’ e adhbhar othail a bha ann nuair a chaidh logo CrossReach fhoillseachadh leis an fho-thiotal ‘a’ solarachadh cùram airson an àm ri teachd’. An do shoirbhich CrossReach ann a bhith a’ solarachadh cùram airson an àm ri teachd dar luchd-cleachdaidh seirbhis anns an deichead o 2005? Tha mi smaoineachadh gun do shoirbhich, agus dh’aontaicheadh na ceudan de dhaoine agus an cuid teaghlaichean gu bheil seo fìor. Tha mòran atharrachaidhean air tighinn air cùram sòisealta o thàinig CrossReach gu bith – cha b’ e an nì as lugha Taic Feìn-Stiùirichte no ‘pearsanachadh’ a bha dealbhaichte gus am biodh barrachd smachd aig luchd-cleachdaidh seirbhis air a’ phasgan cùraim a tha iad a’ faighinn. Anns an Roinn Cùram Sòisealta tha atharrachaidhean na chleachdadh agus feumaidh luchd-solarachaidh iad fhèin gluasad gus na h-iarrtasan agus laghan as ùra a choinneachadh. Tha CrossReach air a dhol tro stoirm no dhà on a chaidh a chur air bhog ach tha e fhathast na bhuidheann cùram sòisealta cudromach agus bunaiteach – mar a dh’aideachas mìltean de dhaoine agus an teaghlaichean air feadh na h-Alba. Mas àill leibh bruidhinn rinn, cuiribh post-d gu: news@crossreach.org.uk no sgrìobh gu: CrossReach News, Charis House, 47 Milton Road East, Edinburgh. EH15 2SR.

Ùisdean MacIlleDhuinn, Deasaiche.

Published three times a year by CrossReach. Please feel free to use any material or articles contained in this magazine, with an appropriate credit. CrossReach, Charis House, 47 Milton Road East, Edinburgh. EH15 2SR. Telephone: 0131 657 2000, Fax: 0131 657 5000, Email: news@crossreach.org.uk

Social Care Council

2

Operating as CrossReach Scottish Charity number: SC011353

A Gaelic version of CrossReach News is available to download from our website: www.crossreach.org.uk

www.crossreach.org.uk


Com-pàirteachas, Bochdainn, Luaidh agus Proifeasantachd

Peter Bailey and his grandson

A’ coimhead a-mach air uinneag na h-oifis agam air latha brèagha grianach anns a’ Ghiblean, tha mi a’ dèanamh gàirdeachas a’ faicinn sheallaidhean de bheatha ùr timcheall an àite; duilleagan agus fàs ùr air na craobhan agus an deagh chùram a tha ar gàrradairean dìleas a’ toirt air na planntaichean agus na gucagan ùra. Ged is e seo crìochan m’ eòlais air gàrradaireachd, bhuail e orm gu bheil coimeas eadar seo agus obair Cloinne agus Teaghlaich againn a tha air a shònrachadh air feadh na h-iris seo. Mar mhòr-chomann, mar eaglais, agus mar dhaoine tha uallach mòr oirnn a thaobh ar cloinne is ar n-òigridh gus an altram, gus an cuideachadh fàs agus leasachadh, airson a’ chothruim as fheàrr a thoirt dhaibh anns a’ bheatha seo. Sin an t-adhbhar a tha mi air mo dheagh mhisneachadh, mar a bhios sibh fhèin tha mi an dòchas, leis an raon de dh’obair a tha a’ nochdadh anns an iris is a tha a’ toirt taic do chloinn is do dh’òigridh de gach aois agus uaireannan dha na teaghlaichean aca. Mar mhac mhinisteir, chan urrainn dhomh teachdaireachd a lìbhrigeadh gun trì no ceithir puingean a bhith innte! Mar

sin, an uair a bha mi a’ leughadh tro na h-artaigilean smaoinich mi air ceithir puingean–Com-pàirteachas, Bochdainn, Luaidh agus Proifeiseantachd. Thuirt Henry Ford turas: “Ma bhios a h-uile duine a’ gluasad air adhart còmhla, thig soirbheachas na lùib.” Tha an t-uiread de sgeulachdan soirbheachail anns na duilleagan seo, ach coimhead gu faiceallach, tha an t-uiread air tighinn a-mach à obair com-pàirteachaidh, obair le daoine agus buidhnean eile: Co-bhanntachd Càirdeachadh Dhùn Èidinn, Pròiseact THRIVE le Ionad Comhairleachaidh is Taic Luchd-tadhail Prìosan Pheairt, obair rannsachaidh le Co-bhanntachd Bhuidhnean Comhairleachaidh Albannaich agus Oilthigh Abertay, tiodhlacan bho eaglaisean mar Eaglais Sgìre Dalgety, cùirtearan sùghaidhfuaim bho Bhuidheann Coimhearsnachd Chathair-eaglais Naomh Ghilleasbaig, iad sin uileadh nan eisimplearan de chompàirteachas a chuidicheas na daoine a bhios a’ cleachdadh ar seirbheisean.

Peter Bailey Chief Executive Officer, Secretary of the Social Care Council

Nar mòr-chomann ùr-nodha, mar a chanar, chan urrainn ach uabhas a bhith ann leis an staitisteig gu bheil 220,000 òigridh ann an Alba – no 1 leanabh anns gach 5 am measg sluagh na cloinne – beò ann am bochdainn. Tha uallach oirnn uile anns an t-suidheachadh seo agus chìthear gu bheil mòran de na proiseactan againn a’ feuchainn ri diofar a dhèanamh airson na cloinne seo. Tha tòrr a bharrachd a bu chòir agus a dh’ fheumas a bhith air a dhèanamh agus cumaidh sinn oirnn ag obair ann an com-pàirteachas gus cothroman agus maoineachas a shireadh is bidh sinn a’ cumail oirnn a’ dèiligeadh ris na cùisean bochdainn seo. Tha na toraidhean bhon Rannsachadh Luchd-cleachdaidh Seirbheis againn follaiseach agus bhiodh e ro-fhurasta an cleachdadh airson soirbheachas na seirbheis a mholadh. Ach an rud a tha iad gu fìrinneach ag innse is e sin sàr obair ar luchd-dreuchd gach latha den bhliadhna. Is e moladh gu dearbh airson an luchddreuchd a tha anns na toraidhean agus bho na dearbh dhaoine a tha a’ faighinn taic bhuapa. Is iad ar luchd-obrach an goireas as motha a tha againn, agus às an aonais cha b’ urrainn dhuinn, ann an ainm Chrìosda, taic a thabhainn do mhuinntir na h-Alba a tha ann an suidheachadh èiginneach. Mar eisimplearan air seo, thoir sùil air na h-artaigilean air na sgeulachdan cruth-atharrachaidh mu Choimhearlachadh CrossReach agus Pròiseact Daisy Chain. An uair sin, leugh mun t-seirbheis 20 bliadhna (agus a’ dol fhathast!) aig Sandy Russell mar mhanaidsear aig The Mallard agus an dealas aige airson na h-obrach sin fiù às deidh bhliadhnaichean mòra. Is e iomairt ana-mhòr a tha ann an ‘Ga Fhaighinn Ceart airson Gach Leanaibh’ ma tha sinn gus altram a thoirt dar cloinne agus dar n-òigridh. Tha buaidh aige seo oirnn uile anns a’ bhuidheann agus tha mi ro-thoilichte gu bheil proifeiseantachd mhanaidsearan ar Seirbheisean Teaghlaich agus Cloinne ri fhaicinn anns na planaichean gus trèanadh mothachaidh a thoirt dar seirbheisean gu lèir, co-dhiù daoine nas sine, inbhich no clann agus teaghlaich. Tha mi an dòchas gum misnich an iris seo de CrossReach thu nuair a leughas tu mun obair againn le cloinn, òigridh agus teaghlaichean, ach cuideachd gun toir e smuain ort cuimhneachadh gu bheil am maith-san anns an àm ri teachd a’ tuiteam oirnn uile.

