SNP Manifesto 2021 (Gaelic)

Page 1

MANIFESTO 2021

àm ri teachd

na h-Alba


”Prògram poileasaidh dàna, àrd ath-bheothachadh a thòiseacha B’ i a’ bhliadhna a chaidh seachad an tè bu duilghe a dh’fhuiling a’ mhòr-chuid againn a-riamh. Tha galar lèir-sgaoilte Covid air luchd-gràidh a ghoid bho iomadh teaghlach, agus tha mìltean de dhaoine air feadh na h-Alba air fulang fìor dhroch thinneas agus, ann an iomadh cùis, tinneas maireannach. Tha teaghlaichean is caraidean air mìosan a chur seachad dealaichte bho chèile. Chaidh uimhir de thoileachas bunaiteach ar beatha a thoirt bhuainn – a’ caitheamh ùine le muinntir ar gaoil, a’ coinneachadh ri daoine ann an cafaidhean, bàraichean is taighean-bìdh, a’ dol dhan gym, a’ tadhal air na bùthan no an taigh-dhealbh, eadhon a’ faighinn bearradh fuilt. Tha clann air mìosan de dh’fhoghlam sgoile àbhaisteach a chall agus air a bhith ag ionndrainn cuideachd an caraidean. Tha inbhich òga air na cleachdaidhean àbhaisteach cocheangailte ris na ciad bhliadhnaichean de shaorsa a chall. Air an t-slighe, chailleadh mòran obraichean is ghnìomhachasan agus iomadh bith-beò, no chaidh an atharrachadh gu bunaiteach. Tha buaidh Covid air ar slàinte, sunnd agus càileachd beatha air a bhith anabarrach agus trom. Thar na bliadhna a dh’fhalbh, ge-tà, chaidh cuimhneachadh dhuinn na tha cudromach nar beatha – slàinte, teaghlach, coimhearsnachd, tèarainteachd. Tha uimhir de dhaoine air pàirt a ghabhail ann a bhith gar faighinn tron àm èiginn – agus tha mi cinnteach gu bheil mòran againn air foghainteachd a lorg annainn fhèin nach robh fios againn eadhon a bha ann. Gun teagamh, tha an luchd-obrach air thùs chùisean anns na seirbheisean slàinte is cùraim againn san àireimh seo, mar a tha mòran eile a tha air a dhol a dh’obair gach latha gus seirbheisean deatamach eile a lìbhrigeadh; agus a h-uile duine a dh’fheumadh atharrachadh gu bhith ag obair bhon taigh, gu tric ag oideachadh clann-sgoile aig an aon àm. Cha bhiodh sinn air faighinn troimhe a bharrachd às aonais nam mìltean a thug seachad cuideachadh gu saor-thoileach – a’ toirt biadh agus nithean riatanach don fheadhainn a bha fo dhìonachd no fiù dìreach a’ cumail sùil air caraidean is nàbaidhean. Tha sinn uile air faighinn a-mach cho mòr ’s a tha sinn an eisimeil a chèile.

2

Tha an luchd-saidheans againn cuideachd air banachdachan a leasachadh agus a lìbhrigeadh nas luaithe na shaoil duine againn comasach – tha fiachan aca oirnn nach pàigh sinn gu bràth. A-nis, agus sinn a’ tòiseachadh a’ coimhead, ged as ann gu teagmhach, seachad air an ìre èiginneach seo de Chovid agus a dh’ionnsaigh ar slànachaidh fa-leth agus còmhla, bu chòir na luachan a tha air ar stiùireadh gu ruige seo – gaol, co-fhaireachdainn agus dìlseachd – a bhith fhathast a’ lasadh ar slighe. Is e an t-aon rud a bha air m’ aire-sa – mar bhur Prìomh Mhinistear – gun dèanainn mo dhìcheall, gach latha, ri ar stiùireadh tron èiginn seo. Tha fios agam gun do rinn mi mearachdan air an t-slighe – bha sin do-sheachanta agus sinn a’ cur aghaidh ri suidheachadh èiginn gun samhail – ach tha mi cuideachd air ionnsachadh bho na mearachdan sin agus nì mise nas urrainn dhomh gus na chaidh ionnsachadh a chur an sàs anns na co-dhùnaidhean a tha an riaghaltas fhathast a’ dèanamh. Airson nan adhbharan sin uile, tha an taghadh seo air leth cudromach – is dòcha nas cudromaiche na gin eile nar beatha. Aig an àm dhuilich seo, gu h-àraidh, feumaidh an dùthaich làmh sheasmhach agus eòlach air an stiùir. Ma thèid mo thaghadh a-rithist mar Phrìomh Mhinistear, tha mi a’ gealltainn gum bi mi fhìn agus an riaghaltas agam – dìreach mar a rinn sinn thairis air a’ bhliadhna a dh’fhalbh – a’ dèanamh nas urrainn dhuinn gus an dùthaich a stiùireadh gu sàbhailte tron èiginn seo agus a-mach às. Dhòmhsa, chan eil dad ann a tha nas cudromaiche, agus saoilidh mi gun urrainn dhomh an stiùireadh seasmhach, eòlach a tha a dhìth air an dùthaich a thoirt seachad. Ach, tha an taghadh seo mu dheidhinn tòrr a bharrachd na na dùbhlain a tha air ar beulaibh an-dràsta. Tha e cuideachd mu bhith a’ slànachadh agus a’ togail dùthaich nas cothromaiche. Is e sin an t-adhbhar a tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba a’ cur air adhart, aig an taghadh seo, prògram poileasaidh cruth-atharrachail a stiùireas ath-bheothachadh. Poileasaidhean gus ar NHS a dhìon agus Seirbheis Cùraim Nàiseanta ùr a stèidheachadh. Poileasaidhean gus cothroman a thoirt don òigridh, eaconamaidh nas làidire agus nas seasmhaiche a thogail agus barrachd tèarainteachd obrach is teachd-a-steach a thoirt gu buil.


SNP Manifesto 2021

d-amasach gus adh is a stiùireadh air adhart.” Agus poileasaidhean a dhèiligeas ri atharrachadh clìomaid agus a chuireas crìoch air bochdainn cloinne. Bidh sinn cuideachd a’ tabhann dòigh – agus roghainn dhuibhse – a bheir dhuinn cothrom a bhith nar compàirtiche co-ionnan le ar caraidean anns a’ chòrr den Rìoghachd Aonaichte agus air feadh na Roinn Eòrpa.

iarraidh, le coibhneas, co-fhaireachdainn, cothromachd, co-ionannachd agus iomairt aig a cridhe, feumaidh am plana ceart a bhith againn, agus na h-innealan gus an obair a choileanadh. Seo, ma-thà, na tha mise – agus PNA – a’ tabhann dhuibh aig an taghadh seo:

Tha sinn a’ sireadh bhur cead aig an taghadh seo reifreann air neo-eisimeileachd a chumail às dèidh Covid – nuair a tha an èiginn air a dhol seachad ach ann an àm airson làn chumhachd a thoirt don Phàrlamaid againn gus ar faighinn air ais bho Covid san fhad-ùine.

Làmh shàbhailte, sheasmhach agus eòlach a chumas a’ stiùireadh na dùthcha tro agus a-mach às an èiginn gun samhail seo a thàinig oirnn.

Mar a thòisicheas sinn air an dùthaich againn ath-thogail, tha ceist bhunasach ann a dh’fheumas a h-uile duine againn ann an Alba faighneachd dhuinn fhìn.

Agus cothrom air àm ri teachd nas fheàrr, nas cothromaiche agus nas beairtiche don dùthaich againn.

Bidh freagairt na ceiste seo a’ suidheachadh dàn na dùthcha againn agus a’ dearbhadh cothroman beatha a’ ghinealaich seo agus nan ginealaichean ri thighinn.

Tapadh leibh.

Prògram poileasaidh dàna agus àrd-mhiannach gus athbheothachadh a bhrosnachadh agus a stiùireadh.

Nach tog sinn an t-àm ri teachd sin còmhla.

Cò a tha sinn ag iarraidh a bhith a’ cumadh suidheachadh na h-Alba san àm ri teachd? An e Riaghaltasan na h-Alba – ge bith dè am pàrtaidh – a thaghadh le muinntir na h-Alba agus le prìomhachasan agus ùidhean na h-Alba aig an cridhe? No riaghaltasan Westminster a dhiùlt sinn uair is uair? An cuir sinne, muinntir na h-Alba, earbsa annainn fhèin? No am fàg sinn ar dàn ann an làmhan siostam Westminster a tha, gun teagamh sam bith, gar toirt sìos an rathad ceàrr? Ann an teis meadhan na h-èiginn, tha sinn air coimhead ris an riaghaltas againn fhìn agus ris a’ Phàrlamaid againn fhìn, agus air earbsa a chur annta, gus ar stiùireadh gu cala sàbhailte. Bu chòir dhuinn an aon rud a dhèanamh a-nis agus sinn a’ coimhead ri ath-thogail airson nam bliadhnaichean a tha romhainn. Gus a bhith cinnteach gur e an dùthaich a tha sinn ag ath-thogail an tè a tha sinn ag

#BothVotesSNP 3


NA H-ATH CHEUMAN 01.

02.

03.

04.

4

Meudaich caiteachas loidhneaghaidh an NHS co-dhiù 20% gus taic agus ùrachadh a thoirt don NHS againn agus e a’ faighinn seachad air Covid-19. Meudaichidh seo maoineachadh airson sheirbheisean loidhne-aghaidh còrr is £2.5 billean.

05.

06.

Tagh cò ris a bhios àm ri teachd na h-Alba coltach ann an Reifreann Neo-eisimeileachd às dèidh do èiginn Covid a bhith seachad. Cruthaich Seirbheis Cùraim Nàiseanta le taic bho mheudachadh 25% air tasgadh ann an cùram sòisealta. Dèan dùblachadh air Pàigheadh Pàiste na h-Alba gu £20 gach pàiste gach seachdain gus na mìltean de theaghlaichean is de chlann a thoirt a-mach à bochdainn, agus thoir tabhartas airgid de £520 do gach teaghlach le clann a tha a’ faighinn biadh sgoile an-asgaidh gus am bi Pàigheadh Pàiste na h-Alba air a sgaoileadh gu h-iomlan.

07.

08.

Lìbhrig 100,000 dachaigh aig prìs ruigsinneach eile ro 2032, le taic bho thasgadh de £3.5 billean thairis air a’ phàrlamaid, a’ toirt taic do 14,000 cosnadh gach bliadhna. Dèan tasgadh de £1 billean a bharrachd thairis air an ath phàrlamaid gus a’ bheàrn ann an coileanadh sgoile a dhùnadh agus 3,500 tidsearan agus luchd-taice clas a bharrachd fhastadh, a’ toirt barrachd ùine do thidsearan a-mach às an t-seòmarsgoile airson leasanan ullachadh agus na sgilean aca a leasachadh. Thoir bracaist is lòn sgoile anasgaidh don h-uile sgoilear bun-sgoile ann an Alba, fad na bliadhna, agus don a h-uile pàiste ann an sgoiltean speisealta maoinichte leis an stàit ann an Alba. Cùm ìrean agus bannan Cìs Cosnaidh mar a tha iad agus cuir stairsnich an-àirde a rèir ìre na h-atmhorachd aig a’ char as motha.


SNP Manifesto 2021

09.

10.

11.

12.

Thoir àrdachadh pàighidh cothromach do luchd-obrach an NHS, a’ tabhann àrdachadh 4% gu cuibheasach, agus chan e an 1% a tha na Tòraidhean a’ tabhann. Cuir a-steach £500 millean a bharrachd gus taic a thoirt do chosnaidhean ùra agus sgilean ùra a thoirt do dhaoine airson obraichean san àm ri teachd thairis air an ath phàrlamaid. Thoir inneal do gach pàiste ann an Alba airson faighinn air-loidhne, a’ toirt a-steach ceangal eadar-lìn an-asgaidh agus cuideachadh gus a chleachdadh. Thoir cruth-atharrachadh air còmhdhail uaine gus na targaidean net zero againn a choileanadh le bhith a’ toirt bhaidhsagalan an-asgaidh do chlann aois sgoile nach eil comasach air an ceannach dhaibh fhèin, a’ toirt air falbh a’ mhòr-chuid de bhusaichean a ruitheas air connadh fosail bho chòmhdhail phoblach ro 2023 agus a’ cruthachadh rèile nas uaine agus aig prìs nas ruigsinnich.

13.

£

14.

15.

16.

17.

Tog siostam cùram-cloinne amalaichte a bheir seachad cùram ro agus às dèidh na sgoile, fad na bliadhna, far nach pàigh na teaghlaichean as bochda dad. Dèan tasgadh de chòrr is £33 billean thairis air na còig bliadhna a tha romhainn nar Misean Bun-structair Nàiseanta, a’ toirt taic dhìreach do 45,000 cosnadh, agus stèidhich Companaidh Bun-structair Nàiseanta ùr. Cùm suas agus neartaich dàimh na h-Alba leis na compàirtichean againn san Aonadh Eòrpach le sùil ri tilleadh thuige cho luath ’s a ghabhas. Dèan dì-carbonachadh air teasachadh 1 millean dachaigh ro 2030 le tasgadh de £1.6 billean thairis air an ath Phàrlamaid gus dèiligeadh ris an èiginn clìomaid. Cuir Scotrail ann an seilbh phoblach bhon ath-bhliadhna agus dèan dì-carbonachadh air seirbheisean rèile na h-Alba ro 2035.

#BothVotesSNP 5


ar manifesto agus thusa Cleachd am fèin-thaghadh gu h-ìosal gus cothrom fhaighinn air a’ mhanifesto againn.

BIG TEXT LAISNEACHD C FURASTA A LEUGHADH

CLÒ MÒR

BSL

BRAILLE

GÀIDHLIG

Contents 07 A’ stiùireadh na h-Alba a-mach à èiginn Covid 11 16 19 31

6

Nàisean deamocratach ar clàr Comann-sòisealta Truacanta Comann-sòisealta co-ionnan

43 Beatha nas fheàrr 53

Eaconamaidh a tha ag obair

69 Dùthaich làn chothroman 79 Nàisean Net Zero 85 Alba anns an t-Saoghal


SNP Manifesto 2021

A’ stiùireadh na h-Alba a-mach à èiginn Covid Thar na bliadhna a dh’fhalbh tha sinn uile air mòran ionnsachadh mu Covid-19, a’ bhuaidh a th’ aige air ar slàinte agus ar comann-sòisealta. Mar a thòisicheas sinn ag ath-thogail agus ag ùrachadh ar comann-sòisealta agus ag ullachadh airson beatha às dèidh a’ ghalair lèir-sgaoilte, tha e deatamach gun cùm sinn oirnn gar dìon fhèin agus a chèile bho sgaoileadh a’ bhìorais. Chan eil sinn air a h-uile càil a dhèanamh ceart san riaghaltas, ach tha sinn air ionnsachadh bho na mearachdan a rinn sinn, agus b’ ann airson uiread beatha ’s a ghabhas a shàbhaladh a rinn sinn gach co-dhùnadh.

#BothVotesSNP 7


Is e a’ chiad rud a nì Riaghaltas na h-Alba an eaconamaidh agus an comann-sòisealta againn ath-fhosgladh fhad ’s a chumas sinn a’ bhìoras fodha. Is e cothromachadh duilich a tha sin, ach tha plana soilleir aig PNA agus bheir sinn seachad an stiùireadh làidir a dh’fheumas Alba gus na codhùnaidhean duilich a dhèanamh.

Tha ceithir prìomh phàirtean anns a’ phlana againn gus am bhìoras a chumail fodha: • deuchainn agus dìon, • na ceumannan dìon a bhios sinn uile a’ cleachdadh gach latha gus ar cumail fhèin sàbhailte, • bacadh air a’ bhìoras agus air mùthaidhean ùra den bhìoras a’ tighinn a-steach, agus • am prògram banachdachaidh a tha air uiread dòchais a thoirt dhuinn.

Ma chumas sinn uile a’ leantainn an stiùiridh agus a’ coimhead às dèidh a chèile, is urrainn dhuinn gluasad tron ìre èiginneach seo den ghalar sgaoilte, agus air ais gu saoghal a tha a’ faireachdainn tòrr nas nàdarraich.

Deuchainn agus Dìon Tha an siostam Deuchainn agus Dìon againn aig cridhe na strì an aghaidh Covid, agus is ann air sgàth sin a rinn sinn cinnteach gu bheil e air a ruith leis an NHS ann an Alba, chan ann le companaidh phrìobhaideach. Tha deuchainnean Covid a-nis rim faighinn fad is farsaing. Tha còrr is 100 àite deuchainn againn air feadh na dùthcha – àiteachan coiseachd-troimhe, dràibheadhtroimhe, àiteachan far am faodar deuchainn a thoirt air falbh agus àiteachan gluasadach – a’ toirt deuchainn do dhuine sam bith air a bheil comharran a’ ghalair. Agus dhaibhsan a fhuair dearbhadh a’ ghalair, no a bha an cuideachd dhaoine a fhuair dearbhadh, tha sinn air pàigheadh fèin-iomallachaidh de £500 a thoirt a-steach do dhaoine air teachd-a-steach ìosal.

8

Ceumannan Dìon Tha sinn uile air ionnsachadh riaghailtean FACTS a leantainn – gus còmhdach aghaidh a chaitheamh, àiteachan far a bheil sluagh mòr a sheachnadh, làmhan agus uachdaran a ghlanadh, astar dà mheatair a chumail bho chàch, agus fèin-iomallachadh a dhèanamh agus deuchainn fhaighinn ma tha comharran a’ ghalair oirnn. Ged a tha seo uile sàrachail, tha na ceumannan seo nan cuideachadh mòr airson sgaoileadh a’ bhìorais a bhacadh. Bidh na ceumannan seo – agus cuingeadan ciallach eile – nam pàirt de ar beatha airson greis fhathast. Agus mar a bhios barrachd den eaconamaidh agus den chomannshòisealta againn a’ fosgladh tha na ceumannan dìon bunaiteach ann am FACTS a’ fàs nas cudromaiche gus stad a chur air sgaoileadh.

Am bhìoras a’ tighinn a-steach don dùthaich Is e aon de na prìomh dhùbhlain ann a bhith a’ cur às do Chovid dèanamh cinnteach, mar a gheibh sinn e sìos gu ìrean ìosal a-rithist, nach tèid a thoirt a-steach bho dhùthchannan eile. Tha seo eadhon nas cudromaiche a-nis ’s gu bheil mùthaidhean ùra a’ nochdadh. Gu dearbh, tha seo ag obair dà shlighe – tha e mar dhleastanas oirnne cuideachd stad a chur air a’ bhìoras a’ sgaoileadh gu dùthchannan eile. As t-samhradh seo chaidh, tro na h-oidhirpean a rinn sinn uile, cha mhòr nach do chuir sinn às do Chovid ann an Alba – ge tà chaidh a thoirt air ais thugainn tro shiubhal. Tha pàirtean den Roinn Eòrpa an-dràsta a’ fulang sgaoileadh a’ bhìorais a-rithist agus mar sin feumaidh sinn a bhith faiceallach. Cumaidh Riaghaltas PNA cuingeadan siubhail agus cuarantain làidir an sàs cho fad ’s a tha sin riatanach agus cumaidh sinn oirnn a’ brùthadh air Riaghaltas na RA gus dèiligeadh ris na beàrnan cuarantain a tha a’ leigeil le mùthaidhean ùra den bhìoras a thighinn a-steach don dùthaich. Ach, tha fios againn gu feum na ceumannan seo a thighinn gu crìch uaireigin. Chan ann a-mhàin airson a dhol air saor-làithean a bhios daoine siubhal – bidh mòran ann an Alba a’ siubhal a dh’fhaicinn teaghlach is caraidean. Tha sinn a’ tuigsinn cho cudromach ’s a tha sin, agus leigidh sinn le siubhal eadar-nàiseanta ath-thòiseachadh agus bheir sinn taic dha cho luath ’s a tha e sàbhailte sin a dhèanamh.


SNP Manifesto 2021

Banachdach Tha leasachadh bhanachdachan èifeachdach an aghaidh Covid 19 ann an dìreach bliadhna, air a bhith na shoirbheachadh mòr a tha air dòchas ùr a thoirt do mhòran againn. Tha prògram banachdaich na h-Alba air cuimseachadh air na daoine aig an robh an fheum as motha an toiseach. A rèir comhairle eòlaichean tha sinn air prìomhachas a thoirt don fheadhainn as sine, daoine a tha ag obair ann an suidheachaidhean cùraim no aig a bheil duilgheadasan slàinte, oir tha fios againn gu bheil sin a’ sàbhaladh an uiread as motha de bheatha. Tha sinn air an targaid gus a’ chiad ìre den phrògram banachdaich a chrìochnachadh, a’ tabhann a’ chiad dòs dha na daoine sin uile anns na buidhnean as so-leònte ro mheadhan a’ Ghiblein, mus gluais sinn air adhart gu daoine nas òige. Is e seo am prògram banachdaich as motha ann an eachdraidh na h-Alba agus tha sinn fada an comain an fheadhainn a rinn e comasach, bho luchd-saidheans agus luchd-saothrachaidh, gu luchd-obrach cùram slàinte, luchdtèarainteachd, na feachdan armaichte agus gach neach den t-shluagh a bha deònach a’ bhanachdach a ghabhail. Tha sinn mu thràth ag ullachadh gus prògram de dhòs a bharrachd den bhanachdach a lìbhrigeadh nas fhaide am-bliadhna, agus cumaidh sinn oirnn a’ leantainn comhairle luchd-saidheans agus dotairean air mar as urrainnear a’ bhanachdach a sgaoileadh san àm ri teachd. Obraichidh sinn cuideachd gus taic a thoirt do luchd-saothrachaidh banachdaich ann an Alba, a’ toirt taic do sholarachadh ionadail.

Ag ionnsachadh leasanan Is e àm a’ ghalair lèir-sgaoilte Covid an t-àm as duilghe ann am iomadh beatha. Mar a thòisicheas sinn a’ coimhead air thoiseach oirnn feumaidh sinn ionnsachadh sinn bho na dh’fhiosraich sinn agus meòrachadh air. Gus seo a dhèanamh, cuiridh sinn sgrùdadh poblach reachdail air dòigh, le daoine agus còraichean daonna aig a chridhe, mu mar a chaidh an galar lèir-sgaoilte Coròna-bhìoras a làimhseachadh ann an Alba. Nì sinn cinnteach gun cluinnear bho theaghlaichean a chaill luchd-gràidh mar phàirt den rannsachadh agus gu bheil pàirt shusbainteach aca sa phròiseas. Tòisichidh sinn

air na ceumannan riatanach gus an sgrùdadh poblach a stèidheachadh cho luath ’s a ghabhas às dèidh an taghaidh. Mar phàirt de bhith ag ionnsachadh bho na thachair, stèidhichidh sinn Comataidh Seasmhach air Galaran Lèirsgaoilte, a’ toirt còmhla luchd-saidheans agus dotairean gus comhairle a thoirt dhuinn mu na cunnartan san àm ri teachd gus dèanamh cinnteach gu bheil sinn cho ullaichte ’s a ghabhas.

OAr turas air ais Anns na seachdainean a tha romhainn, ma chumas sinn oirnn a’ cur a’ bhìorais fodha, fàsaidh ar beatha beagan nas àbhaistich le barrachd den eaconamaidh agus den chomann-shòisealta againn a’ fosgladh a-rithist. Faodaidh sinn siubhal air feadh na h-Alba, gus am faigh daoine air tadhal air teaghlach is caraidean a-rithist – agus gus an urrainn dhuinn saor-làithean a ghabhail ann an Alba. Cumaidh sinn oirnn a’ toirt taic don fheadhainn a tha air staing ionmhais fhulang tron ghalar lèir-sgaoilte. Bheir sinn pàigheadh de £130 don h-uile duine a tha airidh air lùghdachadh cìs comhairle agus dà phàigheadh eile de £100 do theaghlaichean le teachd-a-steach ìosal. Tha seo a’ ciallachadh, eadar an Dùbhlachd an-uiridh agus deireadh na bliadhna seo, gum faigh teaghlaichean le teachd-a-steach ìosal eadar £400 agus £500 gus cuideachadh le cosgaisean bith-beò tron ghalar lèir-sgaoilte. Gheibh mòran ghnothaichean a dh’fheumadh dùnadh ri linn a’ ghalair lèir-sgaoilte tabhartasan eadar £7,000 agus £19,500 aig deireadh a’ Ghiblein, gus an cuideachadh ag ullachadh airson ath-fhosgladh. Gheibh companaidhean reic, cur-seachad agus aoigheachd faochadh 100% de Reataichean Gnothaich am-bliadhna gus an cuideachadh a’ faighinn air ais air an casan. Is e ar n-amas gum bi beatha san Ògmhios cho àbhaisteach ’s a ghabhas, ged a dh’fhaodas gum bi feum air còmhdach aghaidh agus ceumannan eile airson greis fhathast.

#BothVotesSNP 9


NA THA SINN AIR COILEANADH BOGSA BÈIBIDH CUR ÀS DO CHOSGAISEAN CUNGAIDH-LEIGHEIS OIDEACHADH AN-ASGAIDH TARGAIDEAN CLÌOMAID AIR THÙS SAN T-SAOGHAL CAITEACHAS SLÀINTE NAS ÀIRDE NA BHA E RIAMH AGUS 21,500 LUCHD-OBRACH NHS A BHARRACHD 1,000 POILEAS A BHARRACHD 958 SGOILTEAN AIR AN TOGAIL NO AIR AN ÙRACHADH CÙRAM PEARSANTA AN-ASGAIDH AIR A SGAOILEADH DO NA H-UILE FO 65 A DH’FHEUMAS E DROCHAID PHORT NA BANRIGHINN AGUS RÈILE NAN CRÌOCHAN CÌS COMHAIRLE GA CHUMAIL AIG AN AON ÌRE DEICH SOCHAIREAN ÙRA BIADHSGOILE AN-ASGAIDH DO NA H-UILE ANN AM P1-P3 SIOSTAM CÌS COSNAIDH AS COTHROMAICHE SAN RA A’ CHIAD DÙTHAICH SAN T-SAOGHAL A RINN STUTHAN MÌOSAIL AN-ASGAIDH DO SGOILEARAN IS OILEANAICH BÒNAS NAN GNOTHAICHEAN BEAGA 97,000 DACHAIGH AIG PRIS RUIGSINNEACH 600 UAIR A THÌDE DE CHÙRAM-CLOINNE AN-ASGAIDH – A’ LEUDACHADH DO 1140 SEACH-RATHAD OBAR DHEATHAIN AGUS DÙBLACHADH AN A9 PEAIRT-INBHIR NIS A’ DÌON A’ CHEAD-BUS AN-ASGAIDH AIR THÙS SAN T-SAOGHAL AIR PRÌS DEOCH-LÀIDIR AIR THÙS SAN ROINN EÒRPA AIR CO-IONANNACHD LGBTI AIR THÙS SAN RA AIR PÀIGHEADH COTHROMACH ÀS-MHALAIRT EADAR-NÀISEANTA SUAS 63% BHÒT AIG 16 SON TAGHAIDHEAN THAIGH AN RÒID IS COMHAIRLE FAIGH A-MACH MAR A THA SINN A’ DÈANAMH BEATHA LÀITHEIL NAS FHEÀRR: www.snp.org/record 10


SNP Manifesto 2021

Nàisean deamocratach Tha bhòt airson Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba aig an taghadh seo na bhòt airson nam prionnsapalan deamocratach bunaiteach seo: Tha a’ chòir aig muinntir na h-Alba co-dhùnadh dhuinn fhìn mu cò ris a bhios an t-àm ri teachd coltach dhuinn. ...agus... Is e na daoine a tha a’ còmhnaidh ann an Alba as fheàrr a cho-dhùineas ciamar a bu chòir Alba a bhith air a riaghladh. Stèidhichte air na prionnsapalan sin tha sinn den bheachd gum bu chòir cothrom a bhith aig muinntir na h-Alba co-dhùnadh ann an reifreann, nuair a bhios èiginn Covid seachad, am bu chòir Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach. Tha sinn a’ sireadh cead muinntir na h-Alba san taghadh seo airson reifreann air neo-eisimeileachd a chumail às dèidh èiginn Covid a bhith seachad. Bhiodh seo rè an ath theirm phàrlamaidich air latha sònraichte air a dhearbhadh leis a’ Phàrlamaid dheamocrataich againn fhìn. Ma tha èiginn Covid air a dhol seachad, is e rùn PNA gun tachair an reifreann anns a’ chiad leth den teirm còig bliadhna – nuair a tha an èiginn seachad ach ann an ùine gus na làn chumhachdan a thoirt don Phàrlamaid againn a dh’fheumas i gus ath-bheothachadh bho Chovid a stiùireadh agus nàisean nas fheàrr agus nas cothromaiche a thogail.

#BothVotesSNP 11


Neo-eisimeileachd Thar na h-ath phàrlamaid tha sinn an dùil: • A’ chòir a thoirt do dhaoine ann an Alba taghadh a dhèanamh ann an reifreann air neo-eisimeileachd air cò ris a bhios an t-àm ri teachd againn coltach. Tha sinn a’ moladh gum bu chòir an reifreann a chumail aon uair ’s gu bheil dearg èiginn Covid seachad ach ann an deagh àm gus na cumhachdan a thoirt don Phàrlamaid againn gus ath-bheothachadh bho Chovid san fhad-ùine. • Seanaidhean Shaoranach a ruith gach bliadhna gus sùil a thoirt air cuid de na cùisean as toinnte a tha romhainn mar dhùthaich. • Seanadh ‘Shaoranach’ a stèidheachadh do dhaoine fo aois 16 gus dèanamh cinnteach gun cluinnear guthan saoranaich an latha a-màireach. • Cùmhnantan uile nan Dùthchannan Aonaichte a ghabhail a-steach gu lagh na h-Alba chun na h-ìre as motha a ghabhas taobh a-staigh cumhachdan Pàrlamaid na h-Alba.

Tha a bhith a’ cumail sluagh na h-Alba sàbhailte bho Chovid air a bhith na àrd phrìomhachas aig Riaghaltas PNA, agus bidh fhathast. Ach, nuair a bhios an galar lèir-sgaoilte seachad ann an Alba, is e ar misean nàiseanta mòr – ionann ris gach dùthaich eile – ciamar a nì sinn ath-bheothachadh agus ath-thogail. Tha PNA den bheachd gum bu chòir do dhaoine ann an Alba – ge bith cò às a tha iad – agus chan e Boris Johnson no riaghaltas sam bith ann an Westminster, codhùnadh dè an seòrsa dùthaich a bu chòir a bhith againn às dèidh a’ ghalair lèir-sgaoilte. Bu chòir còir a bhith aig muinntir na h-Alba dùthaich a thogail stèidhichte air co-fhaireachdainn, co-ionannachd agus gaol. Tha sin a’ ciallachadh còir ar NHS a dhìon bho riaghaltasan Thòraidheach; A’ chòir faighinn air falbh bho Bhrexit; A’ chòir a bhith nar com-pàirtiche co-ionnan ann an dàimh ùr agus nas fheàrr le ar caraidean anns a’ chòrr den Rìoghachd Aonaichte; Agus, as cudromaiche buileach, a’ chòir smachd a chumail air a’ phoileasaidh eaconamach againn fhìn, tèarainteachd a thoirt do dhaoine agus feum a dhèanamh den chomas eaconamach anabarrach againn gus fìor dheagh obraichean seasmhach a chruthachadh. An-dràsta tha mòran den smachd sin aig Westminster. Tha an t-eòlas air gearraidhean cruaidh anns na bliadhnachan mu dheireadh a’ toirt rabhadh gum bi riaghaltasan Westminster a’ tilleadh chun na seann fheallsanachd aca às dèidh a’ ghalair lèir-sgaoilte a dhol seachad.

12


SNP Manifesto 2021

An coimeas ri sin, tha dùthchannan neo-eisimeileach taobh siar na Roinn Eòrpa am measg an fheadhainn as beairtiche, as cothromaiche agus as toilichte san t-saoghal. Mas urrainn dhaibhsan a dhèanamh, carson nach b’ urrainn do dh’Alba?

Ma ghabhas Pàrlamaid dheamocratach na h-Alba ri bile a’ reifrinn agus ma dh’fheuchas Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an uair sin ri stad a chur air le cùis lagha, seasaidh sinne toil na Pàrlamaid gu làidir airson còraichean deamocratach muinntir na h-Alba a dhìon.

Às dèidh a h-uile càil a dh’fhuiling sinn, tha daoine ann an Alba airidh air a’ chothrom sin san àm ri teachd.

Mus tachair reifreann sam bith nì sinn cinnteach gum bi fiosrachadh aig muinntir na h-Alba airson roghainn fhiosraichte a dhèanamh mun àm ri teachd.

Tha sinne airson a’ chòir a thoirt do dhaoine ann an Alba taghadh a dhèanamh ann an reifreann air neoeisimeileachd air cò ris a bhios an t-àm ri teachd againn coltach. Tha sinn a’ moladh gum bu chòir an reifreann a chumail aon uair ’s gu bheil èiginn Covid seachad ach ann an deagh àm gus na cumhachdan a thoirt don Phàrlamaid againn gus ath-bheothachadh bho Chovid san fhad-ùine. Gus an cothrom sin a thoirt seachad, tha Riaghaltas na h-Alba air dreachd bhile fhoillseachadh airson reifreann air neo-eisimeileachd. Tha e a’ moladh dè a’ cheist a bu chòir faighneachd, agus cò a bu chòir cead bhòtaidh fhaighinn, agus tha e a’ dèanamh soilleir gum bu chòir deit an reifrinn a bhith na chùis do Phàrlamaid na h-Alba. Ma thèid PNA a thilleadh chun riaghaltais agus gu bheil mòr-chuid shìmplidh ann am Pàrlamaid na h-Alba airson a’ bhile sin às dèidh an taghaidh chan urrainn do adhbhar moralta no deamocratach a bhith ann airson Boris Johnson no riaghaltas sam bith ann an Westminster casg a chur air còir muinntir na h-Alba co-dhùnadh a dhèanamh mun àm ri teachd aca fhèin. Tha PNA soilleir gum feum an reifreann a bhith comasach air neo-eisimeileachd a thoirt gu buil agus mar sin feumaidh daoine aig an taigh agus thall thairis a bhith deònach gabhail ris mar rud dligheach agus bunreachdail. Mar Riaghaltas na h-Alba, bruidhnidh sinn ri Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air a’ ghluasad riatanach de chumhachd gus reifreann a chumail gun dùbhlan laghail agus ann an làmhan Pàrlamaid na h-Alba. Nan diùltadh riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte sin a dhèanamh bhiodh e an dà chuid neo-dheamocratach agus neosheasmhach.

