CrossReach News - IRIS 1 2015

Page 1

A’ GABHAIL CÙRAM AIR FEADH ALBA

A chleachd a bhith Cearcall Cùraim IRIS 1 2015

• Deasachadh Seirbheisean Cùram Inbheach • Mi-fhìn ’s M’ Obair • Fòcas Air…Slàinte Inntinn

ANNS AN IRIS SEO

• Breithneachadh air Seachdain CrossReach • Fòram airson an Àm ri Teachd • Cùram Tarsainn na h-Alba

25 Bliadhna aig Gabarston Leugh an sgeul aig Tam air taobh-duilleig 6

Luchd-buannachaidh Dhuaisean Soirbheachadh CrossReach ann an Duaisean Cùraim Alba Faic taobh-duilleig 10

OUR SERVICE AREAS

• • • •

Children and Family Counselling and Support Criminal Justice Homeless People

• • • •

Learning Disabilities Mental Health Older People Substance Misuse

providing a caring future

For more information visit:

www.crossreach.org.uk


AN ROBH FIOS AGAD? Fulangaidh 1 à 4 Albannaich le duilgheadas slàinte inntinn cudromach. Tha 4 seirbheisean aig CrossReach a bhios a’ toirt taic do dhaoine le duilgheadasan slàinte inntinn.

ARTAIGILEAN SÒNRAICHTE Solas Biorach Tha Stiùiriche Seirbheisean Cùram Inbheach, Calum Moireach, a’ coimhead air soirbheachasan agus air dùbhlanan anns an roinn aige thairis air a’ bhliadhna a chaidh. Taobh-duilleig 5

Cuspair a’ Chòmhdaich Tha Tam air a bhith a’ fuireach ann an Gabarstan 25 bliadhna. Leugh mu thuras a bheatha.

Naidheachdan BEANNCHAR

Chùm Taigh Cùraim Bellfield seirbheis ath-choisrigidh o chionn ghoirid a’ comharrachadh ùrachadh na dachaigh ann am Beannchar.

GLASCHU

Taobh-duilleig 6

Seachdain CrossReach

Tha pròiseact Heart for Art na phàirt de thaisbeanadh anns an House for an Art Lover ann am Pàirce Baile Ùistein ann an Glaschu airson mìos à 16 Faoilleach.

STEÒRNABHAGH

Measgachadh de dhealbhan bho Sheachdain CrossReach 2014 agus meòrachadh air an t-seachdain le Modaràtair an Àrd-sheanaidh. Taobhan-duilleig 8 agus 9

Tha Sràid Leòdhais ann an Steòrnabhagh a’ comharrachadh fichead bliadhna anns an t-Sultain. Tha am pròiseact a’ tabhann àitefuirich le taic do suas ri 8 inbheach.

Facal bhon Deasaiche Tha e a’ toirt mòran tlachd dhomh sgrìobhadh gu bheil mi air a bhith aig dà cho-labhairt aon-latha a bha gu tur eadardhealaichte. Bha iad air an cumail anns an aon eaglais ann an Tobar na Màthar agus neartaich iad mo mhiann airson CrossReach agus an obair a bhios sinn a’ dèanamh. B’ i a’ chiad cho-labhairt, Fòram Nàiseanta Ciorraman Ionnsachaidh a bha na latha sona agus tlachdmhor (faic an t-artaigil air taobh-duilleig 4). Bha e mìorbhaileach a bhith faicinn gàire air aodannan luchdcleachdaidh ar seirbheis ris an robh an gnothach a’ còrdadh cho mòr. B’ i an darna tè, “Inside Out: Faith Driven Action”. B’ e co-labhairt choitcheann a bha seo eadar CrossReach agus Eaglais agus Comann-sòisealta – a’ chiad turas a choobraich dà Chomhairle den eaglais mar seo. Bha am Modaràtair air ceann an adhraidh, agus bha na prìomh luchd-labhairt, na bùthan-obrach agus na pannalan còmhraidh fìor mhath. Chuir an dà thachartas nam chuimhne am fo-thiotal air na bileagan againn airson Seachdain CrossReach: ‘Tha do Charthannas ag Atharrachadh Bheathan’. Airson faisg air 150 bliadhna tha Eaglais na h-Alba air a bhith air ceann cùram shòsealta ann an Alba, a’ toirt na gnè-beatha as àirde do dhaoine air a bheil dìth. Sin, dha-rìribh, obair air a gluasad tro chreideamh. Mas àill leibh bruidhinn rinn, cuiribh post-d gu: news@crossreach.org.uk no sgrìobh gu: CrossReach News, Charis House, 47 Milton Road East, Edinburgh. EH15 2SR.

Ùisdean MacIlleDhuinn, Deasaiche

Published three times a year by CrossReach. Please feel free to use any material or articles contained in this magazine, with an appropriate credit. CrossReach, Charis House, 47 Milton Road East, Edinburgh. EH15 2SR. Telephone: 0131 657 2000, Fax: 0131 657 5000, Email: news@crossreach.org.uk

Social Care Council

2

Operating as CrossReach Scottish Charity number: SC011353

A Gaelic version of CrossReach News is available to download from our website: www.crossreach.org.uk

www.crossreach.org.uk


Mar a bha, mar a tha, is mar a bhios Leabhar nan Eabhraidheach is sinn air ar cuartachadh le neul cho mòr de fhianaisean anns an t-seadh gu bheil sinn anns a’ bhuidheann seo air dìleab mhòr fhaighinn bhon fheadhainn a chaidh romhainn. Aig an aon àm, tha sinne mar luchd-glèidhidh dhan an fheadhainn a thig às ar dèidh. Le sin, nuair a choimheadas mi air ais air na rinn ar luchd-obrach tarsainn na bliadhna a dh’fhalbh, mòran dhiubh air aithris anns an iris seo, tha e a’ daingneachadh gu bheil tàlantan ann am pailteas aig Eaglais na h-Alba tro CrossReach, am buidheann cùram sòisealta aice. Ach, is e an t-euchd as motha air fad, na beathan a tha air an atharrachadh tron obair a bhios an luchd-obrach a’ dèanamh gach latha. Is i a’ chuairt làitheil agus an obair chunbhalach a tha a’ cunntadh agus tha seo ri fhaicinn thairis air a’ bhliadhna a dh’fhalbh leis na h-inbhean àrda a tha air a chumail, agus dhearbh na h-ìrean a fhuaradh bho Luchd-sgrùdaidh Cùraim seo.