3


Counselling

Taic Deimhinneach Tha faclan mar seo rin cluinntinn gu tric aig Seirbheisean Comhairleachaidh CrossReach a bhios ag obair ann an iomadh àite air feadh Alba, a’ tairgsinn comhairleachadh do chloinn agus inbhich. Fulangaidh aon às gach ceathrar trioblaid inntinn uair air choreiginn nam beatha. Le sin cha robh riamh uiread de dh’fheum air seirbheisean mar seo no air an t-seòrsa taic leigheasail a thatar a’ tairgsinn.

4

Is iad na h-adhbharan as cumanta a tha aig daoine airson taic a shireadh bruthadhinntinn agus iomagain. Dh’fhaodadh iad seo tòiseachadh air sgàth tachartasan eadar-dhealaichte mar bhròn, buiridheachd, a’ call dachaigh no obair, droch dhìol, no breith leanaibh agus dh’fhaodadh seo ìre ruigheachd is gun tig faireachdainnean gu bheil cùisean a’ faighinn làmh an uachdar no nach eil e comasach cùisean a leasachadh. Tha e na dhuilgheadas do mhòran a tha fo iomagain agus fo bhròn bruidhinn mu dheidhinn air eagal gum bi iad nan uallach no nach tuig daoine iad is gun toirear breith orra. Le sin dh’fhaodadh gum fàs iad aonaranach. Tha comhairleachadh a’ tairgsinn dòigh shàbhailte do dhaoine airson a bhith coinneachadh, airson a bhith a’ dèanamh ciall de na tha air tachairt dhaibh, airson a bhith ag obair air slighe a-mach às an àmhghar aca agus gus dòighean ùra airson tuigsinn agus dèiligeadh ris na suidheachaidhean aca a lorg. Bheir seo taic dhaibh a bhith nas riaraichte lem beatha. A bhith a’ tuigsinn dè tha ag obair agus carson, sin pàirt chudromach airson dearbhadh gu bheil sinn a’ faighinn rudan ceart airson clann agus an teaghlaichean. Ann an 2014, ghabh Jacqui Lindsay bho Comhairleachadh CrossReach Lodainn agus Anna Goldie bho Ionad Tom Allan ann an Glaschu pìos rannsachaidh os làimh còmhla ri Co-bhann Bhuidhnean Comhairleachaidh Albannaich agus Oilthigh Abertay gus beachdan luchdcleachdaidh a chlàradh air cho buannachdail is a tha comhairleachadh agus gus tuigsinn nas fheàrr dè dh’atharraich. Chuirte luaidh air an rannsachadh agus fhuair Jacqui agus Anna cuireadh aithisg a thoirt seachad aig co-labhairtean de Chaidreachasan Comhairleachaidh agus Saidhco-leighis Breatannach agus Roinn Eòrpach. “Anns an fharsaingeachd, fhuair sinn a-mach gun robh luchd-dèiligidh ag ràdh gun robh atharrachadh air tighinn air an

Jacqui Lindsay and Anne Goldie

“Tha mi an dùil nach bithinn beò, mur b’ e an t-seirbheis seo. Tha e air mo bheatha a shàbhladh.” dòigh is a bha iad a’ làimhseachadh nam faireachdainn aca. Thuirt iad gun robh iad a’ faicinn nam beathan aca ann an dòigh eadardhealaichte air sgàth a’ choimhearlachaidh, gun robh comas aca na beathan aca athrianachadh, co-dhùnaidhean a ruigheachd, agus sgilean ùra agus innleachdan ùra a chleachdadh airson dèiligeadh le duilgheadasan. Thuirt iad mun dèidhinn fhèin gun robh iad air ‘guth a lorg’.” Bha e na chofhurtachd do Jacqui agus Anna a chluinntinn gun robh luchd-dèiligidh a ghabh pàirt anns an rannsachadh a’ faicinn gun robh na seirbhisean comhairleachaidh againn ‘sàbhailte’ agus ‘earbsach’. Faodaidh buaidh fharsaing a bhith aig na sochairean is chan ann dìreach airson an neach fhèin ach airson buill eile den teaghlach, mar a dh’inns Cuairtiche Slàinte à Glaschu o chionn ghoirid. Bha i air màthair ùr a chur gu Bluebell seirbheis slàinte inntinn mu àm-breith gus comhairleachadh fhaighinn oir bha cùram oirre, chan ann mun mhàthair a-mhàin ach cuideachd

mun leanabh a bha neo-sgairteil agus nach robh a’ dèanamh ceangal leis a’ mhàthair. O chionns gu bheil ceangal làidir na phrìomhachas ann an soirbheachas leanaibh, bha e cudromach dhi-se gun lorgar an taic cheart gu luath. A’ tadhal air a’ mhàthair 6 mìosan an dèidh sin, cha b’ urrainn dhi creidsinn gur e an aon leanabh a bha ann oir bha e a’ soirbheachadh agus bha an ceangal eadar màthair agus leanabh gu follaiseach nas làidire. B’ e am facal aice san dealachadh: “Tha seirbheis Bluebell ag adhbhrachadh mhìorbhailean.” Gach bliadhna tha na ceudan a’ cleachdadh ar seirbheisean comhairleachaidh le 97% dhiubh ag ràdh gu bheil gnè na beatha aca nas fheàrr air sgàth na seirbheis a fhuair iad. Tha CrossReach ceangailte ri goireasan a chur a-staigh agus leasachadh a dhèanamh air a’ phàirt seo de shlàinte inntinn a tha gu math tric air mì-thuigsinn, gus an cur tòrr a bharrachd dhaoine eòlas air an leigheas agus air an dòchas as urrainn dha lìbhrigeadh.