Is e an fhìrinn gu bheil Westminster a’ toirt Alba air an rathad cheàrr. Le bhith a’ gabhail cho-dhùnaidhean mun àm ri teachd nar làmhan fhèin, is urrainn dhuinn Alba ùr a thogail airson a h-uile duine a tha a’ fuireach an seo stèidhichte air cothromachd, co-ionannachd, truacantas, tèarainteachd, toileachas agus gaol. Is ann air sgàth sin a tha sinn den bheachd gum bu chòir àm ri teachd na h-Alba a bhith ann an làmhan na h-Alba.

Seanadh Shaoranach Às dèidh do dhaoine draghan a thogail mun uiread gamhlais a th’ anns an deasbad phoilitigeach againn, air a dhèanamh nas miosa leis na thachair a thaobh Brexit, stèidhich sinn Seanadh ‘Shaoranach’ gus cuideachadh le bhith a’ lorg aonta air cùisean far a bheil beachdan dhaoine calg dhìreach an aghaidh a chèile. Sheall a’ chiad sheanadh ri trì ceistean: - Dè an seòrsa dùthcha a tha sinn a’ feuchainn ri thogail? - Ciamar as fheàrr a gheibh sinn thairis air na dùbhlain a tha romhainn, a’ toirt a-steach an fheadhainn a tha agèirigh bho Bhrexit? - Agus dè eile a bu chòir a dhèanamh gus am fiosrachadh a thoirt do dhaoine a dh’fheumas iad airson roghainnean fiosraichte a dhèanamh mu àm ri teachd na dùthcha?

#BothVotesSNP 13


Tha a’ chiad Seanadh Shaoranach air sealltainn nach e a-mhàin gu bheil e comasach saoranaich a thoirt an lùib nan atharrachaidhean mòra a tha a’ toirt buaidh air ar beatha, ach cuideachd gu bheil e tarbhach sin a dhèanamh. Beachdaichidh sinn gu faiceallach air toraidhean a’ chiad Sheanadh Shaoranach agus bheir sinn freagairt dheimhinneach dhaibh. Tha sinn a’ cur fàilte air toraidhean adhartach eadar-amail bho Sheanadh na Clìomaid agus a’ coimhead air adhart ris an aithisg dheireannaich. Tha sinn fhathast dealasach a thaobh deamocrasaidh com-pàirteachail agus a bhith a’ cruthachadh àite airson fìor chom-pàirteachadh poblach ann an co-dhùnaidhean. Ruithidh sinn Seanaidhean Shaoranach gach bliadhna gus sùil a thoirt air cuid de na cùisean as toinnte a tha romhainn mar dhùthaich. Bheir sinn measgachadh de dhaoine bho air feadh na dùthcha againn gus beachdachadh air cuspairean leithid ath-leasachadh na Cìs Comhairle agus àite riaghaltas ionadail, bàsachadh le taic agus dì-eucoireachadh dhrogaichean. Air thoiseach air reifreann air àm ri teachd na h-Alba dh’iarradh sinn cuideachd air Seanadh Shaoranach beachdachadh air cuid de na prìomh chùisean mun t-seòrsa dùthcha a tha sinn ag iarraidh a bhios ann an Alba – mar eisimpleir, tèarainteachd shòisealta, cìsean no poileasaidh in-imrich. Brosnaichidh sinn cuideachd seanaidhean shaoranach ionadail a bhios a’ beachdachadh air cùisean coimhearsnachd agus a’ moladh fhuasglaidhean ionadail.

Seanadh Shaoranach airson daoine fo aois 16 A’ togail air soirbheachas a’ chiad Sheanadh Shaoranach, stèidhichidh sinn seanadh do chlann agus daoine òga fo 16 gus dèanamh cinnteach gum bi riochdachadh nas fheàrr aca.

Cùmhnantan nan Dùthchannan Aonaichte air an gabhail a-steach do lagh na h-Alba Ann an 2016 gheall sinn tuilleadh dìon a dhèanamh air còraichean daonna, ag ionnsachadh bhon chleachdadh as fheàrr san t-saoghal gus faighinn a-mach dè an dìon a bu chòir dhuinn feuchainn ri dhaingneachadh ann an lagh na h-Alba. Chaidh gabhail ri reachdas mar-thà gus Cunnradh nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Cloinne a thoirt a-steach do lagh na dùthcha. Gus còraichean daonna a thoirt gu buil airson gach ball den chomann-shòisealta, bidh sinn a’ toirt a-steach ceithir cùmhnantan Còraichean Daonna eile aig na Dùthchannan Aonaichte do Lagh na h-Alba: - An Co-cheangal Eadar-nàiseanta air Còraichean Eaconamach, Sòisealta agus Cultarach - An Cunnradh air Cur às do Gach Seòrsa Leth-bhreith an aghaidh Bhoireannach - An Cunnradh air Cur às do Gach Seòrsa Leth-bhreith Cinnidh - An Cunnradh air Còraichean Dhaoine air a bheil Ciorram Bidh an reachdas barraichte seo air còraichean daonna a’ lùghdachadh neo-ionannachd, a’ toirt air adhart còraichean a h-uile duine agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil còraichean daonna freumhaichte anns gach pàirt de bheatha na h-Alba.

14


SNP Manifesto 2021

Na gheibh thu le neo-eisimeileachd A’ chòir air co-dhùnadh na thachras ann an Alba san àm ri teachd. Deamocrasaidh nas fheàrr – a’ toirt cumhachd do mhuinntir na h-Alba an dùthaich a thoirt air an t-slighe a tha sinn uile ag iarraidh a dhol. Riaghaltas nas fheàrr – riaghaltasan dha bheil daoine ann an Alba a’ bhòtadh, chan e riaghaltasan Westminster a bhios sinn a’ diùltadh. NHS poblach an-asgaidh – gu deimhinnte. Smachd air eaconamaidh agus stòras na h-Alba. Siostam tèarainteachd shòisealta nas cothromaiche. Saorsa bho Bhrexit. Com-pàirteachas co-ionann le ar caraidean anns a’ chòrr den Rìoghachd Aonaichte agus san Roinn Eòrpa. Airgead na h-Alba air a chosg air prìomhachasan na h-Alba – chan ann air armachd niùclasach. Dìon do Phàrlamaid na h-Alba an aghaidh Westminster a bhith a’ goid chumhachdan.

#BothVotesSNP 15


ar sealladh

slàinte

neo-eisimeileachd

Nicola Sturgeon

John Swinney

eaconamaidh

beò nas fheàrr

Kate Forbes

Humza Yousaf

teaghlaichean

daoine òga

Maree Todd

Màiri McAllan

16


SNP Manifesto 2021

foghlam

àrainneachd

Kaukab Stewart

Ben Macpherson

boireannaich

co-ionannachd agus còirichean

Jenny Gilruth

Stefan Hoggan-Radu

dùthchail

eadar-nàiseanta

Jim Fairlie

Roza Salih

#BothVotesSNP 17


ar manifesto agus thusa Cleachd am fèin-thaghadh gu h-ìosal gus na prìomh phoileasaidhean againn fhaighinn airson na roinne agad. A’ GHÀIDHEALTACHD AGUS NA H-EILEANAN ear-thuath na h-Alba

ALBA MHEADHANACH AGUS FÌOBH

taobh an iar na h-Alba

MEADHAN NA H-ALBA

Lodainn

Glaschu CEANN A DEAS NA H-ALBA

18


SNP Manifesto 2021

Comannsòisealta Truacanta Tha an galar lèir-sgaoilte air luach cùraim is coibhneis, agus an uiread a tha gach duine againn an urra ri taic chàich, a shealltainn dhuinn. Tha an fheadhainn a tha a’ toirt seachad cùram, ge bith an ann san NHS, dachaighean cùraim, cùram-cloinne no nar dachaighean fhèin, air a bhith thar phrìs. Mar chomann-sòisealta is urrainn dhuinn, agus bu chòir dhuinn, barrachd a dhèanamh gus cùram aithneachadh mar phrìomh phàirt de ar beatha agus ar n-eaconamaidh.

#BothVotesSNP 19


Thar na h-ath phàrlamaid: • Meudaichidh sinn caiteachas loidhne-aghaidh an NHS co-dhiù 20% gus taic agus ùrachadh a thoirt don NHS againn agus e a’ faighinn air ais bho Chovid-19. Meudaichidh seo maoineachadh airson sheirbheisean aghaidh còrr is £2.5 billean. • Stèidhichidh sinn Seirbheis Cùraim Nàiseanta ùr, agus àrdaichidh sinn tasgadh ann an cùram sòisealta 25%. • Cuiridh sinn plana ath-bheothachaidh NHS an gnìomh gus seirbheisean ath-thòiseachadh, gus dèanamh cinnteach gu bheil cùram èiginneach air a lìbhrigeadh gu sgiobalta, gus an tèid leigheasan a dhèanamh a b’ fheudar stad air sgàth covid, agus gus amannan feitheimh a thoirt air ais a rèir thargaidean. • Lìbhrigidh sinn àrdachadh pàighidh cothromach, aontaichte airson luchd-obrach Agenda for Change NHS na h-Alba, a’ tabhann àrdachadh 4% gu cuibheasach, leis an luchd-obrach air an tuarastal as ìsle a’ faighinn buannachd de co-dhiù £1000 sa bhliadhna. • Nì sinn tasgadh de £10 billean thairis air an ath dheich bliadhna gus oighreachd an NHS ùrachadh agus ath-dhealbhadh, agus togalaichean a thogail as ùr – a’ toirt a-steach Ospadal Monklands ùr a lìbhrigeadh, ùrachadh a dhèanamh air Ionad Aillse Taobh Sear na h-Alba agus leasachadh goireasan bunchùraim air feadh na dùthcha. • Bheir sinn taic don Ionad NHS ùr airson Lìbhrigeadh Seasmhach gus dòighean-obrach ùra, nas fheàrr agus nas seasmhaiche a stiùireadh agus a lìbhrigeadh air feadh an NHS agus cùram sòisealta, agus làn fheum fhaighinn à buannachdan teicneòlais agus leigheasan ùra. • Leasaichidh sinn MyNHS, app sàbhailte, sìmplidh agus tèarainte a chuidicheas daoine gus seirbheisean fhaighinn gu dìreach agus sealbh a chumail air an fhiosrachadh slàinte aca fhèin. • Nì sinn tasgadh de £100 millean a bharrachd thairis air an ath phàrlamaid gus dà ionad cùram taghte agus breithneachadh tinneis eile fhosgladh, a bharrachd air na còig ionadan a tha mar-thà fosgailte no gan leasachadh. • Cuiridh sinn às do chosgaisean cùram sòisealta neo-chòmhnaidh dhaibhsan a dh’fheumas taic. • Bheir sinn a-steach Tuarastal Nàiseanta ùr, cothromach airson luchd-obrach Cùraim agus bheir sinn a-steach barganachadh pàighidh nàiseanta airson na roinne airson a’ chiad uair. • Tasgaidh sinn £250 millean thairis air na còig bliadhna a tha romhainn gus dèiligeadh ris an èiginn ann am bàs bho dhrogaichean, a’ toirt taic do bharrachd tasgaidh ann an grunn fhuasglaidhean stèidhichte sa choimhearsnachd, cothrom nas luaithe air leigheas agus leudachadh air ath-ghnàthachadh ann an àiteachan-còmhnaidh. • Cuiridh sinn às do chosgaisean fiaclaireachd NHS agus cumaidh sinn òrdughan-chungaidhean an-asgaidh. • Meudaichidh sinn an tasgadh dìreach ann an seirbheisean slàinte-inntinn co-dhiù 25% agus nì sinn cinnteach, ro dheireadh na pàrlamaid, gun tèid 10% de bhuidseat loidhne-aghaidh an NHS a thasgadh ann an slàinte-inntinn. • Cuiridh sinn Plana Slàinte Bhoireannach an gnìomh gus cùram adhartachadh agus neo-ionannachd slàinte a lùghdachadh do bhoireannaich is nigheanan. • Cruthaichidh sinn Buidheann Cungaidh-leigheis Nàiseanta NHS gus dèanamh cinnteach gum bi dòighean solair tèarainte is seasmhach ann airson chungaidhean deatamach, agus bheir sinn taic do thasgadh ann an rannsachadh ùr-nodha air banachdachan agus cungaidhean. • Dùblaichidh sinn tasgadh Riaghaltas na h-Alba ann an spòrs agus beatha ghnìomhaich gu £100 millean ro dheireadh na pàrlamaid seo

20


SNP Manifesto 2021

Tasgadh san NHS againn

Bidh am prògram tasgaidh againn a’ toirt a-steach:

Is i an t-seirbheis slàinte an t-seirbheis phoblach as prìseil leinn agus nì sinn cinnteach gum bi i seasmhach san àm ri teachd.

Ùrachadh no leasachadh goireasan bun-chùraim agus coimhearsnachd – a’ toirt a-steach, mar eisimpleir, Ospadal Glinn Rathais ann am Fìobha, Ospadal Cuimhneachadh Cogaidh Innis ann an Roinn a’ Mhonaidh, Ospadal Biggart ann am Prestwick, Ospadal Ionadail Chaisteal Dùbhghlais, Ospadal Coimhearsnachd na h-Eaglaise Brice, crìoch air Ospadal Coimhearsnachd ùr Naoimh Bhrianain ann an Barraigh, agus sgaoileadh nas fheàrr air seirbheisean ceangalachd dhidseatach gus barrachd feum a dhèanamh de ‘NearMe’ ann an Arcaibh.

Tha an galar lèir-sgaoilte coròna-bhìoras air uallach gun samhail a chur air an NHS againn agus tha sinn a’ toirt taing do gach neach a tha ag obair san t-seirbheis airson an oidhirpean thairis air a’ bhliadhna a dh’fhalbh. Maoineachadh airson ath-bheothachadh Gus dèiligeadh ris a’ ghalar lèir-sgaoilte, feumaidh an NHS againn dàil a chur ann an cuid de leigheasan eile no a dhol nas slaodaiche leotha, gus a h-uile duine a chumail sàbhailte. Cuiridh sinn an gnìomh Plana Athbheothachaidh NHS, le taic bho àrdachadh 20% ann an tasgadh ann an seirbheisean slàinte loidhne-aghaidh. Bheir seo seachad àrdachadh os cionn reat na h-atmhorachd ann an caiteachas NHS thairis air an ath Phàrlamaid de co-dhiù £2.5 billean. Tha sinn an dùil gum bi an t-àrdachadh seo nas motha na airgead Barnett sam bith a gheibh sinn airson caiteachas slàinte loidhne-aghaidh, ach bidh sinn ag ùrachadh ar geallaidh gun tèid a h-uile sgillinn de thoraidhean Barnett airson slàinte is cùraim a bharrachd a thoirt do sheirbheisean slàinte is cùraim. Gheibh seirbheisean slàinte coimhearsnachd co-dhiù dàrna leth de chaiteachas loidhne-aghaidh an NHS. Gus dèanamh cinnteach gu bheil maoineachadh NHS air a sgaoileadh gu cothromach air feadh na dùthcha nì sinn ath-sgrùdadh air an fhoirmle maoineachaidh. Tasgadh Calpa Gus cuideachadh le ath-bheothachadh ar NHS tha sinn ag amas air £10 billean a thasgadh thairis air an ath dheich bliadhna gus goireasan slàinte air feadh na h-Alba ùrachadh agus a leasachadh. Tha na raointeanama a dh’fheumar gus pròiseactan mòra a thoirt air adhart a’ ciallachadh gum faic sinn a’ mhòr-chuid de na togalaichean ùra san dàrna leth den deichead. Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air ar buidseit calpa a ghearradh a-rithist is a-rithist o chionn beagan bhliadhnaichean agus mar sin tha an t-amas seo fo ùmhlachd nach bi Alba a’ fulang tuilleadh ionnsaigh air a’ bhuidseit seo le Westminster.

Ùrachadh goireasan coitcheann is èiginn ospadail gus an cumail freagarrach san àm ri teachd. Bidh seo a’ toirt a-steach crìoch a chur air Ospadal Teaghlaich Baird agus Ionad ANCHOR ann an Obar Dheathain, agus togail Ospadal ùr Monklands aig Wester Moffat. Thar nan ath dheich bliadhna de thasgadh bidh e cuideachd a’ ciallachadh dealbhadh agus comasachadh ùrachadh air ospadalan a’ toirt a-steach Ospadal Ninewells ann an Dùn Dè, Ospadal Coitcheann Ghallaibh ann an Inbhir Ùige, Ospadal Rìoghail Alexandra ann am Pàislig, Ospadal Vale of Leven ann an Alexandria, Ospadal Gilbert Bain ann an Lerwick, agus Ospadal Coitcheann nan Crìochan ann am Maolros. Tha ar prògram togail agus leasachaidh air ionadan cùram taghte a’ dol air adhart agus tha e a’ toirt a-steach ionad aig Ospadal Rìoghail Pheairt, ionad ann an Obar Dheathain, fear ann an Inbhir Nis, agus ionad aig Ospadal Naoimh Eòin ann am Baile Dhùn Lèibhe. Gus cuideachadh le faighinn seachad air a’ ghalar lèir-sgaoilte agus gus dèanamh cinnteach gu bheil an comas againn a thaobh cùram taghte a dh’fheumas sinn san àm ri teachd, bheir sinn air adhart dà ionad cùram taghte a bharrachd ann an Comar nan Allt agus Siorrachd Àir. Bidh sinn cuideachd a’ tasgadh gus na goireasan speisealta againn a chomasachadh airson cuideachadh le bhith a’ frithealadh do shluagh fada nas fharsainge na na coimhearsnachdan a tha a’ fuireach faisg orra. Bidh sin a’ toirt a-steach ionadan ùra a chur an àite ionad aillse roinneil taobh sear na h-Alba aig Ospadal Coitcheann an Iar ann an Dùn Èideann, Pàillean Sùla Dhùn Èideann, agus Institiud Niùro-saidheans QEUH.

#BothVotesSNP 21


Buidheann Cungaidh-leigheis Nàiseanta Cruthaichidh sinn Buidheann Cungaidh-leigheis Nàiseanta NHS leis an rùn cungaidhean sàbhailte agus àrd-inbhe fhaighinn, aig a’ phrìs as èifeachdaiche a tha comasach. Far a bheil e riatanach bidh seo a’ toirt a-steach leudachadh comais air gach cuid cungaidhean coitcheann agus ‘speisealta’ a dhèanamh, rudeigin a chaidh a thòiseachadh mu thràth air sgèile bheag ann an NHS Taobh Tatha. Obraichidh a’ Bhuidheann Cungaidh-leigheis Nàiseanta còmhla ri Banca Tasgadh Nàiseanta na h-Alba gus taic a thoirt do thasgadh ann an rannsachadh is leasachadh ùr-ghnàthach gus cungaidhean is obraichean ùra a thoirt a dh’Alba. Ionad breithneachadh luath airson aillse Stèidhichidh sinn cuideachd ionad breithneachadh luath airson aillse anns a h-uile sgìre bòrd slàinte. Bidh a’ chiad trì dhiubh sin – ann an Siorrachd Àir is Arainn, Fìobha agus Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh – deiseil ro dheireadh a’ Chèitein. Cuidichidh iad sin le bhith a’ toirt taic nas fheàrr do dh’euslaintich air comharraidhean neoshònraichte a dh’fhaodadh a bhith a’ ciallachadh gu bheil aillse orra, agus gheibh gach euslainteach taic bho ‘neachiùil’ aig cridhe chùisean gus am bi aon phrìomh phuing conaltraidh aig an euslainteach tron phròiseas.

Luchd-obrach agus Pàigheadh NHS Tha sinn a’ tuigsinn an uallaich a tha air a bhith air luchdobrach an NHS anns na mìosan a chaidh seachad agus tha sinn fada, fada nan comain. Mar chomharra tràth air ar taingealachd thug sinn duais taing de £500 do luchd-obrach NHS, agus gealladh air pàigheadh cothromach. Tairgse pàighidh Tha Riaghaltas PNA a-nis air àrdachadh pàighidh susbainteach a thabhann don 154,000 luchd-obrach Agenda for Change NHS Alba, a’ diùltadh a’ mholaidh 1% aig na Tòraidhean. Tha sinn air àrdachadh 4% a mholadh don luchd-obrach air fad ann am Bannan 1 gu 7, le àrdachadh cinnteach de £1000 airson neach sam bith air tuarastal nas lugha na £25,000.

22

Tha an tairgse againn a’ ciallachadh gum biodh banaltram aig mullach Bann 5 ann an Alba còrr is £1,300 nas fheàrr dheth às dèidh cìs agus Àrachas Nàiseanta na bhiodh nursaichean den aon ìre ann an Sasainn – a’ toirt dhachaigh còrr is 5% a bharrachd. Tha am pàigheadh NHS as fheàrr san Rìoghachd Aonaichte aig luchd-obrach NHS na h-Alba, agus rè na pàrlamaid seo nì sinn cinnteach gun lean sin. A’ cur àireamhan luchd-obrach an-àirde Tha còrr air 21,500 a bharrachd de luchd-obrach againn ann an NHS na h-Alba a-nis na nuair a thàinig PNA a-steach don riaghaltas. Bidh sinn a’ fastadh codhiù 1500 a bharrachd de luchd-obrach NHS gus ar prògram ionadan cùram taghte a lìbhrigeadh agus comas speisealta a mheudachadh. Nì sinn leudachadh a bharrachd air àiteachan trèanaidh ann an sgoiltean leigheis co-dhiù 100 gach bliadhna agus dùblaichidh sinn an àireamh de dh’àiteachan air a’ phrògram Leudachadh Ruigsinneachd air Foghlam Leigheis gus sgioba-obrach meidigeach nas eadarmheasgte a thogail. Cruthaichidh sinn bursaraidh oileanaich do luchd-eiridinn gus taic a thoirt do luchd-eiridinn rè an trèanaidh aca. Leudaichidh sinn an taic slàinte-obrach agus slàinteinntinn do luchd-obrach NHS, agus obraichidh sinn le luchd-obrach gus cumadh a thoirt air nàdar is farsaingeachd an t-solair.

Ag ath-thòiseachadh an NHS againn Bha sinn air adhartas mòr a dhèanamh ann a bhith a’ lùghdachadh amannan feitheimh dìreach ron ghalar lèir-sgaoilte, ach tha Covid-19 air bacadh mòr a chur air an adhartas sin agus tha sinn air àrdachadh mòr fhaicinn anns na h-àireamhan de dh’euslaintich a tha a’ feitheamh ri comhairle agus leigheas àbhaisteach. Plana Ath-bheothachaidh an NHS againn Cuiridh sinn an gnìomh Plana Ath-bheothachaidh NHS a bheir buaidh air dòighean-obrach ùra, seasmhach agus a bheir taic don loidhne-aghaidh againn gus na leasachaidhean as ùire ann an saidheans meidigeach a chleachdadh. Innsidh e ciamar a mheudaicheas sinn gnìomhachd an NHS gus leigheas ath-thòiseachadh air an deach dàil a chur rè a’ ghalair lèir-sgaoilte agus gus dèiligeadh ri amannan feitheimh anabarrach fada.


SNP Manifesto 2021

Bidh am plana againn a’ toirt a-steach: • Taic airson àrdachadh 10% ann an obair a thaobh euslaintich-fuirich, cùram latha, agus euslaintichtadhail gus dèiligeadh ris an dàil ann an leigheas a thachair air los a’ ghalar lèir-sgaoilte Covid-19 – a’ toirt a-steach cleachdadh agus comas seòmraichean obrach-lannsa a mheudachadh ann an àiteachan mar Ospadal Coimhearsnachd Lodainn an Ear, agus cleachdadh aonadan gluasadach fhad ’s a tha goireasan ùra gan togail, • £10 millean airson dòighean breithneachadh tinneis ùra agus ath-dhealbhadh cùram èiginneach a thoirt a-steach, • fastadh nas luaithe de luchd-obrach airson nan 5 ionadan leigheas taghte agus breithneachadh tinneis nàiseanta againn, le co-dhiù 1,500 a bharrachd de luchd-obrach loidhne-aghaidh airson nan goireasan sin ro 2025, • tasgadh £100 millean a bharrachd gus dà ionad cùram taghte nàiseanta a bharrachd fhosgladh gus ar comas àrdachadh airson freagairt ri feumalachdan sluaigh a tha a’ fàs nas sine, • buileachadh ar Plana Ath-bheothachaidh air Seirbheisean Aillse, a’ toirt a-steach a’ chompàirteachas £18 millean le Macmillan gus dèanamh cinnteach gum faigh a h-uile duine ann an Alba le aillse cùram fa leth. • tasgadh £20 millean a bharrachd gus ar prògram Detect Cancer Early a leudachadh • cumail nan targaidean aillse a th’ ann an-dràsta agus ath-bhreithneachadh a bheil luach ann an targaidean sònraichte a bharrachd airson diofar sheòrsaichean aillse agus leigheasan aillse. Covid Maireannach Is e buaidh leantaileach a’ ghalair lèir-sgaoilte do mhòran dhaoine gu bheil iad a’ fulang ‘covid maireannach’. Faodaidh an duilgheadas slàinte a tha seo a bhith eadardhealaichte bho neach gu neach agus chan eil e air a chuingealachadh gu duilgheadasan analach. Cuiridh sinn taic ris na dotairean-teaghlaich againn gus cuideachadh le bhith a’ co-òrdanachadh cùram ioma-chuspaireil, a’ gabhail a-steach leigheas èiginn, a dh’fheumas daoine le covid maireannach.

Cumaidh sinn oirnn ag obair le buidhnean san treas roinn leithid Chest, Heart, Stroke Scotland gus dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig daoine air na seirbheisean a tha rim faighinn an-dràsta gus ar cuideachadh le bhith a’ lìbhrigeadh sheirbheisean leasaichte cho luath ’s a ghabhas. Coimiseanair Sàbhailteachd Euslainteach Cuiridh sinn Coimiseanair Sàbhailteachd Euslainteach an dreuchd mar neach-tagraidh nàiseanta airson euslaintich agus gus na còraichean aca a dhìon. Cùram didseatach Tràth ann an èiginn Covid-19 chaidh an t-seirbheis comhairleachadh slàinte bhidio ‘Near Me’ a mheudachadh. Mheudaich sinn comas, rinn sinn trèanadh air barrachd air 7,000 neach, agus thug sinn taic do 650 ionad dotairean-teaghlaich airson a chleachdadh. Ged nach eil co-chomhairlean bhidio freagarrach don h-uile duine, stèidhichidh Riaghaltas PNA, ma thèid ar thaghadh a-rithist, Near Me mar an roghainn àbhaisteach far a bheil sin freagarrach agus far a bheil iad toilichte an t-seirbheis a chleachdadh. Agus, tha sinn airson a dhol nas fhaide na dìreach cochomhairleachadh didseatach. Leasaichidh sinn MyNHS, app sàbhailte, sìmplidh agus tèarainte a chuidicheas daoine gus seirbheisean fhaighinn gu dìreach agus sealbh a chumail air an fhiosrachadh slàinte aca fhèin. Tha sinn cuideachd air barrachd dhaoine fhaicinn a’ cleachdadh seirbheisean slàinte inntinn air-loidhne no didseatach. Stèidhichidh sinn prògram ùr Slàinte Inntinn Didseatach gus na seirbheisean a tha rim faighinn a neartachadh. Gluaisidh sinn gu pròiseas òrdugh-cungaidh didseatach, far an tèid an t-òrdugh-cungaidh agad a chur gu dealanach chun na bùth-chungaidhean ionadail gus a chur air dòigh, ga dhèanamh nas fhasa do dhaoine na cungaidhean-leigheis a tha a dhìth orra fhaighinn. Cùram sa choimhearsnachd Tha sinn airson nas urrainn dhuinn de chùram slàinte fhaicinn sa choimhearsnachd agus nas fhaisge air dachaighean dhaoine fhèin, oir tha fios againn gur e sin a tha euslaintich ag iarraidh.

#BothVotesSNP 23


Tha sin a’ ciallachadh leantainn air adhart ag athleasachadh bun-chùram agus a’ tasgadh ann an seirbheisean. Gheibh bun-chùram agus seirbheisean dhotairean cuibhreann nas motha de thasgadh loidhneaghaidh NHS thairis air a’ phàrlamaid seo, le àrdachadh de co-dhiù 25% ann am maoineachadh bun-chùraim. Cuiridh sinn an gnìomh barrachd sheirbheisean slàinte gluasadach airson cùram a lìbhrigeadh gu dìreach, gu sònraichte ann an sgìrean dùthchail. Bidh seo a’ toirt a-steach seirbheisean sgrìonaidh a bharrachd, aonadan stròc agus seirbheisean slàinte inntinn. Bidh an siostam Bùth-chungaidhean an Toiseach aig NHS Alba a’ cuideachadh dhaoine gus an cùram ceart fhaighinn san àite cheart, gun a bhith a’ dol chun ionaddotair aca no an Roinn Tubaist is Èiginn ionadail airson cùram neo-èiginneach. Leudaichidh sinn an siostam Bùth-chungaidhean an Toiseach gus leigeil le bùthanchungaidhean coimhearsnachd comhairle no leigheas fiosrach a thoirt do dhaoine airson tinneasan beaga agus tinneasan cumanta, no gus daoine a chur air adhart gu sgiobaidhean cùram slàinte eile ma bhios feum air. Leig an reachdas Coròna-bhìorais èiginneach againn le cungadairean coimhearsnachd banachdachan a lìbhrigeadh, a’ gabhail a-steach obair sa phrògram banachdaich deatamach airson Covid-19 agus bheir riaghaltas PNA reachdas a-steach gus seo a dhèanamh maireannach. A’ frithealadh do Choimhearsnachdan Dùthchail is Iomallach Cruthaichidh sinn ionad sàr-mhathais ùr airson leigheas is cùram sòisealta dùthchail agus iomallach gus eòlas agus comhairle a thoirt seachad mu lìbhrigeadh cùraim ann an diofar shuidheachaidhean dùthchail, eileanach agus iomallach ann an Alba, agus tasgadh a dhèanamh anns na h-ospadalan coitcheann dùthchail againn a’ toirt a-steach Ospadal Belford ùr anns a’ Ghearastan. Tha sinn fhathast dealasach a thaobh seirbheisean màthaireil fo stiùir àrd-lighichean a thoirt air ais aig Dr Gray’s ann an Eilginn ann an dòigh shàbhailte agus sheasmhach agus bheir sinn air adhart molaidhean an ath-bhreithneachaidh neo-eisimeilich a tha ri aithris as t-samhradh.

24

Ionad NHS airson Lìbhrigeadh Seasmhach Bheir sinn taic don Ionad NHS ùr airson Lìbhrigeadh Seasmhach gus dòighean-obrach ùra, nas fheàrr agus nas seasmhaiche a stiùireadh agus a lìbhrigeadh air feadh an NHS agus cùram sòisealta, agus làn fheum fhaighinn à buannachdan teicneòlais agus leigheasan ùra.

Seirbheis Cùraim Nàiseanta Cha robh e riamh cho soilleir cho cudromach ’s a tha ar seirbheisean cùram sòisealta. Tha sinn fada, fada an comain luchd-cùraim ar dùthcha airson an dealais agus an truais a chunnaic sinn rè àm a’ ghalar lèir-sgaoilte. Gus dèanamh cinnteach gu bheil an siostam cùram sòisealta againn a’ lìbhrigeadh sàr-sheirbheisean gu cunbhalach air feadh na h-Alba, bheir sinn air adhart molaidhean ath-sgrùdadh neo-eisimeileach Feeley agus stèidhichidh sinn Seirbheis Cùraim Nàiseanta anns an ath theirm phàrlamaideach. Bidh an t-Seirbheis Cùraim Nàiseanta a’ cumail sùil air lìbhrigeadh cùraim, a’ leasachadh inbhean cùraim, a’ dèanamh cinnteach à pàigheadh agus cumhaichean nas fheàrr do luchd-obrach agus a’ toirt taic nas fheàrr do luchd-cùraim gun phàigheadh. Chan eil sin a’ ciallachadh gum bi a h-uile dachaigh cùraim an seilbh no air a ruith le Riaghaltas na h-Alba, ach tha e a’ ciallachadh gun leasaich sinn inbhean, trèanadh agus pàigheadh thar an t-siostaim gu lèir, agus gum bi barrachd cunntachalachd ann airson solarachadh cùram sòisealta. Leigidh e leinn Tuarastal Nàiseanta airson luchd-obrach Cùraim a thoirt a-steach agus rèiteach pàighidh nàiseanta a thoirt a-steach don roinn, stèidhichte air prionnsapalan obair chothromaich, airson a’ chiad uair. Ma thèid ar taghadh a-rithist, tòisichidh sinn air a’ phròiseas reachdail fhoirmeil gus an t-seirbheis ùr a stèidheachadh taobh a-staigh a’ chiad bhliadhna den Phàrlamaid ùr agus bidh sinn ag amas air an t-Seirbheis Cùraim Nàiseanta ùr a bhith ag obair ro dheireadh na pàrlamaid.


SNP Manifesto 2021

Mar phàirt de dhòigh-obrach stèidhichte air còraichean airson cùram, neartaichidh sinn còraichean luchdcòmhnaidh ann an suidheachaidhean còmhnaidh inbheach. Bidh seo a’ toirt a-steach a bhith a’ lìbhrigeadh ‘Lagh Anne’ - a’ toirt nan aon chòraichean inntrigidh do chàirdean no charaidean ainmichte gu dachaighean cùraim ri luchd-obrach fhad ’s a tha iad a’ leantainn dhòighean-obrach teann air smachd thinneasan gabhaltach, mar a chaidh iarraidh le Càirdean Dachaighean Cùraim Alba. Mar a chruthaicheas sinn an t-Seirbheis Cùraim Nàiseanta, nì sinn ath-sgrùdadh air àireamh, structar agus riaghladh bùird slàinte – agus seirbheisean lìbhrigidh cocheangailte eile – gus cur às do obair gun adhbhar agus an fheum as fheàrr a dhèanamh de airgead poblach. Maoineachadh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta ùr Chan urrainnear na h-atharrachaidhean seo a dhèanamh ach le barrachd tasgaidh. Mar sin àrdaichidh sinn tasgadh poblach ann an cùram sòisealta 25% thairis air a’ phàrlamaid, a’ lìbhrigeadh còrr is £800 millean de thaic nas motha airson cùram sòisealta. Tha sinn a’ creidsinn gum bu chòir seirbheisean cùram sòisealta, dìreach mar sheirbheisean cùram slàinte, a bhith air an toirt seachad air fìor bhunait uile-choitcheann, anasgaidh aig àm cleachdaidh. Mar sin cuiridh riaghaltas PNA às do chosgaisean airson cùram neo-chòmhnaidh.