Peter Bailey with Gwen Anderson

Fhad ’s a tha mi a’ sgrìobhadh a’ phìos seo tha an abairt “back to the future” a’ tighinn thugam oir an-dràsta tha mi an teas meadhan gnothaichean na Nollaige, ach nuair a leughar seo bidh sinn ann an 2015. Tha tachartasan na Nollaige air tòiseachadh agus chomharraich Comhairle Cùram Sòisealta a’ choinneamh mu dheireadh le seisean OOMPH, gu math freagarrach airson an àm seo den bhliadhna. Tha OOMPH a’ ciallachadh “Our Organisation Makes People Happy” agus bidh e a’ cur cuideam air gluasadan corporra ceangailte ri ceòl. Bidh seo air a dhèanamh leis an fheadhainn a tha a’ lìbhrigeadh sheirbheisean do dhaoine nas sine. Tha rannsachadh air sealltainn gun tig piseach air daoine nas sine agus nach bhi iad a’ tuiteam uiread, gun leasaich conaltradh, dealas, agus ceanglaichean sòisealta. Ghabh buill den Chomhairle pàirt ann an seisean gnìomhach le Gwen Anderson a fhuair Duais Tachartas Brìgheil bho Chùram na h-Alba o chionn ghoirid.

“…tha na rinn ar luchd-obrach thairis air a’ bhliadhna a dh’fhalbh a’ daingneachadh gu bheil tàlantan ann am pailteas aig Eaglais na h-Alba tro CrossReach, am buidheann cùram sòisealta aice.” Ann an latha no dhà bidh grunnan luchdobrach bho Thaigh Charis a leig dhiubh an dreuchd a’ tighinn còmhla rinn airson Meòrachaidhean Nollaige ann an Taigh Charis. Tha an tachartas seo an còmhnaidh a’ cur nam chuimhne caibideil 12 ann an

Peadar Bailey Àrd-oifigear, CrossReach Rùnaire, Comhairle Cùram Sòisealta

Ach, tha sinn cuideachd a’ coimhead air adhart ri 2015. Agus mar a bhios ar planaichean airson cheanglaichean Eaglais a’ greimeachadh, tha sinn a’ dèanamh fiughar ris na dh’fhaodadh tachairt tro bhith ag obair le coitheanalan ionadail gus misean na h-Eaglaise adhartachadh tro chùram sòisealta. Tha ar n-eòlas air CrossReach agus na thachair air Sàbaid Cùram Sòisealta air misneachd mhòr a thoirt dhuinn mar Comhairle Cùram Sòisealta agus mar bhuidheann luchdobrach. Tha sinn air mothachadh ùrachadh ann an neart agus ùidh airson na h-obrach againn. Bheir seo spreigeadh dhuinn anns a’ bhliadhna ri teachd gus dòighean ùra, eadar-dhealaichte a lorg airson a bhith a’ frithealadh muinntir na h-Alba còmhla. Bha e inntinneach dhomh an aithris aig Tam a leughadh air mar a chaidh dha ann an Gabarston. An dèidh dha a bhith ann faisg air 25 bliadhna tha e a’ coimhead air ais air cuid de na rudan cudromach a thachair dha, ach tha a shùil air an àm ri teachd. “Tha mi air fuireach an seo faisg air 25 bliadhna agus tha mi a’ coimhead air Gabartson mar an dachaigh agam. Tha mi an dòchas gun tèid agam air fuireach an seo airson iomadach bliadhna eile. Bhithinn air mo chall às aonais.” Air sgàth Tam agus an liuthad duine a tha sinn a’ cuideachadh, tha e cudromach gum bi sinn a’ coimhead air adhart agus tha sinn a’ dèanamh seo le taic agus ùrnaigh bhuaibhse, ar luchdleughaidh.

3


Learning Disabilities

Fòram airson an Àm ri Teachd

Tha an dàrna Fòram Nàiseanta Ciorraman Ionnsachaidh air clach-oisinn a chur sìos airson nam bliadhnaichean ri teachd, mar a mhìnicheas Ùistean MacIlleDhuinn Dannsa broinne, sgilean siorcais, agus leasanan drumaireachd – cha b’ iad sin bùthan-obrach a gheibheadh tu aig colabhairt àbhaisteach – ach, air an làimh eile, chan eil Fòram Nàiseanta Ciorraman Ionnsachaidh ‘àbhaisteach’. Bha an latha air a chumail ann an Eaglais Dalziel St Andrew’s ann an Tobar na Màthar, agus bha e air a dhealbh le comataidh de luchdcleachdaidh seirbheis air an tarraing bho sheirbheisean Ciorraman Ionnsachaidh CrossReach le taic bho luchd-obrach.

4

Aon de na rudan as fheàrr a chòrdas ri daoine is e a’ cho-fharpais boccia le gach aon de na seirbheisean ciorraman ionnsachaidh a’ strì an aghaidh a chèile. Is e spòrs inntinneach a tha ann am Boccia (air fuaimneachadh ‘bot-cha’) a bhios ag iarraidh sgil, cuimseachd, agus alt. Is ann bhon aon teaghlach ri petanque agus triuirean a tha e agus faodar neach sam bith a chluich, fiù ’s daoine ann an cathraichean cuibhle le mòr-chiorraman. Bidh an sgioba gorm a’ cluich an aghaidh an sgioba dhearg gus na buill aca fhaighinn nas fhaisg air an jack (am ball geall) na an sgioba eile; gheibh thu barrachd phuingean airson barrachd bhall fhaighinn nas fhaisge. Aig a’ Fòram Nàiseanta, bha a’ chofharpais air a chluich air a’ bhrat dhearg mu choinneamh an chancel san eaglais, is

b’ e sàr chòmhdach cluiche a bha ann. An dèidh cuairt no dhà a bha gu math teann, ghlèidh an sgioba bho Eskmills an duais àlainn a bhuannaich iad an-uiridh aig a’ chiad tachartas. Am measg an luchd-labhairt bha Neachgairm Comhairle a’ Chùraim Shòisealta Dr Sailidh Bonnar, Coimhearlach Leasachadh Gnìomhachais Iain Dòmhnallach, a bhruidhinn mu phearsanachadh, agus Àrd-oifigear CrossReach Peadar Bailey a bha air a ghlacadh cho mòr leis an latha ’s gun robh e a’ faireachdainn gum bu chòir a leudachadh gus luchd-cleachdaidh seirbheis CrossReach air fad a thoirt a-steach.