Spotlight

Fiosrachadh às ùr Sheirbheisean Cloinne agus Teaghlaich Tha Viv Dickenson a’ mìneachadh mar a tha Seirbheisean Cloinne agus Teaghlaich a’ dèiligeadh ri atharrachaidhean anns an lagh agus ann am maoineachas. Is e rud doirbh a tha ann tèarainteachd, dìon, agus deagh-ghnè a chothromachadh agus a ghlèidheadh ann an saoghal caochlaideach. Ach, is e seo an rud a tha air iarraidh oirnn ann an saoghal cùraim shòisealta agus, dh’fhaodar a ràdh, gu bheil a’ bualadh air Seirbheisean Cloinne agus Teaghlaich gu sònraichte. Tha e aithnichte gu feumar bunait làidir a bhrosnachadh agus a leasachadh airson cheanglaichean a neartachadh is gum bi clann agus an teaghlaich no an coimhearsnachdan a’ fàs gu fallainn is gu dòigheil. Tha tòrr den chlann leis am bi sinn ag obair ann an cunnart bho iomadh rud, mar bhochdainn, ciorram, mì-chleachdadh dhrugaichean, stiogma slàinte inntinn, leth-bhreth, agus an teaghlach a’ tuiteam às a chèile. Ach a dh’aindeoin sin, tha aca ionmhas thàlantan agus chomasan nàdarra. Le bhith a’ dèanamh cinnteach gum bheil suidheachadh earbsach agus sàbhailte aca anns gach seirbheis, tha seo a’ toirt cothrom dhuinn an cuideachadh airson buaidh fhaighinn air na duilgheadasan sin agus a shoirbheachadh. Ach tha atharrachaidhean timcheall oirnn fad na tìde is sinn a’ dèiligeadh ri filleadh a-steach còmhla ri cùram slàinte agus sòisealta, buidseatan taic fèin-stiùirichte a’ tòiseachadh, agus dòighean ùra air seirbheisean a choimiseanadh agus a mhaoineachadh. Dh’fhaodadh iad sin mì-chinnt agus dì-mhisneachd adhbhrachadh. Tha gach sgioba againn a’ dèiligeadh ris na dùbhlannan seo ann an dòighean eadar-dhealaichte agus leughaidh tu mu chuid de na leasachaidhean seo anns an iris seo de CrossReach News. Tha aon de na h-iomairtean as ùra againn, a tha a’ dèanamh cinnteach gu bheil ceanglaichean sàbhailte agus taiceil aig clann agus òigridh, a’ tighinn bho thaobh a-staigh nan seirbheisean foghlaim agus cùram còmhnaidheach againn. Tha sinn nar aon de na dhà sheirbheis còmhnaidheach anns an dùthaich a fhuair dearbhadh bhon Dyadic Developmental Psychotherapy Institute (DDPI) gus tòiseachadh air Teisticheadh Buidhneil DDP gu foirmeil. Tha an luchd-obrach gu lèir air a bhith a’ leasachadh dòighobrach shònraichte a rèir phrionnsapalan DDP airson clann a tha a’ fulang bho dhochainn cruaidh. Tha Edwina Currie, a tha air a bhith

a’ toirt taic dhan obair seo, a’ coimhead air ‘mar dhòigh a bhith còmhla ris a’ chlann agus ri chèile a bhios a’ cuideachadh le deagh cheanglaichean air gach taobh agus a’ toirt agus a’ faighinn cofhurtachd agus sòlas.’ Bheir teisteanas DDP cothrom dhaibh an obair seo a leudachadh. Tha leigheas cheanglaichean aig cridhe na h-obrach seo. Is e iomairt eile a tha againn a bhith ag obair gu cruaidh leis a’ mhaoineachas a fhuair sinn bho Riaghaltas na h-Alba gus taic a thoirt dhan rùn aca a bhith a’ dèanamh Alba an t-àite as fheàrr airson a bhith a’ fàs suas le bhith ga fhaighinn ceart airson gach leanabh. Is iad an sgioba ConneXions a tha a’ stiùireadh seo. Tha iad air a bhith a’ cuideachadh le cuid de na pròiseactan rannsachaidh agus leasachaidh againn air soirbheachas, seasmhachd agus togail-airgid – a’ feuchainn gum bi cùisean a’ leantainn anns an àm ri teachd airson na daoine a bhios a’ cleachdadh ar seirbheisean. A bharrachd air sin tha an sgioba air a bhith a’ toirt taic do dh’òigridh ann an 9 eaglaisean eadar-dhealaichte gus an fheallsanachd aca a leudachadh a thaobh a bhith togail choimhearsnachdan nas làidire. Tha seo suidhichte air a bhith a’ toirt taic dhan a’ chlann agus dha na teaghlaichean a tha a’ fuireach annta. Tha an sgioba air a bhith na chom-pàirtear gnìomhach le Church of Scotland Youth (CoSY) anns an obair seo. Is dòcha nach urrainn dhuinn smachd a chumail air an t-saoghal timcheall oirnn, ach faodaidh sinn taghadh mar a dhèiligeas sinn ris. An-dràsta tha sinn a’ dèiligeadh ris an t-sìor atharrachadh timcheall oirnn le bhith a’ cumail oirnn ag obair bho bhunait chinnteach le bhith feuchainn ri thuigsinn dè tha cudromach dha na teaghlaichean a thig thugainn airson cobhair; le bhith dèanamh cheanglaichean làidir leotha; agus a’ leigeil leinn mar phearsannan agus compàirtearan a bhith a’ fàs agus a’ leasachadh ann an dòighean ùra gus am bi sinn a’ soirbheachadh còmhla.

“Tha tòrr den chlann leis am bi sinn ag obair ann an cunnart bho iomadh rud, mar bhochdainn, ciorram, mìchleachdadh dhrugaichean, stiogma slàinte inntinn, leth-bhreth, agus an teaghlach a’ tuiteam às a chèile.”

Is i Viv Dickenson Stiùiriche, Seirbheisean Cloinne agus Teaghlaich airson CrossReach

5


A’ Dèanamh Eadar-dhealachadh

Sgeul Hafsah Tha seirbheis Daisy Chain anns an sgìre ioma-chulturach Govanhill ann an Glaschu a’ tairgsinn cothrom do chloinn agus an teaghlaichean, gu tric ann an suidheachaidhean doirbh agus bochdainneach, a thighinn còmhla gus taic, comhairle, cuideachadh practaigeach agus càirdeas fhaighinn. Tha tòrr den obair suidhichte timcheall cluich agus pàrantachadh. Bheir seo an cothrom as fheàrr do chloinn agus am pàrantan ceanglaichean deimhinneach a chruthachadh gus faighinn seachad air duilgheadasan còmhla is a neartachadh chothroman airson an àm ri teachd. On a dh’fhosgail Daisy Chain ann an 2012 chuirear fàilte air tòrr cloinne Albannaich cho math ri feadhainn à 17 dùthchannan eile, a’ cur luach air an iomadachd bheartach aca agus a’ sgapadh chnapan starra.