A’ toirt Piseach air Seirbheisean Slàinte-inntinn Is e slàinte inntinn aon de na cùisean slàinte phoblaich as cudromaiche a tha mu choinneimh na h-Alba an-diugh agus is e sin as coireach, eadhon ro Chovid, gun robh e na phrìomhachas aig PNA, le aire shònraichte air tasgadh agus ath-dhealbhadh seirbheisean slàinte inntinn cloinne is dheugairean (CAMHS). Meudaichidh sinn tasgadh dìreach Riaghaltas na h-Alba ann an seirbheisean slàinte-inntinn co-dhiù 25% agus nì sinn cinnteach, ro dheireadh na pàrlamaid, gun tèid 10% de bhuidseat loidhne-aghaidh an NHS a thasgadh ann an slàinte-inntinn.

Bidh sinn a’ togail air soirbheachas ar prògram neachobrach ceangail coimhearsnachd, gus dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig a h-uile dotair teaghlaich anns an dùthaich air neach-obrach ceangail sunnd inntinn, a’ cruthachadh lìonra de 1,000 neach-obrach sònraichte a bharrachd a chuidicheas le bhith a’ brosnachadh foghainteachd slàinte inntinn coimhearsnachd agus òrdachadh-leighis sòisealta. Gus dèiligeadh ri stiogma agus gus aire a thogail mu thinneas inntinn, bheir sinn trèanadh ciad-chobhair slàinte inntinn don h-uile duine san roinn phoblaich ro dheireadh na pàrlamaid. Cuiridh sinn air adhart molaidhean an Ath-sgrùdadh Neoeisimeileach air Lìbhrigeadh Seirbheisean Slàinte Inntinn Foireansach agus molaidhean aithisg dheireannach Iain Scott QC a tha ri thighinn air an ath-bhreithneachadh aige air lagh agus cleachdadh slàinte inntinn a thaobh cur an grèim èigneachail. Slàinte Inntinn Cloinne Nì sinn cinnteach gum bi co-dhiù 1% de chosgaisean loidhne-aghaidh NHS a’ dol gu taic agus seirbheisean CAMHS ro dheireadh na pàrlamaid. Tha an ro-innleachd slàinte inntinn againn a’ cuideachadh le bhith ag ath-dhealbhadh mar a tha CAMHS air a lìbhrigeadh, le prionnsapal ‘Iarr aon turas, faigh cuideachadh gu sgiobalta’. Bheir sinn a-steach Roinnleachd Eadar-ghluasad Nàiseanta gus toraidhean a leasachadh do chlann is daoine òga a tha a’ fulang droch shlàinte inntinn nuair a tha iad a’ gluasad gu bhith nan inbhich. Casg fèin-mharbhaidh Is e ar miann gum bi Alba na àite far an gabh fèinmharbhadh a chasg agus far a bheil e ga chasg, agus far a bheil cuideachadh agus taic ri fhaighinn do neach sam bith a tha a’ beachdachadh air fèin-mharbhadh agus dhaibhsan a chaill cuideigin tro fhèin-mharbhadh. Gus cuideachadh le seo a choileanadh, nì sinn dùblachadh air caiteachas casg fèin-mharbhaidh agus bheir sinn taic do raon ghnìomhachdan, a’ gabhail a-steach dùblachadh na h-àireimh de luchd-trèanaidh prògram Trèanaidh air Sgilean Eadar-theachd Fèin-mharbhaidh agus prògram SafeTalk, ro dheireadh na pàrlamaid.

#BothVotesSNP 25


Ciorram ionnsachaidh, Òtasam agus Neuro-iomadachd Ged nach e tinneasan slàinte inntinn a th’ ann an òtasam agus ciorraman ionnsachaidh, nuair a tha feum air leigheas agus cùram tha iad an-dràsta air an còmhdach leis an Achd Slàinte Inntinn. Bheir sinn air adhart Bile Ciorram Ionnsachaidh, Òtasam agus Neuro-iomadachd gus taic agus seirbheisean a mhìneachadh san reachdas slàinte inntinn a tha ann agus gus dèanamh cinnteach gu bheil còraichean daonna air an dìon agus air an adhartachadh. Gus dèanamh cinnteach gun tèid cumail ris an reachdas ùr nuair a thig e an èifeachd cruthaichidh sinn Coimiseanair Ciorraman Ionnsachaidh, Òtasam agus Neuro-iomadachd tron lagh ùr. Obraichidh sinn còmhla ri daoine le eòlas air na cùisean buntainneach air dòigh-obrach in-ghabhalach gus dèanamh cinnteach gun urrainn don Choimiseanair na còraichean aca a dhìon.

An-asgaidh aig àm cleachdaidh Tha sinn gu tur dealasach a thaobh prionnsapalan bunaiteach an NHS againn – fo shealbh phoblach, air a lìbhrigeadh gu poblach agus an-asgaidh aig àm cleachdaidh. Òrdughan-chungaidhean agus sgrùdaidhean sùla Dìonaidh sinn sgrùdaidhean sùla an-asgaidh agus òrdughan-cungaidh an-asgaidh ann an Alba, a’ sàbhaladh faisg air £22 agus £9.35 gach rud fa leth do dhaoine, an coimeas ri Sasainn.

Fiaclaireachd NHS Tha aon raon de sheirbheisean NHS ann fhathast a dh’fhaodas cosgais adhbharachadh – fiaclaireachd NHS. Tha sinn air adhartas mòr a dhèanamh ann a bhith a’ leasachadh ruigsinneachd air fiaclaireachd, ach ma thèid ar taghadh a-rithist leasaichidh sinn ruigsinneachd barrachd le bhith a’ cur às do chosgaisean fiaclaireachd NHS thar cùrsa na pàrlamaid. Tòisichidh sinn seo le daoine aig a bheil eòlas air cùram eadar 18 agus 26. Cosgaisean Pàircidh B’ e PNA a chuir às do chosgaisean pàircidh anns a h-uile pàirc chàraichean aig an NHS ann an Alba. Tron ghalar lèir-sgaoilte Covid-19 rinn sinn cinnteach gu robh pàirceadh anns a h-uile pàirc chàraichean aig ospadal anasgaidh, a’ toirt a-steach an fheadhainn fo shealbh PFI. Cuiridh sinn taic ri bùird NHS gus na ceumannan riatanach a ghabhail airson dèanamh cinnteach gum bi pàirceadh an-asgaidh san fhad-ùine. Maoin Teaghlaich Euslaintich Òga A’ togail air soirbheachas ar Maoin Chosgaisean Cloinne Ùr-bhreith, bheir sinn a-steach Maoin Teaghlaich Euslaintich Òga gus taic a thoirt do theaghlaichean a tha a’ tadhal air clann a tha a’ faighinn cùram euslainteach-fuirich.

Ana-chleachdadh stuthan agus bàs bho dhrogaichean Tha an àireamh de dhaoine a gheibh bàs co-cheangailte ri drogaichean ann an Alba ro àrd. Tha gach aon de na bàis sin na chùis-bhròin eagallach, aig a bheil buaidh anabarrach air daoine fa leth, teaghlaichean agus coimhearsnachdan air feadh na dùthcha. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil feum air misean nàiseanta gus dèiligeadh ris an èiginn bàis dhrogaichean a tha ann an Alba. Feumaidh sinn comas a thoirt do bharrachd dhaoine gus taic a shireadh; an taic sin a dhèanamh nas cunbhalaiche, sùbailte agus èifeachdaich, agus fada nas luaithe; agus seirbheisean a chuideachadh a bhith a’ cumail orra ag obair còmhla ris na daoine ris a bheil iad a’ toirt taic.

26


SNP Manifesto 2021

Tasgaidh sinn £250 millean thairis air beatha na pàrlamaid gus taic a thoirt do raon de dh’eadar-theachdan stèidhichte sa choimhearsnachd, a’ gabhail a-steach bunchùram casg, agus leudachadh air ath-ghnàthachadh ann an àite-còmhnaidh. Bidh sinn: • a’ cur taic ri seirbheisean com-pàirteachaidh anns a h-uile ùghdarras ionadail • a’ cur an gnìomh na h-Inbhean Cùraim le Taic Leigheis (MAT) ùra anns a’ chiad bhliadhna den phàrlamaid, a’ dèanamh cinnteach à cùram air an aon latha no òrdachadh-cungaidh an aon latha dhaibhsan a dh’fheumas e, • a’ gluasad gu cuairt maoineachaidh 5-bliadhna airson buidhnean treas roinn iomchaidh agus buidhnean a tha san loidhne-toisich a’ sàbhaladh beatha • Tha sinn fhathast dealasach a thaobh a bhith a’ toirt a-steach goireasan airson drogaichean a ghabhail gu sàbhailte fo stiùir mheidigeach. Chaidh a dhearbhadh air feadh an t-saoghail gu bheil na goireasan seo a’ sàbhaladh beatha. Rannsaichidh sinn gach slighe laghail ann an oidhirp an stèidheachadh ann an Alba.

Slàinte Phoblach Ged a chaidh mòran aire a thoirt do bhuaidhean dìreach Covid-19 air slàinte, feumaidh sinn cuideachd obair còmhla gus ar fòcas a ghluasad a dh’ionnsaigh neo-ionannachd slàinte a lùghdachadh agus droch shlàinte a bhacadh. Feuchaidh sinn ri sanasachd deoch làidir a chuingealachadh ann an àiteachan far am biodh clann buailteach fhaicinn. Bidh sinn ag ath-dhearbhadh ar dealas airson àrd-amas 2034 Alba gun smocadh agus foillsichidh sinn roinnleachd tombaca ùr. Tha e na phrìomhachas slàinte phoblaich daoine a bhrosnachadh gu bhith ag ithe biadh fallain agus cumail ri cuideam fallain agus bidh sinn ag amas air reamhrachd cloinne a lùghdachadh gu dàrna leth ro 2030, a’ lùghdachadh gu mòr neo-ionannachd slàinte cocheangailte ri daithead.

Nì sinn prògraman Sgoiltean Gnìomhach an-asgaidh don h-uile pàiste ro dheireadh na pàrlamaid agus cumaidh sinn oirnn a’ leasachadh ìrean beathachaidh airson biadh is deoch ann an sgoiltean. Bheir sinn air adhart reachdas gus casg a chur air sanasachd de bhiadh is deoch le tòrr geir, siùcair agus salainn thairis air an ath phàrlamaid. Tha bùthan-chungaidhean coimhearsnachd air seirbheisean casg-gineamhainn a thoirt seachad tron ghalar lèir-sgaoilte. Nì sinn sgrùdadh air roghainnean airson a bhith a’ gluasad lìbhrigeadh dòighean casggineamhainn fad-ùine gu bùthan-chungaidhean coimhearsnachd. Rinn sinn pìleat air seirbheis casggineamhainn eadar-amail, a tha ri fhaighinn leis a’ Chasggineamhainn Hormònach Èiginn (EHC), gus cùram iomlan a thoirt do luchd-cleachdaidh.

Slàinte Bhoireannach Feumar cùram-slàinte a leasachadh do bhoireannaich, gu sònraichte a thaobh nan diofar ràithean de bheatha boireannaich. Leasaichidh sinn agus cuiridh sinn an gnìomh Plana Slàinte Bhoireannach gus seirbheisean adhartachadh agus neo-ionannachd slàinte do bhoireannaich is nigheanan a lùghdachadh. Bidh e: • a’ stèidheachadh seirbheis asaid-anabaich urramach, truacanta a tha air a dhealbhadh a rèir feumalachdan bhoireannach, a’ toirt air adhart co-dhùnaidhean aithisg an Lancet agus a’ toirt taic do leasachadh planaichean cùraim fa-leth às dèidh a’ chiad asaid-anabaich, • a’ leantainn na tha Sealan Nuadh a’ dèanamh far a bheil teaghlaichean a tha a’ fulang asaid-anabaich no marbhbhreith airidh air 3 latha de dh’fhòrladh pàighte, le bhith a’ lìbhrigeadh seo taobh a-staigh na roinne phoblaich agus ag iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte na h-atharrachaidhean riatanach a dhèanamh air lagh cosnaidh gus am faigh a h-uile duine e,

#BothVotesSNP 27


• a’ dèanamh ath-bhreithneachadh air mar a bhios mnathan-glùine agus banaltraman-slàinte a’ coinneachadh ri teaghlaichean ùra agus leanaban, a’ leasachadh cothrom air taic airson biathadh broillich, comhairle air leigheas corporra agus a’ meudachadh taic às dèidh asaid agus taic sunnd inntinn, • a’ dèanamh cinnteach gu bheil goireasan sònraichte aig roinnean màthaireil do bhoireannaich a tha a’ fulang le duilgheadasan leatromachd ris nach robh dùil, • a’ lùghdachadh amannan feitheimh airson breithneachadh endometriosis fhaighinn bho còrr air 8 bliadhna gu nas lugha na 12 mìosan ro dheireadh na pàrlamaid, agus coimhead ri bhith a’ leasachadh mar a thachras do bhoireannaich agus mar a thèid breithneachadh air na duilgheadasan aca nuair a bhios iad a’ tadhal air na dotairean teaghlaich aca le duilgheadasan mìosail eile, • a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothrom nas fheàrr aig boireannaich air seirbheisean sònraichte airson comhairle agus taic mu bhreithneachadh agus dèiligeadh ri làn-sgur fala mhìosail. Cuiridh sinn iomairt slàinte phoblaich air bhog gus cur às do stiogma agus aire a thogail mu chomharran làn-sgur fala mhìosail, • ag iarraidh air eòlaichean clionaigeach anns a’ Chomataidh Sgrìonaidh Nàiseanta sgrùdadh a dhèanamh air buannachdan a bhith a’ lughdachadh nan stairsneach aoise a th’ ann an-dràsta agus geallaidh sinn a’ chomhairle aca a leantainn. Còmhla ri seo, bidh sinn a’ tasgadh ann an rannsachadh gus pongalachd sgrìonaidh a leasachadh, • a’ toirt taic do leasachadh Institiud ùr Albannach airson Slàinte Bhoireannach gus atharrachaidhean air poileasaidh, stiùireadh agus trèanadh a chur air adhart air stèidh leigheas gnè is gender, a bharrachd air maoineachadh a riarachadh airson rannsachadh sònraichte air slàinte bhoireannach.

28

Mogal (mesh) Chuir Riaghaltas PNA stad air cleachdadh mogal tharfaighein (transvaginal mesh) ann an 2018, agus cumaidh sinn ri seo. Leanaidh sinn oirnn ag obair gus seirbheisean nas fheàrr a lìbhrigeadh do bhoireannaich a dh’fhuiling duilgheadasan mar thoradh air mogal thar-faighein, agus bheir sinn taic do na tha Cairt Luchd-fulaing Mogail na h-Alba a’ sireadh. Bheir sinn a-steach reachdas gus boireannaich a phàigheadh air ais ma phàigh iad airson lannsaireachd gus mogal a thoirt a-mach agus nì sinn cinnteach gum faod boireannaich a tha ag iarraidh lannsaireachd airson mogal a thoirt a-mach taobh a-muigh an NHS san àm ri teachd sin a dhèanamh an-asgaidh agus le cosgaisean siubhail air am pàigheadh. Casg-breith Tha casg-breith na chòir laghail ann an Alba agus dìonaidh sinn a’ chòir sin. Chan eil planaichean sam bith againn gus reachdas casg-breith a chuingealachadh. Tha sinn soilleir nach bu chòir an fheadhainn a tha a’ faighinn casg-breith a bhith air an sàrachadh airson a’ chòir seo a chur an gnìomh. Cuiridh sinn taic ri ùghdarrasan ionadail sam bith a tha airson na cumhachdan aca a chleachdadh gus fo-laghan a stèidheachadh airson raointean a tha saor bho luchdiomairt a chruthachadh taobh a-muigh chlionaigean a bheir seachad seirbheisean casg-breith.

Cùram speisealta Tha cothrom co-ionann air ath-ghnàthachadh deatamach do dhaoine a tha beò le trioblaidean slàinte fad-ùine no a’ faighinn seachad air tubaist, obair-lannsa no tinneas, gus an urrainn beatha cho math – agus cho neo-eisimeileach – ’s a ghabhas a bhith aca. Cruthaichidh sinn còir air athghnàthachadh ro dheireadh na pàrlamaid gus dèanamh cinnteach nach eil duine air a bhacadh le ‘gun chomas ath-ghnàthachaidh’, mar a tha an Co-bhanntachd Còir air Ath-ghnàthachadh ag iarraidh.


SNP Manifesto 2021

Tha an raon de chùram speisealta a tha air a thoirt seachad le proifeiseantaich slàinte co-cheangailte (AHP) san NHS againn deatamach airson maitheas mòran dhaoine. A’ dèanamh cinnteach gu bheil am measgachadh ceart de sgilean againn gus prìomhachasan a thoirt gu buil leithid a’ chòir air ath-ghnàthachadh, agus gu bheil na seirbheisean bun-chùraim againn a’ faighinn taic bho sgioba fìor ioma-chuspaireil. Is ann air sgàth sin a nì sinn ath-sgrùdadh anns a’ phàrlamaid seo air na feumalachdan againn san àm ri teachd gus dealbhadh mar a thèid trèanadh AHP a leudachadh. Cuiridh sinn Plana Nàiseanta Fradharc Lag air bhonn, stèidhichte air Seirbheis Fradharc Lag na Cuimrigh, gus solar seirbheis nas cunbhalaiche a dhèanamh comasach air feadh na h-Alba. Cuiridh sinn taic ri seirbheisean claisneachd coimhearsnachd gus cuideachadh le bhith a’ saoradh comas san roinn fhaochnach againn. Is e ar n-amas seirbheisean claisneachd coimhearsnachd a chur air an aon ìre ris na seirbheisean cùram sùla coimhearsnachd an-asgaidh againn. Tha Alba air adhartas mòr a dhèanamh ann a bhith ag aithneachadh agus a’ leigheas HIV, agus tha daoine leis a’ bhìoras a-nis comasach air beatha fhada, shona agus fhallain a bhith aca. Tha sinn a’ creidsinn gun urrainn dhuinn a dhol nas fhaide, agus bheir sinn air adhart frèam-obrach ùr gus cur às do sgaoileadh HIV ro 2030. Leanaidh sinn oirnn le ar planaichean gus cur às do Hep C ann an Alba ro 2024. A’ togail air sgaoileadh na seirbheis shoirbheachail airson fèin-dheuchainn HIV, bheir sinn pìleatan air adhart airson deuchainnean STI aig an taigh gus a dhèanamh nas fhasa faighinn gu leigheas agus taic. Tha sinn mothachail air an fhìor fheum air ruigsinneachd air Seirbheisean Dearbh-aithne Gender NHS a leasachadh. Geallaidh sinn trì bliadhna de mhaoineachadh eadar-theachd èiginn gus cùram, taic agus seirbheisean a leasachadh. Obraichidh sinn le daoine le eòlas air a’ chùis gus sgrùdadh a dhèanamh air an dòigh as fheàrr air a lìbhrigeadh, a’ gabhail a-steach leasachadh air solar coimhearsnachd.

Cùram Lasachaidh Bu chòir cothrom a bhith aig a h-uile duine a gheibh buannachd bho chùram lasachaidh sàr chùram leantaileach fhaighinn ann an deagh ùine far a bheil feum aca air agus nuair a tha feum aca air. Cuiridh sinn Stiùiriche Clionaigeach Nàiseanta ùr an dreuchd airson Cùram Lasachaidh agus Deireadh Beatha airson na h-Alba, a bhios an urra ri bhith a’ cumail sùil air ro-innleachd nàiseanta airson cùram lasachaidh agus deireadh beatha aig am bi dòigh-obrach siostam slàn, slàinte a’ phobaill. Tha sinn dealasach a thaobh dèanamh cinnteach gum faigh clann le feumalachdan cùram lasachaidh cùram den chàileachd as àirde, gu co-ionann air feadh na h-Alba, le taic bho mhaoineachadh poblach bliadhnail de co-dhiù £7 millean airson dèanamh cinnteach gu bheil cùram ospais cloinne a’ faighinn solarachadh seasmhach.

Beatha Ghnìomhach agus Spòrs Tha sinn ag iarraidh gum bi Alba na dùthaich far am faigh a h-uile duine buannachd bho thasgadh ann an spòrs agus gnìomhachd chorporra. Bidh sinn a’ dùblachadh tasgadh Riaghaltas na h-Alba ann an spòrs agus beatha ghnìomhach gu £100 millean sa bhliadhna ro dheireadh na Pàrlamaid gus Alba a chuideachadh a bhith nas gnìomhaiche. Iarraidh sinn air Spòrs Alba obair le buidhnean agus daoine fa leth air feadh na h-Alba gus plana gnìomhachd nàiseanta ùr a dhealbhadh. Bidh e ag amas air cur às do chnapan-starra, ionmhasail no eile, a chumas cus dhaoine bho bhith a’ leantainn beatha ghnìomhach. Bidh e na phrìomhachas taic a thoirt do bharrachd bhoireannach is nigheanan a thoirt na lùib.

#BothVotesSNP 29


Nì sinn ath-bhreithneachadh air ar tasgadh ann an spòrs, a’ gabhail a-steach sponsaireachd, gus dèanamh cinnteach gum faigh fir is boireannaich buannachd cho-ionann às, agus obraichidh sinn le craoladairean poblach ann an Alba a thoirt taic dhaibh gus àrdachadh mòr a dhèanamh air na tha de spòrs bhoireannach air telebhisean na h-Alba, gus an urrainn dhuinn nigheanan agus balaich a bhrosnachadh gus pàirt a ghabhail ann an spòrs. Banca Luchd-leanmhainn Tha fios againn gu bheil ùidh mhòr aig luchd-leanmhainn ann an soirbheachadh nan clubaichean aca air agus air falbh bhon raon-chluiche. Aig amannan nuair a tha club ann an staing ionmhais no air a reic, glè thric tha buidhnean taic agus coimhearsnachd ann a bhiodh airson a dhol an sàs gu dìreach ann an ruith a’ chlub aca, ach aig nach eil cothrom air airgead-calpa gus am miann seo a thoirt beò. Is ann air an adhbhar sin a chruthaicheas sinn ‘Banca Luchd-leanmhainn’ gus cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan agus bhuidhnean agus gus codhùnaidhean ionadail a neartachadh le bhith a’ toirt taic do choimhearsnachdan gus earrannan a ghabhail sa chlub spòrs ionadail aca no a ghabhail thairis. Gus a bhith airidh air tagradh airson taic bhon Bhanca Luchd-leanmhainn, feumaidh buidhnean ùidh agus taic coimhearsnachd shoilleir a nochdadh agus, gu sònraichte, sealltainn mar a bhiodh com-pàirteachadh ann an ruith a’ chlub aca air a chleachdadh gus taic a thoirt do bhoireannaich is nigheanan a bhith a’ gabhail pàirt ann an spòrs.

30


SNP Manifesto 2021

Comannsòisealta co-ionnan Tha galar lèir-sgaoilte Covid-19 air buaidh mhòr is leantainneach a thoirt air ar dòigh-beatha ach tha e soilleir nach eileas a’ faireachdainn an aon chron bhon ghalar gu co-ionann air feadh a’ chomainnshòisealta. Mar a bhios sinn a’ faighinn seachad air, tha sinn airson Alba nas cothromaiche a thogail far a bheil a h-uile duine a’ faireachdainn luachmhor agus far a bheil na daoine as feumaich a’ faighinn taic cheart. Gu dearbh, tha am plana againn airson reifreann air neo-eisimeileachd aon uair ’s gu bheil èiginn Covid air a dhol seachad mu bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil na cumhachdan aig a’ Phàrlamaid againn gus ath-bheothachadh cothromach a thoirt gu buil do na h-uile – agus gu bheil piseach air a stiùireadh le luachan agus prìomhachasan muinntir na h-Alba, agus chan ann leis an fheadhainn aig riaghaltas Westminster a tha muinntir na h-Alba air diùltadh.

#BothVotesSNP 31


Thar na h-ath phàrlamaid: • Tòisichidh sinn air obair gus Gealladh Teachd-a-steach as Ìsle a lìbhrigeadh, a’ dèanamh cinnteach gum faod a h-uile duine ann an Alba beatha fhallain, shona a bhith aca. • Togaidh sinn siostam cùram-cloinne amalaichte, a’ toirt seachad cùram ro agus às dèidh na sgoile, fad na bliadhna, far nach pàigh na teaghlaichean as bochda dad, agus leudaichidh sinn foghlam tràth-bhliadhnaichean an-asgaidh do chlann aois 1 agus 2 bliadhna ann an teaghlaichean le teachd-a-steach ìosal. • Bheir sinn tabhartas airgid de £520, air a phàigheadh thairis air ceithir cuibhreannan ràitheil, don h-uile teaghlach le clann a tha a’ faighinn biadh sgoile an-asgaidh gus am bi Pàigheadh Pàiste na h-Alba air a sgaoileadh gu h-iomlan. • Nì sinn dùblachadh air Pàigheadh Pàiste na h-Alba gu £20 gach pàiste ro dheireadh na pàrlamaid gus na mìltean de theaghlaichean is de chlann a thoirt a-mach à bochdainn. • Bheir sinn a-steach Tabhartas Fàgail Cùraim ùr gus taic agus tèarainteachd a bharrachd a thoirt do dhaoine òga le eòlas air cùram nuair a thig iad a-mach às an t-siostam cùraim. • Tasgaidh sinn £50 millean a bharrachd thairis air an ath theirm phàrlamaideach gus crìoch a chur air dìth dachaigh agus cadal air an t-sràid.Nì sinn lèirmheas air siostam casaid na h-Alba gus ceartas nas cothromaiche, nas luaithe agus nas èifeachdaiche a lìbhrigeadh. • Nì sinn cinnteach gum faigh gach pàiste a tha nan neach-fulaing/neach-fianais cothrom air dreach Albannach den Mhodal Barnahus Eòrpach ro 2025, ag aonadh freagairt cùraim is ceartais ri eucoirean a tha a’ toirt buaidh air clann. • Cuiridh sinn Coimiseanair Luchd-fulaing an dreuchd gus guth neo-eisimeileach a thoirt do luchd-fulaing agus luchd-fianais, agus ath-sgrùdadh a dhèanamh air solar seirbheisean luchd-fulaing.

32


SNP Manifesto 2021

Gealladh Teachd-a-steach as Ìsle Tha sinn air a bhith taiceil o chionn fhada do theachda-steach bunaiteach shaoranach no teachd-a-steach bunaiteach uile-choitcheann. Thar na pàrlamaid mu dheireadh mhaoinich sinn ceithir ùghdarrasan ionadail gus sgrùdadh a dhèanamh air comasachd teachd-a-steach bunaiteach shaoranach a phìleatadh ann an Alba. A dh’aindeoin gu bheil na h-ùghdarrasan ionadail a’ co-dhùnadh gum biodh pìleat teachd-a-steach bunaiteach shaoranach feumail, cha ghabh e a dhèanamh taobh a-staigh cumhachdan làithreach Pàrlamaid na h-Alba. Atharraichidh sin gu cinnteach ma bhios Alba neo-eisimeileach. Ged nach urrainn dhuinn teachd-a-steach bunaiteach shaoranach a thoirt air adhart gus am bi Alba neoeisimeileach, tha sinn airson nas urrainn dhuinn a dhèanamh taobh a-staigh ar cumhachdan làithreach gus sàbhailteachd, tèarainteachd agus urram a thabhann. Gus dèanamh cinnteach gum bi ar n-ath-bheothachadh a’ togail Alba a tha nas cothromaiche don h-uile duine ge bith dè an suidheachadh a th’ aca, tòisichidh sinn ag obair anns an ath Phàrlamaid gus Gealladh Teachd-a-steach as Ìsle a thoirt do na h-uile. Bidh an obair seo cuideachd a’ toirt a-steach Seirbheisean Bunasach Uile-choitcheann: le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig daoine air seirbheisean bunaiteach – leithid cùram-cloinne no an NHS mar eisimpleir, bithear nas fhaisge air dèanamh cinnteach à ìre beòshlaint reusanta as ìsle. Tha fios againn nach urrainnear Gealladh Teachd-a-steach as ìsle a lìbhrigeadh sa bhad, ach tha sinn dìorrasach gus atharrachaidhean ceum air cheum a dhèanamh tron t-siostam tèarainteachd shòisealta againn thairis air an ath phàrlamaid gus am bi airgead gu leòr aig a h-uile duine ann an Alba airson beatha urramach a bhith aca.

A’ dèiligeadh ri bochdainn cloinne Tha bochdainn cloinne air a bhith a’ dol am meud anns na bliadhnachan mu dheireadh mar thoradh air gearraidhean a rinn Riaghaltas na RA air sochairean agus tha seo air a dhèanamh nas miosa leis a’ ghalair lèir-sgaoilte.

Tha Pàigheadh Pàiste na h-Alba a’ toirt £40 a bharrachd do theaghlaichean le teachd-a-steach ìosal gach ceithir seachdainean, an toiseach airson gach pàiste fo aois 6. Sgaoilidh sinn an t-sochair seo do chlann fo aois 16 ann an teaghlaichean le teachd-a-steach ìosal ro dheireadh 2022. Agus, rè cùrsa na pàrlamaid dùblaidh sinn Pàigheadh Pàiste na h-Alba gu £20 san t-seachdain, no £80 gach mìos. Cuidichidh seo suas ri 450,000 leanabh ann an 250,000 dachaigh. Tron ghalar lèir-sgaoilte tha sinn air cuideachadh a bharrachd a thoirt do theaghlaichean le teachd-a-steach ìosal, a’ toirt seachad biadh sgoile an-asgaidh anns na saor-làithean, agus teachd-a-steach a bharrachd tro phàighidhean galar lèir-sgaoilte de £100. Airson a’ bheàrn a dhùnadh gus am bi Pàigheadh Pàiste na h-Alba air a sgaoileadh a-mach gu h-iomlan do dhaoine fo aois 16 bheir sinn seachad uiread ri Pàigheadh Pàiste na h-Alba don h-uile teaghlach le teachd-a-steach ìosal a tha a’ faighinn biadh sgoile an-asgaidh, san aon dòigh ris na rinn sinn pàighidhean rè a’ ghalair lèir--sgaoilte. Bidh seo a’ ciallachadh pàighidhean de £520 gach pàiste, pàighte ann an cuibhreannan ràitheil, an dà chuid ann an 2021 agus 2022. Ruigidh am maoineachadh a bharrachd seo suas ri 170,000 leanabh. An ath-bhliadhna foillsichidh riaghaltas PNA am plana lìbhrigidh ceithir-bliadhna ùr againn, ag ùrachadh ar n-oidhirpean gus dèiligeadh ri bochdainn cloinne. Gheibh seo taic a-rithist le maoin de £50 millean gus clann a thogail a-mach à bochdainn. Is e pàirt chudromach den phlana seo a bhith a’ tasgadh ann an taic cothroman cosnaidh do phàrantan le teachda-steach ìosal agus pàrantan ciorramach. Bidh sinn cha mhòr a’ dùblachadh an tasgaidh a tha san amharc ann am Maoin Taic Cothroman Cosnaidh Phàrantan gu £15 millean anns an ath dhà bhliadhna gus cuideachadh le bhith a’ leasachadh cothroman cosnaidh agus a’ toirt taic do phàrantan gus obraichean matha, tèarainte fhaighinn. Nì sinn sgrùdadh cuideachd air mar as urrainn dhuinn Taic Cothroman Cosnaidh Phàrantan a cheangal ris na prògraman cosnaidh Toiseach Cothromach againn.

Chan urrainn dhuinn a dhol air adhart mar seo.

#BothVotesSNP 33


A’ dèiligeadh ris a’ pheanas màthaireachd A thuilleadh air a bhith a’ toirt seachad cùram-cloinne a tha ruigsinneach agus aig prìs ruigsinneach do gach teaghlach, bheir sinn air adhart grunn cheumannan gus dèiligeadh ris ‘a’ pheanas màthaireachd’ agus brosnaichidh sinn obair gu bhith nas sùbailte agus nas cuideachail do theaghlaichean. Cuiridh sinn stad air riadh air iasadan oileanach rè fòrladh màthaireil agus cumaidh sinn oirnn a’ maoineachadh ar Prògram Luchd-tillidh Boireann gus boireannaich a chuideachadh air ais a-steach do obair.

Nì sinn cinnteach gu bheil pàrantan a tha nan aonar nam prìomhachas ann an leudachadh Comas-ceangail na h-Alba – ar prògram airson comas-ceangail a leasachadh tro bhith a’ toirt seachad taibleatan is coimpiutaireanuchd – agus cuideachadh gan cleachdadh. Togaidh sinn air ar n-obair gus eaconamaidh sunnd a chruthachadh, le bhith a’ leasachadh dhòighean air coileanadh eaconamach a thomhas a bheir aire cheart do thabhartas agus cosgais cùram foirmeil agus neofhoirmeil. Cuidichidh seo gus dèanamh cinnteach nach bi sinn a’ leigeil an dìochuimhne cùram a tha cho tric air a dhèanamh le boireannaich.