Cheannard Seirbheis airson Ciorraman Ionnsachaidh agus Crossreach. Tha tòrr den fheadhainn a tha an làthair air sgilean ùra ionnsachadh – agus tha mi dìreach air cluinntinn gu bheil a’ bhidio sa bheil mi a’ dèanamh dannsa broinne air a dhol air feadh na sgìre!” Lìon luchd-compàirteachaidh foirmean measaidh le sgòran a’ ruith bho 1-6 (coltach ris an t-siostam aig Luchd-sgrùdaidh Cùraim) agus bha an sgòr cuibheasach airson luchd-labhairt agus bùthan-obrach seachad air 5. Am measg nam freagairtean bha: ‘sgoinneil’; ‘bhiodh e math nam b’ urrainn barrachd a thighinn an ath-bhliadhna’;

Is e dìreach aon eisimpleir a tha anns a’ fòram den phoileasaidh aig CrossReach airson in-ghabhail, agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil làmh aig luchdcleachdaidh seirbheis anns na tha tachairt anns na beathan aca. Tha Raghnall MacIlleDhuibh, Ceannard Seirbheis airson Ciorraman Ionnsachaidh, a’ creidsinn gun robh am fòram air leth soirbheachail: “Is e tachartas air leth a tha air a bhith ann, air a ruith le luchdcleachdaidh seirbheis airson luchdcleachdaidh seirbheis. Tha mòr-iongnadh orm mun àireamh de luchd-cleachdaidh seirbheis a tha air sàr sgilean rianachd a thaisbeanadh gus latha cho iongantach a chur air dòigh. Bha an latha an-diugh mu dheidhinn luchd-cleachdaidh seirbheis agus luchd-obrach a’ co-obrachadh gus tachartas cho socair, spòrsail a chur air dòigh. Is e latha air a bheil moit orm a bhith nam

‘Chòrd an luchd-labhairt rium gu mòr agus mar a ghabh a h-uile duine pàirt.’ Is e dìreach aon eisimpleir a tha anns a’ fòram den phoileasaidh aig CrossReach airson in-ghabhail, agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil làmh aig luchd-cleachdaidh seirbheis anns na tha tachairt anns na beathan aca. Tha planadh mu thràth air tòiseachadh airson a’ Fòram Nàiseanta ann an 2015 agus ma thig barrachd luchdcleachdaidh seirbheis is dòcha gum bi feum againn air àite-cruinneachaidh nas motha – saoil a bheil an SSE Hydro ann an Glaschu saor air an Diardaoin mu dheireadh den Dàmhair?


Fon t-Solas

Fiosrachadh mu Sheirbheisean Cùraim Inbheach Tha Stiùiriche Sheirbheisean Cùraim Inbheach, Calum Moireach, a’ coimhead air soirbheis agus dùbhlanan na roinn

Tha deagh-ghnè mar chleachdadh aig CrossReach gus an ìre gu bheil e cudromach nach dìochuimhnich sinn mu dheidhinn; gu bheil e dìreach a’ tachairt air dòigh air choreigin. Chan eil e. Cha bhi e a’ tachairt mur a bi luchd-obrach a’ toirt seachad cùram agus a’ cnuasachadh mu na bhios iad a’ dèanamh. Seo eisimpleirean a tha a’ togail fianais air seo ann an 2014:

Calum Moireach

Tha neach buailteach dìreach innse mu shoirbheis ann an Cùram Inbheach tro 2014, ach feumar innse mu dhùbhlanan cuideachd. Tha gearraidhean ann an buidseatan coimiseanaidh romhainn, co dhiù bho na h-ùghdarrasan ionadail, NHS, no Bùird Choitcheann Aonaichte mar a bhios iad air an cur an gnìomh am bliadhna seo. Chan eil e gu diofar ciamar, no càite, tha gach coimiseanair againn a’ sireadh shàbhalaidhean bhuainn gus na buidseatan nas lugha aca fhèin on riaghaltas a choileanadh. Is e an aon duan a tha ann agus is e dìcheall luchd-obrach CrossReach a tha a’ toirt dhuinn a’ chothroim a bhith mar aon de na prìomh luchd-tairgsinn de chùram agus sheirbheisean taic tarsainn na h-Alba. Tha sinn a’ cur a-steach thairgsean gus am fuirich sinn air ‘Frameworks’ nan coimiseanairean (dreach-cainnt a tha a’ ciallachadh Liosta de Luchdthairgse as Còrdaichte). Ged a tha iad a’ sireadh luach airgid, tha deagh-ghnè deatamach cuideachd airson fuireach air na ‘frameworks’. Gun teagamh, mar thairgsiche a bhios a’ toirt spèis do Chrìosd, feumaidh sinn cuideachd deagh-ghnè a ghleidheadh, ma tha sinn a’ dol a thoirt urram do Dhia. Tha seo, a dh’aindeoin fiosrachadh gu bheil tòrr, ged a tha e duilich ri ràdh, dìreach a’ cur cuideam air prìs na seirbheis againn.

An spòrs mòr nuair a bha seirbheisean a’ toirt Batan CrossReach timcheall na dùthcha. Gu dearbh, nuair a chuala luchd-cleachdaidh seirbheis aig Rainbow House mun bharbaciù a bha luchdcòmhnaidh Allarton a’ deiseileachadh, thug iad cuireadh dhaibh a thighinn gu Rainbow airson an tachartais. Chaidh seo gu math agus dh’fhaighnich cuid de luchd-còmhnaidh Allarton am b’ urrainn dhaibh aonad brèagha ùr fhaighinn mar a bha aig Rainbow! Nis, cha bhi sinn an-còmhnaidh a’ faighinn na dh’iarras sinn, ach tha planaichean a’ dol air adhart airson togalach ùr a shireadh airson Allarton – ann an 2016 tha sinn an dòchas. Gheibh Gabarston ann an Alamhagh, a bha feumail o chionn fhada, ùrachadh am bliadhna le seòmraichean cadail

anns an Dàmhair gus luchd-obrach a chuideachadh agus tha taing ri thoirt do Carol Brackenridge agus Irene Meek airson a bhith ag obair cho cruaidh air seo gus dèanamh cinnteach gu bheil sinn uile aig an ìre a tha a dhìth airson ar n-obair phroifeiseanta. Bha Irene soirbheachail cuideachd air maoineachas a choisinn gus trèanadh a leasachadh far am bi luchdcleachdaidh na seirbheis a’ lìbhrigeadh trèanadh do luchd-obrach. Tha gach Manaidsear Feumalachdan Ionnsachaidh an sàs ann an seo. Air an aon chuspair, tha Fòram Luchdcleachdaidh Seirbheisean Feumalachdan Ionnsachaidh air tachartas soirbheachail eile a chur air dòigh anns an Dàmhair agus tha mi an comain a’ bhuidhinn stiùiridh airson a’ bhuaidh dhearbhte a tha aca daonnan air ar seirbheisean. Tha e na dhearbhadh air Taic Fèin-Stiùirichte fhìor mhath ann an gnìomh agus bhiodh am buidheann toilichte nan biodh feadhainn taobh a-muigh a’ bhuidhinn an-dràsta airson pàirt a ghabhail ann. Tha mi a’ toirt taing do mo choobraichean ann an Cùram Inbheach airson builean cho math fhaighinn is aig an aon