6

Fhuair Yasmen a-mach mu Daisy Chain an uair a bha i a’ coimhead airson àite a chuidicheadh i-fhèin agus a nighean Hafsah aig a bheil ciorram claisneachd. Cha b’ urrainn dhi ach buidhnean a lorg a bha a’ cuideachadh phàrantan a bha bodhar is nach robh a’ freagairt air na feumalachdan aicese. Bha i air aon bhuidheann fheuchainn ach cha robh e a’ còrdadh ri Hafsah. Mus tàinig i gu Daisy Chain, bha Hafsah sàmhach, na tost, gun co-luadar; bha i a’ cumail greim air a màthair agus cha robh cothrom air a bhith aice sgilean sòisealta a leasachadh. Bha feum aice air àite a bheireadh dhi structar na beatha is a dhèanadh deiseil i airson sgoil-àraich. Roghnaich Yasmen a thighinn gu Daisy Chain oir thug e cothrom do Hafsah a bhith a’ cluich ann an àrainneachd a leasachadh nan sgilean meachair motair nìuron aice. Tro bhith a’ tighinn gu seiseanan cluiche agus a’ coinneachadh luchd-obrach a bha nan eòlaichean agus tuigseach mu na

feumalachdan aig Hafsah thòisich Hafsah ag abachadh. Tha Yasmen a’ faireachdainn gur e an t-atharrchadh as cudromaiche an ceangal a tha air fàs eadar màthair agus nighean. Le bhith a’ faighinn àm airson a bhith a’ cluich còmhla, tha an ceangal eatorra air fàs agus air misneachd a thoirt dhi. Tha barrachd chothroman ann gus pàirt a ghabhail ann an gnìomhan eadar-dhealaichte, barrachd cainnt a chleachdadh, agus sgilean ùra agus càirdeas le clann eile a leasachadh. Tha seo ga cuideachadh a bhith nas càirdeile agus neo-eisimeile. A cheart cho cudromach, tha Mam air càirdeasan ùra sa choimhearsnachd a dhèanamh tro bhith tighinn dha na seiseanan cluiche agus tha e a’ còrdadh gu mòr rithe àite fhaighinn far am faod i fois a ghabhail. Is i buannachd chudromach eile den bhuidheann an cothrom a tha aig na daoine eadar-dhealaichte a bhios a’ toirt taic do Hafsah a thighinn còmhla gus beachdachadh air dè bhios roimhpe. Thadhail Cairistiona an tidsear ionadail in-ghabhail airson

bhliadhnaichean tràtha o chionn ghoirid. Bha i air leth toilichte leis mar a bha Hafsah a-nis a’ cluich agus a’ còmhradh le misneachd ris a’ chlann eile. Tha i a’ faireachdainn gu bheil Hafsah deiseil airson sgoil-àraich anns an Lùnastal agus bidh an sgioba ag ullachadh aithisg airson na sgoil-àraich airson sealltainn an t-adhartas mòr a tha i air a dèanamh ann am misneachd agus agus ann an comas. B’ i Mam a mhol an sgioba taic a thoirt a-steach. Bha i ro-thoilichte gun do dh’èist an luchdobrach aig Daisy Chain rithe cuideachd, a’ leigeil latha fhaicinn gun robh sinn a’ cur luach air a’ chuideachadh aicese mar phàrant, a’ feuchainn a dhìcheall a dhèanamh airson a leanabh. B’ e an rud a bu chudromaiche do Yasmen an turas samhraidh aig Daisy Chain dhan Sù. Cha b’ e rud cunbhalalch a bha seo dhi oir cha robh misneachd aig Mam a dhol air tursan ron seo. Bha riamh ùidh aig Hafsah ann am beathaichean agus bha e an comas dhi làn phàirt a ghabhail le caraidean. Bha i sàr-thoilichte leis an tachartas air fad.


Ga fhaighinn Ceart Airson Gach Leanaibh

Prìomh Phuingean airson eaglaisean:

1

‘‘Agus ge bè a ghabhas aon leanaban de a leithid seo

Airson grunnan bhliadhnaichean tha Riaghaltas na h-Alba air cuireadh a thoirt do bhuidhnean, còmhlannan, agus pearsannan gus cuideachadh ann a bhith a’ dèanamh Alba an t-àite as fheàrr airson a bhith a’ fàs suas. Leis an tuigse gu bheil tòrr neo-ionannachdas sa chomann-shòisealta ann an Alba, tha an iomairt ‘Ga Fhaighinn Ceart Airson Gach Leanaibh’ (GIRFEC) a’ cur cuideam air daoine a chuideachadh gus an tuig iad dè dha-rìribh a tha a’ dèanamh diofar ann am beathan cloinne agus an teaghlaichean agus dè dh’fheumas iad a dhèanamh airson an diofar sin a dhèanamh. Nuair a bhios clann agus daoine òga a’ fas suas dh’fhaodadh gum bi trioblaidean anns an dol seachad aig feadhainn, dh’fhaodadh gum bi dùbhlannan làitheil aig feadhainn eile, agus dh’fhaodadh gum bi duilgheadasan nas tointe aig feadhainn eile. Chaidh aontachadh ri Achd Clann agus Daoine Òga Alba (CYPA) anns a’ Ghearran 2014 agus an t-Aonta Rìoghail anns a’ Mhàrt 2014. Tha maitheas cloinne agus dhaoine’ òga aig teas meadhain na h-Achd agus tha i air a dhealbh gus atharrachaidhean deatamach a thoirt a-steach gus an ruig clann an làn comais. Tha dòigh GIRFEC suidhichte air maitheas. Tha seo iomlanach anns an dòigh a bhios e a’ coimhead air leanabas. Tha ochd taisbeanairean de mhaitheas ann: Sàbhailte, Fallainn, Coilionadh, Àraichte, Gnìomhach, Measalaichte, Ciallach, agus In-ghabhalaichte. Tha air iarraidh oirnn an cleachdadh an uair a bhios sinn a’ beachdachadh air mar a fhrithealas sinn clann agus daoine òga nar coimhearsnachdan. Tha CrossReach dealasach ann a bhith dèanamh cinnteach gu bheil ar seirbheisean air fad a rèir prionnsapalan GIRFEC. Tha sinn cuideachd a’ cuideachadh na h-eaglais anns an fharsaingeachd gus cnuasachadh air mar a dhèiligeas iad ri clann agus daoine òga.