Tha Tèarainteachd Shòisealta na h-Alba an-dràsta a’ rianachd 10 sochairean – tha seachd dhiubh sin ùr agus gun samhail taobh a-staigh na RA: • Pàigeadh Leatromachd agus Leanaibh an Tabhartas Toiseach as Fheàrr - aon phàigheadh suas ri £600 bho 24 seachdainean de leatromachd gus an ruig leanabh 6 mìosan airson teaghlaichean a gheibh sochairean sònraichte. • Pàigheadh an Ionnsachaidh Thràth an Tabhartas Toiseach as Fheàrr - aon phàigheadh de £250 nuair a tha pàiste eadar dà agus trì bliadhna sia mìosan airson teaghlaichean a gheibh sochairean sònraichte. • Pàigheadh Aois Sgoile an Tabhartas Toiseach as Fheàrr - aon phàigheadh de £250 nuair a bhiodh pàiste a’ tòiseachadh sa bhun-sgoil airson teaghlaichean a gheibh sochairean sònraichte. • Biadh Tòiseachaidh as Fheàrr - cairt ro-phàighte bho àm leatromachd gus am bi pàiste trì airson teaghlaichean a gheibh sochairean sònraichte gus an cuideachadh a’ ceannach biadh fallain. • Sochair-leasachaidh Cuibhreann an Neachcùraim – pàigheadh fèin-obrachail dà uair sa bhliadhna do luchd-cùraim gus luach Cuibhreann Luchd-cùraim àrdachadh 13%, a’ toirt buannachd do mu 83,000 de luchd-cùraim gun phàigheadh ann an Alba. • Pàigheadh Taic Tiodhlacaidh – airgead a chuidicheas le cosgaisean tìodhlacaidh a phàigheadh aig àm duilich do dhaoine air

34

• sochairean sònraichte a dh’fheumas pàigheadh airson tìodhlacadh, luach cuibheasachd de £1500 gach pàigheadh. • Pàigheadh Tòiseachadh Obrach - £250 airson daoine aois 16 gu 24 a tha air a bhith air sochairean sònraichte airson sia mìosan no barrachd gus cuideachadh le cosgaisean tòiseachaidh air obair. • Tabhartas Neach-cùraim Òg – Pàigheadh bliadhnail de £300 do luchd-cùraim òg gus càileachd beatha a leasachadh, gan cuideachadh • a’ gabhail pàirt ann an cothroman cosnaidh, tachartasan sòisealta no cur-seachad. • Taic Teasachadh Geamhraidh na Cloinne – pàigheadh £200 gus teaghlaichean pàiste a gheibh an ìre as àirde den Chuibhreann-ciorraim Bith-beò do Chlann airson an dachaighean a theasachadh. • Pàigheadh Pàiste na h-Alba – a’ toirt £10 a bharrachd gach seachdain do theaghlaichean airidh le clann fo aois 6 airson gach pàiste. Thathas an dùil gum bi seo air a sgaoileadh a-mach gu clann fo aois 16 ro dheireadh 2022 agus airson pàighidhean a dhùblachadh gu £20 san t-seachdain ro dheireadh na pàrlamaid.


SNP Manifesto 2021

Tèarainteachd Shòisealta Anns na còig bliadhna a dh’fhalbh tha sinn air siostam tèarainteachd shòisealta ùr a thogail, le urram, cothromachd agus spèis aig a chridhe. Ann an dìreach dà bhliadhna bho thòisich sinn a’ dèanamh phàighidhean, tha siostam tèarainteachd shòisealta na h-Alba air fìor bhuaidh a thoirt air beatha theaghlaichean dìcheallach air feadh na dùthcha. Urram, Cothromachd agus Spèis Tha sinn air siostam tèarainteachd shòisealta ùr na h-Alba a thogail còmhla ri, airson agus timcheall air na daoine a bhios ga chleachdadh. Aig a chridhe tha prionnsapalan urraim, cothromachd agus spèis agus am beachd nach e uallach a th’ ann an tèarainteachd shòisealta, ach tasgadh anns an t-sluagh againn. Bidh na prionnsapalan sin mar bhunait do na sochairean do dhaoine ciorramach agus luchd-cùraim a thèid a thoirt a-steach san ath phàrlamaid. Tòisichidh Pàigheadh Ciorraim Cloinne nas fhaide am-bliadhna agus bidh Pàigheadh Ciorraim Inbheach ga leantainn. Nì sinn cinnteach gum bi duaisean fad-ùine ann do dhaoine a tha ann an suidheachadh nach eil buailteach atharrachadh agus, dhaibhsan far am faodadh atharrachaidhean tachairt san àm ri teachd, nì sinn athsgrùdadh air cùisean cho sìmplidh agus cho èifeachdach ’s a ghabhas gus dèanamh cinnteach gu bheil daoine a’ faighinn na h-ìre cheart de thaic. A’ toirt taic do luchd-cùraim Bidh luchd-cùraim gun phàigheadh a’ cur gu mòr ri slàinte is sunnd luchd-gràidh. Tha sinn den bheachd gu bheil e riatanach gum faigh luchd-cùraim an taic a dh’fheumas iad gus cùram a thoirt seachad agus beatha shona a bhith aca. Bidh sinn: • a’ toirt seachad pàigheadh dùbailte (£460) de Shochair-leasachaidh Cuibhreann an Neach-cùraim san Dùbhlachd 2021. • a’ toirt a-steach Taic Luchd-cùraim an àite an Cuibhreann Luchd-cùraim a tha ann an-dràsta – meudaichidh seo luach a’ phàighidh, cho fad ’s as urrainn dhuinn a bhith cinnteach nach bi an RA a’ toirt shochairean air ais agus a’ fàgail luchd-cùraim nas miosa dheth.

• a’ pàigheadh £10 a bharrachd gach seachdain do dhuine sam bith a tha a’ coimhead às dèidh barrachd air aon neach ciorramach, a’ toirt buannachd do mu 16,350 neach-cùraim – tha seo a’ maidseadh na taic a bharrachd a gheibh luchd-cùraim barrachd air aon leanabh ciorramach. Tha fios againn cuideachd nuair a chailleas neach-cùraim cuideigin a bha fon cùram, gum feum iad taic fhaighinn, mar sin às dèidh bàs neach fo chùram, pàighidh sinn Taic Luchd-cùraim airson 12 seachdain an àite dìreach 8, a’ cuideachadh còrr is 4,000 neach-cùraim. Gus an tèid Taic Luchd-cùraim a thoirt a-steach, cumaidh sinn oirnn a’ pàigheadh Sochair-leasachaidh Cuibhreann an Neach-cùraim gus dèanamh cinnteach gum faigh luchd-cùraim teachd-a-steach a tha co-ionann ri Cuibhreann Sireadh Obrach. Cleachdaidh sinn cuideachd toirt a-steach Taic Luchdcùraim gus dèanamh cinnteach gu faigh luchd-cùraim fiosrachadh mun taic a tha ann dhaibh agus nì sinn tasgadh ann an ionadan luchd-cùraim air feadh na dùthcha. Tabhartas fàgail cùraim Tha cnapan-starra mòra mu choinneamh cus dhaoine òga a tha a’ fàgail cùram ann a bhith a’ gluasad gu soirbheachail gu bhith nan inbhich. B’ e prìomh phàirt den Ghealladh – am plana gus an siostam cùraim againn a leasachadh – gu feumadh daoine òga le eòlas air cùram taic a chumail riutha. A rèir dealas PNA gus a bhith a’ Cumail a’ Gheallaidh, bidh sinn a’ tasgadh £10m gus Tabhartas Eòlas Cùraim ùr a stèidheachadh. Seo tabhartas bliadhnail de £200 air a phàigheadh gus taic a thoirt do thimcheall air 50,000 neach òg aois 16 gu 26 le eòlas air cùram – aig nach eil cothrom gu tric air ‘banca Mam is Dad’ – luach £2000 thairis air deich bliadhna fhad ’s a dh’fhàsas iad nan inbhich. Leudachadh pàigheadh connadh geamhraidh Cuiridh sinn Pàigheadh Teasachadh Geamhraidh an àite a’ phàigheadh connidh geamhraidh aig an RA, a’ cuideachadh timcheall air 1 millean dachaigh, le taic timcheall air £180 millean sa bhliadhna. Cumaidh sinn na h-ìrean aige mar a tha iad an-dràsta agus cha dèan sinn deuchainn air.

#BothVotesSNP 35


Tha pàighidhean sìde fhuair de £25 ro chuingealaichte agus cha bhi iad a’ pàigheadh a-mach tric gu leòr. Cuiridh sinn Pàigheadh Teasachadh Geamhraidh ùr de £50 na àite a thèid a phàigheadh gach bliadhna do na teaghlaichean le teachd-a-steach ìosal a tha an-dràsta airidh air Pàighidhean Shìde Fhuair na RA. Bidh seo na thasgadh de £20 millean gach bliadhna agus a’ toirt taic do 400,000 dachaigh, agus taic chinnteach le cosgaisean connaidh do theaghlaichean air teachd-a-steach ìosal. Leudachadh Biadh Tòiseachaidh as Fheàrr Is e cairt ro-phàighte shìmplidh agus furasta a chleachdadh a th’ anns a’ chairt Biadh Tòiseachaidh as Fheàrr againn a ghabhas cleachdadh air-loidhne agus ann am bùthan airson biadh a cheannach gus taic a thoirt do chlann òga agus pàrantan. Meudaichidh sinn an àireamh de phàighidhean Biadh Tòiseachaidh as Fheàrr gu £4.50 san t-seachdain agus àrdaichidh sinn airidheachd timcheall air 50% do na h-uile a tha a’ faighinn Creideas Coitcheann – le taic bho £20 millean. Maoin Sochair na h-Alba Geallaidh sinn am buidseat airson Maoin Sochair na h-Alba agus nì sinn ath-sgrùdadh air an adhbhar agus an t-obrachadh aige gus dèanamh cinnteach gun obraich e cho math ’s a ghabhas anns gach ceàrnaidh den dùthaich. Fèin-obrachadh Shochairean Tha sinn airson a dhèanamh cho furasta ’s ghabhas do dhaoine an taic airgid air a bheil iad airidh fhaighinn.

Cuiridh sinn taic ri seirbheisean comhairle agus fiachan ciad is dàrna ìre le còrr air £12 millean de mhaoineachadh an ath-bhliadhna. Gus am bi e nas fhasa comhairle faighinn, tasgaidh sinn còrr is £3 millean ann an Com-pàirteachasan Comhairle Shochairean agus Slàinte ùr-ghnàthach ann an 150 Ionadan Dotairean-teaghlaich thairis air an ath dhà bhliadhna. Tasgaidh sinn £1.5 millean gus comhairle a phìleatadh ann an suidheachaidhean foghlaim le fòcas air teaghlaichean, a’ cuideachadh le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil fios aca mun taic a tha ri fhaighinn.

Cur às do chion dachaigh Is e ar n-amas gum bu chòir àite blàth is sàbhailte a bhith aig a h-uile duine. Is e sin an t-adhbhar gu bheil cur às do chion dachaigh agus cadal air an t-sràid na phrìomhachas nàiseanta dhuinn. Sheall an galar lèir-sgaoilte dhuinn nuair a tha toil làidir gu leòr ann gun urrainn dhuinn atharrachadh luath a dhèanamh ann an ùine gu math goirid. Is e ar n-amas nach bu chòir do dhuine sam bith dol air ais gu bhith gun dachaigh no a’ cadal air an t-sràid. Cuiridh sinn taic ri seo le Maoin ùr Cur Às do Chion Dachaigh Còmhla de £50 millean.

Gus sin a dhèanamh, tha sinn den bheachd gum bu chòir cuid de shochairean a cheangal gus, ma gheibh thu aon shochair mar thoradh air teachd-a-steach ìosal, bidh taic eile ri fhaighinn dhut gun iarraidh. Nì sinn seo far an urrainn dhuinn agus bheir sinn taic do dh’ùghdarrasan ionadail gus an aon rud a dhèanamh, mar eisimpleir a’ cleachdadh Pàigheadh Pàiste na h-Alba gus biadh sgoile an-asgaidh agus tabhartas aodach sgoile a thòiseachadh do dhaoine.

Bidh sinn a’ tasgadh ann a bhith a’ cur ionadan fàilte riarachadh taigheadais ùra an àite fasgaidhean oidhche geamhraidh gus àiteachan-fuirich èiginn geàrr-ùine a sholarachadh do dhuine sam bith a tha feumach air sa bhad. Cuidichidh na h-Ionadan Fàilte againn daoine a-steach gu àiteachan-fuirich a’ toirt a-steach tro Thaigheadas An Toiseach far am faigh daoine le feumalachdan toinnte taic fad-ùine gus gabhaltas a chumail suas.

Leasachadh ruigsinneachd do sheirbheisean comhairle Ge bith an e fiachan no sochairean, taigheadas no cosnadh a th’ ann, tha fios againn gum faod cothrom air comhairle a bhith a’ cuideachadh dhaoine a’ seachnadh duilgheadas agus a’ faighinn na taic ionmhais air a bheil iad airidh.

Is e casg air duilgheadasan dhaoine an dòigh air crìoch a chur air dìth dachaigh. Tasgaidh sinn ann an dòigh luath air taigheadas a riarachadh agus bheir sinn a-steach prògram nàiseanta gus roghainnean taigheadais a mheudachadh dhaibhsan a tha gun dachaigh.

36

Bheir sinn cuideachd a-steach reachdas a neartaicheas còraichean taigheadais dhaoine agus a nì cinnteach gu bheil e mar dhleastanas air buidhnean poblach dìth dachaigh a chasg, a’ togail air molaidhean na Buidhne Ath-bhreithneachaidh air Casg.


SNP Manifesto 2021

Alba eadar-mheasgte agus in-ghabhalach Is e an t-amas againn Alba a bhith air thùs san t-saoghal a thaobh iomadachd agus in-ghabhaltas gus cothromachd a mheudachadh agus dèiligeadh ri neo-ionannachd, cur às do ana-cothrom sòisealta, agus cuideachd tàlant a thàladh agus a chumail, gus barrachd chothroman gnìomhachais a chruthachadh, agus cur às do dh’easbhuannachdan sòisealta. Bheir sinn a-steach Ro-innleachd Iomadachd is Inghabhail na h-Alba a’ còmhdach na roinne poblaich, na h-ionadan foghlaim againn, an siostam ceartais, còmhdhail agus àiteachan-obrach. Bidh an ro-innleachd seo a’ cuimseachadh air toirt air falbh cnapan-starra institiùideach, cultarach is ionmhasail a tha a’ leantainn gu neo-ionannachd a thaobh gnè, cinneadh, creideamh, taobhadh feise, ciorram agus gluasad sòisealta. Meudaichidh sinn agus leasaichidh sinn ar cruinneachadh dàta gus am bi bunait fianais làidir againn thar ar poileasaidhean uile, agus gun urrainn dhuinn neoionannachd eadar-roinneil a thomhas, toraidhean a thomhas, agus leasachaidhean a mholadh. Bha droch bhuaidhean Covid gam faireachdainn gu neo-chothromach le diofar bhuidhnean sa chomannshòisealta. Anns na coimhearsnachdan mion-chinnidh againn, bha droch bhuaidhean slàinte is ionmhais ann. Is e sin an t-adhbhar gun do stèidhich sinn am Bòrd Comhairleachaidh air Ath-nuadhachadh Sòisealta, agus cuideachd a’ Bhuidheann Eòlaichean air Covid-19 agus Cinnidheachd. A’ togail air na molaidhean aca, leasaichidh sinn an ath phlana gnìomh co-ionannachd cinnidh againn le luchd-ùidh agus coimhearsnachdan mion-chinnidh gus na h-amasan a tha air am mìneachadh nar Frèam-obrach Co-ionannachd Cinnidh 2016-2030 a ruighinn. Lìbhrigidh sinn ar Plana Gnìomha Luchd-siubhail Siopsach le fòcas air leasachadh àiteachan-fuirich agus dèiligeadh ri claon-bhreith. Meudaichidh sinn an àireamh de dhaoine à mionchinnidhean as urrainn buannachd fhaighinn às a’ Phrògram Ceannardas is Leasachadh Mion-chinnidh a chaidh a stèidheachadh ann an com-pàirteachas le Ionad Iain Mhic a’ Ghobhainn.

Stèidhichidh sinn sgeama coltach ri seo airson daoine ciorramach, gus cur às do na cnapan-starra a tha mu choinneamh mòran dhaoine ciorramach ann a bhith a’ faighinn dreuchdan ceannais. Meudaichidh sinn taic do phròiseactan a tha a’ cuideachadh dhaoine ciorramach agus iadsan bho mhion-chinnidhean gu dreuchdan air bùird phoblach gus riochdachadh a mheudachadh. Leanaidh sinn oirnn leis a’ Mhaoin Ruigsinneachd Oifis Thaghte againn a bheir taic airgid do dhaoine ciorramach a’ farpais ann an taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba agus Ùghdarras Ionadail. Bheir sinn a-steach Ro-innleachd Nàiseanta air Fàs gu Inbheachd gus dèanamh cinnteach gu bheil ceangal ann gu taic a thoirt do dhaoine òga ciorramach agus stiùireadh a leasachadh dhaibhsan uile a tha a’ toirt seachad taic. Deamocrasaidh eadar-mheasgte Ann an riaghaltas, tha sinn air adhartas mòr a dhèanamh gus a’ chòir bhòtaidh a leudachadh. Tha sinn air a’ chòir bhòtaidh ann an taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba agus riaghaltas ionadail a leudachadh gu daoine aois 16 is 17 agus a h-uile nàiseantach cèin le cead fuirich, a’ toirt a-steach na h-uile a fhuair inbhe fògarraich. Thèid sinn a-nis nas fhaide agus leudaichidh sinn làn-chòir seasamh airson taghadh don h-uile duine aig a bheil còir bhòtaidh, a’ dèanamh cinnteach gum bi pàrlamaid agus riaghaltas ionadail nas eadar-mheasgte. Dleastanas Co-ionannachd san Roinn Phoblaich Leudaichidh sinn na dleastanasan sònraichte a tha a’ toirt air ùghdarras poblach clàraichte fiosrachadh beàrn pàighidh gnè fhoillseachadh gu aithris air ciorram agus cinnidheachd agus dèanamh cinnteach gu bheil iad sin air an gabhail a-steach ann an Aithrisean Pàighidh Coionann. Leasaichidh sinn ro-innleachd beàrn pàighidh cinnidheachd gus a dhol còmhla ris na ro-innleachdan a th’ againn mu bheàrn pàighidh ciorraim agus gnè.

#BothVotesSNP 37


Agus tro Dhleastanas Co-ionannachd na Roinne Poblaich cuiridh sinn dleastanas air na buidhnean poblach sin a bhios a’ conaltradh ris a’ phoball gus dèanamh cinnteach gu bheil conaltradh ruigsinneach, in-ghabhaltach aca. Leasaichidh sinn stiùireadh nàiseanta airson buidhnean poblach air conaltradh in-ghabhalach.

Buidheann Comhairleachaidh Nàiseanta air Boireannaich is Nigheanan Leanaidh sinn air adhart leis a’ Bhuidhinn Comhairleachaidh Nàiseanta air Boireannaich is Nigheanan agus leanaidh sinn oirnn a’ toirt nam molaidhean aca air adhart thairis air an ath phàrlamaid.

Achd Aithneachadh Gender Tha sinn daingeann ann a bhith ag iarraidh beatha dhaoine tar-gender agus neo-bhìnearaidh a leasachadh. Bidh daoine tar-gender a’ fulang stiogma agus claon-bhreith, agus toraidhean slàinte nas miosa an coimeas ris an t-sluagh san fharsaingeachd. Feumaidh seo atharrachadh.

Cur às do oidhirpean atharrachaidh air daoine gèidh Cha bu chòir oidhirpean atharrachaidh air daoine gèidh tachairt idir ann an Alba. Tha cleachdaidhean leithid seo a’ dèanamh leth-bhreith an aghaidh dhaoine LGBTI agus a’ dèanamh cron air an slàinte inntinn agus sunnd.

Tha sinn dealasach a thaobh a bhith a’ dèiligeadh ri gràin tar-gender gu dìreach tro fhoghlam in-ghabhalach agus gnìomhan a dhèiligeas ri claon-bhreith agus eucoir gràin. Anns an ath phàrlamaid obraichidh sinn còmhla ri daoine tar-gender, boireannaich, buidhnean co-ionannachd, eòlaichean lagha agus eòlaichean còraichean daonna gus an dòigh as fheàrr agus as èifeachdaiche a chomharrachadh gus am pròiseas adhartachadh agus a dhèanamh nas sìmplidh leis am faigh neach tar-gender aithne laghail, agus gus an èiginn tha co-cheangailte ris a’ phròiseas sin a lùghdachadh. Tha sinn dealasach a thaobh na h-atharrachaidhean riatanach a dhèanamh air an Achd Aithneachadh Gender a thig bhon obair seo cho luath ’s a ghabhas. Nì sinn cinnteach nach toir na h-atharrachaidhean sin buaidh air na còirichean no an dìon a tha aig boireannaich an-dràsta fon Achd Co-ionannachd. Tha e cudromach gun tèid dèiligeadh ri draghan mu ath-leasachaidhean air lagh aithneachadh gender tro dheasbad fiosraichte agus le urram. Ach chan fhaod sinn leigeil le sin a bhith a’ falach gràin tar-gender agus fiosrachadh brèige.

Thug Riaghaltas na RA gealladh gun cuireadh iad casg air oidhirpean atharrachaidh anns a’ Phlana Gnìomha LGBT aca, agus tha sinn a’ toirt làn thaic do seo, oir tha fios againn gum feum toirmeasg iomlan gnìomh ann an raointean glèidhte. Ach, mura dèan Riaghaltas na RA mar a gheall iad, bheir sinn air adhart an reachdas againn fhèin cho fada ’s a ghabhas dèanamh taobh a-staigh cumhachdan Pàrlamaid na h-Alba. Taighean-beaga changing places Do mhòran dhaoine le feumalachdan cùraim iom-fhillte, chan eil e cho furasta faighinn gu goireasan nighe agus taigh-beag ’s a bu chòir dha a bhith. Tha feum aig timcheall air 25,000 neach air Taigheanbeaga Changing Places, agus an-dràsta chan eil ach beagan a bharrachd air 200 rim faighinn air feadh na dùthcha. Thar na h-ath theirm phàrlamaidich, bidh sinn a’ tasgadh £10 millean gus an àireamh de Thaighean-beaga Changing places air feadh na dùthcha a mheudachadh agus taic a thoirt do Thaighean-beaga Changing Places gluasadach gus leigeil le daoine faighinn gu tachartasan no ionadan a-muigh air feadh na dùthcha.

A’ dèiligeadh ri droch-dhìol san dachaigh agus fòirneart feise Tha e mì-chiatach, anns an dàrna deichead den 21mh linn, gu bheil uimhir ri dhèanamh fhathast gus dèiligeadh ri fòirneart an aghaidh bhoireannach is nigheanan. Tha sinn dealasach a thaobh cur às do gach seòrsa fòirneirt an aghaidh bhoireannach is nigheanan.

38


SNP Manifesto 2021

Anns an riaghaltas, thug PNA a-steach Equally Safe, ar ro-innleachd gus cur an-aghaidh gach seòrsa fòirneirt an aghaidh bhoireannach is nigheanan. Ma thèid riaghaltas PNA ath-thaghadh bheir sinn air adhart na gnìomhan ann an Equally Safe. Stèidhichidh sinn sruth maoineachaidh ùr luach £100 millean thar nan trì bliadhna a tha romhainn gus taic a thoirt do sheirbheisean loidhne-aghaidh agus fòcas a thoirt air casg fòirneirt an aghaidh bhoireannach is nigheanan bhon sgoil air adhart. Cumaidh sinn air leth pàirt den airgead sin airson seirbheisean taic loidhne-aghaidh, airson cur ri seirbheisean ùghdarrasan ionadail, gus nach fheum neach a dh’fhuiling droch dhìol no fòirneart feitheamh gus am faigh iad an cuideachadh a dh’fheumas iad, aig an àm a dh’fheumas iad e, nan sgìre fhèin. Tasgaidh sinn £5 millean a bharrachd am-bliadhna gus taic a thoirt do bhuidhnean loidhne-aghaidh gus dèiligeadh ri iarrtas a tha air a dhol suas gu mòr aig àm a’ ghalair lèir-sgaoilte. Nì sinn cinnteach gum bi cothrom aig a h-uile duine òg air foghlam casg fòirneirt stèidhichte air fianais mu cheadachadh agus dàimhean fallain, agus a’ maoinichidh sinn obair anns na sgoiltean, colaistean agus oilthighean againn. Meudaichidh sinn cuideachd obair a chaidh a dhèanamh gus beachdan eucoireach atharrachadh, mar eisimpleir le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil am Pròiseact Caledonian ri fhaighinn air feadh na dùthcha. Is e boireannaich a th’ anns a’ mhòr mhòr-chuid de dhaoine a dh’iarras taic, ach feumaidh fir cuideachd cothrom air seirbheisean. Maoinichidh sinn seirbheisean a bheir taic do dh’fhir a tha air fulang èigneachadh agus droch-dhìol san dachaigh, agus stèidhichidh sinn roinnleachd nàiseanta mu bhith a’ cur crìoch air fòirneart dlùth-dhàimh is fòirneart feise an aghaidh fir is balaich, a bhios ag obair còmhla ri Equally Safe agus a’ toirt taic dha.

Tha e deatamach gun tèid dìon a dhèanamh air còir a h-uile duine a tha ag innse mu eucoirean feise a bhith gun urra agus tha sinn den bheachd gum feumar an dìon seo a neartachadh ann an Alba. Daingnichidh sinn còir luchd-gearain eucoirean feise a bhith gun urra fad am beatha ann an lagh na h-Alba agus beachdaichidh sinn air càite am feum sinn a dhol nas fhaide, a’ gabhail a-steach beachdachadh gu cruaidh air na molaidhean bho sgrùdadh na Bana-mhorair Dorrian gus siostam ceartais a lìbhrigeadh anns am faod misneachd a bhith aig daoine a dh’fhuiling eucoirean feise. Tha sinn air Buidheann Obrach a chur air chois air Gràin-bhoireann agus Ceartas Eucorach gus beachdachadh gu neo-eisimeileach air mar as urrainn do shiostam ceartas eucorach na h-Alba dèiligeadh nas fheàrr ri gràin-bhoireann, agus ma mholas a’ bhuidheann eucoir shònraichte a dhèanamh de shàrachadh gràinbhoireann obraichidh sinn gu sgiobalta air a’ chomhairle sin. Tha sinn a’ coimhead air adhart ris a’ chiad chochomhairleachadh nàiseanta ann an Alba air siùrsachd. Leasaichidh sinn modail airson na h-Alba gus dèiligeadh ris an t-seòrsa fòirneirt seo an aghaidh bhoireannaich is nigheanan, agus beachdaichidh sinn air dòighean-obrach eadar-nàiseanta a tha a’ feuchainn ri cur an aghaidh iarrtas fhireannach airson siùrsachd agus mar a b’ fheàrr a chuireadh iad sin an gnìomh ann an Alba. A bharrachd air fòcas air a bhith a’ toirt dùbhlan do iarrtas fhireannach a thaobh ceannach feise, bidh sinn an sàs leis an fheadhainn le eòlas air suidheachadh siùrsachd gus seirbheisean a chumadh agus ceumannan a dhealbhadh a bheir dhaibh an dìon agus taic a tha a dhìth orra, a’ toirt a-steach cuideachadh le bhith a’ fàgail siùrsachd.

Gus boireannaich is nigheanan a chuideachadh a bhith sàbhailte air na sràidean obraichidh sinn le luchd-ùidh air mar as urrainnear fir oideachadh nas fheàrr mu bhuaidh an giùlain. Nì sinn sgrùdadh air dòighean gus dealbhadh coimhearsnachdan a leasachadh, leithid Sgrùdaidhean air Sàbhailteachd Àite, gus am bi boireannaich nas sàbhailte agus a’ faireachdainn nas sàbhailte.

#BothVotesSNP 39


Taic do luchd-fulaing Bu chòir còraichean luchd-fulaing a bhith aig cridhe an t-siostam ceartas eucorach. Stèidhich sinn Buidheann Gnìomha Luchd-fulaing gus taic, comhairle agus fiosrachadh a thoirt do dhaoine a dh’fhuiling eucoir agus tha sinn dealasach a thaobh taic a thoirt don obair aca thairis air an ath phàrlamaid. Cuiridh sinn Coimiseanair Luchd-fulaing an dreuchd gus guth neo-eisimeileach a thoirt do luchd-fulaing agus luchd-fianais agus ath-sgrùdadh a dhèanamh air solar seirbheisean luchd-fulaing. Leasaichidh sinn siostam maoineachaidh ùr airson buidhnean taic luchd-fulaing agus bheir sinn a-steach frèam-obrach eòlais agus sgilean sònraichte do cheartas airson cleachdadh a tha fiosraichte a thaobh tràma. Taigh na Cloinne Faodaidh a bhith an sàs ann an siostam a’ cheartais a bhith gu sònraichte duilich do chlann. Tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil an t-slighe bho innse gu faighinn seachad air eucoir a’ toirt urram do chòraichean agus sunnd cloinne is dhaoine òga. An àite a bhith a’ dol gu grunn sheirbheisean eadardhealaichte ann an grunn àiteachan, thèid a h-uile cùram agus taic a tha a dhìth air pàiste agus an teaghlach aca a lìbhrigeadh ann an aon àite – aig a’ Bharnahus, no ‘Bairns ’Hoose’, Taigh na Cloinne. Nì sinn cinnteach gum bi cothrom aig a h-uile pàiste/ neach-fianais air Taigh na Cloinne ro 2025. Ceartas Eiridneach Tha sinn a’ creidsinn gum bu chòir ceartas eiridneach a bhith ri fhaighinn leis a h-uile duine a tha airson a chleachdadh, aig àm a tha iomchaidh a rèir an t-suidheachaidh agus na daoine a tha na lùib. Ma thèid ar n-ath-thaghadh, nì sinn cinnteach gum bi seirbheisean ceartas eiridneach rim faighinn fada is farsaing air feadh na h-Alba ro 2023.

40

A’ dèanamh cinnteach à coimhearsnachdan nas sàbhailte Tha e na àrd-phrìomhachas againn a bhith a’ toirt taic do shiostam a’ phoileis ann an Alba gus daoine soleònte a dhìon, dèiligeadh ri eucoir, agus obrachadh le coimhearsnachdan airson Alba shàbhailte, dhìonta agus fhoghainteach a chruthachadh. Dìonaidh sinn buidseat stòrais a’ phoileis ann an da-rìribh airson an ath phàrlamaid gu lèir. Tha sinn ag aithneachadh dhraghan mu theicneòlasan leithid aithneachadh aghaidh. Bidh sinn a’ togail air molaidhean na Buidheann Comhairleachaidh Neoeisimeileach air Teicneòlasan ùra agus a’ dèanamh cinnteach gum bi sgrùdadh làidir ann an-còmhnaidh. Obraichidh sinn le stiùirichean agus com-pàirtichean sa phoileas agus anns a’ chomann-shòisealta san fharsaingeachd gus iomadachd Poileas Alba a leasachadh agus càileachd dàta a leasachadh air feadh siostam a’ cheartais, gus feumalachdan ar coimhearsnachdan a thuigsinn agus am frithealadh nas fheàrr. Cuiridh sinn taic agus stòras ri Rannsachadh Poblach Sheku Bayoh agus geallaidh sinn toraidhean a thoirt air adhart gus leasachaidhean a lìbhrigeadh agus misneachd a’ phobaill ann an obair a’ phoileis a neartachadh. Cuiridh sinn an còrr de sgrùdadh na Baintighearna Elish Angiolini an gnìomh air gearanan an aghaidh a’ phoileis agus bheir sinn a-steach Bile Ghearanan an aghaidh a’ Phoileis don Phàrlamaid. Bheir sinn air adhart reachdas gus dèanamh cinnteach gu bheil cleasan-teine air an cleachdadh gu sàbhailte agus gu h-iomchaidh, gus an urrainn dhuinn na droch bhuaidhean a th’ aca air daoine fa-leth, coimhearsnachdan agus peataichean a lùghdachadh. Ged a tha a’ mhòr-chuid de dhaoine aig a bheil coin ciallach agus a’ cumail smachd air na peataichean aca, tha beag-chuid de luchd-seilbh chon nach eil a’ dèanamh sin. Nì sinn ath-sgrùdadh air Achd nan Con Cunnartach gus dèanamh cinnteach gu bheil na coimhearsnachdan againn air an cumail sàbhailte bho choin chunnartach agus bho luchd-seilbh chon neo-chùramach.


SNP Manifesto 2021

Cuiridh sinn taic ri ùrachadh ar seirbheis teine is teasairginn gus an urrainn do SFRS barrachd a dhèanamh gus coimhearsnachdan a dhìon agus deagh sheirbheis a thoirt do mhuinntir na h-Alba. Tha sinn air leantainn oirnn a’ tasgadh ann an ùrachadh SFRS le £8.7 millean a bharrachd air a riarachadh airson 2021-22. Aig cridhe an ùrachaidh seo – a dh’fheumar a choileanadh ann an compàirteachas leis na h-aonaidhean ciùird – tha leudachadh air àite luchd-smàlaidh ann an Alba. Dòigh-obrach nas tapaidh a thaobh ceartas A’ togail air an adhartas a rinn sinn thairis air na còig bliadhna a dh’fhalbh, bidh sinn a’ tasgadh ann an leudachadh mòr ann an gnìomhan a tha a’ tabhann roghainn eile seach casaid agus ann an seirbheisean ceartas coimhearsnachd, a’ gabhail a-steach roghainnean eile an àite remand agus binn prìosain. Gus a dhol leis an tasgadh seo leasaichidh sinn Ro-innleachd Nàiseanta Ceartas Coimhearsnachd agus rannsaichidh sinn roghainnean reachdail airson lùghdachadh seasmhach anns an àireamh de dhaoine sa phrìosan. Mar phàirt den obair againn gus an Gealladh a chumail do dhaoine òga le eòlas air cùram leudaichidh sinn cùram tèarainte gus nach bi duine fo aois 18 ann an Institiùd Eucoireach Òga Polmont nach fheum a bhith ann, agus foillsichidh agus cuiridh sinn an gnìomh Ro-innleachd Ceartas Òigridh ùr airson na h-Alba. Bidh sinn a’ tasgadh gus ar n-oighreachd prìosain ùrachadh airson dèanamh cinnteach gu bheil e freagarrach don obair a th’ aige ri dhèanamh – a’ gabhail a-steach a bhith a’ lìbhrigeadh ìrean mu dheireadh den chruth-atharrachadh air an oighreachd prìosain bhoireannach ùr agus leasachadh air HMP Barlinnie agus dealbhadh airson ìrean ro-thogail HMP Glaschu agus HMP Gàidhealtachd.