Tha deagh-ghnè mar chleachdadh aig CrossReach gus an ìre gu bheil e cudromach nach dìochuimhnich sinn mu dheidhinn; gu bheil e dìreach a’ tachairt air dòigh air choreigin. Chan eil e. Cha bhi e a’ tachairt mur a bi luchd-obrach a’ toirt seachad cùram agus a’ cnuasachadh mu na bhios iad a’ dèanamh. en-suite; tha an luchd-còmhnaidh agus an luchd-obrach an seo air a bhith air leth foighidinneach airson ùine mhòir agus bu chòir am moladh airson nan ìrean sàr mhath a choilean iad a dh’aindeoin togalach cuimseach truagh. Tha na seirbheisean Cothroman Làitheil aig Threshold Ghlaschu air Seirbheisean Taic Threshold ann a’ Hamilton a bhrosnachadh gus an aon rud a dhèanamh agus cuidichidh an iomairt seo leis na gearraidhean a tha measaidhean Taic Fèin-Stiùirichte ag adhbhrachadh. Thatar a’ sireadh àite ùr airson seo an-dràsta. Chaidh e-ionnsachadh a chur air bhog

àm a’ cumail sùil gheur air a’ bhuidseat ann an 2014. Tha cùram air feadhainn nach b’ urrainn na sàr bhuilean a fhuaras anns na bliadhnaichean mu dheireadh a chumail suas, agus gu ìre, tha sin fìor. Tha e doirbh buidseatan a tha fàs nas cruaidhe gach bliadhna a choileanadh, ach nì dìcheall gach duine againn cinnteach nach tèid sinn ann am fiachan ann an 2015. Feumaidh sinn togail air a’ bhunait làidir a tha againn gus an gnothach a dhèanamh air an iomadh dùbhlan a choinnicheas sinn nar roinn thairis air na bliadhnaichean ri teachd. Calum Moireach, Director of Adult Care Services

5


Com-pàirteachas

Sgeul Tam Tha Tam Gillespie a b’ àbhaist a bhith na mhèinnear guail air a bhith a’ fuireach aig Taigh Ghabarstan faisg air 25 bliadhna.

Tam

“Thàinig mi an seo ann an 1980 – sia mìosan an dèidh do Ghabarstan fhosgladh. Nuair a ràinig mi bha cucaran mòra tionnsgalach a-staigh agus togalaichean stàbaill a-muigh far an robh am peantair a’ cumail a chuid stuthan. Leagadh na stàbaill meadhan na 1990an airson pàirce chàraichean. Cuideachd bha an cidsin air atharrachadh gu bhith na chidsin cumanta taighe agus dh’fhaodadh luchd-còmhnaidh a chleachdadh airson còcaireachd. Tha cuimhne agam gun robh luchd-còmhnaidh uile a’ dèanamh obair bheag air choreigin anns an taigh, ach dh’atharraich sin nuair a thug iad a-steach glanadair.

a dhèanamh anns a’ ghàrradh. Chòrd an t-àite sin rinn thairis nam bliadhna – bha fiù ’s tunnagan againn airson coimhead às an dèidh! Chuir mi glothagach anns an lòn a dh’fhàs gu soirbheachail. Chan eil uisge anns an lòn a-nis, ach bidh fiadhbheathaichean fhathast a’ tadhal. Tha e a’ còrdadh rinn barbaciùthan a chumail anns a’ ghàrradh. Tha pròiseact taigh-glainne air a bhith againn agus chuidich mi leis. Chòrd e rium a bhith a’ fàs lusan agus glasraich. Thairis air na bliadhnaichean, tha mi riamh air a bhith a’ gabhail pàirt anns na rudan a bhios a’ dol air adhart anns an taigh. Aig coinneamhan luchdcòmhnaidh tha sinn a’ co-dhùnadh dè na

“...tha mi a’ faireachdainn gu bheil an luchd-obrach an seo air taic agus cuideachadh seasmhach a thoirt dhomh tro na bliadhnaichean, agus gu h-àraidh far am feum mi taic. Thug iad cuideachadh dhomh mo mhiann a choileanadh, is e sin a bhith neo-eisimeil anns a’ choimhearsnachd...”

6

“B’ urrainn dhan luchd-còmhnaidh an uair sin an inntinn a chur ri bhith a’ glanadh nan rùmannan aca fhèin le taic bhon luchd-obrach. Tha gàrradh mòr aig Gabarstan agus tha cuimhne agam gun do ghabh Urras Fiadh-bheatha na h-Alba ùidh ann agus chuidich a h-uile duine gus starran agus lòn airson nan tunnag

tursan, tachartasan agus làithean-saora dham bheil sinn a’ sireadh taic. O chionn ghoirid chòrd làithean-saora ann an Seton Sands rium còmhla ri luchd-còmhnaidh eile agus le taic bhon luchd-obrach. Anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh tha mi air a bhith anns An Truthail, Blackpool, An t-Eilean Loisgte agus Portobello agus tha