Is e Jamie Hayward an ciad preantas oifigeil aig CrossReach. Bidh i a’ sgrùdadh Gnìomhachas agus Rianachd SVQ Ìre 3. Mas àill leat tuilleadh fiosrachaidh air rud sam bith mu GIRFEC, faodaidh tu Jamie a ruigheachd air: 0131 657 2000.

ann am ainm-sa, gabhaidh e mise.’ Dè cho furailteach is a tha d’ eaglais agus a h-àireannachd do chloinn, daoine òga, agus an teaghlaichean? Coimhead air na sanasan mu timcheall agus an dòigh anns a bheil fiosrachadh air a sgaoileadh. Beachdaich air na cleachdaidhean a tha air fàs suas agus is dòcha a tha a’ gearradh dhaoine òga a-mach. A bheil atharrachaidhean beaga a dh’fhaodar a dhèanamh airson fàilte mhòr a thoirt seachad.

2

Dè cho sàbhailte is a tha a’ chlann agus na daoine òga a bhios a’ tighinn dhan eaglais agad no anns a’ choimhearsnachd agad agus a bheil fios agad càite an tèid thu airson na draghan agad innse no fiosrachadh a’ roinn ann an dòigh taiceil. Tha Achd na Cloinne air dèanamh cinnteach gum faigh gach leanabh neach ainmichte a bhios an urra ri fiosrachadh a thional anns an àm ri teachd - is coltach gum bi seo an Cuairtiche Slàinte airson clann fo aois 3 agus an Ceannard Sgoile airson clann-sgoile.

3

Tha sinn uile ag iarraidh gum bi clann fallain agus gum

4

fàs iad suas slàn beò fallain. Ged a bhios d’ eaglais a’ cur cuideam air clann a chuideachadh a bhith beò fallain gu spioradail, dè cho math is a tha d’ eaglais agus an fheadhainn a bhios ga cleachdadh air cothroman eile a thairgsinn do chloinn a thaobh slàinte - bho na biadhan a bhios air an tabhainn gus na cur-seachadan a bhios aca.

Dè an guth a bhios aig clann, daoine òga is an

5

teaghlaichean an uair a thig e gu cur-seachadan agus tachartasan a dhealbh dhaibh no smaoineachadh mun àrainneachd sam bi iad a’ cluich. Tha clann math air beachdan cruthachail a thoirt seachad gus rudan a dhèanamh nas fheàrr dhaibh fhèin agus na coimhearsnachdan mun timcheall - fiù ‘s clann gu math òg, faodaidh iadsan deagh fhiosrachadh a thoirt seachad.

Ma thu a dh’aona ghnòthach airson gum bi clann agus

6

an teaghlaichean a’ gabhail pàirt ann am beatha na h-eaglaise agad agus airson chùisean a dhèanamh nas fheàrr dhaibh nan coimhearsnachdan, dè fios a tha agad mu na dòchasan agus na h-iarrtasan aca, agus dè na cnapan starra a tha anns an rathad? Faighnich mar a dh’fhaodadh d’ eaglais na cnapan starra sin a thoirt air falbh.

Dèan cinnteach gum bi FEALLA-DHÀ ann! Bidh tòrr eòlaichean ag innse gur e an teaghlach a chluicheas còmhla a dh’fhuiricheas còmhla. Faodaidh cluich is gàireachdaich (as bith dè an aois) gar cuideachadh le bhith faireachdainn gu bheil sinn air an gabhail a-steach agus gu bheil ceangal làidir againn ris a’ choimhearsnachd. Dè na cothroman a tha ann gus a bhith a’ cluich agus gus cluich a bhrosnachachadh mar theaghlach eaglaise? Ciamar a tha seo air a ghiùlan do na daoine agus dhan àrainneachd mun cuairt?

7


Partnerships

Co-bhanntachd Càirdeachadh Dhùn Èideann

8

Is e CrossReach aon de na com-pàirtichean ann an Co-bhanntachd Càirdeachadh Dhùn Èideann a chaidh a chur air bhog le Iarr Àrdmhorair Pròbhaist Dhùn Èideann Deirdre Brock anns an Dàmhair 2014. Thug Lloyds TSB Foundation agus Comhairle Bhaile Dhùn Èideann mòladh mòr seachad do cho-bhanntachd CrossReach Sunflower Garden, Children 1st agus Ionad Broomhouse airson a bhith cho soirbheachail. Tha iad seo air seirbheis càirdeachaidh a leasachadh air feadh a’ bhaile mhòir gus na cothroman beatha a dhèanamh nas fheàrr aig clann agus daoine òga eadar 5 agus 16 aig an robh pàrantan a bha fo bhuaidh mì-cleachdadh stuthan. Tha targaid aca gus neachcàirdeachaidh a sholarachadh do 60 daoine òga ann an Dùn Èideann gach bliadhna. Bidh an co-bhanntachd cuideachadh le bhith a’ toirt taic le obair Dealbhadh Cloinne gus nach bi na daoine òga ann an uireasbhaidh agus gus nach tig iad fo bhuaidh ionnsramaidean reachdail. Is i a’ bhuaidh a thig à seo: slàinte tòcail nas fhallaine, misneachd nas làidire, miann airson obair sgoile, barrachd thachartasan airson òigridh anns na coimhearsnachdan aca, agus lionra sòisealta nas fharsainge. Nuair a chaidh a’ cheist a chur air ciamar a dh’fhaodadh an t-seirbheis a bhith air a dhèanamh na b’ fheàrr, thuirt aon phàrant: ‘Ciamar as urrainn dhut rud a tha iomlan a dhèanamh nas fheàrr?” Agus thuirt pàrant eile: “Tha caraidiche a’ mhic agam mar aingeal falaichte!”