Cuiridh sinn fuasglaidhean didseatach an gnìomh gus taic nas fheàrr agus sgioblachadh air seirbheisean dhaibhsan a tha fo chùram SPS agus an teaghlaichean, leithid riaghladh chùisean agus seirbheisean kiosk airson seirbheisean taobh a-staigh cealla. Bheir sinn taic do Ionadan Luchd-tadhail Prìosain agus obraichidh sinn gus dèanamh cinnteach gu bheil conaltradh teaghlaich air a chumail suas. Bheir sinn a-steach agus cuiridh sinn an gnìomh roinnleachd slàinte is sunnd ùr airson seirbheis nam prìosan a tha ag aithneachadh cho toinnte agus so-leònta ’s a tha sluagh nam prìosanan. Siostam ceartais ath-leasaichte Nì sinn ath-sgrùdadh air siostam casaid na h-Alba gus ceartas nas cothromaiche, nas luaithe agus nas èifeachdaiche a lìbhrigeadh. Beachdaichidh an t-ath-sgrùdadh air ath-leasachadh co-dhearbhaidh, agus siostam nan trì breithean, a’ toirt a-steach – mar aithneachadh air a’ chùis làidir a dh’fhaodar a dhèanamh airson cur às dha – cochomhairleachadh air cur às don bhreith neo-dhearbhte Gus soilleireachd agus earbsa ann an siostam a’ cheartais a leasachadh, cruthaichidh sinn clàr com-pàirt bhreitheamhan. Nì sinn ath-sgrùdadh cuideachd air geàrr-cheartas a’ toirt a-steach cumhachdan binn, peanasan poileis agus fiosgail, agus àite geàrr-chunntas siorraidh agus cùirtean JP san àm ri teachd. Leudaichidh sinn cothrom air dòighean eadraiginn agus rèiteachaidh gus dèanamh cinnteach gu bheil fuasgladh connspaid na phrìomh phàirt den t-siostam laghail againn. Nì sinn conaltradh leis a’ phroifeisean lagha agus buidhnean taic luchd-fulaing mu ath-leasachadh an t-siostam taic lagha, a’ dèanamh cinnteach gum bi cothrom farsaing ann air ceartas agus fòcas air fuasgladh tràth de chonnspaidean, ceartas eiridinn agus riaghladh luchd-solair sheirbheisean laghail.

#BothVotesSNP 41


Leanaidh sinn oirnn ag obair gus tiomnadh thribiùnailean a thoirt air adhart. Aon uair ’s gu bheil iad air an tiomnadh, cuiridh sinn às do chìsean airson tribiùnailean cosnaidh. Bidh sinn a’ co-chomhairleachadh am bu chòir sgaradh a dhèanamh eadar dà dhleastanas nan Oifigearan Lagha, mar cheannard na seirbheis casaid neo-eisimeileach agus prìomh chomhairlichean laghail do Riaghaltas na h-Alba. Leanaidh riaghaltasan PNA air adhart a’ dèanamh cinnteach nach eil na h-Oifigearan Lagha nan luchddreuchd pàrtaidh poilitigeach. Cha bhi iad a’ frithealadh choinneamhan de chaibineat Riaghaltas na h-Alba ach nuair a bhios feum orra. Bheir sinn air adhart reachdas a bheir maitheanas do mhèinnearan a chaidh a dhìteadh rè stailc nan 1980n. Is e maitheanas coitcheann a bhios an seo agus bidh e an dà chuid do dhaoine a tha air bàsachadh agus dhaibhsan a tha fhathast beò. Tha sinn an dòchas gun toir e ìre de dh’fhaochadh agus urram do mhèinnearan, an teaghlaichean agus na coimhearsnachdan aca.

42


SNP Manifesto 2021

Beatha nas fheàrr Anns na còig bliadhna a tha romhainn, bidh coimhearsnachdan aig cridhe mòran de na h-atharrachaidhean a tha riatanach gus ar rùintean net zero a thoirt gu buil, ar eaconamaidh a leasachadh, dèiligeadh ri bochdainn agus feabhas a thoirt air inbhean bith-beò.

#BothVotesSNP 43


Thar na h-ath phàrlamaid: • Lìbhrigidh sinn 100,000 dachaigh aig prìs ruigsinneach ro 2032. • Tasgaidh sinn £1.6 billean thairis air an ath Phàrlamaid gus teasachadh dhachaighean agus togalaichean eile a dhì-charbonachadh. • Bheir sinn Scotrail an seilbh a’ phobaill an athbhliadhna. • Leudaichidh sinn siubhal bus an-asgaidh don h-uile duine fo 22. • Caithidh sinn 10% de bhuidseat calpa còmhdhail air coiseachd, baidhsagal agus cuibhle. • Bheir sinn a-steach Bile Ath-leasachadh Fearainn ùr le ro-thaobhadh ceannach coimhearsnachd. • Nì sinn dùblachadh air Maoin Fearainn na h-Alba. • Cuiridh sinn taic ris na coimhearsnachdan againn gus a bhith nan sgìrean 20-mionaid. • Stèidhichidh sinn Bann Eilein – a’ tabhann bhannan suas ri £50,000 do dhaoine òga agus teaghlaichean gus fuireach air no gluasad gu eileanan a tha an-dràsta fo chunnart crìonadh sluaigh. • Nì sinn cinnteach gu bheil còir laghail air biadh mar phrìomh phàirt de ar miann a bhith nar Nàisean Deagh Bhìdh.

Dachaighean sàbhailte, blàtha, aig prìs reusanta Bu chòir dachaigh shàbhailte, bhlàth, aig prìs reusanta a bhith aig a h-uile duine. Tha sinn dealasach a thaobh ar stòr taigheadais sòisealta is taigheadas aig prìs ruigsinneach a leudachadh. 100,000 dachaigh aig prìs ruigsinneach Bho thòisich sinn san obair, tha sinn air 96,750 dachaigh aig prìs ruigsinneach a lìbhrigeadh, agus bha faisg air 67,000 dhiubh sin air màl sòisealta. Lìbhrigidh sinn 100,000 dachaigh aig prìs ruigsinneach ro 2032. A’ faighinn taic bho thasgadh de £3.5 billean thairis air a’ phàrlamaid agus a’ toirt taic do 14,000 obair gach bliadhna. Coinnichidh sinn ris an targaid seo tro mheasgachadh de dhachaighean ùra agus a bhith a’ cleachdadh an stòr taigheadais a tha ann mu thràth. Taighean uaine lùth-èifeachdach, ceangailte ris an eadar-lìon Tha sinn airson gum bi a h-uile dachaigh èifeachdach a thaobh lùth agus gun charbon, le ruigsinneachd air àite a-muigh, ceanglaichean còmhdhail, ceangal didseatach agus seirbheisean coimhearsnachd. Ma thèid ar taghadh a-rithist, tasgaidh sinn £1.6 billean thairis air an ath Phàrlamaid gus teasachadh dachaighean agus togalaichean eile a dhì-charbonachadh. Bidh seo a’ lùghdachadh sgaoilidhean, a’ dèiligeadh ri bochdainn connaidh agus a’ cruthachadh obraichean ùra. Stèidhichidh sinn Buidheann Gnìomha Taigheadas Sòisealta Gun Sgaoilidhean airson comhairle a thoirt seachad mu riatanasan ann an taigheadas sòisealta gus coinneachadh ri targaidean net zero agus, san fhad-ùine, fiosrachadh a thoirt seachad mu na tha a dhìth anns na roinnean màl prìobhaideach agus sealbhadaireancòmhnaidh. Leasaichidh sinn inbhean ùra gus iarraidh gum bi togalaichean ùra a’ cleachdadh teasachadh athnuadhachail no gun sgaoilidhean bho 2024 agus cuidichidh sinn le bhith a’ leasachadh èifeachdas lùtha sna togalaichean tro iasadan, tabhartasan agus cothromas. Bidh a h-uile dachaigh ùr a thèid a lìbhrigeadh le uachdarain shòisealta clàraichte agus ùghdarrasan ionadail nan dachaighean gun sgaoilidhean ro 2026.

44


SNP Manifesto 2021

A’ dì-carbonachadh dhachaighean agus a’ leasachadh ìrean Bidh dì-carbonachadh ar dachaighean deatamach anns an t-srì an aghaidh atharrachadh clìomaid. Ann an riaghaltas dh’fhoillsich sinn Ro-innleachd air Teasachadh ann an Togalaichean agus thèid sinn mòran nas luaithe nar n-obair gus na targaidean againn a choileanadh bho 2025. Bidh sinn a’ dì-carbonachadh teasachadh ann am millean dachaigh ro 2030. Bu chòir don roinn phoblach a bhith air thoiseach gus Alba a dhì-charbonachadh, agus mar sin tasgaidh sinn £95 millean ann am pròiseactan a tha a’ dì-carbonachadh oighreachd na roinne phoblaich. Nì sinn ath-sgrùdadh air inbhean lùtha a chaidh a stèidheachadh tro riaghailtean togail gus tuilleadh leasachaidhean a dhèanamh ann an èifeachdas lùtha agus gus cuideachadh le cur às do dhroch èifeachdas lùtha mar adhbhar bochdainn connaidh. Feumar èifeachdas lùtha dhachaighean air feadh na dùthcha a leasachadh, agus ged a chaidh stad a chur air obair air Companaidh Lùtha ann an Seilbh Phoblach rè a’ ghalair lèir-sgaoilte, bidh sinn a-nis ag athchuimseachadh ar n-oidhirpean air buidheann lùtha phoblach nàiseanta ùr. Bidh seo a’ co-òrdanachadh agus a’ luathachadh lìbhrigeadh obair teasachaidh agus èifeachdas lùtha, a’ toirt fiosrachadh agus oideachadh don phoball mu na h-atharrachaidhean a tha a dhìth, a’ toirt seachad comhairle eòlach do riaghaltas nàiseanta is ionadail, agus ag obair le com-pàirtichean poblach, prìobhaideach agus treas roinne gus am pròiseact cruthatharrachail nàiseanta seo a lìbhrigeadh. Beachdaichidh sinn air seo a dhèanamh na chiad bhuidheann phoblach bhirtual ann an Alba.

Inbhean Bheir sinn a-steach Inbhe Taigheadais ùr, air a dhaingneachadh san lagh ro 2025. Buinidh seo don h-uile dachaigh – dachaighean ùra agus dachaighean a th’ ann mar-thà – a’ toirt a-steach togalaichean àiteachais, dachaighean gluasadach agus àiteachan-fuirich ceangailte agus a’ toirt a-steach nithean mar ìrean càraidh is sàbhailteachd, ìrean as ìsle de rùm, ceangal didseatach, dèanamh dhachaighean freagarrach airson an ama ri teachd, agus èifeachdas lùtha agus inbhean teasachaidh. Nì seo cinnteach gum bi càileachd nan dachaighean a th’ ann an-dràsta a’ cumail suas ri dachaighean ùra. Meudaichidh sinn solar agus roghainn dhachaighean aig prìs ruigsinneach agus dachaighean atharraichte, agus bheir sinn a-steach Inbhe Dhachaighean Ruigsinneach Albannach a dh’fheumas a h-uile dachaigh ùr ruigsinn. Thèid an Inbhe ùr seo a chur san lagh taobh a-staigh teirm na pàrlamaid. Còmhdach taobh a-muigh Tha fios againn gu bheil àm duilich, mì-chinnteach air a bhith aig cuid de dhaoine a’ reic no a’ faighinn athmhorgaids air an dachaighean air sgàth a’ chòmhdaich taobh a-muigh a th’ orra, agus gu robh aca ri pàigheadh airson rud ris an canar Aithisg EWS1 airson an togalaich aca fhèin. Bheir sinn air adhart prògram obrach gus taic a thoirt do luchd-seilbh dachaigh – a’ toirt a-steach siostam de mheasadh singilte a leigeas leinn an obair càraidh a tha a dhìth a dhearbhadh. Bidh seo a’ faighinn taic bho £100 millean anns a’ chiad dol-a-mach.. Maoin ceannaich ciad dachaigh Do mhòran dhaoine òga, fiù daoine air teachd-asteach reusanta, tha sàbhaladh airson eàrlas gus taigh a cheannach a’ toirt cho fada ’s gu bheil e duilich dhaibh creidsinn gu bheil e dol a thachairt idir. Gus cuideachadh dhaoine a’ ceannach a’ chiad dachaigh, thug sinn a-steach Maoin Ciad Dachaigh gus cuideachadh le bhith a’ brosnachadh an tasgaidh a dh’fheumar gus togalach a cheannach ann an Alba. Tha sinn air £240 millean a thasgadh anns a’ Mhaoin agus tha sinn an dùil taic a thoirt do chòrr air 11,000 teaghlach gus a’ chiad dachaigh aca a cheannach.

#BothVotesSNP 45


Roinn Thaighean air Mhàl Feumaidh sinn roinn taigheadais air mhàl sa bheil raon de shàr dhachaighean aig prìs ruigsinneach dhaibhsan a roghnaich fuireach annta.

Le bhith ag atharrachadh ar dòigh-obrach a thaobh còmhdhail, taigheadas agus seirbheisean poblach is urrainn dhuinn sgìrean 20-mionaid a thoirt gu buil mar a gheibh sinn seachad air a’ ghalair lèir-sgaoilte.

Leasaichidh sinn Ro-innleachd Roinn Taigheadais air Mhàl ùr ann an 2021, gus dèiligeadh ri gach seòrsa dachaigh air mhàl, a’ gabhail a-steach gabhaltasan àiteachais, a’ toirt barrachd dìon bho àrdachadh mì-reusanta air màl agus a’ toirt roghainnean dha-rìribh do dhaoine nuair a bhios iad a’ gabhail taigh air mhàl, agus ag àrdachadh dìon do luchd-gabhaltais.

Suidhichidh sinn amas nàiseanta gus na tha de thaigheadas taobh a-staigh meadhan bhailtean agus prìomh shràidean a mheudachadh, an dà chuid tro bhith a’ cleachdadh an stòrais a th’ ann agus taighean ùra.

Nì sinn ath-leasachadh air an reachdas a bhuineas ri Sgìrean Màl Mì-reusanta gus dèanamh cinnteach gum faod ùghdarrasan ionadail a chleachdadh gus dèiligeadh gu dìreach ri màl mì-reusanta àrd agus màl a chuingealachadh ann an sgìrean ionadail. Thèid na h-atharrachaidhean sin a chur ann am Bile Taigheadais ùr a thèid a thoirt a-steach tràth san ath Phàrlamaid.

A’ fuireach san sgìre, a’ togail choimhearsnachdan Tha sinn a’ creidsinn ann a bhith a’ togail beairteas ar coimhearsnachdan ionadail. Tha seo a’ ciallachadh a bhith a’ cumail stòras agus beairteas san eaconamaidh ionadail, le smachd ann an làmhan muinntir nan sgìrean, a’ cuideachadh choimhearsnachdan a bhith nas foghantaiche, nas seasmhaiche agus le eaconamaidh nas tèarainte. Sgìrean 20-mionaid Bheir sinn air adhart ar miann airson sgìrean 20-mionaid – cruthachadh àiteachan matha airson còmhnaidh annta a tha ruigsinneach, le eaconamaidhean ionadail soirbheachail, far am faod daoine na feumalachdan làitheil aca a choileanadh taobh a-staigh cuairt 20 mionaid – a’ toirt cothrom do dhaoine beatha nas fheàrr, nas fhallaine a bhith aca agus a’ toirt taic don amas net zero againn.

46

Nì sinn ceangal eadar coimhearsnachdan le bhith a’ dèanamh an eadar-lìn ruigsinneach do na h-uile agus a’ cruth-atharrachadh mar a bhios sinn a’ siubhal timcheall ar dùthcha. A’ cumail beairteas ionadail Togaidh sinn air an iomairt againn o chionn ghoirid, Scotland Loves Local, a bhrosnaich daoine gu bhith a’ smaoineachadh mu cheannach gu h-ionadail an toiseach, le pìleatan air sgeamaichean dìlseachd ceannach ionadail an cois sgeama dìlseachd nàiseanta Scotland Loves Local. Cuidichidh maoin ùr Scotland Loves Local, luach £10 millean, ath-bheothachadh prìomh shràidean air an do bhuail an galar lèir-sgaoilte gu cruaidh. A’ cumail cumhachd ionadail Gus cumhachd a ghluasad gu coimhearsnachdan, bheir sinn air adhart Achd Togail Beairteas Coimhearsnachd gus beairteas, smachd agus buannachdan a stiùireadh gu eaconamaidhean ionadail. Bidh an Achd ag iarraidh air ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach airgead a chaitheamh anns na coimhearsnachdan ionadail aca tro bharrachd solarachadh ionadail, barrachd feum de ghnìomhachasan beaga agus dèanamh cinnteach gu bheil airgead luchd-pàighidh chìsean air a thasgadh a-rithist cho fad ’s a ghabhas anns na coimhearsnachdan ionadail aca. Nì sinn ath-sgrùdadh air Achd Comasachadh Coimhearsnachd agus co-chomhairleachaidh sinn air dòighean anns an gabhadh a leudachadh gus barrachd cumhachd a chur ann an làmhan dhaoine agus choimhearsnachdan agus àrdaichidh sinn an ìre de mhaoineachadh ionadail a bhios na coimhearsnachdan fhèin a’ riarachadh tro bhuidseatadh sam bi iad a’ gabhail com-pàirt.


SNP Manifesto 2021

Maoin airson dèiligeadh ri aonaranachd Mar a bhios an comann-sòisealta againn ag atharrachadh, tha barrachd aithne ann air iomallachd shòisealta agus aonaranachd mar phrìomh thrioblaidean slàinte phoblaich. Leasaichidh sinn plana ùr còig bliadhna le fòcas air a bhith ag ath-cheangal dhaoine de gach aois agus a’ dèiligeadh ri aonaranachd gu dìreach, le taic bho £10 millean thairis air còig bliadhna – le £5 millean anns a’ chiad dà bhliadhna gus na h-obraichean a tha buidhnean a’ dèanamh mu thràth a mheudachadh, gus feadhainn ùra a mhaoineachadh, agus an cuideachadh a’ lìbhrigeadh àiteachan sàbhailte air-loidhne agus aghaidh ri aghaidh.

Riaghladh Ionadail Tha sinn airson dèanamh cinnteach gum bi deamocrasaidh beòthail, in-ghabhalach ann an Alba le barrachd cumhachd air a thiomnadh gu ìrean ionadail. Chunnaic sinn air feadh a’ ghalair lèir-sgaoilte COVID-19, mar a tha cuideachadh agus co-obrachadh eadar riaghaltas nàiseanta agus ionadail air a bhith riatanach gus daoine a chumail sàbhailte agus taic a thoirt dhaibh air feadh na h-Alba. Gus dèanamh cinnteach gu bheil barrachd smachd agus buaidh aig coimhearsnachdan eadar-mheasgte na h-Alba agus aig diofar àiteachan air co-dhùnaidhean a tha a’ toirt buaidh orra, chuir sinn air bhog an Lèirmheas air Riaghladh Ionadail. Bidh an Lèirmheas a’ coimhead air mar a thèid codhùnaidhean ionadail a dhèanamh agus mar a tha deamocrasaidh ag obair thairis air raointean riaghaltais nàiseanta is ionadail, agus ann an coimhearsnachdan. Cuiridh sinn crìoch air an ath-bhreithneachadh, agus an dèidh beachdachadh air a h-uile moladh, bheir sinn air adhart Bile Riaghladh/Deamocrasaidh Ionadail gus barrachd cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan ionadail agus dèanamh cinnteach gu bheil codhùnaidhean air an dèanamh cho faisg ’s a ghabhas air na daoine air a bheil iad a’ toirt buaidh.

A’ cur Luach air an Treas Roinn agus Iomairt Shòisealta Tron ghalar lèir-sgaoilte chunnaic sinn oidhirpean iongantach na treas roinne ann a bhith a’ toirt taic dheatamach do dhaoine, choimhearsnachdan agus a’ chomann-shòisealta. Tha fios againn, ma tha an roinn shaor-thoileach againn dol a leantainn air adhart leis an obair dheatamach aice, gu feum i maoineachadh earbsach. Obraichidh sinn a dh’ionnsaigh maoineachadh ioma-bliadhna airson na roinne gus dèanamh cinnteach gum bi an t-àm ri teachd nas tèarainte agus nas seasmhaiche. Tha am Prògram Ath-bheothachadh Coimhearsnachd agus Treas Roinn againn a’ faighinn taic bho £50 millean agus thèid tabhartasan a thoirt a-mach ron t-samhradh seo. Bheir £13.5 millean eile taic don treas roinn faighinn seachad air agus gluasad air adhart bhon ghalar lèir-sgaoilte. Tha Iomairtean Sòisealta deatamach ann a bhith a’ togail eaconamaidh sunnd. Bheir sinn taic £5 millean do Phlana Gnìomha Iomairt Shòisealta ùr trì bliadhna.

Ath-leasachadh an Fhearainn Leasaichidh sinn siostam sealbh, cleachdadh, còirichean agus dleastanasan fearann na h-Alba, gus an urrainn don fhearann againn cur ri comann-sòisealta cothromach aig an aon àm ri bhith a’ cothromachadh ùidhean poblach is prìobhaideach. A’ toirt taic do sheilbh coimhearsnachd Bheir sinn air adhart Bile Ath-leasachadh Fearainn ùr. Nì sin cinnteach gum bithear a’ gabhail beachd air leas a’ phobaill a thaobh sealbh fearainn air sgèile mhòr agus bheir e a-steach ro-thaobhadh ri ceannach coimhearsnachd far a bheil sealbh air fearann air gluasad. Bidh Maoin Fearainn na h-Alba a’ cuideachadh choimhearsnachdan gus sealbh a ghabhail air an fhearann agus na togalaichean a tha cudromach dhaibh. Nì sinn dùblachadh air a’ mhaoin, ga àrdachadh gu £20 millean gach bliadhna ro dheireadh na pàrlamaid.

#BothVotesSNP 47


Fearann bàn is trèigte Nì Prògram Tasgaidh Fearann Bàn is Trèigte £50 millean cinnteach gum bi fearann air a chleachdadh airson na buannachd àrainneachd agus coimhearsnachd as motha le fòcas sònraichte air sgìrean bochda far as cumanta duilgheadasan talamh bàn is trèigte.

Bidh sinn a’ cruthachadh, a’ càradh agus a’ leasachadh lìonra siubhal gnìomhach air feadh na h-Alba gus dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig a h-uile baile air sàr lìonra coiseachd is baidhsagal, a’ ceadachadh siubhal gu sàbhailte gach latha agus a’ lùghdachadh eisimeileachd air carbadan motair prìobhaideach.

Neartaichidh sinn cumhachdan ceannach èigneachail do ùghdarrasan ionadail agus bheir sinn a-steach òrdughan reic èigneachail ùra.

Gus na daoine as òige againn a bhrosnachadh, bheir sinn seachad baidhsagalan an-asgaidh do chlann aois sgoile nach urrainn an ceannach, a’ dèanamh cinnteach gum fàg a h-uile pàiste ann an Alba an sgoil comasach air rothaireachd gu sàbhailte. Gus am bi seilbh air baidhsagal na roghainn don h-uile duine, agus airson bochdainn còmhdhail a lùghdachadh, bheir sinn seachad iasadan agus tabhartasan airson baidhsagalan a cheannach agus airson an càradh.

Glacadh Luach Fearainn Bheir sinn cuideachd air adhart reachdas ùr gus Glacadh Luach Fearainn a thoirt a-steach airson dèanamh cinnteach gu bheil atharrachaidhean ann an cleachdadh fearainn a’ leantainn gu cuibhreann den àrdachadh sa phrìs ath-thasgadh anns a’ choimhearsnachd ionadail, a’ gabhail a-steach bun-structar sòisealta agus taigheadas aig prìs ruigsinneach.

Cruth-atharrachadh ann an còmhdhail

A’ gluasad bho chàraichean gu busaichean Lùghdaichidh sinn cleachdadh chàraichean – air a thomhas mar ‘chilemeatairean càir’ – 20% ro 2030, a’ toirt cleachdadh chàraichean air ais gu na h-ìrean aig an robh iad anns na 1990an.

Mar phàirt de ar planaichean gus a bhith nar nàisean net zero ro 2045 lìbhrigidh sinn cruth-atharrachadh ann an còmhdhail air feadh gach ceàrnaidh de dh’Alba.

Gus siubhal bus a dhèanamh nas tarraingiche agus nas earbsaich, tasgaidh sinn còrr air £500 millean gus bunstructar bhusaichean a leasachadh agus dèiligeadh ri dùmhlachd.

Cuiridh sinn às don fheum air càraichean is bhanaichean peatrail is dìosail ro 2030, dà bhliadhna air thoiseach air a’ chiad targaid againn.

Leudaichidh sinn siubhal bus an-asgaidh don h-uile duine fo 22 bliadhna a dh’aois.

Siubhal gnìomhach Bho thòisich an galar lèir-sgaoilte tha sinn air àrdachadh mòr fhaicinn ann an rothaireachd agus coiseachd. Aig àm glasaidh chaidh daoine a bhrosnachadh gus gnìomhachd chorporra a dhèanamh agus fhuair iad a-mach nach robh na rathaidean ionadail aca cho trang agus gun robh iad a’ faireachdainn nas sàbhailte. Dhearbh sin gum bi daoine ri rothaireachd nuair a tha iad a’ faireachdainn sàbhailte. Cumaidh sinn ris an atharrachadh sin le bhith a’ caitheamh – ro dheireadh na pàrlamaid – 10% de bhuidseat calpa còmhdhail air coiseachd, baidhsagal agus cuibhle.

48

Bidh sinn a’ toirt air falbh a’ mhòr-chuid de bhusaichean connadh fosail bho chòmhdhail phoblach ann an Alba ro 2023 agus a’ tasgadh £120 millean ann am Busaichean Gun Sgaoilidhean, a’ gluasad air adhart làn dhìcharbonachaidh airson busaichean na h-Alba agus a’ toirt taic do shèine solair na h-Alba. Stèidhichidh sinn Maoin Busaichean Coimhearsnachd gus cuideachadh le bhith a’ toirt taic do sholarachadh sheirbheisean ann an coimhearsnachdan ionadail agus gus leigeil le Ùghdarrasan Ionadail coimhead ri bhith a’ lìbhrigeadh diofar sheirbheisean bus san sgìre aca.


SNP Manifesto 2021

Rèile uaine, phoblach Cruthaichidh sinn rèile nas uaine agus nas ruigsinnich. Cuiridh sinn Scotrail ann an làmhan phoblach bhon athbhliadhna agus nì sinn dì-carbonachadh air seirbheisean rèile na h-Alba ro 2035. Obraichidh sinn le com-pàirteachasan còmhdhail roinneil gus loidhnichean meur rèile ùra ath-shuidheachadh no a leasachadh air feadh sgìrean dùthchail na h-Alba agus loidhnichean siubhail gu sgìrean bailteil, a’ lìbhrigeadh bhuannachdan mòra do choimhearsnachdan agus don eaconamaidh roinneil a thaobh turasachd sheasmhach agus a’ coileanadh ar n-amais a thaobh siubhal uaine. Às dèidh fosgladh na loidhne Ceann Tòrr gu Obar Dheathain an-uiridh, fosglaidh sinn stèisean ùr ri taobh port-adhair Inbhir Nis ann an 2022. Fosglaidh sinn ceangal rèile Beul Lìobhann ann am Fìobha. Leasaichidh sinn ceanglaichean ri Carlisle agus nì sinn an obair comasachd a tha riatanach gus leigeil le Rèile nan Crìochan a leudachadh airson buannachd choimhearsnachdan ionadail agus an eaconamaidh san fharsaingeachd. Tha sinn taiceil do cho-dhùnadh Dhùn Èideann air leudachadh tramaichean a’ bhaile agus leasachadh Ghlaschu air a’ Mhetro. Leanaidh sinn oirnn a’ brùthadh air Riaghaltas na RA a bhith a’ gealltainn ceanglaichean rèile nas luaithe bho Alba gu Sasainn, le loidhne luath Oirthir an Ear gus amannan siubhail a ghearradh gu ceann a tuath Shasainn agus Lunnainn, agus leudachadh air Rathad-iarainn nan Crìochan gu Carlisle. Aiseagan Bidh sinn a’ tasgadh ann an aiseagan nas seasmhaiche, a’ lùghdachadh lorg carboin ar cabhlach aiseig. Tha sinn dealasach gur e soithichean sgaoilidhean ìosal a bhios ann an 30% de na h-aiseagan fo sheilbh na stàite ro 2032. Bidh aiseagan a’ toirt seachad seirbheis dheatamach do na h-eileanan a tha iad a’ frithealadh, agus tha sinn dealasach a bhith a’ maoineachadh nan seirbheisean sin agus a’ cumail suas Cìs Co-ionann Rathaid air gach slighe aiseig eileanach a th’ ann an-dràsta.

Rathaidean nas sàbhailte B’ e sinne a’ chiad Riaghaltas a gheall a bhith a’ dùblachadh an A9 agus an A96 agus tha sinn fhathast dealasach a thaobh crìoch a chur air an dà phrògram sin, a’ dèanamh cinnteach gu bheil an lìonra rathaidean eadar bailtean-mòra na h-Alba aig ìre dhùbailte. Bu chòir seo fhaicinn an lùib ar geallaidh air cilemeatairean càir a lùghdachadh 20% ro 2030. Lìbhrigidh sinn na fuasglaidhean geàrr-ùine, meadhanùine agus fad-ùine a dh’fheumar aig The Rest and Be Thankful, a’ gluasad cho luath ’s a ghabhas gus an rathad ùr as fheàrr a lìbhrigeadh. Tha an A82 na phrìomh rathad a’ ceangal na Gàidhealtachd an Iar. Tha sinn air adhartas a dhèanamh ann a bhith ag ùrachadh an rathaid agus nì sinn tuilleadh adhartais san ath Phàrlamaid stèidhichte air na measaidhean innleadaireachd as ùire. Tha raon farsaing de phròiseactan togail rathaidean againn mar phàirt de phoileasaidh còmhdhail cothromach agus nì sinn adhartas orra a rèir cuingeadan atharrachadh clìomaid agus cuingeadan ionmhais. Nì sinn sgrùdadh air a’ chomas ceanglaichean nas seasmhaiche a thogail do choimhearsnachdan eileanach agus iomallach, leithid comas air drochaid a thogail bho Ghuireag gu Dùn Omhain, agus obraichidh sinn le coimhearsnachdan eileanach gus nach fheum iad a bhith an eisimeil aiseagan uiread ’s a tha iad an-dràsta. Còmhdhail adhair Thar an t-saoghail, tha an galar lèir-sgaoilte air buille anabarrach trom a thoirt air a’ ghnìomhachas itealain agus bheir iad ùine mhòr a’ faighinn seachad air. Obraichidh sinn leis an roinn itealain ann an Alba gus a chuideachadh ag ath-bheothachadh agus ag ath-thogail cheanglaichean airson gnìomhachas agus turasachd nuair as urrainn dhuinn cuingeadan siubhail a thogail gu sàbhailte. Leanaidh sinn oirnn le ar n-obair gus plèanaichean sgaoilidhean ìosal no gun sgaoilidhean idir a chur fo dheuchainn eadar eileanan na h-Alba.

#BothVotesSNP 49


Ceangalachd dhidseatach ann an Alba Tha sinn beò ann an aois dhidseatach agus tha an comas faighinn air-loidhne a’ toirt taic dhuinn gus mòran rudan a dhèanamh bho bhith a’ faighinn fiosrachadh, a’ faighinn cothrom air seirbheisean, agus gu dearbh a bhith comasach air ceangal ri chèile air-loidhne gus dèiligeadh ri iomallachd agus aonaranachd. A’ dùnadh na beàirn dhidseataich Chaidh am prògram Ceangalachd a stèidheachadh ann an Alba an toiseach gus taic a thoirt do 9,000 neach a bha ann an cunnart clionaigeach bho Chovid-19 a bhith a’ faighinn air-loidhne le bhith a’ toirt dhaibh inneal, dàta, trèanadh agus taic. Bidh Ceangalachd ann an Alba a-nis a’ toirt taic do 60,000 neach faighinn air-loidhne ro dheireadh na bliadhna seo le taic bho chòrr is £48 millean. Thar na h-ath Phàrlamaid, thèid sinn nas fhaide na sin, agus le £200m de thasgadh bheir sinn taic do suas ri 300,000 dachaigh na h-innealan, dàta agus sgilean fhaighinn airson Ceangalachd. Tha ar tasgadh de £579 millean ann an leudachadh bannleathann fìor-luath a’ ciallachadh gum bi cothrom air aig a h-uile dachaigh agus gnìomhachas ann an Ceann a Deas agus Meadhan na h-Alba ro 2023, le obair ann an ceann a tuath na h-Alba crìochnaichte anns na còig bliadhna a tha romhainn. Tro Sgeama Bileag Bann-leathann na h-Alba lìbhrigidh sinn maoineachadh de suas ri £5,000 airson dachaighean agus gnìomhachasan a chuideachadh gus bann-leathann fìor-luath fhaighinn ann an sgìrean far nach àbhaist do sholaraichean a dhol, a’ dèanamh cinnteach gum faigh a h-uile duine cothrom buannachadh bhon chomas dhidseatach seo a tha air thùs san t-saoghal. Ro dheireadh 2022, bidh 16 càballan faidhbear fon mhuir air an cur gu eileanan na h-Alba. Cleachdaidh sinn seo gus cuideachadh le ‘eileanan gigabit’ a chruthachadh le làn sheirbheisean 5G agus ceangalachd bho sholaraichean fòn làimhe, a’ dèanamh pìleat ann an 8 eileanan ann an 4 sgìrean ùghdarras ionadail.

50

Tha sinn an dùil gum faigh Alba ar cuid chothromach de thasgadh £5 billean Riaghaltas na RA ann an comas gigabit. Bidh sinn a’ brùthadh airson £300 millean de seo fhaighinn gus leigeil le Alba a bhith aig ìre gigabit 85% a ruighinn ro 2025. Ùraichidh sinn riaghailtean agus riaghlaidhean dealbhaidh is togail gus am bi ceanglaichean didseatach gam meas mar ghoireas riatanach, leithid lùth is uisge, agus gus am bi e àbhaisteach anns a h-uile sgeama taigheadais ùr san àm ri teachd. Leudaichidh sinn am faochadh reataichean 10 bliadhna a th’ ann an-dràsta air tasgadh bannleathann faidhbear ùr airson 5 bliadhna eile.