lathaichean a-mach air a bhith agam gu Pàirce Safaraidh Blair Drummond le luchdcòmhnaidh eile. Tha mi air pàirt a ghabhail ann an oidhcheannan co-fharpaiseach, oidhcheannan DVD agus oidhcheannan karaoke.” Tha e a’ còrdadh ri Tam a bhith a’ leughadh agus bidh e a’ cur seachad ùine ann an leabhar-lann na sgìre. Is toigh leis poileataigs cuideachd agus bidh e a’ sgrìobhadh litirchean gu àrd-luchd-poileataigs mu ghnothaichean co-cheangailte ri shochairean. Tha e ag ràdh cuideachd gu bheil a shaorsa fhèin a’ còrdadh ris. “Mus tàinig mi a Ghabarstan, bha mi anns an ospadal agus bha mi anns an leabaidh airson mìos – sin cho dona ’s a bha e. Air an taobh eile, tha mi a’ faireachdainn gu bheil an luchd-obrach an seo air taic agus cuideachadh seasmhach a thoirt dhomh tro na bliadhnaichean, agus gu h-àraidh far am feum mi taic. Thug iad cuideachadh dhomh mo mhiann a choileanadh, is e sin a bhith neo-eisimeil anns a’ choimhearsnachd agus a-nis bidh mi a’ tadhal air bùthan leabhraichean, a’ faighinn a’ bhus no a’ coiseachd a-steach gu Sruighlea. Tha e a’ còrdadh rium cuideachd a bhith a’ tadhal air làraich mar Chaisteal Dhùn Èideann agus Abaid Chamas-Choinnich le taic bhon luchd-obrach.” “Tha tòrr dhaoine nach eil a’ tuigsinn dhaoine aig a bheil duilgheadasan le slàinte inntinn. Faodaidh slàinte inntinn a bhith na rud eagalach oir cha bhi fios agad cuin a bhuaileas e. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil an riaghaltas a’ tòiseachadh a thuigsinn dè tha ann an tinneas slàinte inntinn. Chan eil mi a’ faighinn tòrr airgid, ach tha mi toilichte. Uaireannan, bidh droch lathaichean agam agus le sin nuair a dhùisgeas mi sa mhadainn is e buannachd a tha ann. Canaidh mi rium fhìn ‘Tha mi an seo agus tha mi fhathast a’ tarraing m’ anail.’ Thuirt an dotair rium gur e an rud as fheàrr airson cumail fallain a bhith a’ coiseachd is le sin bidh mi a’ dèanamh tòrr coiseachd.” Tha Tam air bhioran oir an ath bhliadhna tha Gabarston an dùil ri ùrachadh mòr: “Gheibh sinn na toileatan agus na frasan againn fhìn agus bidh sin sgoinneil. Tha mi air a bhith a’ fuireach an seo 25 bliadhna agus bidh mi a’ coimhead air Gabarston mar an dachaigh agam fhìn. Tha mi an dòchas gum bi mi a’ fuireach an seo airson iomadach bliadhna eile. Bhithinn air mo chall às aonais.”


Slàinte Inntinn

10 pìosan fiosrachaidh do neach:

1

Gabh an cothrom – is dòcha gum bi cothrom ann aig biadh, no air turas sa chàr, no an uair a bhios na sanasan air is sibh a’ coimhead TBh. Mìnich mar a tha slàinte inntinn aig a h-uile duine – tha slàinte inntinn a’ toirt a-steach na faireachdainnean againn agus mar a bhios sinn a’ dèiligeadh ris na beathan againn. Faodaidh ar slàinte inntinn a dhol suas is sìos, dìreach mar a bhios ar slàinte corporra, tarsainn ar beatha no dìreach bho latha gu latha. Tòisich le beagan – cha leig thu a leas uairean a thìde a chosg. Tha dìreach tòiseachadh air bruidhinn mu dheidhinn a’ dèanamh diofar mhòr. Tha taobh math air slàinte inntinn cuideachd – chan ann dìreach mu thinneas inntinn a tha slàinte inntinn. Is ann mu fhallaineachd a tha e cuideachd. Dh’fhaodadh tu a bhith a’ crac mu rudan a chuidicheas fallaineachd, mar chòmhradh, eacarsaich, anail a leigeil/tìde dhut fhèin. Chan eil fallaineachd a’ ciallachadh gu bheil thu a’ faireachdainn sona fad na tìde. Is ann mu neart a dhèiligeas le caran an t-saoghail a tha e. Bruidhinn an aon chànan riutha fhèin – chan eil a h-uile duine againn eòlach air a’ bhriathrachas co-cheangailte ri slàinte inntinn no tinneas inntinn. Ach, is glè chinnteach gum bi òigridh eòlach air a’ bheachd gum bi daoine fo uallach, fo mhulad, ìosal no iomaigeanach. Is dòcha gu bheil iad air tighinn tarsainn air tinneasan ithe no fèin-ciùrradh am measg an co-aoisean no anns

2 Is e àitean adhraidh agus comraich a tha ann an eaglaisean – dhan fheadhainn a tha a’ fulang le duilgheadas Slàinte Inntinn, is urrainn dhaibh a bhith nan àitean taiceil agus brosnachail. Gus taic a thoirt do chuideigin ann an suidheachadh mar seo, tha Dàibhidh Lloyd à Morven Day Services ann an Cille Mheàrnaig a’ toirt deich de na pìosan comhairleachaidh as fheàrr air mar as urrainn do dh’eaglaisean co-cheangal a dhèanamh ris an luchd-adhraidh: · Cuir fàilte chridheil air an neach. · Bi laghach riutha. · Thoir dhaibh cothrom bruidhinn agus èist riutha. · Leig leotha bruidhinn mun deidhinn fhèin gu socair. · Dèan co-cheangal ris an neach. · Faigh dòighean air an neach a bhrosnachadh. · Bi ciallach leis an taic a tha air a thabhann agus na geall rud nach urrainn dhut a thoirt dhaibh. · Thoir dhaibh an cothrom a bhith a’ faireachdainn math mun dèidhinn fhèin agus tog am fèin-misneachd aca. · Bi fosgailte mu nas urrainn dhan eaglais a thabhann. · Stèidhich ceanglaichean le carthannasan agus buidhnean slàinte inntinn ionadail agus thoir fiosrachadh dhaibh.

3

4

5

na meadhanan. Mìnich gur e seo a tha sinn a’ ciallachadh nuair a bhruidhneas sinn mu shlàinte inntinn. Na dèan pearsanta e! Tha rannsachadh a’ moladh gu bheil òigridh gu tric nas cofhurtaile a’ smaoineachadh agus a’ bruidhinn mu shuidheachaidhean mas fhìor an àite a bhith a’ bruidhinn mu na faireachdainnean is eòlasan aca fhèin. Le sin, an àite a bhith a’ faighneachd cheistean mun deidhinn fhèin, dh’fhaodadh tu bruidhinn mu shiabann telebhisein, prògraman TBh, no caractaran ann an leabhraichean. Dèan ceangal ri seòrsaichean stiogma agus leth-bhreith eile – inns gu bheil gràin-cinnidh no leth-bhreith an aghaidh dhaoine le ciorraman corporra ceàrr, agus anns an aon dòigh tha stiogma agus leth-bhreith an aghaidh tinneas inntinn ceàrr. Nì sinn diofar mhòr le bhith fosgailte agus neobhreithneachail. Seall gu bheil thu toilichte a bhith a’ bruidhinn agus ag èisteachd – gu h-àraidh, ma tha cùram air do leanabh mun t-slàinte inntinn aca no slàinte inntinn cuideigin eile air a bheil iad eòlach. Inns dhaibh gum faod iad tighinn a bhruidhinn riut mu dheidhinn agus gum bi thu an sin airson taic a thoirt dhaibh. Ionnsaichibh còmhla – tha e ceart gu leòr mur eil thu a’ tuigsinn rudeigin. Faodaidh tu a ràdh gur e rud a dh’fhaodadh sibh ionnsachadh còmhla a tha ann. Coimhead air ‘Time to Change’ Resources.