Be Part of it! Àite cluiche – ‘Loc de Joaca’ Thatar ag aithneachadh barrachd is barrachd an t-àite air leth a tha aig cluich ann an òige shona cho math ri bhith riatanach do leasachadh clann mar phearsannan agus mar bhuill den chomann-shòisealta. Thairis air a’ bhliadhna a dh’fhalbh tha Daisy Chain air soirbheachadh ann am pròiseact a thòiseach iad suidhichte timcheall cluiche airson teaghlaichean Roma à Romàinia aig a bheil clann bho aois naoidhein gu aois 5 is a tha a’ fuireach ann an Govanhill. Dh’inns manaidsear a’ phroiseict, Liam Weir, do Naidheachdan CrossReach: “Tha an sgìre seo ann an Glaschu tè anns a’ bheil iomadh uireasbhaidhean agus tha ar n-obair gus an seo air sealltain dhuinn nach eil cothrom aig mòran theaghlaichean Ròma air dèideagan no goireasan cluiche nan

dachaighean. Tha na ceanglaichean a tha air sinn air togail leis na teaghlaichean a tha a’ cleachdadh na seirbheis air teagasg dhuinn nach robh cothrom aig tòrr de na pàrantan sin cluich nuair a bha iad nan cloinn. Le sin, tha e doirbh dhaibh a bhith a’ cluich còmhla ris a’ chloinn aca fhèin. Le bhith a’ faighinn taic bho Bhliadhnaichean Tràtha Alba agus Glasgow Life, tha an t-seirbheis air diofar mhòr a dhèanamh do theaghlaichean Ròma, gan cuideachadh le ceanglaichean teaghlaich a leasachadh agus le ceanglaichean anns a’ choimhearnsachd-ionadail. Tha grunnan theaghlaichean a-nis air am misneachadh gus seirbheisean foghlaim agus slàinte a chleachdadh. O chionn ghoirid fhuair sinn tuilleadh airgid bho ‘Go To Play’ a bheir cuideachadh dhuinn Innleachd Nàiseanta Cluiche ann an Alba a lìbhrigeadh.” Play Strategy in Scotland.”


Saor-thoileach Freya A’ Coisinn Duais Tha barrachd air 200 saor-thoilich a’ tairgsinn dhuinn na h-ùine agus an tàlant aca gach bliadhna gus beathan cloinne agus theaghlaichean a leasachadh air feadh na h-Alba, agus tha sinn a’ faighinn beannachd bhuapa. Tha iomadh dòigh ann airson a thighinn a-staigh còmhla rinn gus ar seirbheisean a chuideachadh agus tha sinn an-còmhnaidh a’ faighinn a-mach gu bheil ar saor-thoilich a’ toirt dealas ùr agus spionnadh do phròiseactan eadardhealaichte. Seo an sgeul soirbheachail aig aon de na saor-thoilich againn... Meal-a-naidheachd air saor-thoileach ConneXions Freya Boyes a choisinn an Saltire Awards Summit Award anns a’ Mhàrt. Seo a sgeul: “Tha mi air 386 uair a thìde a chur seachad air obair shaor-thoileach on a ghluais mi a Dhùn Èideann agus bha a’ chuid bu mhotha dhiubh an uair a bha mi aig ConneXions agus aig àm a bha mi a’ faighinn air ais air mo chasan (gu fìor litireil!). Bha e math dhomh obair oifis fhaighinn agus tachartas a chur air dòigh. Tha mi a’ làncreidsinn mur b’ e gun d’ fhuair mi obair tron bhliadhna ud, cha bhithinn air adhartas cho mòr a dhèanamh agus bhiodh ceist ann mum thilleadh gu foghlam làn-ùine a-rithist. Bha e math fhaighinn a-mach às an taigh agus mo thìde a chleachdadh gu torrach gus pròiseact a choilionadh.” Tha Tanya Anderson (Iarrmhanaidsear Gnìomhadh agus Atharrachadh airson CrossReach) làn mhòladh do Freya: “ Rinn i barrachd na chaidh iarraidh oirre gu cunbhalach, a’ stiùireadh agus a’ rianadh a h-obair fhèin agus aig an aon àm a’ cuideachadh buill den sgioba. Bha a neart agus a gàire a’ cuideachadh gach duine san sgioba. An uair a thòisich i mar bhall den sgioba shaor-thoileach aig Pròiseact Alba, bha tiùrr de phròiseactan a’ feitheamh. Ghabh Freya os làimh obair rianachd oifis, a’ dèanamh cinnteach gun robh uidheamachd oifis ann dhan a h-uile duine. An toiseach chaidh iarraidh air Freya stòr-dàta de ainmean is shèolaidhean

freagarrach a chur ri chèile, an dèidh sin dh’fhoighnich i am b’ urrainn dhi bhith Co-ordanaiche Thachartasan airson iomairt trèanaidh ùr a bha a’ dol a bhith ann do Chom-pàrtaichean Òga Eaglais na h-Alba. Ghabh i, fiu ‘ s, aon de na prìomh phàirtean ann am film sanasachaidh airson an tachartais, air a chraoladh air mòran de na seanalan mheadhanan sòisealta. Tha Freya air a bhith ag obair gun sgur gus dèanamh cinnteach gun deach an àireamh as motha as urrainn a choinneachadh agus a chuideachadh. Bhruidhneadh i ri daoine gu spèiseil agus gu laghach. A bharrachd air an luchdlabhairt a chuideachadh, thug i taic dha na 30 aoidh - bho a bhith a’ dèanamh cinnteach gun robh am biadh ceart aig daoine gu bhith a’ cuideachadh le atharrachaidhean siubhail suas dhan a’ mhionaid mu dheireadh. Thadhail i air an taigh-òsta i fhèin gus bruidhinn ris a’ Mhanaidsear agus gus coimhead air na rùmannan. Nuair a bha i a’ bruidhinn ri aoidhean mu na goireasan anns an taigh-òsta bha fios aice cò air a bha i a-mach! Bha Com-pàirtichean Òigridh a’ tighinn cho fad air falbh ri Inbhir Nis agus feadhainn dhiubh gun an dachaigh fhàgail gus an sin, ach chuir Freya fàilte mhòr orra agus dh’fhairich iad mar gun robh iad ‘aig an taigh’. Dh’ainmich a h-uile duine dè cho math is a bha an tachartaas air a ruith. Bha seo an urra ri dìcheall Freya anns an sgioba. Tha sinn air leth toilichte gun do bhuannaich i an Saltire Award agus nam bheachd is ro-àiridh i air.”

Tha Ionad Comhairleachaidh is Taic Luchdtadhail Prìosan Pheairt ag obair ann an co-bhanntachd le grunn bhuidhnean agus is aon dhiubh THRIVE. Tha am pròiseact seo air a stiùireadh le Barnado Alba ann an com-pàirteachas le Comhairle Pheairt is Cheann Rois, Comhairle Aonghais, CrossReach agus Enable, agus compàirtichean Seirbheis Prìosan Pheairt, Just Play, agus NHS Taobh Tatha. Tha THRIVE ag obair le clann aig a bheil pàrant sa phrìosan agus tha e ag amas air cùisean a leasachadh airson clann fo aois 5 agus an teaghlaichean a tha air am bualadh air sgàth pàrant sa phrìosan. Bithear gan cuideachadh gus cothrom a ghabhail air na taicean a tha anns a’ choimhearsnachd. Bidh iad ag obair tro a bhith a’ cur cuideam air càirdeas agus feumalachdan an neach fhèin. Tha an obair seo a’ gabhail àite anns a’ phrìosan agus anns a’ choimhearsnachd, agus gu h-annasach a’ ceangal na dhà ri chèile gus seirbheis stèidhichte air an teaghlach a ruith.