Coimhearsnachdan Dùthchail agus Eileanach Chan eil a h-uile coimhearsnachd co-ionnan. Is dòcha nach bi na tha freagarrach do bhailtean mòra na h-Alba freagarrach airson ar coimhearsnachdan dùthchail no eileanach agus a chaochladh. Thairis air na còig bliadhna a tha romhainn, cuiridh sinn co-dhiù £30 millean ann am prògram sònraichte gus tasgadh a dhèanamh ann am bun-structar eileanach agus gus taic a thoirt do ath-bheothachadh uaine. Gus cuideachadh le stad a chur air crìonadh sluaigh, stèidhichidh sinn Bann Eilein – a’ tabhann 100 bannan luach suas ri £50,000 am fear do dhaoine òga agus teaghlaichean gus fuireach no gluasad gu eileanan a tha an-dràsta fo chunnart crìonadh sluaigh. Cuidichidh na bannan daoine gus dachaighean a cheannach, gnìomhachasan a thòiseachadh agus ann an dòighean eile am beatha a dhèanamh anns na coimhearsnachdan sin. Gus stad a chur air crìonadh sluaigh agus taic a thoirt do ar coimhearsnachdan, bheir sinn cumhachdan do ùghdarrasan ionadail na h-àireamhan de dhàrna dachaighean san sgìre aca a riaghladh agus obraichidh sinn le Fearann Coimhearsnachd na h-Alba gus am faigh sinn am fearann ceart airson barrachd thaighean a lìbhrigeadh anns na sgìrean dùthchail againn. Lìbhrigidh sinn Plana Ceangalachd nan Eilean gus a dhol an àite a’ Phlana Aithisgean a th’ ann an-dràsta a’ coimhead air itealain, aiseagan agus ceanglaichean seasmhach, agus ri bhith a’ ceangal ri còmhdhail eile agus a’ siubhal air adhart.


SNP Manifesto 2021

Anns a’ Phàrlamaid seo, a bharrachd air na 11 a chaidh a thogail mar-thà, bidh sinn a’ tasgadh £25 millean gus codhiù 39 crann a togail airson siognail fòn-làimhe a thoirt seachad ann an coimhearsnachdan iomallach dùthchail agus eileanach. Gus barrachd cothroman cosnaidh a thoirt seachad, lìbhrigidh sinn gnìomhachd sa Ghealladh Dhaoine Òga stèidhichte air eileanan, is gnìomhachd sgilean uaine agus nàdarra gus barrachd obraichean nàdair is fearainn a chruthachadh air eileanan agus taic a thoirt do bharrachd ghnothaichean beaga is gnothaichean stèidhichte air eileanan gus trèanadh a lìbhrigeadh.

Còir air Biadh Tha a’ chòir air biadh na phrìomh chòir. Stèidhichidh sinn a’ chòir sin san lagh mar chlach-oisinn Nàisean Deagh Bhìdh. Bidh seo mar phàirt den dealas againn airson cùmhnantan Còraichean Daonna nan Dùthchannan Aonaichte a thoirt a-steach do Lagh na h-Alba. Tha cuid den bhiadh as fheàrr san t-saoghal a’ tighinn à Alba ach cha bhi sinn an-còmhnaidh ag ithe biadh math sinn fhìn agus tha reamhrachd na dhuilgheadas mòr. Chunnaic sinn rè a’ ghalair lèir-sgaoilte na dùbhlain a dh’fhaodas èirigh à ceanglaichean làidir eadar na tha sinn ag ithe agus droch thinneas is bàs bho chovid. Tòisichidh atharrachadh le ar cloinn agus mar sin, an cois ar dealais airson biadh sgoile fallain agus beathachail a thoirt seachad ann am bun-sgoiltean bidh sinn: • a’ toirt seachad barrachd comhairle air leanabh a chur far a’ bhainne agus cuideachadh le còcaireachd do barrachd theaghlaichean tro Chlub nam Pàrant. • a’ dèanamh cinnteach gu bheil clubaichean bracaist, taobh a-muigh na sgoile agus saor-làithean a’ toirt seachad biadh fallain ionadail leithid dearcan Albannach san t-seusan, agus

Ith biadh fallain; Ith biadh ionadail Tha sinn airson biadh ionadail seasmhach a bhrosnachadh. Air an adhbhar sin, bidh sinn: • A’ cruthachadh ro-innleachd bìdh ionadail a bheir taic do chinneasachadh ionadail agus solar cearcallach, a’ lùghdachadh mìltean bìdh agus a’ toirt cothrom do bharrachd dhaoine tlachd fhaighinn à biadh a tha air fhàs san sgìre aca fhèin • A’ brosnachadh a h-uile ùghdarras ionadail pàirt a ghabhail sa phrògram Biadh airson Beatha gus am bi barrachd den bhiadh a bheir iad do chlann is seann daoine fallain agus air fhàs ’s air a sholarachadh gu h-ionadail. • A’ meudachadh cleachdadh biadh fallain Albannach agus a’ rannsachadh mar a chuirear dòigh-obrach Biadh airson Beatha an sàs anns an t-Seirbheis Cùraim Nàiseanta ùr, san NHS, ann am prìosanan agus anns na roinnean foghlaim adhartach agus àrd-ìre • Ag obair còmhla ri luchd-reic bìdh gus barrachd biadh Albannach agus biadh ùr, fallain a thabhann agus a’ toirt taic do fhàs mhargaidhean bìdh ionadail agus àiteachan reic is pop-up ath-leasaichte ionadail, a’ tòiseachadh ann am bailtean mòra fo ana-cothrom, gus biadh ùr aig prìs ruigsinneach a thoirt nas fhaisge air far a bheil daoine a’ fuireach agus ag obair • Ag obair còmhla ris a’ ghnìomhachas bìdh taobh a-muigh na dachaigh gus biadh a dhèanamh nas fhallaine; a’ cleachdadh dòigh-obrach ùr a thaobh clàran-bìdh cloinne agus a’ gluasad gu leubailean bìdh nas fheàrr agus fiosrachadh nas fheàrr air clàran-bìdh • Ag obair còmhla ri buidhnean poblach gus am bi barrachd fearainn ri fhaighinn airson gàrraidhean margaidh coimhearsnachd, ubhal-ghortan agus lotaichean.

• ag obair le ùghdarrasan ionadail gus sgeama bainne sgoile an-asgaidh làn-mhaoinichte a leasachadh a bhios a’ solarachadh feumalachdan daithead cloinne.

#BothVotesSNP 51


ar manifesto agus thusa Cleachd am fèin-thaghadh gu h-ìosal gus na prìomh phoileasaidhean againn fhaighinn a rèir cuspair.

teaghlaichean

gnìomhachas

àrainneachd

luchd-cùraim

dùthchail

cultar agus cruthachalachd

luchd-obrach

52

eileanan


SNP Manifesto 2021

Eaconamaidh a tha ag obair Feumaidh Alba faighinn seachad air dà bhuille, Covid agus Brexit. Tha na buillean sin air buaidh mhòr a thoirt air an eaconamaidh, obraichean agus ar bith-beò, agus bidh droch bhuaidh aca airson ùine fhathast. Tha an dùbhlan – agus na cothroman – a tha an cois atharrachadh clìomaid agus an eaconamaidh dhidseatach chaochlaideach fhathast uiread ’s a bha a-riamh agus, tro seo uile, tha feum a bhith farpaiseach air feadh na cruinne air leth cudromach. Is e sin an t-adhbhar gu bheil sinn dealasach a thaobh fòcas geur air ath-bheothachadh eaconamach, a’ tasgadh ann an tionnsgalachd, bun-structar agus teicneòlas agus a’ cruthachadh obraichean matha, ùra agus uaine. Ach, cha dèan e a’ chùis tilleadh gu na seann dòighean. Feumaidh seasmhachd, sunnd agus obair chothromach a bhith san ath-bheothachadh bhon chiad dol a-mach.

#BothVotesSNP 53


Thar na h-ath phàrlamaid: • Cumaidh sinn reataichean is bannan cìs cosnaidh mar a tha iad. • Maoinichidh sinn Gealladh Dhaoine Òga airson àite oilthigh no colaiste, preantasachd, àite trèanaidh no obair a thoirt do gach neach òg a tha ga iarraidh. • Tasgaidh sinn £500 millean a bharrachd gus taic a thoirt do chosnaidhean ùra agus sgilean ùra a thoirt do dhaoine airson obraichean san àm ri teachd. • Tasgaidh sinn £100 millean ann am maoin Obraichean Uaine gus taic a thoirt do bharrachd chothroman ùra airson obraichean uaine a chruthachadh. • Cuiridh sinn £1 billean ann am Banca Tasgadh Nàiseanta na h-Alba. • Nì sinn tasgadh de chòrr is £33 billean thairis air na còig bliadhna a tha romhainn nar Misean Bun-structair Nàiseanta, a’ toirt taic do 45,000 cosnadh, agus a’ lìbhrigeadh bhuannachdan air feadh sèine solair na h-Alba. • Stèidhichidh sinn stòr ùr de mhaoineachadh ealain le bhith a’ cleachdadh ‘ceudad airson na h-ealain’ ann am pròiseactan calpa poblach. • Nì sinn sgrùdadh air a’ ghluasad gu seachdain obrach ceithir-latha le maoin de £10 millean gus leigeil le companaidhean na buannachdan a phìleatadh agus a thomhas. • Lìbhrigidh sinn Ro-innleachd Nàiseanta 10 bliadhna ùr airson Atharrachadh Eaconamach agus cuiridh sinn air bhog farpais Dùbhlan Nàiseanta, a’ toirt seachad maoineachadh de £50 millean don phròiseact leis a’ chomas as motha gus cruth-atharrachadh a dhèanamh air Alba. • Cruthaichidh sinn Ionad Gnìomhachas Bhoireannach, le tasgadh de £50 millean, gus cuideachadh le bhith a’ cruthachadh, a’ fàs agus a’ leasachadh an ath ghinealaich de ghnìomhachasan fo stiùir bhoireannach. • Tasgaidh sinn còrr is £30 millean airson Alba a stèidheachadh mar aon de na prìomh ionadan airson iomairt teicneòlais a thòiseachadh. • Cruthaichidh sinn Maoin Entrepreneur Dùthchail ùr, luach £20 millean – a’ toirt seachad tabhartasan suas ri £10,000 gus taic a thoirt do ath-shuidheachadh no cruthachadh 2,000 gnìomhachas ùr. • Meudaichidh sinn tasgadh ann am pròiseactan Rannsachaidh is Leasachaidh fo stiùir na roinne phrìobhaidich le £100 millean thairis air an ath phàrlamaid. • Bheir sinn taic do mholaidhean na Buidhne Gnìomha air Ath-bheothachadh Turasachd agus cruthaichidh sinn maoin de £25 millean gus cuideachadh le ath-bheothachadh turasachd làidir a stiùireadh. • Cruthaichidh sinn Buidheann Bìdh na h-Alba, gus biadh, deoch agus gàirnealaireachd a chur air adhart. • Nì sinn cruth-atharrachadh air taic airson tuathanachas agus cinneasachadh bìdh gus am bi dàrna leth de mhaoineachadh do thuathanaich is chroitearan fo “chumhaichean uaine” ro 2025. • Meudaichidh sinn na targaidean againn 50% airson coilltean ùra a chruthachadh, bho 12,000 heactair suas gu 18,000 heactair gach bliadhna ro 2025.

54


SNP Manifesto 2021

cur Ionmhas na h-Alba air stèidh làidir Anns na co-dhùnaidhean a nì sinn mu chìsean, bidh cuimhne againn an-còmhnaidh gu bheil cìsean air am pàigheadh le daoine a tha ag obair gu cruaidh air feadh na dùthcha. Tha sinn dealasach a thaobh cìsean adhartach a bhios ag iarraidh air an fheadhainn as beairtiche an cuid fhèin a phàigheadh fhad ’s a tha iad a’ cuideachadh an fheadhainn nach eil cho beairteach. Tha sinn ag amas air cothromachd a lìbhrigeadh don h-uile neach-pàighidh chìsean agus taic don eaconamaidh, agus aig an aon àm a’ dèanamh cinnteach gu bheil cìsean adhartach a’ toirt taic do sheirbheisean poblach làidir, a tha rim faighinn do na h-uile. Ath-bhreithneachadh Frèam-obrach Fiosgail Chaidh am Frèam-obrach Fiosgail aontachadh le Riaghaltasan na h-Alba agus na RA ann an 2016 gus ionmhas na h-Alba a riaghladh. Eadhon ron ghalar sgaoilte, bha draghan ann gu robh dìth chumhachdan iasaid brìoghmhor a’ cuingealachadh comas na h-Alba gus tasgadh a dhèanamh anns an dòigh as urrainn do riaghaltasan eile air feadh an t-saoghail. Tha an galar lèir-sgaoilte air dearbhadh nach eil na cumhachdan iasaid a th’ againn an-dràsta idir iomchaidh gus taic a thoirt don eaconamaidh againn. Ma thèid Riaghaltas PNA a thaghadh a-rithist cleachdaidh sinn ath-sgrùdadh frèam-obrach fiosgail gus putadh airson àrdachadh èiginneach air cumhachdan ionmhais tiomnaichte Thaigh an Ròid, a’ gabhail a-steach; • Cur às do na cuibhreannan air iasad calpa a tha a’ cuingealachadh ar comais a bhith a’ tasgadh ann an sgoiltean, ospadalan agus an eaconamaidh. Bu chòir sgeama iasaid a chur an àite nan cuibhreannan teanna seo – an aon chumhachd a tha aig comhairlean na h-Alba mu thràth. • Cur às don chuingealachadh air iasad gus cosgaisean làitheil a mhaoineachadh, àrdachadh a dhèanamh anns a’ chrìch iasaid airson mearachdan ro-mheasaidh gu £600 millean agus àrdachadh ann an tarraing air Tasgadh na h-Alba gu £700 millean gach bliadhna. • Neartachadh cumhachdan cìse na h-Alba le tiomnadh VAT, agus làn chumhachdan a thaobh cìs cosnaidh agus tabhartasan Àrachais Nàiseanta.

Cìs Cosnaidh Tha an siostam cìs cosnaidh as adhartaiche san RA ann an Alba, le còrr air dàrna leth a’ pàigheadh nas lugha na bhiodh iad nam biodh iad a’ fuireach ann an Sasainn, a’ Chuimrigh no Èirinn a Tuath. Le bhith ag iarraidh air an fheadhainn leis an teachd a-steach as motha beagan a bharrachd a phàigheadh, tha e comasach dhuinn barrachd a thasgadh ann an seirbheisean poblach agus raon de shochairean a lìbhrigeadh, leithid òrdughan-cungaidh an-asgaidh, oideachadh oilthigh an-asgaidh agus siubhal bus lasaichte nach eil rim faighinn ann an àiteachan eile san RA. Às dèidh dhuinn a bhith dìreach air an siostam ùr seo a thoirt a-steach ann an 2018, agus le feum a-nis fòcas air ath-bheothachadh, tha sinn ag amas air seasmhachd thairis air an ath Phàrlamaid. Ged a tha e cudromach gum bi sùbailteachd aig riaghaltas sam bith gus dèiligeadh ri atharrachadh ann an suidheachaidhean, is e ar n-amas ìrean Cìs Cosnaidh a chumail mar a tha iad an-dràsta fad na pàrlamaid agus stairsnich àrdachadh a rèir ìre na h-atmhorachd aig a’ char as àirde. Cìs Thar-chur Fearainn is Thogalaichean (LBTT) Cumaidh sinn na h-ìrean agus na bannan a th’ ann andràsta airson LBTT àiteachan còmhnaidh airson làn theirm na pàrlamaid, a’ toirt a-steach faochadh a’ Cheannaiche Ciad Uair, rud a nì cinnteach nach pàigh faisg air 80% de dhaoine ann an Alba cìs sam bith air ceannach a’ chiad dachaigh aca. Nì sinn làn ath-sgrùdadh air an Leasachadh-cìse Àite-còmhnaidh a bharrachd agus bheir sinn sùil shònraichte air buaidh na cìse air dachaighean anns na coimhearsnachdan iomallach agus dùthchail againn. Cìs Comhairle Tha sinn dealasach a thaobh a’ Chìs Comhairle athleasachadh gus a dhèanamh nas cothromaiche. Bha còmhraidhean tar-phàrtaidh a’ dol air adhart air dè dheigheadh an àite na cìs chomhairle, ach b’ fheudar an cur dheth air sgàth a’ ghalair lèir-sgaoilte. Iarraidh sinn air Seanadh Shaoranach beachdachadh air an t-slighe air adhart an cois ceist chumhachdan nas fharsainge airson riaghaltas ionadail. Tha sinn air riaghaltas ionadail a mhaoineachadh gus a’ Chìs Chomhairle a chumail aig an ìre a tha e an-dràsta airson 2021/22.

#BothVotesSNP 55


Reataichean Gnothaich Tha an dà chuid na reataichean gnothaich as ìsle san RA ann an Alba agus na sgeamaichean cobhair as fialaidh. Cumaidh sinn Bònas nan Gnothaichean Beaga fad beatha na pàrlamaid – a’ dèanamh cinnteach nach pàigh 100,000 togalach gnothaich reataichean sam bith. Lùghdaichidh sinn beag air bheag an Leasachadh-cìse Gnothach Mòr thar cùrsa na Pàrlamaid gus dèanamh cinnteach gum pàigh na gnothaichean as motha an aon ìre san not ann an Alba agus ’s a tha ga phàigheadh an Sasainn. Nì sinn sgrùdadh air a’ chomas air ìre gach not nas àirde a thogail air togalaichean far a bheil an sealbhadair clàraichte ann an teàrmann cìse. Cumaidh sinn an Luathadair Fàs Gnìomhachais a bheir air falbh uallaichean reataichean airson a’ chiad 12 mìosan às dèidh gnothach dol a-steach gu togalach a chaidh a thogail as ùr, agus an sgeama tòiseachadh as ùr a bheir air falbh uallaichean airson a’ chiad 12 mìosan às dèidh sealbh fhaighinn air togalach a bha falamh roimhe. Cìs Imeachd Adhair Dheasaich Coimisean Mhic a’ Ghobhainn an t-slighe airson a bhith a’ tiomnadh Cìs Luchd-siubhail Adhair (APD) a dh’Alba, ach thàinig bacadh air seo mar thoradh air draghan mu taic stàite a thaobh Saoradh-cìse don Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Tha sinn fhathast dealasach a thaobh fuasgladh a lorg le Riaghaltas na RA a leigeadh leis an saoradh-cìse fuireach às dèidh tiomnadh. Nì sinn ath-sgrùdadh air ìrean agus bannan APD gus dèanamh cinnteach, aon uair ’s gu bheil tiomnadh cumhachd a’ tachairt, gu bheil poileasaidh againn a tha a’ co-thaobhadh ris na planaichean atharrachadh clìomaid againn. Nì an t-athbhreithneachadh seo sgrùdadh air comasachd cìs nas àirde a thogail air itealain nas truaillich. Buidseat sunnd Lìbhrigidh sinn buidseat sunnd, a’ dèanamh cinnteach gu bheil gach co-dhùnadh buidseit na bhuannachd do shunnd dhaoine air feadh na dùthcha.

56

Ro-innleachd Nàiseanta airson Atharrachadh Eaconamach Anns a’ chiad sia mìosan den ath phàrlamaid lìbhrigidh sinn Ro-innleachd Nàiseanta 10 bliadhna ùr airson Atharrachadh Eaconamach, a’ mìneachadh nan ceumannan a ghabhas sinn gus ath-bheothachadh eaconamach uaine a lìbhrigeadh agus taic a thoirt do obraichean, gnìomhachasan agus gnothaichean matha, ùra agus uaine airson an ama ri teachd. Ag obair le gnìomhachas, aonaidhean ciùird agus eaconamaichean cruthaichidh sinn Comhairle ùr airson Atharrachadh Eaconamach gus an ro-innleachd seo a chumadh agus a chur an gnìomh a stiùireadh. Tha sinn airson daoine innleachdach agus entrepreneuran a bhrosnachadh gus cuideachadh le ath-dhealbhadh eaconamaidh na h-Alba. Gus cur ris an obair air a stiùireadh le Banca Tasgadh Nàiseanta na h-Alba a tha air ùr stèidheachadh, lìbhrigidh sinn farpais Dùbhlan Nàiseanta, a’ toirt seachad maoineachadh suas ri £50 millean don phròiseact no do phròiseactan leis a’ chomas as motha gus cruth-atharrachadh a thoirt air Alba. Tha Alba mar-thà na dachaigh don Iomairt Ionmhais Beusach Cruinneil, a’ cothlamadh ar cliù mar ionad ionmhais cruinneil, ar n-eòlas ann an teicneòlas ionmhais agus gu bheil luachan aig cridhe ar dòigh-obrach a thaobh gnìomhachas. Feuchaidh sinn ri togail air an t-soirbheachadh seo agus Alba a shuidheachadh mar stiùiriche cruinneil san roinn seo a tha a’ fàs, a’ tàladh airgead tasgaidh stèidhichte air luachan agus a’ togail ionad eòlais san raon seo. Meudaichidh sinn ar n-iomairt soirbheachail CivTech a chruthaicheas cothroman do ghnìomhachasan ùrghnàthach ann an Alba agus sinn a’ fuasgladh fìor dhuilgheadasan a tha mu choinneamh ar seirbheisean poblach loidhne-aghaidh – a’ leasachadh lìbhrigeadh seirbheis, a’ lùghdachadh chosgaisean agus a’ cruthachadh obraichean, agus nì sinn cinnteach gu bheil sgilean ionad teicneòlais na h-Alba comasach air taic a thoirt do lìbhrigeadh MyNHS. Togaidh sinn air soirbheachas CivTech gus Alba a shuidheachadh mar stiùiriche ann an roinn GovTech cruinneil, a’ toirt cothrom do ghnìomhachasan na h-Alba cuibhreann den mhargaidh seo luach £400 billean fhaighinn.


SNP Manifesto 2021

Le làn chumhachdan neo-eisimeileachd rannsaicheadh sinn dleastanas laghail a chur air gnìomhachasan a bhith a’ beachdachadh air raon nas fharsainge de bhuilean eaconamach is àrainneachd – a’ dèanamh cinnteach gu bheil gnìomhachasan na h-Alba a’ cur fòcas air fàs seasmhach fad-ùine.

A’ cruthachadh obraichean agus a’ neartachadh sgilean Tha cruthachadh obraichean ùra, matha is uaine aig cridhe ar n-ath-bheothachaidh às dèidh Covid. Obraichidh sinn le fastaichean agus daoine fa leth gus na sgilean agus am bun-structar a thogail a dh’fheumas sinn gus soirbheachadh ann an gnìomhachasan san àm ri teachd. Gealladh Dhaoine Òga Nì ar Gealladh Dhaoine Òga cinnteach gum bi cothrom aig a h-uile duine òg eadar 16 agus 24 ann an Alba, a rèir an t-suidheachaidh phearsanta aca agus an togradh, a dhol don oilthigh no colaiste, àite fhaighinn air prògram preantasachd, trèanaidh no eòlas obrach, obair fhaighinn no pàirt a ghabhail ann am prògram saor-thoileach foirmeil. Tha sinn airson gum fàg COP 26 dìleab de chothroman uaine airson an ath ghinealaich. Mar phàirt de ar Gealladh Dhaoine Òga, leigidh sinn le luchd-fàgail na sgoile eòlas fhaighinn air cothroman cosnaidh no foghlaim stèidhichte air nàdar a chuireas ri ar thargaidean a tha air thùs san t-saoghal gus dèiligeadh ri atharrachadh clìomaid – tha seo a’ toirt a-steach a bhith a’ cur chraobhan, ag ath-nuadhachadh mòinteach na h-Alba, a’ leasachadh dhòighean-obrach carbon gorm agus deuchainn air ùir, am measg fhuasglaidhean nàdarra eile. Sgilean agus cosnaidhean uaine airson an ama ri teachd Cuiridh sinn a-steach £500 millean a bharrachd gus taic a thoirt do chosnaidhean ùra agus sgilean ùra a thoirt do dhaoine airson obraichean san àm ri teachd. Bheir a’ Mhaoin Trèanadh Eadar-ghluasad Nàiseanta againn taic do luchd-obrach aig a bheil obraichean ann an cunnart agus bheir e cothroman ath-thrèanaidh dhaibh airson obraichean sàr sgileil, àrd-teicneòlais, agus solarachadh sgilean uaine gus taic a thoirt do ghluasad na h-Alba gu net zero. Mar phàirt de seo, gabhaidh sinn ceumannan gus dèiligeadh ri neo-ionannachd, a’ toirt taic dhaibhsan air an tug Covid buaidh mì-chothromach

làidir, leithid boireannaich, daoine bho mhion-chinnidhean agus daoine ciorramach. Bidh sinn ag adhartachadh obair chothromach cuideachd agus a’ cuideachadh le bhith a’ dèiligeadh ri sgaradh dreuchdail. Thairis air na còig bliadhna a tha romhainn, bidh sinn a’ tasgadh £100 millean anns a’ mhaoin Chosnaidhean Uaine againn, a’ tasgadh còmhla ri gnìomhachasan agus buidhnean gus taic a thoirt do bharrachd chothroman ùra airson cosnaidhean uaine a chruthachadh air feadh na h-Alba. Tasgaidh sinn cuideachd £60 millean gus na roinnean gnìomhachais agus saothrachaidh againn a dhìcharbonachadh – gan cuideachadh a’ fàs agus ag iomadachadh, a’ cuideachadh le bhith a’ lìbhrigeadh net zero ro 2045, agus a’ cruthachadh barrachd chosnaidhean ùra. Preantasachdan Bha sinn air an t-slighe gus ruigsinn na targaid againn de 30,000 Preantasachdan Ùra a thòiseachadh ro 2020 – ach, thug Covid buaidh air tòiseachadh phreantasachdan ùra oir bha aig fastaichean ri ath-bhreithneachadh, dàil no stad a thoirt air planaichean fastaidh. Mar phàirt den ath-bheothachadh, nì sinn suas ri 30,000 tòiseachadh preantasachd agus nì sinn measadh air iarrtas gus faicinn dè cho fada ’s as urrainn dhuinn a dhol. Luchd-fàgail Seirbheis Armaichte Gus soilleireachadh agus adhartachadh na tha de thabhartasan adhartach aig luchd-fàgail seirbheis armaichte agus an teaghlaichean, bidh sinn a’ stiùireadh iomairt mothachaidh poblach, ag amas gu sònraichte air fastaichean agus a’ choimhearsnachd gnìomhachais gus cuideachadh le bhith a’ meudachadh chothroman cosnaidh. Meudaichidh sinn cuideachd Maoin Luchdfàgail Seirbheis Armaichte na h-Alba gu £500,000 agus leudaichidh sinn na slatan-tomhais aige, a’ toirt cuireadh do thagraidhean a tha a’ nochdadh co-obrachadh agus a’ cuimseachadh air luchd-fàgail seirbheis tràth. Cruthaichidh sinn cuideachd barrachd chothroman obrach do luchd-fàgail seirbheise ann an riaghaltas na h-Alba.

#BothVotesSNP 57


Obair Chothromach Tha sinn airson gur e Alba an t-àite as fheàrr airson a bhith a’ fuireach, ag obair, a’ tasgadh agus a’ dèanamh gnothach. Tha sinn a’ creidsinn gur e obair chothromach a’ bhunait airson seo. Tha Covid air sealltainn gu bheil cus dhaoine fhathast an sàs ann an obair far a bheileas a’ gabhail brath orra, gu tric neoni-uairean, a tha gam fàgail le glè bheag de thèarainteachd. Às aonais cumhachdan neo-eisimeileachd, tha sinn cuibhrichte anns na ceumannan as urrainn dhuinn a ghabhail, ach far an urrainn dhuinn a bhith ag obair gus tèarainteachd cosnaidh a leasachadh agus càileachd na h-obrach adhartachadh, nì sinn sin. Seachdain-obrach ceithir latha Dh’atharraich Covid-19 an dòigh anns a bheil sinn ag obair cha mhòr sa bhad. Mar a bhios sinn a’ faighinn seachad air a’ ghalair lèir-sgaoilte, tha sinn airson barrachd a dhèanamh gus taic a thoirt do dhaoine cothromachadh fallain fhaighinn eadar beatha is obair. Tha sinn cuideachd airson an àireamh iomlan de dhaoine ann an cosnadh a chumail àrd. Mar phàirt de seo, stèidhichidh sinn maoin de £10 millean gus leigeil le companaidhean pìleat agus sgrùdadh a dhèanamh air na buannachdan bho sheachdain-obrach ceithir latha. Cleachdaidh sinn an t-ionnsachadh bho seo gus beachdachadh air gluasad nas fharsainge gu seachdainobrach ceithir latha nuair a gheibh Alba làn smachd air còraichean cosnaidh. Comharraichidh sinn cuideachd cothroman cosnaidh a bharrachd agus nì sinn measadh air a’ bhuaidh eaconamach a tha aig gluasad gu seachdain ceithir latha. San fharsaingeachd, bheir sinn taic do lèirmheas – ann an com-pàirteachas le aonaidhean ciùird agus gnìomhachasan – air mar a ghabhadh agus a bu chòir cleachdaidhean obrach atharrachadh gus coinneachadh ri feumalachdan na h-eaconamaidh san àm ri teachd.

58

Obair Chothromach An Toiseach Tha ar prògram Obair Chothromach An Toiseach a’ dèanamh cleachdaidhean obrach cothromach mar phàirt de na slatan-tomhais airson cùmhnantan poblach a chosnadh agus tabhartasan fhaighinn. Bidh e a’ cleachdadh cumhachd ionmhasail an riaghaltais gus obair chothromach a dhèanamh àbhaisteach. Cuiridh sinn a-nis obair shùbailte a tha càirdeil do theaghlaichean a-steach don phrògram, ag ionnsachadh leasanan bho chleachdaidhean obrach rè a’ ghalair lèir-sgaoilte gus a dhèanamh nas fhasa do bhoireannaich, gu sònraichte pàrantan singilte, tilleadh a dh’obair agus cuideachd coroinneadh nas cothromaiche de dhleastanasan cùramcloinne a bhrosnachadh. Tha prionnsapalan Uairean Reusanta air an nochdadh ann an deagh chleachdadh Obair Chothromach An Toiseach agus air a bhrosnachadh tro Obair Chothromach An Toiseach far a bheil seo a’ buntainn ri tabhartasan no solar. Ma thèid ar taghadh a-rithist, thèid sinn nas fhaide agus bheir sinn taic do phrògram barrantachaidh sònraichte airson Uairean Reusanta san aon dòigh san tug sinn taic do bharrantachadh an Tuarastal Bith-beò. Tiomnadh Lagh Cosnaidh Tron ghalar lèir-sgaoilte, tha cuid de chompanaidhean air a bhith ri crìochnachadh is ath-thòiseachadh fastaidh gus tuarastail agus cùmhnantan a lagachadh. Tha seo ceàrr. Tha PNA air a bhith a’ putadh air riaghaltas na RA a bhith an sàs sa chùis seo ach tha iad gu ruige seo air diùltadh na ceumannan riatanach a ghabhail gus na cleachdaidhean cealgach seo a thoirmeasg. Leanaidh sinn oirnn ag iarraidh tiomnadh air lagh cosnaidh gus leigeil leinn a dhol an gnìomh, ach san eadar-ama nì sinn nas urrainn dhuinn le ar cumhachdan cuibhrichte gus luchd-obrach a dhìon bho na cleachdaidhean sin ann an Alba. Nì sinn ath-sgrùdadh air na slatan-tomhais Obair Chothromach An Toiseach againn airson cùmhnantan agus tabhartasan taic riaghaltais gus a bhith a’ toirt a-steach iomradh sònraichte air crìochnachadh is aththòiseachadh fastaidh.


SNP Manifesto 2021

Tasgadh ann am fàs seasmhach Tha sinn dealasach a thaobh ath-bheothachadh eaconamach seasmhach, le tasgadh ann am fàs a tha seasmhach a thaobh na h-àrainneachd, cothromach do gach coimhearsnachd agus a bheir taic do ghnìomhachas a bhith a’ soirbheachadh ann an saoghal caochlaideach. Banca Tasgadh Nàiseanta na h-Alba Cuiridh sinn £1 billean an seilbh ann am Banca Tasgadh Nàiseanta na h-Alba thairis air an ath phàrlamaid mar phàirt den phlana calpachaidh deich bliadhna de £2 billean againn. Obraichidh sinn gus greimeachadh air na cothroman a th’ ann don Bhanca gus ionmhas a bharrachd fhaighinn airson taic a thoirt do na planaichean iasaid stèidhichte air a’ mhisean aige, gus an eaconamaidh fhàs agus an t-slighe a luathachadh gu net zero. Misean Bun-structair Nàiseanta Meudaichidh ar Misean Bun-structair Nàiseanta tasgadh bliadhnail le £1.5 billean gu faisg air £7 billean ro 2025-26. Lìbhrigidh seo luach tasgadh iomlan de chòrr is £33 billean not anns na còig bliadhna a tha romhainn, agus thathas a’ meas gun toir e taic do 45,000 obair gu dìreach thar na h-ùine sin, a’ toirt seachad buannachd air feadh sèinichean solair na h-Alba. Cruthaichidh sinn Companaidh Bun-structair Nàiseanta gus maoin phoblach a riaghladh agus a leasachadh airson math a’ phobaill, a’ cur obair chothromach aig cridhe pròiseactan bun-structair poblach.

Thar na h-ath phàrlamaid, mar eisimpleir, nì sinn tasgadh de: • £180 millean ann am Maoin Teicneòlasan Cumhachd Ùra • Airgead calpa a tha a dhìth gus ospadal ùr Monklands a thogail • Còrr is £1.2 billean ann an leasachaidhean mòra rèile, a’ toirt a-steach £550 millean airson pròiseactan dì-carbonachadh rèile sònraichte, agus £3.8 billean air an lìonra rèile againn airson luchd-siubhail agus bathar. • Còrr is £600 millean ann am bun-structar didseatach, gu h-àraidh ann an sgìrean dùthchail agus eileanach • £525 millean gus na còig bliadhna a tha romhainn de chùmhnantan sgìrean chathair-bhailtean agus fàs roinneil a lìbhrigeadh. • £275 millean gus taic a thoirt do ath-nuadhachadh air a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd agus ath-bheothachadh meadhan bhailtean • Còrr is £200 millean ann am pròiseact Baird and Anchor ann an Obar Dheathain. • £2 billean – ann an com-pàirteachas le riaghaltas ionadail – ann am Prògram Tasgadh Oighreachd Ionnsachaidh. • Suas ri £6 millean airson ath-leasachadh air cladach an t-Sròin Reamhair.