6

7

8

9

10

Le bhith ag ionnsachadh leasanan ùra agus sgilean ùra tha an t-slighe gu leigheas mar aon cheum air adhart agus aon cheum air ais, agus a’ feuchainn ri gabhail ris an t-suidheachadh cho math ’s as urrainn. An dèidh a bhith ag obair làn-ùine agus an uair sin a bhith gun mhisneachd an taigh fhàgail, is e faireachdainn uabhasach a bha ann sa chiad àite agus, gu dearbh, a’ faireachdainn gun robh thu a’ dol às do chiall. Is e atharrachadh mòr a tha ann bho bhith a’ dol a-mach a dh’obair a h-uile latha gus a bhith fo eagal rud sam bith a dhèanamh. Ach le siostam taic agus ùine aig Morven Day Services bha an slighe gu leigheas rud beag na b’ fhasa. Tha an t-slighe seo gu leigheas air cothrom a thoirt dhomh a thilleadh gu colaiste nam oileanach làn-ùine agus a bhith a’ toirt taic do fheadhainn le duilgheadasan slàinte inntinn.

B’ e Dàibhidh Lloyd Saor-thoileach CrossReach na Bliadhna 2013 agus tha e a-nis ag obair pàirt-ùine aig Morven Day Services

7


CrossReach Week 2014

Coming in Spring 2015 Moderator’s Golf Challenge 8

Check CrossReach website for more details


Ann an agallamh sònraichte airson CrossReach News, tha Modaràtair an Àrd-sheanaidh, am Fìor Urramach Iain Chalmers, a’ cnuasachadh air Seachdain CrossReach 2014 Modaràtair – dè ur beachd air Seachdain CrossReach? Uill, sa chiad àite tha e air a bhith air leth tlachdmhor! Is e fìor urram a tha ann a bhith a’ dèanamh seo às leth na h-eaglaise, ach is e urram dùbailte a tha ann a bhith a’ dol an sàs agus a bhith a’ faicinn faisg air làimh na seòrsa rudan a bhios seirbheisean CrossReach a’ tairgsinn. Tha luchd-cleachdaidh na Seirbheis iad fhèin air am meas mar dhaoine luachmhor (agus tha làn luach ga thoirt dhaibh) agus bidh na daoine a bhios a’ lìbhrigeadh na seirbheis sin ga dhèanamh le làn thuigse gur e gairm beatha a tha ann – rud a tha Dia air an gairm gus a dhèanamh agus chìthear seo nan sùilean. Thagh sibh mar an cuspair agaibh ‘A’ Faicinn Chrìosd ann an Gnùisean Dhaoine Eile’. A bheil sibh air seo fhaicinn? Tha. Thuirt mi ris an luchd-obrach an seo ann an Taigh Charis gu bheil mi air Crìosd fhaicinn nan làmhan nuair a tha iad ag obair. Is gu bheil mi air Crìosd fhaicinn anns an dòigh sa bhios iad a’ coimhead air na daoine còmhla ris am bi iad ag obair agus a’ gabhail cùram. Chan eil iad a mhàin a’ smaoineachadh gu bheil iad a’ frithealadh an co-chreutairean – rud a tha iad a’ dèanamh, gu cinnteach – ach chì iad e mar sheirbheis dhan Rìoghachd agus dha Chrìosd fhèin.

providing a caring future

www.crossreach.org.uk

Thatar air a ràdh gur e CrossReach an dìomhaireachd as fheàrr aig Eaglais na h-Alba. A bheil sibh a’ smaoineachadh gu bheil seo fìor? Tha. Agus air dhomh seachdain a chur seachad aig CrossReach is urrainn dhomh fhaicinn gu bheil e air a chur air dòigh gus seirbheis cùram sòisealta a lìbhrigeadh, ach is dòcha nach eil am fiosrachadh sin innse air feadh na h-eaglais. Tha e a’ lìbhrigeadh seirbheis phroifeiseanta agus seo am prìomh rud. Le sin feumaidh sinn dòigh fhreagarrach fhaighinn gus fiosrachadh mun obair aige a sgaoileadh air feadh na h-eaglais.

Dè cho mòr is a tha sibh a’ meas gum bu chòir dhan eaglais a bhith an sàs anns an t-seòrsa cùraim shòisealta is a tha CrossReach a’ dèanamh? Tha mi air a bhith ag ràdh ri daoine gum b’ fheàrr leam searmon fhaicinn na chluinntinn – agus tha mi air tòrr dhiubh a thoirt seachad! Nuair a thòisicheas sinn air searmon a thoirt seachad, bidh sinn air ar glasadh ann an eas-aont mu theagasg no gnàththeagasg, ach chan eil eas-aont sam bith ann nuair a chì sinn dè bhios daoine a’ dèanamh. Tha iadsan a bhios a’ cur an creideamh an gnìomh nas fheàrr na iadsan a bhios ag argamaid mun chreideamh. Le sin tha mi smaoineachadh gu bheil e uabhasach cudromach gum bi sinn a’ dèanamh seo aig ìre nàiseanta. Ach, tha sinn cuideachd a’ gabhail cothrom a thoirt air an Riaghaltas barrachd airgid a chur a-steach dhan t-seòrsa cùraim seo. Tha mi smaoineachadh nach eil luach ceart air a chur air cùram. Tha mi cuideachd a’ smaoineachadh gur e co-obrachadh le eaglais ionadail is a’ toirt cothrom do choitheanalan an làmhan a shalachadh ann an obair fhìor na Rìoghachd, an àite a bhith a’ sabaid mu chreudan, an dòigh air adhart. Is e creideamh ann an gnìomh a tha ann, nach e? Is e sin dìreach a tha ann – creideamh ann an gnìomh – agus is e a tha ann cuideachd, dòigh far am faod buill den eaglais a bhith air an toirt a-steach gu coimhearsnachd na h-eaglais agus a bhith nam pàirt dhith. Tha mise den bheachd gur ann nuair a thòisicheas tu a’ faireachdainn gum boin thu do choimhearsnachd na h-eaglais gur ann an uair sin a bhios tu a’ cur an creideamh agad ann an gnìomh – gun lorg thu creideamh, agus tron obair a tha tòrr choimhearsnachdan a’ dèanamh, bheir seo daoine a-steach dhan choimhearsnachd. Agus chan fheum thu searmonachadh dhaibh ann am faclan gus an soisgeil a mhìneachadh – leigidh tu leotha fhaicinn ann an gnìomh. 9