A’ Dèiligeadh ri Bochdainn Tha bochdainn cloinne na chùis iomagain do CrossReach, agus bidh sinn ag obair le grunnan com-pàirtichean gus faochadh a thoirt dhan bhuil a bhios aig bochdainn air clann. Ann am mòran de ar seirbheisean, bidh sinn a’ cleachdadh ghoireasan sònraichte gus bochdainn cloinne fhaochadh. Bidh sinn fhìn a’ tabhainn nam feumalachdan bunaiteach a bhios a dhìth air clann no a’ dèanamh cheanglaichan ri buidhnean eile a tha comasach air barrachd a dhèanamh. Tha cuid de na seirbheisean againn clàraichte gus èarlasan a sgaoileadh airson bancaichean bidhe agus faodaidh iad cuideachadh le cothroman airson stuthan foghlaim agus aodach. Bha sinn air leth toilichte leis an tabhartas bheag a fhuair sinn bho thagradh STV ann an 2014. Bheir seo cuideachadh dhuinn diofar mhòr a dhèanamh do chloinn ann am bochdainn thairis air a ‘ bhliadhna a tha ri tighinn.

9


Naidheachdan ann an Aithghearrachd

Puingean Ùrnaigh

CÙRAM TARSAING NA H-ALBA

For those who wish to pray, please consider •

Na mìltean a tha air a bhith air an cuideachadh tro choinneachadh ri CrossReach on a chaidh a chur air bhog anns an Ògmhios 2005.

Obair Am Mallard ann an Springburn thairis air an 20 bliadhna a dh’fhalbh agus an luchd-obrach a tha a’ tairgsinn cùram agus taic do luchd-cleachdaidh na seirbheis.

Neach-gairm CrossReach, Dr. Sally Bonnar, is i a’ lìbhrigeadh aithris Comhairle Cùram Shòisealta aig an Àrd-sheanadh.

Gach neach agus gach eaglais a bhios a’ togail airgead airson CrossReach ann an iomadach dòigh. Bidh an t-airgead a tha air a thogail a’ cuideachadh CrossReach a’ cumail air cùram a thabhainn do mhuinntir as so-leònte ann an Alba.

Na com-pàirteachasan le buidhnean eile a tha a’ leigeil le pròiseactan mar Co-bhanntachd Càirdeachadh Dhùn Èideann a bhith cho soirbheachail.

An t-iomadh saor-thoileach mar Freya agus Jamie a bhios a’ toirt seachad an ùine, an eòlas, agus an spionnadh gus CrossReach a chuideachadh.

If you would like to receive our free Prayer Diary three times a year, please call 0131 657 2000, or download a PDF version from: www.crossreach.org.uk

Our Mission Statement

10

In Christ’s name we seek to retain and regain the highest quality of life which each individual is capable of experiencing at any given time.

Foghar Ro Mhòr

‘Bùth-obann’ a’ togail barrachd air £3,000 Tha bùthan falbh air na h-àrd-sràidean againn fìor fhreagarrach airson ‘bùth-obann’ (pop-up shop) – bùth neo-bhuan a thogas ìomhaigh no airgead airson adhbhar no carthannas shònraichte. Comhairleachadh CrossReach: Ghabh Lodainn brath air leithid de bhùth ann an Dùn Barra airson seachdain. Reic iad rudan a fhuair iad mar thiodhlac leithid CDs, leabhraichean, agus stuthan taighe. Thog iad an t-suim mhìorbhaileach £3,334 (le tiodhlac cìse) a bhios air a cleachdadh airson seiseanan comhairleachaidh do dhaoine ann an Lodainn an Ear.

Roghnaich Eaglais Sgìre Dalgety gun d’ rachadh an tabhartas bho Iarrtas Latha Taingealachad an Fhoghair gu Ionad Comhairleachaidh is Taic Luchd-tadhail Prìosan Pheairt. Is e Raibeart Arnott co-òrdanaiche an iarrtais: “Chuir sinn iarrtas sgrìobhte do gach taigh anns a’ choithional a’ faighneachd airson tabhartas. Bha Viv Dickenson againn a’ bruidhinn aig Bracaist nam Fear, bha Farpais-cheist Foghair againn air an oidhche, Elaine Waugh (co-òrdanaiche aig an Ionad Tadhail) a’ bruidhinn ris a’ choithional air Sàbaid an Fhoghair, agus a’ crìochnachadh le lòn coithionail. Aig deireadh an iarrtais, bha sinn air an t-sùim mhìorbhaileach a thogail de £3,220 a thug sinn seachad dhan Ionad Tadhail.” Taing do Eaglais Sgìre Dalgety airson an taic mhìorbhaileach a thug iad seachad.

Cùirtearan airson Taigh Cunningham!

A’ Ruith airson CrossReach Bidh 11 luchd-obrach treun bho Thaigh Charis a’ gabhail pàirt ann an rèis 5k air 30 Cèitean, pàirt de dh’ Fhèis Mharathon Dhùn Èideann airson airgead a chruinneachadh gus an cròileagan aig seirbheisean PND Bluebell ann an Glaschu ùrachadh. Mas àill leat airgead a thoirt do na ruitheadairean, tadhail air: justgiving.com/crossreach5k. Ach, cuideigin a ruith na b’ fhaide, b’ i Tanya Anderson à ConneXions, a ghabh pàirt (agus a chrìochnach!) dùbhlan a’ Bhoston Mharathon air 20 Giblean. Tha i cuideachd a’ togail airgead airson seirbheisean PND Bluebell. Faodar tabhartasan fhathast a thoirt seachad aig: justgiving.com/TanyaBluebellPND.

Tha Buidheann Coimhearsnachd Eaglais Naomh Ghilleasbaig air a bhith fada na charaid do Thaigh Cunningham ann an Cowgate, sgìre bheothail ann an Dùn Èideann. Tha suidheachadh an taighe a’ ciallachadh gum faod an fhuaim a bhith gu math àrd aig amannan. Le sin, roghnaich am buidheann airgead a thogail airson ‘cùirtearan fuaimsùghaidh’ a chosgadh barrachd air £7,000. Anns a’ Ghearran, chuir iad air dòigh oidhche còmhla ris an ùghdar Alexander McCall Smith. B’ e fear an taighe an t-Urramach Calum MacLeòid agus chòrd an còmhradh eadar an t-ùghdar agus deasaiche litreachais an Scotsman Dàibhidh Robinson ris an luchdèisteachd. Bha seisean Q&A agus saighneadh leabhraichean as a dhèidh. Leis an t-airgead a bha air a thogail ro làimh agus leis na thàinig bhon tachartas, ràinig iad an targaid. Thuirt Dàibhidh Marsland, Manaidsear Seirbheis Taigh Cunningham, gu bheil luchd-obrach agus luchd-còmhnaidh a’ coimhead air adhart ris na buannachdan a thig às na cùirtearan ùra.