#BothVotesSNP 59


Tasgadh Uaine agus Eadar-ghluasad Cothromach Leudaichidh ar Tasgadh Uaine bhon luach aige an-dràsta de £1 billean gu £3 billean, a’ tàladh tasgadh gus taic a thoirt don eadar-ghluasad againn gu net zero agus fàs ghnìomhachasan ùr-ghnàthach a tha seasmhach a thaobh na h-àrainneachd ann an Alba. A’ togail air eisimpleir Misean Chluaidh, a tha a’ tòiseachadh ath-nuadhachadh choimhearsnachdan timcheall air Abhainn Chluaidh, stèidhichidh sinn Luathadairean Fàs Uaine gus tasgadh de £200 millean fhuasgladh le ùghdarrasan ionadail ann a bhith a’ coileanadh ar rùintean net zero.

Taic do ghnothaichean Cuiridh sinn feum air innleachdas is ùr-ghnàthachadh na h-Alba gus obraichean a chruthachadh agus athbheothachadh eaconamach a stiùireadh. Saothrachadh Cuiridh sinn taic ris a’ ghnìomhachas saothrachaidh againn gus fàs, ùr-ghnàthachadh agus farpais gu h-eadarnàiseanta le crìochnachadh ar tasgadh de £75 millean ann an Institiud Saothrachaidh Nàiseanta na h-Alba. Bidh ar Maoin Dùbhlan Bun-structar Carbon Ìosal a’ tasgadh £26 millean gus taic a thoirt do leasachadh sèinichean solair làidir ann an gnìomhachasan carbon ìosal. Bheir Maoin Atharrachadh Lùth Gnìomhachais na h-Alba £34 millean taic do dhì-charbonachadh gnìomhachas trom ann an Alba. Le Glaschu na shàr ionad san t-saoghal airson saothrachadh shaidealan, agus le còig de na seachd puirt-fànais dealbhaichte san RA stèidhichte an seo, tha Alba ann an deagh shuidheachadh gus cuibhreann nach beag de ghnìomhachas fànais na cruinne fhaighinn ro 2030. Le ar fòcas air ‘obair fànais gu math an t-saoghail’ – a cleachdadh dàta fànais gus dèiligeadh ri dùbhlain clìomaid agus àrainneachd – obraichidh sinn leis an roinn gus làraichean losgadh rocaid a leasachadh, obraichean saothrachaidh fhàs agus comas anailis dàta adhartachadh, a’ togail air an taic a thug sinn seachad mu thràth. Ola agus Gas Tha ola is gas fhathast na phàirt chudromach den mheasgachadh lùtha againn. Ach, feumaidh sinn gluasad gu connaidhean ùra, nas glaine. Ged a tha cumhachdan cìse is riaghlaidh mu ola is gas far-tìre glèidhte do

60

Westminster, bidh taic riaghaltais sam bith don roinn ola is gas sa chuan a Tuath an urra ris a’ ghnìomhachas a bhith a’ cur ri eadar-ghluasad lùtha seasmhach, tèarainte agus in-ghabhalach. Le cumhachdan neo-eisimeileachd, tha sinn dealasach a bhith a’ cumail teachd-a-steach bho ola is gas ann am Maoin Net Zero – a’ cuideachadh le bhith a’ luathachadh a’ ghluasaid gu lùth gun charbon, agus a’ toirt taic do àiteachan mar Obar Dheathain agus an Ear-thuath gus an eaconamaidh aca iomadachadh. Tha sinn air Maoin Eadar-ghluasad Lùtha £62 millean a stèidheachadh gus taic a thoirt do ghnìomhachasan anns na roinnean ola, gas agus lùth thar nan còig bliadhna a tha romhainn mar a bhios iad a’ fàs agus ag iomadachadh, agus a’ cuideachadh le bhith a’ tàladh tasgadh san roinn phrìobhaideach. Mar chomharra air na duilgheadasan a tha fa chomhair an Ear-thuath air sgàth a’ ghalair lèir-sgaoilte agus crìonadh na h-ola, bidh sinn a’ tasgadh £15 millean an ath-bhliadhna gus taic a thoirt do luchd-obrach aththrèanadh agus sgilean ùra ionnsachadh. Cha toir sinn taic do leasachadh ola is gas neo-ghnàthach – ris an canar gu tric ‘fracking’ – ann an Alba. Rannsachadh is Leasachadh Bho 2007 tha Alba air adhartas mòr a dhèanamh ann an Rannsachadh is Leasachadh anns na roinnean prìobhaideach agus oilthighean. Gus an t-adhartas sin a luathachadh meudaichidh sinn tasgadh Riaghaltas na h-Alba £100 millean ann am pròiseactan Rannsachaidh is Leasachaidh fo stiùir na roinne prìobhaidich. Ag obair le ar buidhnean iomairt agus Banca Tasgadh Nàiseanta na h-Alba, thèid am maoineachadh seo a chothasgadh le prothaidean air an ath-chuairteachadh airson tuilleadh tasgaidh le Riaghaltas na h-Alba. Tasgadh ann an gnìomhachasan beaga is meadhanach Leanaidh sinn oirnn leis an sgeama Bònas nan Gnìomhachasan Beaga, a tha na bhuannachd do chòrr air 100,000 gnìomhachas, a’ cumail oirnn a’ dèanamh cinnteach gu bheil a’ mhòr-chuid de luchd-pàighidh reataichean ann an Alba fhathast a’ pàigheadh ìre nas ìsle na àiteachan eile san RA. Tasgaidh sinn £100 millean airson gnothachasan beaga is meadhanach a chuideachadh gus na sgilean agus an uidheamachd dhidseatach cheart fhaighinn.


SNP Manifesto 2021

Tha sinn dealasach a thaobh an àireamh de ghnìomhachasan luchd-obrach ann an Alba a mheudachadh gu 500 ro 2030 – àrdachadh de 500% air na h-àireamhan an-dràsta. Cruthaichidh sinn uidheamachd airson barrachd solar ionmhais gus taic a thoirt do bharrachd luchd-obrach a bhith a’ ceannach an companaidhean. Taic do Roinn Teicneòlais na h-Alba Cuiridh sinn molaidhean Lèirmheas Logan an gnìomh gus an roinn teicneòlais againn àrdachadh gu sàr-inbhe san t-saoghal a’ toirt a-steach cruthachadh lìonra nàiseanta de ghoireasan aig sàr-ìre san t-saoghal – le taic bho £30 millean – gus teicneòlasan ùra a thòiseachadh a dh’fhaodas fàs gu bhith nan companaidhean mòra a’ tabhann obraichean àrd-inbhe le deagh phàigheadh. Thèid na mòr-ionadan ùra ’Tech-Scaler’ againn a chruthachadh ann an Obar Dheathain, Dùn Dè, Dùn Èideann, Glaschu agus Inbhir Nis. Nì sinn cinnteach cuideachd gum bi am foghlam malairteach a tha ri fhaighinn anns na mòr-ionadan sin ruigsinneach gu bhirtual gus dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig gnìomhachasan orra ann an sgìrean dùthchail.

suas ri £10,000 gus taic a thoirt do chruthachadh 2,000 gnìomhachas ùr. Bùthan agus taic do phrìomh shràidean Chaidh na prìomh shràidean againn a bhualadh gu dona leis a’ ghalair lèir-sgaoilte agus mar a tha reic airloidhne a’ sìor fhàs. Nì sinn sgrùdadh air toirt a-steach cìs reic didseatach nàiseanta ùr gus an raon-cluiche a chothromachadh eadar reic air-loidhne agus didseatach agus cleachdaidh sinn teachd-a-steach sam bith bho seo gus beatha ùr a thoirt a-steach do bhailtean. Foillsichidh sinn Ro-innleachd Reic airson an roinn ann an Alba a chuideachadh gus atharrachadh, ùr-ghnàthachadh agus soirbheachadh, agus a bhith na eisimpleir de dh’fhàs in-ghabhalach, a’ toirt taic do shèine solair ionadail làidir agus a’ tabhann a’ bhathair, na h-eòlasan agus na seirbheisean a tha iad ag iarraidh do dhaoine is coimhearsnachdan.

Leasaichidh sinn agus cuiridh sinn an gnìomh ionadan dàta net zero, air an obrachadh le lùth ath-nuadhachail.

Ag ath-thogail roinn turasachd shoirbheachail Tha fios againn gu bheil an galar lèir-sgaoilte air a bhith gu sònraichte duilich don ghnìomhachas turasachd againn, ach tha sinn dealasach a bhith ag ath-thogail roinnean turasachd agus aoigheachd deatamach na h-Alba gus an urrainn dhuinn a h-uile càil a tha aig Alba ri thabhann nuair a tha an ùine ceart a cho-roinn le càch.

Cuiridh sinn taic ri cruthachadh mòr-ionadan ùrghnàthachaidh 5G agus sgìrean ùr-ghnàthachaidh 5G ann an Alba.

Gus taic a thoirt don roinn tron ath-bhliadhna, tha sinn air gealltainn lasachadh reataichean 100% airson turasachd is aoigheachd airson 2021-22.

A’ brosnachadh entrepreneuran boireann Tha gnìomhachasan air an ruith le boireannaich a’ cur gu mòr ri eaconamaidh na h-Alba, ach chan eil ach 20% de bhunait gnìomhachais na h-Alba an seilbh bhoireannach. Cruthaichidh sinn Ionad Gnìomhachais Bhoireannach sònraichte gus taic ionmhais, comhairle agus trèanadh a thoirt do bhoireannaich a tha ag iarraidh an gnìomhachas aca a thòiseachadh no fhàs. Gheibh seo taic de £50 millean thairis air a’ phàrlamaid.

Nuair a tha e sàbhailte sin a dhèanamh, cuiridh sinn iomairt air bhog airson daoine a bhrosnachadh gus taic a thoirt do thurasachd agus aoigheachd ionadail ann an Alba.

Mar phàirt de seo, tasgaidh sinn £3 millean gach bliadhna gus tuarastal co-ionann ri tuarastal làn-ùine a phàigheadh airson 100 tagraiche boireann gus am beachdan gnìomhachais innleachdach a leasachadh. Taic do entrepreneuran dùthchail Cruthaichidh sinn cothroman do ghnìomhachasan ùra fàs agus soirbheachadh anns gach ceàrnaidh de dh’Alba. Gus beatha ùr a thoirt a-steach do eaconamaidhean dùthchail na h-Alba cruthaichidh sinn Maoin Entrepreneur Dùthchail ùr, luach £20 millean – bheir seo tabhartasan

Leasaichidh sinn iomairt chruinneil airson na h-Alba, a’ meudachadh gnìomhachd na h-Alba a-nis agus a’ cur air bhog comharra airson na h-Alba, gus cuideachadh le turasachd, in-imrich agus tasgadh a bhrosnachadh. Mar a bhios sinn a’ coimhead air adhart ri UEFA Euro 2020 ann an Glaschu, FestivalUK 2022 agus Farpaisean Rothaireachd na Cruinne 2023 UCI, obraichidh sinn gus barrachd thachartasan mòra fhaighinn airson na h-Alba a’ toirt a-steach tagradh co-phàirteach eadar an RA agus Èirinn airson Cupa na Cruinne 2030 FIFA. Cumaidh sinn tasgadh de £6.2 millean gach bliadhna anns a’ Mhaoin Bun-structair Turasachd Dhùthchail gus lùghdachadh cuid den uallach a dh’fhaodadh turasachd a chur air coimhearsnachdan dùthchail ionadail.

#BothVotesSNP 61


Leudaichidh sinn Cead-siubhail nan Eilean gus barrachd dhaoine a bhrosnachadh a thadhal air barrachd de na h-eileanan againn, ag adhartachadh barrachd tadhail a-mach às an t-seusan turasachd agus a’ toirt buannachd nas cothromaiche do choimhearsnachdan. Tasgaidh sinn £1 millean a bharrachd ann an sgeama Neach-gleidhidh Ràitheil gus taic a thoirt do thurasachd chiallach anns na sgìrean dùthchail agus iomallach againn. Obraichidh sinn cuideachd leis an roinn airson oidhirpean a bhrosnachadh gus turasachd a dhèanamh nas seasmhaiche don àrainneachd. Cuiridh sinn taic ri leasachadh Pròiseact Eden ann an Dùn Dè, a’ cuideachadh le Dùn Dè a stèidheachadh mar shàr cheann-uidhe dha-rìribh san t-saoghal. Gus taic a thoirt do mholaidhean Buidheann Gnìomha Ath-bheothachadh Turasachd, cruthaichidh sinn maoin de £25 millean gus cuideachadh le ath-bheothachadh làidir a thogail, a’ toirt seachad mìltean de bhileaganairgid airson saor-làithean goirid agus làithean a-muigh do luchd-cùraim, daoine le ciorraman agus teaghlaichean air teachd-a-steach ìosal, agus a’ cruthachadh Slighe Net Zero airson gnìomhachas, le fòcas air a bhith a’ dìon agus ag adhartachadh ar maoin nàdarra agus a’ lìbhrigeadh àm ri teachd beag-charboin don luchd-tadhail agus na coimhearsnachdan againn. Bidh sinn cuideachd a’ tasgadh £10 millean ann an iomairtean nas fharsainge a’ gabhail a-steach drochaidcoise Tràigh an Ear Lossiemouth, Pròiseact Caisteal Inbhir Nis, bun-structar thaighean-òsta dùthchail, agus cleachdadh Luchd-glèidhidh Ràitheil gus turasachd chiallach a bhrosnachadh ann an àiteachan dùthchail. Dealbhadh Le tagraidhean dealbhaidh a dh’fhaodadh a bhith cudromach gu roinneil no gu nàiseanta, feumaidh a’ bhuidheann Leasachadh Eaconamach buntainneach, co-dhiù Iomairt na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, no Iomairt Ceann a Deas na h-Alba, measadh a dhèanamh air na buannachdan eaconamach a dh’fhaodadh a bhith aig an leasachadh ris a bheil iad a’ coimhead.

Malairt, tasgadh agus às-mhalairt Tha an dòigh a bhios sinn a’ malairt cho cudromach ris an stuth a bhios sinn a’ malairt. Bidh Lèirsinn na h-Alba airson Malairt agus na prìomh phrionnsapalan aige a thaobh fàs

62

in-ghabhalach, sunnd, seasmhachd, net zero agus deagh riaghladh a’ stiùireadh mar a bhios sinn a’ cruthachadh agus a’ togail dhàimhean malairt. Bidh sinn ag ath-nuadhachadh iomairtean càraid le roinnean, stàitean, bailtean-mòra agus bailtean an EU gus dèanamh cinnteach gun lean ceanglaichean cultarail, dualchais agus malairt le nàbaidhean Eòrpach san àm ri teachd. Tha e deatamach gun dèanar lùghdachadh air bacadh ana-bhitheagach (AMR) gus slàinte dhaoine agus slàinte phoblach a leasachadh, agus is e aontaidhean malairt an dòigh as fheàrr air seo a dhèanamh. Cuiridh sinn cuideam air Riaghaltas na RA obair air seo a chur mar phrìomhachas ann an aontaidhean malairt ùra – agus cuiridh sinn cuideam orra a dhol an aghaidh cùmhnantan malairt a tha a’ dèanamh cron air adhartas sa chùis seo, gu sònraichte do dhùthchannan fo leasachadh. Às-mhalairt Nì sinn measadh air ceanglaichean dìreach ri margaidhean eadar-nàiseanta bho phuirt agus puirt-adhair na h-Alba – a’ lughdachadh eisimeileachd air na puirt agus puirtadhair ann an Ear-dheas Shasainn – gus roghainnean cosg-èifeachdach a thoirt do às-mhalairtich Albannach. Gu sònraichte, cruthaichidh sinn post-crìche a-staigh do Chàrn Rìoghain, am port malairteach againn a tha gar ceangal ri eilean na h-Èireann. Cuiridh sinn an gnìomh am moladh againn airson Puirt Uaine na h-Alba, le taic bhon roinn phoblaich a’ crochadh air gnìomhachasan a bhith a’ gèilleadh ri riaghailtean Obair Chothromaich An Toiseach – a’ pàigheadh an Fhìor Thuarastal Bith-beò agus a’ cur an gnìomh Gealltanas Gnothaich na h-Alba – agus air planaichean practaigeach a lìbhrigeadh gus sgaoilidhean carbon a lughdachadh. Cuiridh sinn Plana Tasgadh Calpa Cruinneil na h-Alba an gnìomh, a’ solarachadh calpa fàis gus taic a thoirt do ghnìomhachasan tòiseachaidh is fàis na h-Alba ann am prìomh roinnean – teicneòlas, saidheans beatha agus saothrachadh adhartach – agus gus bun-structar agus àite a mhaoineachadh dhaibh airson fàs. Tasgadh a-steach Is e Alba aon de na h-àiteachan as soirbheachail san RA airson tasgadh fhaighinn a-steach. Is e ar n-amas a-nis a chleachdadh gus 20,000 cosnadh a bharrachd a chruthachadh, GDP na h-Alba a mheudachadh còrr air £4 billean, àrdachadh às-mhalairt na h-Alba còrr air £2 billean agus cur suas ri £680 millean gach bliadhna ri teachd-a-steach an riaghaltais.


SNP Manifesto 2021

Cuiridh sinn prìomhachas air naoi raointean far a bheil Alba air buannachd fharpaiseach agus sàr-theicneòlas aig ìre chruinneil a nochdadh:

Leanaidh sinn oirnn le ar maoineachadh athbheothachadh cultair gus taic fhaighinn dhaibhsan a tha fhathast fo bhuaidh chuingeadan.

• Eadar-ghluasad lùtha

Cuiridh sinn taic ri co-òrdanachadh coimiseanadh Albannach agus cruthaichidh sinn Maoin Cuairtean na h-Alba airson Teatar is Ceòl mar phàirt de athbheothachadh eaconamach, a’ cuideachadh le bhith a’ toirt thaisbeanaidhean beò gu àiteachan coimhearsnachd agus ag ath-nuadhachadh turasachd fad na bliadhna.

• dì-carbonachadh Còmhdhail • bathar-bog agus IT • seirbheisean ionmhais didseatach • seirbheisean gnìomhachais didseatach • fànas • teicneòlas slàinte • cruth-atharrachadh ghnìomhachasan ceimigeach, agus • innleachdas bìdh is deoch

Cultar aig cridhe ath-bheothachaidh Tha cultar aig cridhe ar dearbh-aithne mar dhùthaich. Bha sinn a-riamh a’ cur luach air cultar agus cruthachalachd, ach tha an galar lèir-sgaoilte air sealltainn cho deatamach ’s a tha e do ar sunnd, ar slàinte inntinn agus ar tuigse air cò dha a bhuineas sinn. ‘Ceudad do na h-Ealain’ agus maoineachadh cothromach Tha sinn airson modail maoineachaidh nas seasmhaiche a chruthachadh airson cultar a bhios buannachdail do bhuidhnean agus daoine ag obair air an ceann fhèin. Ag ionnsachadh bho dhùthchannan leithid Èirinn agus an Òlaind, stèidhichidh sinn sgeama “Ceudad do na h-Ealain” a chruthaicheas riatanas airson ceudad de chosgais iomlan pròiseact togail a chleachdadh airson thogalaichean poblach ùra agus àiteachan a chaitheamh air coimiseanan ealain coimhearsnachd. Bidh sinn a’ co-chomhairleachadh air ceudad tùsail de 0.5% airson phròiseactan fo £5 millean agus 1% os cionn £5 millean le crìoch cosgais aig £1 millean airson pròiseact fa-leth. Tha sinn a’ meas gun togadh seo £150 millean gach bliadhna do na h-ealain nuair a bhiodh e ag obair aig làn neart. Gus cuideachadh le dealbhadh is ath-bheothachadh san àm ri teachd, nì sinn rèiteachaidhean maoineachaidh 3 bliadhna airson prìomh bhuidhnean cultarach maoinichte le Riaghaltas na h-Alba.

Gus aithne a thoirt don àite a th’ aig cultar agus dualchas ann a bhith a’ coileanadh ar rùintean atharrachadh clìomaid, meudaichidh sinn ruigsinneachd air maoineachadh calpa gus cuideachadh le bun-structar cultarach ‘uaine’ air feadh Alba. A’ leudachadh ar prògraim Leudaichidh sinn ar prògram Culture Collective, a’ toirt barrachd chothroman do luchd-ealain agus coimhearsnachdan air feadh na h-Alba a bhith a’ coobrachadh air gnìomhachd chruthachail, a’ toirt taic do ath-bheothachadh cruthachail seasmhach bhon ghalar lèir-sgaoilte. Stèidhichidh sinn a’ chiad Chompanaidh Cleasachd is Cluiche Nàiseanta Òigridh againn a tha air a mhaoineachadh gu cunbhalach, gus obair chruthachail dhaoine òga na h-Alba a thaisbeanadh, agus gus an tàlantan fhàs. Cruthaichidh sinn maoin ùr de £2 mhillean airson obairealain phoblach a leudaicheas an raon de riochdachadh ann an àiteachan poblach de dh’eachdraidh agus cultar na h-Alba, gu sònraichte na tha boireannaich agus coimhearsnachdan mion-chinnidh a’ cur ris. A’ leasachadh taic do ghnìomhachasan cruthachail Ag aithneachadh an spionnaidh aca cho math ris an comas airson fàs aig an taigh agus thall thairis, obraichidh sinn le Iomairt na h-Alba agus Alba Chruthachail gus an taic gnothaich a tha ri fhaighinn do ghnìomhachasan cruthachail a leasachadh airson dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig na diofar phàirtean den roinn air farsaingeachd nas fheàrr de chomhairle. Cuiridh sinn taic ri faochadh chìsean airson cultar agus gnìomhachasan cruthachail a’ toirt a-steach roinn nan geamannan, prògraman Tbh cloinne aig àrd-ìre, beòdhealbhadh, film, tèatar agus orcastra. Cuiridh sinn taic cuideachd ri comasan didseatach luchdealain agus gnìomhachasan cruthachail le prògram de

#BothVotesSNP 63


bhùthan-obrach, comhairleachadh agus cùrsaichean luach £1 millean. Iarraidh sinn air Riaghaltas na RA obair leis an Aonadh Eòrpach gus siubhal saor a lìbhrigeadh do chleasaichean, luchd-ealain, luchd-ciùil agus luchd-obrach neocheangailte, agus gus dèanamh cinnteach nach eil cnapan-starra ann dhaibhsan a tha airson a dhol air chuairt agus a chluich ann an Alba agus an RA. Agus cleachdaidh sinn an lìonra eadar-nàiseanta againn gus taic nas fheàrr a thoirt do luchd-ealain stèidhichte ann an Alba a bhith ag obair thall thairis, agus gus ceanglaichean cultarail ùra a dhèanamh eadar Alba agus an còrr den t-saoghal. Ruigsinneachd Dìonaidh sinn ruigsinneachd an-asgaidh do na Gailearaidhean agus Taighean-tasgaidh Nàiseanta againn agus cumaidh sinn oirnn a’ maoineachadh thaigheantasgaidh agus ghailearaidhean neo-nàiseanta tro thaic do Thaighean-tasgaidh is Gailearaidhean na h-Alba. Àrainneachd Eachdraidheil Lìbhrigidh sinn ‘Ar n-Àite ann an Tìm: Ro-innleachd Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba’ agus tasgaidh sinn ann an leasachadh seasmhach air oighreachd eachdraidheil na h-Alba gus a dìon agus a gleidheadh, aig an aon àm a’ toirt taic don t-slighe againn gu net zero. Craoladh agus Sgrion Tha an roinn sgrion againn air a dhol bho neart gu neart anns na bliadhnachan mu dheireadh, le taic bho chruthachadh Sgrion Alba agus bun-structar stiùidio ùr. Tha sinn airson togail air an t-soirbheachadh seo gus Alba a dhèanamh na cheann-uidhe airson riochdachadh. Cuiridh sinn taic ri àite stiùidio ann an Alba agus dùblaichidh sinn solar sgilean, a’ brosnachadh trèanadh, preantasachdan agus cothroman sgilean. Iarraidh sinn air a’ BhBC riochdachadh à Alba a mheudachadh, agus barrachd choimiseanairean fhastadh ann an Alba. Ionad Nàiseanta airson Dealbhadh Is e Dùn Dè a’ chiad Bhaile Dealbhaidh UNESCO san RA, ag aithneachadh na chuir am baile mòr ri dealbhadh air feadh na cruinne. Gus togail air an duais chliùiteach seo, bheir sinn taic do V&A Dhùn Dè gu bhith na Ionad Dealbhaidh Nàiseanta, ag obair ann an dlùth chompàirteachas le buidhnean bho air feadh na h-Alba.

64

Taic do fhèisean agus Bailtean Cultair Leanaidh sinn air adhart leis a’ mhaoin EXPO air leth soirbheachail airson prìomh fhèisean Dhùn Èideann, Celtic Connections agus Glasgow International, ag athsgrùdadh mar as urrainn dhaibh cumail a’ dol le bhith a’ coileanadh amasan gus dèanamh cinnteach gu bheil na Fèisean a’ cumail farpaiseach san t-saoghal, ag àrdachadh a’ mhaoineachaidh a tha ri fhaighinn do luchd-ealain agus luchd-dreuchd na h-Alba, agus a’ brosnachadh choobrachaidhean cruthachail. A’ gabhail Wigtown, Baile Leabhraichean Nàiseanta na h-Alba, mar mhodail, leudaichidh sinn ruigsinneachd nan ealan le bhith a’ cur farpais fhosgailte air bhog airson tuilleadh Bailtean Cultar Nàiseanta mar eisimpleir, Baile Ciùil Beò Nàiseanta na h-Alba, Baile Dùthchail is Trad, no Baile Ealain Lèirsinneach na h-Alba.

Eaconamaidh Dhùthchail na h-Alba Tha eaconamaidh dhùthchail na h-Alba a’ cur thairis le tàlant agus comas. Chan eil e dìreach deatamach do shuaicheantas nàiseanta na h-Alba, tha e deatamach airson ar soirbheachas nàiseanta. Is e ar n-àrd phrìomhachas a bhith a’ cumail dhaoine air an fhearann, ann an dòigh sheasmhach. Biadh is deoch Tha biadh is deoch mar aon de na seudan ann an crùn eaconamach na h-Alba, agus nì sinn barrachd gus taic a thoirt don fhàs sheasmhach aige san àm ri teachd. Mar phàirt de Bhile Nàisean Deagh Bhìdh, cruthaichidh sinn aon Bhuidheann Bìdh Albannach neo-eisimeileach gus biadh, deoch agus gàirnealaireachd adhartachadh, tasgadh a thàladh, cuideachadh le comas giollachd àrdachadh agus sèinichean solair agus bun-structar a leasachadh. Leasaichidh sinn aon shuaicheantas margaidheachd airson toradh Albannach uile – Albannach agus Seasmhach – a gheibh a h-uile tuathanach, neach-saothrachaidh agus solaraiche stèidhichte ann an Alba, mòr no beag, a choinnicheas ri slatan-tomhais teanna a thaobh tùsachd agus obair carbon ìosal. Feuchaidh sinn ris a’ mhaoin a bharrachd de £1.5 millean a chleachdadh bhon chìs feòil dheirg a chaidh a thiomnadh às ùr gus taic a thoirt do mhairt-fheòil, feòilchaorach agus muc-fheòil Albannach a bhith mar a’ chiad thoraidhean Albannach agus Seasmhach.


SNP Manifesto 2021

Cruthaichidh sinn maoin ùr de £15 millean gus taic a thoirt do ghiollachd agus saothrachadh bìdh gus sèinichean solair ionadail a leasachadh agus gluasad gu gnìomhachd carbon ìosal no neoni. Tuathanachas agus cinneasachadh bìdh Le neo-eisimeileachd, bhiodh sinn a’ tagradh a dhol air ais don Aonadh Eòrpach agus mar sin tilleadh gu CAP far am biodh sinn a’ cluich ar làn phàirt mar dhùthaich bheag le calpa nàdarra mòr agus goireasan gus cur ri tuathanachas a dhèanamh nas seasmhaiche. Mar sin cumaidh sinn ceangal san fharsaingeachd ri ceumannan ùra agus leasachaidhean poileasaidh an AE , leithid an Ro-innleachd Farm to Fork, fhad ’s a nì sinn cruth-atharrachadh air mar a bheir sinn taic do thuathanachas agus cinneasachadh bìdh ann an Alba. Bheir sinn taic do thuathanaich gus barrachd de na dh’fheumas sinn de bhiadh a dhèanamh gu seasmhach, agus gus tuathanachas is croitearachd a bhith ag obair còmhla ri nàdar, a’ gabhail a-steach tro mhodhan cùram agus slàinte leasaichte bheathaichean, agus a bhith a’ gabhail ri agus a’ dèanamh cleachdadh nas fheàrr de theicneòlas agus ùr-ghnàthachadh, mar a chaidh a mholadh le obair o chionn ghoirid bho bhuidhnean fo stiùir thuathanach a chaidh a stèidheachadh anns a’ phàrlamaid mu dheireadh. Thèid aon bhòrd buileachaidh le riochdachadh bho gach roinn agus seòrsa tuathanachais a stèidheachadh gus an obair seo a ghluasad air adhart. Pàighidhean Tuathanais Tha sinn fhathast dealasach a thaobh a bhith a’ toirt taic do thuathanachas gnìomhach agus cinneasachadh bìdh le pàighidhean dìreach. Ro 2025, ge-tà, gluaisidh sinn dàrna leth den mhaoineachadh gu lèir airson tuathanachas agus croitearachd bho thaic gun chumhachan gu taic le cumhachan agus bidh builean cuimsichte ann airson bithiomadachd agus oidhirp a dh’ionnsaigh dòighean-obrach carbon ìosal a leasaicheas seasmhachd, èifeachdas agus prothaid. Foghlam Stèidhichte air an Fhearann Feumaidh barrachd dhaoine òga agus boireannaich a bhith ag iarraidh a bhith nan tuathanaich agus nam manaidsearan fearainn ach tha an obair ag atharrachadh. Mar sin nì sinn ath-sgrùdadh bunaiteach air foghlam stèidhichte air fearann bho bhliadhnaichean tràtha gu inbheachd gus cothroman agus teisteanasan a thoirt seachad tro sgoil, colaiste, oilthigh agus preantasachdan

airson barrachd dhaoine, agus gu sònraichte barrachd bhoireannach, a bhith ag obair le agus air an fhearann, gu sònraichte ann an sgilean uaine. Ath-leasachadh agus ath-nuadhachadh Feumaidh sinn tuathanachas ath-leasachadh agus athnuadhachadh gus gnìomhachas nas eadar-mheasgte, soirbheachail a chruthachadh. Bidh sinn: • A’ dèanamh reachdas gus a bhith cinnteach à còirseilbhe cho-ionnan do bhoireannaich ann an àiteachas, agus ag atharrachadh lagh urrais gus na urrainn daoine dleastanasan laghail a sheachnadh leithid a’ chòir rothaobhadh ri còir ceannaich aig luchd-gabhail • A’ toirt barrachd taic do bhoireannaich ann an àiteachas agus do dhaoine ùr is òga a thig a-steach as ùr do thuathanachas, a’ gabhail a-steach maoin luchdinntrigidh ùr • Ag obair còmhla ri Bòrd Tuarastail Àiteachais na h-Alba gus dèanamh cinnteach gum faigh daoine a tha ag obair sa ghnìomhachas tuarastal bith-beò na h-Alba co-dhiù. • A’ toirt taic do chroitearan agus an coimhearsnachdan gus pàirt nas motha a ghabhail ann an athnuadhachadh blàran mòna agus cruthachadh choilltean • Ag ath-leasachadh an lagh agus a’ leasachadh croitearachd gus croitean nas gnìomhaich a chruthachadh • A’ feuchainn ri cur às do chnapan-starra do thuathanachas luchd-gabhail, a’ toirt a-steach aththòiseachadh, ìrean màil, làimhseachadh chìsean agus faid màil • A’ leasachadh ro-innleachd fàis airson turasachd àiteachais is bìdh, a’ toirt a-steach ùrachadh air plana gnìomha turasachd bìdh • A’ cur an sàs dòigh-obrach comasachaidh airson dealbhadh gus cuideachadh le iomadachadh thuathanasan, a’ toirt a-steach iomairtean turasachd leithid goireasan campachaidh

#BothVotesSNP 65


Tuathanachas Carbon Ìosal Feumaidh sinn a bhith innleachdach agus a’ stiùireadh na slighe, a’ dèanamh feum nas fheàrr den fhearann a tha ri fhaighinn gus a bhith nas tèarainte agus nas seasmhaiche a thaobh biadh. A’ toirt taic do leasachadh thuathanasan bhertical, carbon ìosal, air a bhrosnachadh le lùth athnuadhachail, gus barrachd de na measan agus glasraich againn fhìn fhàs. Cruthaichidh sinn cuideachd Ro-innleachd Nàiseanta Pròtain a nì comasach a bhith ag àrach sprèidh iomchaidh gu seasmhach agus barrachd phròtainean stèidhichte air planntrais an seo ann an Alba. Bidh sinn a’ dùblachadh na tha de thalamh air a chleachdadh airson tuathanachas organach – agus dùblaidh sinn an toradh organach a thig à Alba, le fòcas air barrachd dheth a chleachdadh ann an solar bìdh san roinn phoblaich. Cùram bheathaichean Gabhaidh sinn ris na h-inbhean as àirde a thaobh cùram bheathaichean, a’ gabhail a-steach gluasad gu bhith ag àrach cearcan is uighean sabhail, coille no air raon gu tur saor. Bidh sinn ag ùrachadh agus ag ath-nuadhachadh na h-Achd Cùram Bheathaichean bho 2006 agus a’ cur an gnìomh an reachdas ùr a thaobh chon a bhios a’ ruith sprèidh. Feuchaidh sinn ri riochdachadh cho fad ’s as urrainn dhuinn, leubailean ùra cùram bheathaichean an AE gus cinneasachadh bìdh a bhrosnachadh gu ìre nas àirde na ìrean cùraim an AE. Cruthaichidh sinn seirbheis lighiche-sprèidh ùr Albannach gus dèanamh cinnteach gu bheil daoine gu leòr againn leis na teisteanasan ceart ann an seirbheisean lighichesprèidh, slàinte bheathaichean agus sàbhailteachd bìdh gus coinneachadh ri ar feumalachdan air feadh na roinne phoblaich is phrìobhaidich a thaobh cùisean slàinte bheathaichean air fearann agus sa mhuir. Cuiridh sinn casg air às-mhalairt beò de bheathaichean airson an reamhrachadh agus am marbhadh, agus cha cheadaich sinn ach giùlan sprèidh beò eadar eileanan agus tìr-mòr le inbhean cùram teann.