News in brief

Puingean CÙRAM TARSAINN NA H-ALBA Ùrnaigh For those who wish to pray, please consider • Obair Taigh Ghabarston ann an Alamhagh thairis air an 25 bliadhna mu dheireadh agus Sràid Leòdhais ann an Steòrnabhagh airson 20 bliadhna de chùram • Àrd-stiùiridhean is iad a’ dèiligeadh ri lùghdachadh ann am maoineachadh bho riaghaltas ionadail agus àrd-riaghaltas • Comhairle Cùram Sòisealta (CrossReach) is iad a’ coinneachadh gus crìoch a chur air an aithisg a thèid dhan Àrdsheanadh anns a’ Chèitean • A’ bhuaidh dheimhinneach air CrossReach le dithis den luchdobrach againn air aithneachadh aig Duaisean Cùraim Alba 2014 • Na cothroman a dh’èirich à Seachdain CrossReach gus innse do dh’eaglaisean mun obair againn agus an fheadhainn a tha a’ toirt taic dhuinn air sgàth seo

• Com-pàirteachas le Comhairlean eaglaise eile agus airson sorbheachas na co-labhairt choitcheann o chionn ghoirid le Eaglais agus Comann-sòisealta

If you would like to receive our free Prayer Diary three times a year, please call: 0131 657 2000, or download a PDF version from:

www.crossreach.org.uk

10

Our Mission Statement In Christ’s name we seek to retain and regain the highest quality of life which each individual is capable of experiencing at any given time

Soirbheachas aig Duaisean Cùraim Alba B’ i Gwen Anderson, Co-òrdanaiche Thachartasan aig an taigh-còmhnaidh, Loidse Queens Bay, ann an Dùn Èideann, a bhuannaich Duais Tachartas Brìgheil ann an Glaschu anns an t-Samhain. Cuideachd air an oidhche, bha Janis Grubb, Manaidsear Seirbheis aig Bellfield, an dachaigh cùraim ùraichte ann am Beannchar, anns a’ chuairt dheireannaich den Duais airson Ceannas agus Stiùireadh. Thuirt Àrdoifigear CrossReach Peadar Bailey: “Tha mi ro-thoilichte gun deach an dealas brosnachail aig Gwen agus Janis anns na h-obraichean aca aithneachadh airson an taic a bhios iad a’ toirt dhan luchdcòmhnaidh. Buannaiche ann an aon roinn agus neach anns a’ chuairt dheireannaich de roinn eile - is e moladh mòr dha-rìribh air CrossReach a tha seo.”

Duais airson Taigh Chamshroin Tha com-pàirteachas eadar Taigh Chamshroin ann an Inbhir Nis agus bunsgoil Ghàidhlig on sgìre air buannachadh ‘Best Innovation in Continuing Care’ aig Duaisean Seargadh-inntinn Alba. Is e dachaigh cùraim speisealachaidh a tha ann an Taigh Chamshroin a tha a’ solarachadh cùram agus taic airson 28 daoine nas sine le seargadh-inntinn. Mar a chaidh aithris anns an iris mu dheireadh de Naidheachdan CrossReach, is e an rùn cothrom a thoirt do luchd-còmhnaidh le Gàidhlig còmhradh a dhèanamh leis na sgoilearan ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.

A’ Lìbhrigeadh le Misneachd Chuir cuidichean bhon Cho-bhanntachd Albannach airson Dhuilgheadasan Ionnsachaidh seachad dà latha còmhla ri Seirbheisean Duilgheadasan Ionnsachaidh aig CrossReach. Chuidich iad luchdcleachdaidh na seirbheis le bhith ‘a’ lìbhrigeadh le misneachd.’ Leasaich am buidheann sgilean ùra mar stiùireadh an luchd-èisteachd, a’ lìbhrigeadh òraidfiosrachaidh agus a’ dèiligeadh ri ceistean dùbhlanach. Chumadh seiseanan air co-ionannachd agus iomadachd, agus chuir a h-uile duine ri chèile ‘Postair Chomasan’ ag innse nan sgilean agus nan curseachadan aca fhèin cho math ri beachdan dhaoine eile mu na neartan aca. Chaidh teisteanas SCLD a thoirt do gach neach agus tha iad a-nis deiseil gus na sgilean aca a chleachdadh a’ trèanadh, a’ lìbhrigeadh, agus a’ dèanamh agallamhan. Taing do dh’Urras Shir Donnchadh MacIlleMhìcheil a mhaoinich an trèanadh.

Is fheàrr dithis na aon duine! Airson a’ chiad turais ann an eachdraidh Eaglais na h-Alba, chuir Comhairle Comann-Sòisealta agus Eaglais, agus Comhairle Cùram Sòisealta (CrossReach) air dòigh co-labhairt làitheil ann an Tobar na Màthar. B’ e ‘Inside Out: Faith Driven Action’ tiotal na co-labhairt. Bhruidhinn Pòl Moireastan bho Sgioba Coitcheann Chùisean Poblach mun droch bhuaidh a bha aig na h-atharrachaidhean ùra do shiostam nan sochairean air an fheadhainn as bochda san dùthaich. Na bu tràithe, dh’èist na riochdairean ri còmhraidhean a’ phannail air ‘Cùram Sòisealta - Dleastanas an Riaghaltais? Fàg aig Luchd-proifeiseanta e’ agus ‘Airgead, airgead, airgead: an dòigh anns am bi sinn a’ cleachdadh ar beairteas.’ Bha Modaràtair an Àrd-sheanaidh, am Fìor Urramach Iain Chalmers, air ceann an adhraidh.