Our Staff

Mi-fhìn is M’ Obair Thug sinn sòraidh slàn o chionn ghoirid do dhuine òg a tha air a bhith a’ fuireach aig The Mallard airson 12 bliadhna. Thàinig an tacsaidh airson a thoirt dhan dachaigh ùr aige - sin na tursan tiamhaidh. Tha an tuigse gu bheil Jamie toilichte na dhachaigh ùr agus gun robh comas againn e fhèin is a theaghlach a chuideachadh thairis nam bliadhnaichean ga dhèanamh nas fhasa dhuinn uile. Is e deireadh sgeòil eile a tha ann. Am feasgar sin bha mi a’ cur air dòigh àite airson neach òg eile - sgeulachd eile a bhios ri innse. Dh’fhosgladh The Mallard gu h-oifigeil air 2 Màrt 1995. Thug mi dealbhan a-mach den fhosgladh agus chuir mi air a’ bhalla iad. Cha do dh’aithnich duine mi bho na dealbhan - is e ùine fhada a tha ann am 20 bliadhna! Tha mi air a bhith a’ siubhal an aon rathad a h-uile madainn, a’ dol tron aon doras agus a-steach dhan aon oifis - agus cha bhithinn air atharrachadh airson dad eile. Tha luchd-obrach air tighinn is air falbh, gach aon a’ cur an dreach fhèin air a’ phròiseact, feadhainn barrachd na cuid! Tha ceudan de chloinn agus an teaghlaichean air an t-seirbheis a chleachdadh.

Dè tha cho sònraichte mun àite seo? Tha mi smaoineachadh gur e is gu bheil aon rud aig cridhe ar seirbheis: gach madainn tha an luchd-obrach a’ tighinn còmhla airson ùine a chur seachad airson còmhradh mun chreideamh againn. Bidh an t-àm airson adhradh a’ leigeil leinn am Bìoball a leughadh agus ùrnaigh a dhèanamh, cho math ri ùine a thoirt dhuinn airson lèir-smuain. Is e àm a tha ann cuideachd airson naidheachd a ghabhail air gach a chèile le cupa tì agus briosgaid. Tha eagal orm gu bheil cuid de rudan air crìonadh; tha cuimhn’ agam air na lathaichean far an robh am bainne ann an siuga agus an tì ann am poit teatha - cha robh sgeul air cartanan bainne, pocan teatha agus siuga le uisge teth. Cha leigeadh le Moira sin tachairt! 8 bliadhna air ais bha an cothrom agam seirbheis ùr a chur air bhonn (The Garratt) bliadhnaichean air ais a bha glè spèisealta agus tha e air a bhith math a dh’fhaicinn mar a shoirbhich leis. Tha an-còmhnaidh rudan ùra ri dhèanamh agus cothroman ri leasachadh. An-diugh tha mi air ùine a chur seachad còmhla ris a’ mhanaidsear agam Seòras (cha b’ urrainn dhomh a h-uile nì a dhèanamh às aonais) a’ dealbhadh leasachadh seirbheis ùr a bhios a’ toirt taic do chloinn agus daoine òga gus am faigh iad

cothrom air tachartasan coimhearsnachd. Thatar an dòchas gum bi Go2 deiseil agus a’ ruith as t-samhradh. Bidh dùbhlannan ri coinneachadh gach latha. Tha mi a’ tuigsinn nach bu mhise a mhàin a bhios a’ faireachdainn na rudan matha agus na rudan dona nam obair; tha e a’ bualadh air mo theaghlach air fad agus às aonais an taic bhiodh e eu-comasach dhomh. Is e uallach mòr a tha ann a bhith ag obair le clann agus feumar a bhith ag obair mar aon bhuidheann. Tha teaghlaichean a’ sùileachadh tòrr bhuat - aig deireadh an latha, tha iad a’ leigeil seachad an tiodhlac as luachmhoire a tha aca dhutsa agus chan eil sin furasta a dhèanamh. Ann am beagan ùine bidh mi a’ dol dhachaigh airson an deireadh-sheachdain. Bidh mi an-còmhnaidh a’ gabhail cuairt timcheall an taighe mus fhalbh mi, dìreach gus fhaicinn ciamar a tha cùisean. A’ dol seachad air an doras aig Jamie tha mi a’ coimhead a-steach agus chì mi gu bheil an leabaidh air a rùsgadh agus gu bheil an seòmar deiseil airson cuideigin ùr. Bheir mi a-nuas ainm Jamie bhon doras agus cuiridh mi e còmhla ri cuimhneachanan cloinn eile a tha air a dhol tron Mallard. Sandy Russell, Manaidsear Seirbheis, Am Mallard agus An Garratt

I wish to support CrossReach by donating £................................. on a single monthly annual basis If single: Please post us a cheque (payable to CrossReach) or donate online at www.CrossReach.org.uk If monthly: I would like to make my donation on the 1st/15th (delete as appropriate) of each month starting: ........../........../................ If annually: I would like to make my donation on: ........../........../................ and each year thereafter

Your account details Name of bank: ........................................................................................... Address of bank: ........................................................................................ ...................................................................... Postcode: ............................. Account number:........................................................................................ Sort code: ...................................................................................................

Your personal details Name (inc title): .......................................................................................... Home address: ............................................................................................. ................................................................... Postcode: .................................. Phone number: ............................................................................................ Email address: ..............................................................................................

To the manager (Bank/Building Society): Please pay Bank of Scotland, 38 St Andrew Square, Edinburgh, EH2 2YR on the date indicated above and thereafter until further notice the sum indicated above for the credit of CrossReach Account No 00227186, Sort Code 80-41-21 If you pay tax, please sign this form and the tax office will give us 25p for every £1 you donate. I confirm I have paid or will pay an amount of UK Income Tax and/or Capital Gains for each tax year (6 April to 5 April) that is at least equal to the amount of tax that all charities that I donate to will reclaim on my gifts for that tax year. I understand that other taxes such as VAT and Council Tax do not qualify. I understand that the charity will reclaim 25p of tax on every £1 that I give. Please notify CrossReach if you want to cancel this declaration, change your name or home address or no longer pay sufficent tax. Signature: .................................................................. Date: ...../...../........... If you have any questions, call our Supporter Relations team on 0131 657 2000. Please send this completed form to: Supporter Relations, CrossReach, Charis House, 47 Milton Road East, Edinburgh, EH15 2SR 05/15

11



Turn static files into dynamic content formats.

Create a flipbook
Issuu converts static files into: digital portfolios, online yearbooks, online catalogs, digital photo albums and more. Sign up and create your flipbook.