Luchd-obrach

Mi-fhìn ’S M’ Obair Emily Ciorra – Rianadair, Am Bungalo

Anns a’ chiad sheachdain dem obair mar rianadair aig a’ Bhungalo ann an Stonehaven, bha na deòir ann, ach cha b’ ann mar a shaoileadh tu le bhith feagalach a’ tòiseachadh obair ùr, ach b’ iad deòir an aoibhneis a bha annta leis cho math is gun do chòrd m’ obair rium! Tha an tìde a’ teicheadh ort nuair a tha thu trang, agus tha làn deichead ann on cheumnaich mi le MA ann an Iomairteachd. B’ e màthairaig-an-taigh an obair a bha agam airson 5 bliadhna ron sin, agus le sin b’ ann le aoibhneas agus othail, cho math ri beagan nearbhs agus iomagain, a chaidh mi air ais gu obair pàighte. Chaidh Am Bungalo a thogail a dh’aona ghnothach airson còignear inbheach le mòrchiorraman corporra agus ionnsachaidh. Chan urrainn dhan luchd-còmhnaidh – gach aon dhiubh faisg air an aois agam fhìn – bruidhinn, coiseachd, no iad fhèin a bhiadhadh. Mar rianadair, tha mi gam fhaicinn fhìn mar aoidh san

dachaigh aca, agus is e m’ obair-sa cuideachadh leis na gnothaichean làitheil gus dèanamh cinnteach gum faod cùram am prìomh àite fhaighinn airson an fheadhainn as cudromaiche – an luchd-còmhnaidh, agus an luchd-obrach a tha a’ dèanamh obair ionmhalta a’ coimhead às an dèidh. Is e tlachd a tha ann dhòmhsa a bhith ag obair ann an àrainneachd Chrìosdail; tha doras m’ oifis daonnan fosgailte, agus cha tèid seachdain seachad gun cuideigin tadhal a-staigh a’ sireadh cuideachadh airson rud air choreigin. Agus, tha seo a’ tionndadh gu cothrom airson ùrnaigh bheag a dhèanamh mun rud a tha a’ cur dragh orra. Tha seo na urram dhomh daonnan, agus na phàirt sònraichte den latha agam, oir tha e a’ cur Ròmanaich 12 an cèill dhuinn anns A’ Bhungalo: “Thoir do bheatha làitheil, do bheatha chumanta – do chadal, d’ ithe, do dhol a dh’obair, do shràid-imeachd – agus cuir mu choinneamh Dia i mar ìobairt.” Eadar cunntasan, a’ cur a dh’iarraidh stoc, a’ cur a-steach fiosrachadh mu thuarastalan gu taidhpeadh, a’ lethbhreacadh, no fiù ’s a’ brosnachadh, ag èisteachd agus ag ùrnaigh, tha mi cho toilichte gu bheil an cothrom againn – eadhan gu bheil sinn air ar brosnachadh – gu gràdh Dhè a shealltainn ann an

suidheachaidhean làitheil. Is dòcha gu nochd seo ann an earrann às a’ Bhìoball air a sgrìobhadh aig deireadh sgrìobaig dhan luchd-obrach, no ann am freagairt gu post-d le faclan a bharrachd a bhios a’ misneachadh is a bhios a’ sealltainn gu bheil spèis agam dhan obair aca. O chionn ghoirid, air a’ fòn gu sòlaraiche ann an ionad gairm, dh’inns mi dha beagan mun latha agam agus mu ghràdh Dhè. Bha e air a ghluasad le seo, agus dh’inns e dhomh mu rudan na bheatha. Bha cothrom agam an uair sin ùrnaigh a dhèanamh air a shon air a’ fòn, a’ toirt dha earrann a dh’fhoillsich gràdh Dhè dha. Thuirt e gun robh e a’ dol a ghabhail beagan ùine an sin airson a charaid fhònadh oir bha an còmhradh air a bhith cho cudromach dha air sgàth an t-suidheachaidh anns an robh e. Le sin, tha mi ag earalachadh gach duine agaibh, anns an obair a bhios sibh a dhèanamh, agus is dòcha gu bheil sibh a’ smaoineachadh nach eil cudromach, gus daoine a bheannachadh agus a bhrosnachadh leis na nì thu. Dhan chomann-shòisealta, is dòcha nach bi ar n-obair urramach, ach nuair a chuireas tu gach latha mu choinneamh Dia mar ìobairt, is urrainn dhasan rud maiseach a dhèanamh dheth! Emily Ciorra, Administrator

I wish to support CrossReach by donating £................................. on a single monthly annual basis If single: Please post us a cheque (payable to CrossReach) or donate online at www.CrossReach.org.uk If monthly: I would like to make my donation on the 1st/15th (delete as appropriate) of each month starting: ........../........../................ If annually: I would like to make my donation on: ........../........../................ and each year thereafter

Your account details Name of bank: ........................................................................................... Address of bank: ........................................................................................ ...................................................................... Postcode: ............................. Account number:........................................................................................ Sort code: ...................................................................................................

Your personal details Name (inc title): .......................................................................................... Home address: ............................................................................................. ................................................................... Postcode: .................................. Phone number: ............................................................................................ Email address: ..............................................................................................

To the manager (Bank/Building Society): Please pay Bank of Scotland, 38 St Andrew Square, Edinburgh, EH2 2YR on the date indicated above and thereafter until further notice the sum indicated above for the credit of CrossReach Account No 00227186, Sort Code 80-41-21 If you pay tax, please sign this form and the tax office will give us 25p for every £1 you donate. I confirm I have paid or will pay an amount of UK Income Tax and/or Capital Gains for each tax year (6 April to 5 April) that is at least equal to the amount of tax that all charities that I donate to will reclaim on my gifts for that tax year. I understand that other taxes such as VAT and Council Tax do not qualify. I understand that the charity will reclaim 25p of tax on every £1 that I give. Please notify CrossReach if you want to cancel this declaration, change your name or home address or no longer pay sufficent tax. Signature: .................................................................. Date: ...../...../........... If you have any questions, call our Supporter Relations team on 0131 657 2000. Please send this completed form to: Supporter Relations, CrossReach, Charis House, 47 Milton Road East, Edinburgh, EH15 2SR 01/15

11


The CrossReach Legacy timeline 1936 Deaconess Hospital

1869

HRH The Duke of York opened “The Princess Elizabeth Ward” for Children.

CrossReach Commences as: “The Committee on Christian Life and Work”

2013

1995 The Mallard for Children & Young People with Physical & Learning Disabilities

The Bungalow residential service for adults with learning disabilities and complex needs

1948

2010

Eastwoodhill Residential Home for Older People

Well Hall - New Build Residential Service for Older People

1916 Simpson House: Substance Misuse Counselling and Training

Where are you in the CrossReach timeline?

The CrossReach Legacy Timeline has been possible because people gave. They gave their time, skills and they gave a legacy. Your legacy can help CrossReach provide a caring future for the most vulnerable people across Scotland in any of our service areas:

• Adult Care Services • Children and Family Services • Services to Older People At CrossReach, we believe in life-changing work. Let your legacy work to change a life. For more information or call 0131 657 2000

Social Care Council Operating as CrossReach Scottish Charity number: SC011353

www.crossreach.org.uk


Turn static files into dynamic content formats.

Create a flipbook
Issuu converts static files into: digital portfolios, online yearbooks, online catalogs, digital photo albums and more. Sign up and create your flipbook.