66

Nì sinn reachdas gus beàrnan a dhùnadh anns an lagh a’ dìon shionnach agus mamalan fiadhaich eile agus bidh sinn dealasach a thaobh toirt a-steach feum air ceadachd airson losgadh air cearcan-fraoich. Cuiridh sinn an gnìomh molaidhean na Buidhne-obrach air Fèidh agus nì sinn ùrachadh air reachdas riaghladh fèidh. Àrainneachd na mara Is ann le Alba a tha còrr is 60% de dh’uisgeachan iasgaich na RA agus pailteas de stòrasan mara – làimhsichidh sinne iad mar mhaoin nàiseanta, gan dìon, gan àrach agus gan leasachadh gu buannachd a’ ghinealaich seo fhèin agus ginealaichean ri teachd. Leasaichidh sinn ro-innleachd mara agus stèidhichidh sinn buidheann sònraichte gus ar maoin mara a chur aig cridhe na h-eaconamaidh ghuirm, a’ dùblachadh gnìomhachd malairt, GVA agus malairt eadar-nàiseanta ann an deich bliadhna. Cuiridh sinn taic ri fàs seasmhach turasachd mara gu còrr air £0.5 billean de ghnìomhachd ro 2025. Iasgach Tha na roinnean iasgaich agus biadh mara againn an-dràsta a’ fulang fìor dhroch bhuaidh Brexit. Mar phrìomhachas feumaidh na roinnean sin faighinn air ais gu margaidh shingilte an AE às aonais nan cnapanstarra a chuir Riaghaltas na RA an sàs tro Bhrexit agus nì riaghaltas PNA nas urrainn dhuinn gus margaidhean agus cothroman fhaighinn air ais airson na roinn èisg agus biadh mara againn. Fhuair an RA cùmhnant nas miosa do roinn iasgaich na h-Alba na bhiodh againn fon Phoileasaidh Iasgaich Choitcheann. Nuair a bhios sinn neo-eisimeileach agus a’ tilleadh don AE, feuchaidh sinn, le guth san deasbad mar aon de na dùthchannan iasgaich as beairtiche, ri buaidh a thoirt air poileasaidh a chum buannachd nan iasgairean againn an-dràsta agus san àm ri teachd. Cumaidh sinn oirnn a’ toirt taic don ghnìomhachas againn faighinn thairis air a’ chron a rinn na Tòraidhean air tro Bhrexit, agus a’ brùthadh airson an £62 millean de mhaoineachadh mara air a bheil còir aig Alba, a bhith air a riarachadh gu h-iomlan do dh’Alba. Lìbhrigidh sinn ar frèam-obrach airson riaghladh iasgaich, a’ cothromachadh math àrainneachd, sòisealta agus eaconamach, a’ cleachdadh dòigh-obrach eagshiostamach a thaobh iasgach a tha stèidhichte air saidheans. Cuiridh sinn taic ri riaghladh ionadail air iasgach cladaich, leasaichidh sinn pìleatan iasgaich nas seasmhaiche agus meudaichidh sinn cothroman iasgach cladaich.


SNP Manifesto 2021

Cruthaichidh sinn ceangal eaconamach sònraichte eadar iasg a ghlacadh is iasg a thoirt gu tìr, a’ brosnachadh barrachd èisg a thoirt gu tìr ann an Alba, rud a chruthaicheas barrachd obraichean agus cothroman gnìomhachais air tìr, gu sònraichte ann an giullachd. Tro phlana gnìomha na h-eaconamaidh ghuirm, feuchaidh sinn ri cleachdaidhean cronail agus droch bhuilean a lùghdachadh leithid sgudal mara, plastaig mara, truailleadh agus sgaoilidhean carbon bho ghnìomhachd mara – gu sònraichte, nì sinn sgrùdadh air a’ chomas airson soithichean iasgaich carbon ìosal a chleachdadh air uisgeachan cladach. Tuathanachas èisg Tha Alba ann am fìor dheagh shuidheachadh soirbheachadh le tuathanachas èisg, ach feumaidh e fàs gu seasmhach, ann an co-chòrdadh ri àrainneachd na mara a tha a’ toirt taic dha. Nì sinn ath-leasachadh agus sgioblachadh air pròiseasan riaghlaidh gus am bi leasachadh nas ciallaiche, nas soilleire agus nas èifeachdaiche. Aig cridhe ar dòigh-obrach ùr bidh ùghdarras dearbhaidh singilte ùr airson ceadan tuathanais, stèidhichte air an t-siostam riaghlaidh ann an Nirribhidh. Bheir seo barrachd soilleireachd, follaiseachd agus luaths don phròiseas. Tha sinn a’ sùileachadh gun cur tuathanasan-èisg mòran a bharrachd ris na coimhearsnachdan agus na h-eaconamaidhean ionadail a tha a’ toirt taic dhaibh agus mar sin rannsaichidh sinn cuideachd mar a dh’fhaodadh siostam rùpa ann an stoidhle Nirribhidh airson leasachaidhean tuathanais ùra a bhith a’ togail mòran airgid a bheireadh taic do sheirbheisean sgrùdaidh agus cùraim, agus fìor bhuannachd do choimhearsnachdan eileanan agus sgìrean dùthchail iomallach agus do ùrghnàthachadh agus iomairt. Cuiridh sinn taic ri ùr-ghnàthachadh ann an tuathanasuisge, mar eisimpleir le bhith a’ sgrùdadh iasg àrach air tìr ann an tancaichean dùinte agus a’ sgrùdadh a’ chomais airson barrachd maoraich àrach ann an tuathanasan uisge blàth stèidhichte air tìr gus lùghdachadh na tha de dh’iasg agus de mhaorach a tha air àrach ann an dòigh neosheasmhach ga thoirt a-steach a dh’Alba.

Slàinte lusan Cumaidh sinn suas ar n-inbhe de dh’àiteachadh saor bho GM agus cumaidh sinn ri inbhean agus riaghailtean an AE a thaobh puinnseanan agus todhar fuadain. Gu h-àraidh, obraichidh sinn gus cleachdadh phuinnseanan agus todhar fuadain ann an gàirneilearachd dachaigheil agus coimhearsnachd a chuingealachadh. Cuiridh sinn casg air reic stuthan gàirnealaireachd cocheangailte ri mòine. Nì sinn ath-sgrùdadh agus ath-leasachadh air cleachdadh todhar urea gus a lùghdachadh agus gus sgaoilidhean ammonia a ghearradh a-mach, agus brosnaichidh sinn barrachd sgudail a thionndadh gu bith-chonnadh. Nì sinn tasgadh, pìleat agus brosnachadh air dòigheanbacaidh iomchaidh air meatain, gu sònraichte an fheadhainn a bhios a’ cleachdadh stòrasan nàdarra. Coilltearachd Meudaichidh sinn na targaidean againn 50% airson coilltean ùra a chruthachadh, bho 12,000 heactair suas gu 18,000 heactair gach bliadhna ro 2025. Thairis air còig bliadhna bheir sinn £100 millean a bharrachd do Choilltearachd na h-Alba gus planntachadh ùr a mheudachadh, £30 millean do Choilltearachd agus Fearann na h-Alba gus coilltean agus fearann nàiseanta na h-Alba a leudachadh, agus thèid £20 millean eile gus stoc-àraich a mheudachadh. Bidh ro-thaobhadh againn an aghaidh còmhdach cruaidh a chur sìos air talamh gàrraidh ann am bailtean agus brosnaichidh sinn daoine gus gàrraidhean a chumail a tha càirdeil do bheathaichean poileanaichidh agus craobhan beaga fhàs anns na gàrraidhean aca. Nì sinn cinnteach gum bi pàirt chudromach aig craobhan, coilltean agus goireasan nàdarra ann an sgeamaichean casg thuiltean, càradh bhruachan agus gus dèiligeadh ri truailleadh èadhair.

#BothVotesSNP 67


ar manifesto agus thusa Cleachd am fèin-thaghadh gu h-ìosal gus na prìomh phoileasaidhean againn fhaighinn airson na coimhearsnachd agad. boireannaich

daoine nas òige

MION-CHINNEADH

68

LGBTI

DAOINE NAS SINE

oileanaich

ciorram


SNP Manifesto 2021

Dùthaich làn chothroman Tha bliadhna air a bhith aig a’ ghinealach seo de chlann is dhaoine òga eu-coltach ri dad a chunnacas roimhe. Sheas na sgoiltean-àraich, na sgoiltean, na colaistean agus na h-oilthighean againn ris an dùbhlan ach chomharraich an galar lèir-sgaoilte cnapan-starra mòra ri ionnsachadh a tha fhathast a’ cur bacadh air cus dhaoine. Tha sinn airson cur às do na cnapan-starra sin. Feumaidh foghlam toiseach-tòiseachaidh cothromach a thoirt do na h-uile.

#BothVotesSNP 69


A h-uile pàiste; A h-uile turas Thar na h-ath phàrlamaid: • Leanaidh sinn air adhart a’ cur às do chnapanstarra a thaobh ionnsachadh, le bhith: • a’ toirt seachad coimpiutair-uchd no inneal don h-uile sgoilear agus ceangal eadar-lìn an-asgaidh. • a’ dèanamh cinnteach nach eil acras air pàiste sam bith san t-seòmar-sgoile le bhith a’ toirt bracaist agus lòn sgoile an-asgaidh do gach sgoilear sa bhun-sgoil, fad na bliadhna. • a’ cur stad air dùnadh a-mach sgoilearan bochda bho thursan agus gnìomhan practaigeach le bhith a’ cur às do chosgaisean airson teaghlaichean a tha ann an dìth. • a’ cur an-àirde an tabhartas èideadh sgoile gu co-dhiù £120 sa bhun-sgoil agus £150 san àrd-sgoil. • Bidh sinn a’ fastadh co-dhiù 3,500 tidsearan agus luchd-taic clas a bharrachd – a thuilleadh air na 1400 tidsear a chaidh fhastadh tron ghalar lèir-sgaoilte – a’ toirt barrachd ùine do thidsearan a-mach às an t-seòmar-sgoile gus leasanan ullachadh agus na sgilean aca a thoirt air adhart. • Tasgaidh sinn £1 billean eile gus a’ bheàrn ann an coileanaidh sgoile a dhùnadh. • Tasgaidh sinn ann an sunnd cloinne agus faighinn seachad air Covid tro phrògram de ghnìomhachd samhraidh gus leigeil leotha conaltradh is cluich còmhla. • Bheir sinn air adhart molaidhean athbhreithneachadh OECD air a’ churraicealam. • Cuiridh sinn an gnìomh Cunnradh nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Cloinne sa chiad sia mìosan den phàrlamaid ùr. • Stèidhichidh sinn Acadamaidh Dhidseatach Nàiseanta gus leigeil le daoine ionnsachadh airson teisteanasan sgoile àrd-ìre aig àm sam bith, ann an àite sam bith, aig aois sam bith. • Cuiridh sinn às don chìs chomhairle airson daoine fo aois 22.

70

Is e ar n-amas gur e Alba an t-àite as fheàrr san t-saoghal airson a h-uile pàiste a bhoth a’ fàs suas.Tha toiseachtòiseachaidh cothromach don chloinn againn, a’ ciallachadh a h-uile pàiste, a h-uile turas. Chan ann dìreach nuair a tha e furasta, no goireasach. A h-uile turas. Is ann air sgàth sin a tha sinn airson Cunnradh nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Cloinne a chur an gnìomh – an “inbhe òir” chruinneil airson còraichean cloinne – gus còraichean cloinne is dhaoine òga a dhaingneachadh san lagh. Tha e a’ ciallachadh gum bithear a’ beachdachadh air na còraichean aca nuair a tha codhùnaidhean gan dèanamh. A h-uile pàiste. A h-uile turas.

Bogsa Bèibidh Tha am Bogsa Bèibidh againn mu thràth air stuth riatanach a thoirt do deichean mhìltean de phàrantan ùra airson nan ciad sheachdainean agus mhìosan. Tha am bogsa a’ toirt seachad cuideachadh practaigeach – pasgan de nithean riatanach agus àite sàbhailte dha naoidhean cadal. Ach tha e cuideachd a’ cur an gnìomh a’ phrionnsapail gum bu chòir do gach pàiste toiseach cothromach fhaighinn nam beatha. Tha a bhith ga fhaighinn ceart airson a h-uile pàiste a’ ciallachadh a bhith ag aithneachadh gu bheil cothroman beatha, agus coileanadh san àm ri teachd, a’ tòiseachadh aig àm breith. Tha sinn deimhinnte gum bu chòir a h-uile pàiste, ge bith dè an suidheachadh aca, an toiseach-tòiseachaidh as fheàrr fhaighinn nam beatha – gu dearbh, is e sin an t-adhbhar a thug sinn a-steach Bogsa Bèibidh na h-Alba. Cumaidh sinn oirnn a’ toirt seachad Bogsaichean Bèibidh airson clann ùra na h-Alba, a’ dèanamh cinnteach gu bheil toiseach-beatha co-ionann aig a h-uile pàiste a rugadh ann an Alba, agus rannsaichidh sinn dòighean anns an urrainnear am bogsa bèibidh a chleachdadh gus slàinte bhoireannach adhartachadh agus taic a thoirt do shlàinte inntinn phàrantan. Feuchaidh sinn ris an aon phrionnsapal sin a chur an gnìomh – gu bheil gach pàiste airidh air toiseach cothromach – fad am beatha.


SNP Manifesto 2021

Cothromach bhon fhìor thoiseach Is e foghlam an t-slighe as fheàrr a tha ann airson toiseach tòiseachaidh math a thoirt don h-uile duine. Feumaidh seo tòiseachadh leis a’ chloinn as òige. Leudaichidh sinn sàr chùram-cloinne an-asgaidh gu 1,140 uair a thìde – an aon tìde a chaitheas pàiste sa bhun-sgoil – ron Lùnastal 2021. Anns an ath Phàrlamaid thèid sinn nas fhaide, le bhith a’ togail siostam de chùram-cloinne ‘amalaichte’, a’ toirt seachad cùram ro agus às dèidh na sgoile, fad na bliadhna. Cha phàigh an fheadhainn air an teachd-asteach as ìsle dad, agus pàighidh càch prìs reusanta, chothromach. Leudaichidh sinn cuideachd foghlam tràthbhliadhnaichean an-asgaidh gu clann aois 1 agus 2, a’ tòiseachadh le clann bho dhachaighean le teachd-asteach ìosal.

A’ cur às do chnapan-starra foghlaim Cha bu chòir do sgoilear sam bith a bhith air a bhacadh bho ionnsachadh air sgàth bochdainn. Tha fios againn gu bheil cuid de theaghlaichean a’ dol às aonais nithean riatanach leithid teasachadh, biadh agus pàigheadh màil gus an urrainn don chloinn aca làn phàirt a ghabhail san sgoil – chan eil seo idir ceart. Feumar cur às do chnapanstarra foghlaim. Togaidh sinn siostam gus dèanamh cinnteach gum bi cothrom co-ionann air làn raon an fhoghlaim aig na h-uile, a’ briseadh sìos cnapan-starra ionmhais gus fìor eadar-dhealachadh a dhèanamh ann am beatha cloinne bho theaghlaichean le teachd-a-steach ìosal. Ruigsinneachd didseatach Dh’atharraich Covid-19 an dòigh anns a bheil foghlam ga lìbhrigeadh. Le barrachd earbsa ann an ceanglaichean didseatach, nochd an galar lèir-sgaoilte cnapan-starra a thaobh às-dùnadh didseatach. Tron ghalar lèir-sgaoilte, chuimsich sinn air ceangal didseatach a thoirt don chloinn bu mhotha a bh’ ann an dìth, ach bheir sinn a-nis inneal do gach pàiste ann an Alba gus faighinn air-loidhne, a’ toirt a-steach ceangal eadar-lìn an-asgaidh agus an taic gus a chleachdadh.

Biadh sgoile an-asgaidh Bidh biadh sgoile a’ brosnachadh lùth, comas aire a chumail air an obair agus deagh ghiùlan na cloinne, a tha a’ leantainn gu leasachaidhean ann an soirbheachadh acadaimigeach. Tha a’ chlann air fad ann am bun-sgoiltean 1 gu 3 mu thràth a’ faighinn buannachd bho chothrom air biadh sgoile an-asgaidh, a’ sàbhaladh timcheall air £400 gach pàiste gach bliadhna do theaghlaichean. Thèid sinn a-nis nas fhaide. Bheir sinn bracaist is lòn sgoile an-asgaidh don h-uile sgoilear bun-sgoile ann an Alba, fad na bliadhna, agus don a h-uile pàiste ann an sgoiltean speisealta maoinichte leis an stàit ann an Alba. A’ coimhead air adhart, nì sinn deuchainn air solar bracaist sgoile beathachail an-asgaidh ann an àrd-sgoiltean, agus, stèidhichte air co-dhùnaidhean a’ phìleit, rannsaichidh sinn comasachd bracaist a thabhann don h-uile sgoilear àrd-sgoile. Cosgaisean Curraicealaim Gus dèanamh cinnteach à cothrom co-ionann air a’ churraicealam gu lèir, cuiridh sinn às do chosgaisean bunasach curraicealaim airson a h-uile sgoilear. Leigidh seo le clann na cuspairean a thogras iad a ghabhail gun teaghlaichean a bhith a’ strì ri cosgaisean ghoireasan agus stuthan a phàigheadh airson leasanan practaigeach, leithid eaconamas dachaigh, aoigheachd, ealain is dealbhadh, ceòl, agus dealbhadh is teicneòlas. Èideadh sgoile Tha fios againn gum faod èideadh a bhith mar aon de na cosgaisean sgoile as motha do phàrantan. Tha sinn mu thràth a’ toirt seachad tabhartas aodach sgoile de £100 aig a’ char as lugha do theaghlaichean air teachda-steach ìosal air feadh na h-Alba, ach thèid sinn nas fhaide gus dèanamh cinnteach gu bheil an tabhartas a’ pàigheadh cosgais èideadh sgoile uile. Ma thèid ar taghadh a-rithist nì sinn ath-sgrùdadh air fìor chosgais èideadh sgoile airson teaghlaichean nach eil cho beairteach, ag àrdachadh an tabhartais gu codhiù £120 sa bhun-sgoil agus £150 san àrd-sgoil agus a’ dèanamh cinnteach gun tèid e an-àirde gach bliadhna a rèir atmhorachd.

#BothVotesSNP 71


Gus dèanamh cinnteach à cunbhalachd air feadh na dùthcha, leasaichidh sinn stiùireadh reachdail air poileasaidhean èideadh sgoile – a’ casg riatanas èideadh a cheannach ann am bùthan daora – agus a’ toirt taic do fhèin-obrachadh tabhartasan aodach sgoile anns a h-uile ùghdarras ionadail gus cur às do chnapan-starra a thaobh cur a-steach air an son agus barrachd gabhail a bhrosnachadh. Tursan sgoile Tha ionnsachadh taobh a-muigh an t-seòmar-sgoile na phàirt riatanach de dh’fhoghlam. Cha bu chòir clann a bhith a’ call a-mach dìreach air sgàth nach urrainn am pàrantan pàigheadh airson a’ chosgais. Bheir sinn taic do sgoiltean gus tursan agus gnìomhan in-ghabhalach a thoirt do na h-uile agus gus dèanamh cinnteach à cleachdadh cunbhalach air feadh na h-Alba. Nì sinn cinnteach nach bi cosgaisean air teaghlaichean nach eil cho beairteach airson turasan is gnìomhan cocheangailte ris a’ churraicealam agus gum bi e comasach don h-uile sgoilear a dhol air tursan ‘tighinn gu ìre’, leithid dol air falbh gu àiteachan-còmhnaidh ann am P7. Bheir sinn cuideachd a-steach còir as lugha airson a h-uile sgoilear àrd-sgoile a bhith an làthair aig co-dhiù aon turas-sgoile ‘roghainneil’ rè na h-ùine aca san sgoil gus am faigh a h-uile sgoilear buannachd bho na h-eòlasan ionnsachaidh beairteach sin. A’ cur am meud teachd-a-steach teaghlaich Stiùiridh sinn iomairt nàiseanta aonaichte eadar an riaghaltas, ùghdarrasan ionadail agus sgoiltean a’ togail aire mun airgead air a bheil daoine airidh agus am brosnachadh a ghabhail, gus teachd-a-steach teaghlaich a mheudachadh.

72

A’ togail inbhean agus a’ dùnadh na beàrn coileanaidh Tha sinn air adhartas a dhèanamh le bhith a’ dùnadh na beàrn coileanaidh ach feumar barrachd a dhèanamh. Tha sinn air còrr is £750 millean a thasgadh thairis air na còig bliadhna a dh’fhalbh ann an Dùbhlan Coileanaidh na h-Alba. Mar thoradh air sin, tha sinn a’ faicinn bhuannachdan seasmhach, mean air mhean ann an coileanadh thar an fhoghlaim fharsaing choitchinn. Tha a’ bheàrn eadar na sgoilearan as bochda agus as beairtiche a tha a’ faighinn teisteanas Ìre 5 – mar eisimpleir, Nàiseanta 5 – air lùghdachadh còrr is trian, Aig ìre 6 – mar eisimpleir, Àrd-Ìre – tha a’ bheàrn air lùghdachadh còigeamh cuid. Togaidh sinn a-nis air adhartas gus a’ bheàrn coileanaidh co-cheangailte ri bochdainn a dhùnadh le bhith: • a’ tasgadh £1 billean thairis air an ath phàrlamaid ann an ceumannan gus faighinn seachad air Covid, coileanadh a leasachadh agus a’ bheàrn coileanaidh a dhùnadh. • a’ meudachadh àireamhan thidsearan agus luchd-taic seòmar-sgoile 3,500 a bharrachd air na rinneadh anns a’ Phàrlamaid mu dheireadh, • a’ cur an gnìomh pasgan taic soilleir, maoinichte airson sgoilearan a tha air tuiteam air dheireadh no a tha air droch shunnd fhulang mar thoradh air a’ ghalair lèirsgaoilte, a’ tòiseachadh le prògram gnìomhachd as t-samhradh. • a’ tiomnadh barrachd chumhachdan agus smachd ionmhais do na daoine as fheàrr a tha eòlach air na sgoilearan – tidsearan, agus • a’ toirt air adhart molaidhean ath-bhreithneachadh OECD air a’ churraicealam.


SNP Manifesto 2021

Taic do thidsearan Tha sinn fada an comain ar tidsearan, a dh’fheumadh atharrachadh mòr a dhèanamh anns na h-amannan as duilghe. Tha sinn air an àireamh de thidsearan a mheudachadh faisg air dà mhìle gu leth bho thòisich a’ Phàrlamaid mu dheireadh ach thèid sinn nas fhaide. Togaidh sinn neart an t-siostam foghlaim againn, a’ toirt barrachd ùine do thidsearan taobh a-muigh an t-seòmair-sgoile gus a bhith ag ullachadh airson leasanan, leasachadh proifeasanta a ghabhail os làimh agus dèiligeadh ris na dùbhlain a tha an lùib a bhith a’ dùnadh na beàrn coileanaidh. Bidh sinn a’ fastadh co-dhiù 3,500 luchd-teagaisg agus luchd-taic clas a bharrachd agus a’ gearradh uair a thìde gu leth san t-seachdain bhon ùine aca an cuideachd sgoilearan airson an tide a thoirt do thidsearan a dh’fheumas iad gus ìrean àrdachadh. Agus, leis gu bheil an t-eòlas as fheàrr aig tidsearan air feumalachdan foghlaim nan sgoilearan, bidh sinn a’ neartachadh ar dòigh-obrach airson cumhachd a thoirt don dreuchd teagaisg agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil na co-dhùnaidhean a bheir buaidh air foghlam ar cloinne agus ar daoine òga air an dèanamh nas fhaisge orra. Bheir sinn taic do thidsearan le stuthan gus ar daoine òga a theagasg mu na cunnartan a tha an lùib fiosrachadh meallta is naidheachdan brèige agus mar a bhreithnicheas iad air stòran fiosrachaidh dhaibh fhèin. Ath-leasachadh a’ Churraicealaim Ann an 2010 thug sinn a-steach an Curraicealam airson Sàr-mhathais, curraicealam nàiseanta ùr bho sgoilàraich gu àrd-sgoil. Bha seo na ath-leasachadh mòr air a’ churraicealam ann an Alba agus chuir e luchdionnsachaidh aig cridhe foghlaim. Tha còrr air deich bliadhna air a dhol seachad bhon uair sin, agus gus taic fiosrachaidh a thoirt do leasachadh leantainneach air poileasaidh foghlaim dh’iarr sinn air an OECD ath-sgrùdadh neo-eisimeileach a dhèanamh air a’ churraicealam.

Bheir sinn air adhart molaidhean ath-bhreithneachadh OECD air a’ churraicealam gus dèanamh cinnteach gu bheil buannachdan CfE air an lìbhrigeadh don h-uile sgoilear. Tha cur às do dheuchainnean sgoile air sgàth Covid air ceistean mòra a thogail a thaobh a bheil an siostam sgrùdaidh sgoile againn a’ dèanamh measadh ceart air soirbheachas ar n-òigridh. Chaidh a’ cheist fhaighneachd a bheil an siostam dheuchainnean fhèin na bhacadh do chuid de sgoilearan. Tha lèirmheas an OECD a’ coimhead air mar as urrainnear dòigh-obrach na h-Alba a thaobh measadh agus teisteanasan atharrachadh, stèidhichte air na cleachdaidhean as fheàrr air feadh na cruinne. Nì sinn ath-leasachadh air an t-siostam gus dèanamh cinnteach nach bi an dòigh anns am bi sinn a’ toirt seachad teisteanasan a’ cur ana-cothrom air daoine bho dhachaighean nas bochda. Taic do dhaoine òga às dèidh Covid Tha na sgoiltean agus na tidsearan againn air a bhith ag obair gu cruaidh anns na suidheachaidhean as duilghe gus teagasg a chumail a’ dol agus sgoilearan a chumail ag ionnsachadh. Tha na h-oidhirpean aca air a bhith fìor mhath ach tha sinn ag aithneachadh gu bheil buaidh shònraichte air a bhith aig Covid air foghlam dhaoine òga. Sin an t-adhbhar a mheudaicheas sinn tasgadh ann a bhith a’ dùnadh a’ bheàrn coileanaidh gu £1 billean thairis air beatha na pàrlamaid seo a tha ri thighinn. Agus nì sinn cinnteach gum bi smachd aig na sgoiltean fhèin air mar a thèid barrachd dheth a chosg oir ’s ann acasan as fheàrr tha fios ciamar a chuidicheas iad sgoilearan fa-leth, a’ toirt a-steach cò a dh’fheumas oideachadh fa leth agus taic a bharrachd le cuspairean sònraichte.

Tha an lèirmheas a’ beachdachadh air dealbhadh agus sùbailteachd a’ Churraicealaim airson Sàr-mhathais, mar a bhios sgoilearan a’ gluasad tron sgoil chun na h-àrd-ìre agus mar a tha tidsearan a’ faighinn taic.

#BothVotesSNP 73


Ach feumaidh clann barrachd air cuideachadh san sgoil. Thug Covid buaidh air an leasachadh gu lèir agus air sunnd nas fharsainge. Is e sin as coireach gun cuir sinn plana an sàs gus ar clann a chuideachadh a’ faighinn seachad air Covid, chan ann a-mhàin mar sgoilearan, ach mar dhaoine. Bidh sinn: • a’ lìbhrigeadh prògram ghnìomhachdan do chlann is daoine òga thairis air an t-samhradh – le taic bho £20 millean – airson an cuideachadh gus conaltradh is cluich le chèile • ag ùrachadh a h-uile pàirc-chluiche ann an Alba, gus am bi deagh chothrom cluiche aig a h-uile pàiste anns a’ choimhearsnachd aca fhèin, le taic bho £60 millean. • a’ cur às do chosgaisean airson foghlam ciùil is ealain, a’ gabhail a-steach teagasg ciùil ionnsramaid ann an sgoiltean. Gus taic a thoirt do seo, gabhaidh sinn ri molaidhean na Buidheann Com-pàirteachais ann am Foghlam Ciùil, ag àbhaisteachadh ceòl mar phrìomh chuspair ann an siostam foghlaim na h-Alba agus a’ dèanamh cinnteach gum faigh tidsearan ciùil a tha a’ teagasg ionnsramaid ann an Alba clàradh agus creideas GTCS – a’ cruthachadh feachd teagaisg ciùil nàiseanta a tha aithnichte gu proifeasanta. • a’ leudachadh a’ mhodail Iomairt Ciùil Òigridh soirbheachail gu seòrsaichean ealain eile agus a’ toirt taic do chlann is dhaoine òga bho choimhearsnachdan bochda faighinn gu ceòl agus an làn chomasan a choileanadh le bhith a’ leantainn oirnn le ar maoineachadh bliadhnail do Sistema Scotland.

Toiseach-tòiseachaidh cothromach don h-uile duine

Chaidh an t-ath-sgrùdadh fhoillseachadh ann an 2020, agus tha sinn air gabhail ris na toraidhean aige. Tha sinn dealasach mu bhith a’ cur an gnìomh a lèirsinn air mar a dh’fheumas sinn cùram a thoirt do na daoine òga as soleònte againn cho luath ’s a ghabhas. Cuiridh sinn an gnìomh toraidhean agus molaidhean an Ath-sgrùdadh Cùraim Neo-eisimeileach ro 2030. Mar phàirt de seo, nì sinn ath-sgrùdadh air Siostam Cùirt na Cloinne thairis air an ath phàrlamaid gus dèanamh cinnteach gu bheil prionnsapalan Kilbrandon agus an Athsgrùdadh Cùraim air an làn choileanadh. Taic a Bharrachd airson Ionnsachadh Bu chòir do shiostam foghlaim na h-Alba a bhith ruigsinneach don h-uile neach òg. Tha sinn airson gum faigh a h-uile pàiste agus neach òg an taic a dh’fheumas iad gus an làn chomas a ruighinn. Cuiridh sinn an gnìomh toraidhean sgrùdadh Morgan air taic a bharrachd airson ionnsachadh agus bheir sinn maoineachadh do chomhairlean gus leudachadh air an àireamh de Luchd-taic Sgoilearan a tha ag obair ann an clasaichean na h-Alba. Foghlam in-ghabhalach Tha sinn ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha e gum bi co-ionannachd agus còraichean daonna air an stèidheachadh anns an fhoghlam againn. Tha an gluasad Black Lives Matter air aire làidir a thoirt do ana-ceartas cinneadail is fòirneart stèidhichte air cinneadh, agus an fheum air dùthchannan a bhith a’ meòrachadh air an eachdraidh colonachd aca.

Tha toiseach-tòiseachaidh cothromach airson a h-uile duine a’ ciallachadh dèiligeadh ri cuid de na dùbhlain as miosa a tha mu choinneimh dhaoine òga.

Maoinichidh sinn leasachadh prògram air-loidhne mu Alba agus eachdraidh colonachd na RA air feadh an t-saoghail a ghabhas a thoirt do sgoiltean, agus brosnaichidh sinn Ùghdarrasan Ionadail am prògram a ruith anns a h-uile sgoil.

An Gealladh Tha sinn airson gum bi siostam cùraim ann an Alba a bheir piseach air builean agus sunnd nan daoine ris a bheil e a’ toirt taic – agus a nì cinnteach gum fàs iad suas ann an àrainneachd gaoil.

Tha sinn làn dhealasach mu bhith a’ toirt air adhart lìbhrigeadh nam molaidhean adhartach air Foghlam In-ghabhaltach LGBT thar a’ churraicealaim gus an àrainneachd ionnsachaidh a leasachadh airson clann is daoine òga air fad.

Ann an 2016, dh’ainmich am Prìomh Mhinistear làn ath-sgrùdadh neo-eisimeileach den t-siostam cùraim gus beachdachadh air an dòigh as fheàrr a bheir sinn an leanabachd air a bheil iad airidh don chloinn as so-leònte ann an Alba, stèidhichte air gaol.

Tha sinn a’ creidsinn gu bheil dòigh foghlaim airson dèiligeadh ri burraidheachd agus gràin cò-sheòrsaich, gràin dà-sheòrsaich is gràin tar-gender ann an sgoiltean riatanach.

74


SNP Manifesto 2021

Bu chòir eachdraidh LGBT, curaidhean LGBT agus foghlam co-ionannachd a bhith air an teagasg ann an sgoiltean gus dèiligeadh ris a’ chlaon-bhreith a bhios gu tric a’ leantainn gu burraidheachd agus às-dùnadh sòisealta dhaoine òga LGBT. Gus seo a choileanadh, tha sinn air Àm son Foghlam In-ghabhalach a mhaoineachadh (TIE) gus obair le luchd-co-dhùnaidh, goireasan curraicealaim a chruthachadh, agus seirbheisean a lìbhrigeadh do thidsearan agus sgoilearan airson mothachadh a thogail, eòlas a chur am meud, agus deagh dhàimhean a bhrosnachadh. Tha sinn dealasach a thaobh na h-obrach seo agus cumaidh sinn oirnn ga maoineachadh gus an tèid cur às don chlaon-bhreith a tha air beatha cus de dhaoine òga a sgrios. Bheir sinn seachad maoineachadh a bharrachd gus leigeil le ùghdarrasan ionadail oideachadh Cànan Soidhnidh Bhreatainn a thabhann an-asgaidh do chlann bhodhar bho aois còig. Obraichidh sinn le Coimiseanair na Cloinne agus Daoine Òga gus mothachadh a thogail mun UNCRC gus dèanamh cinnteach gun urrainn do chlann is daoine òga an còraichean a chur an sàs. Stèidheachadh Acadamaidh Dhidseatach Nàiseanta Mar phàirt den oidhirp againn gus dèanamh cinnteach gum faigh a h-uile duine toiseach cothromach, agus a’ tarraing air eòlas foghlam air-loidhne aig àm a’ ghalair lèir-sgaoilte, leudaichidh sinn ar tairgse air ionnsachadh didseatach gus Acadamaidh Dhidseatach Nàiseanta a leasachadh. Bidh seo mar phàirt de Ro-innleachd Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd ùr agus bheir e cothrom do luchd-ionnsachaidh faighinn chun chlàr-oideachaidh àrd-ìre, ge bith càite bheil iad. Chuireadh an dòigh ùr seo crìoch air a’ chrannchur còd-puist de roghainn cuspair, agus bheireadh e cothrom do dhaoine sgrùdadh a dhèanamh airson nan Àrd-ìrean aca nas fhaide air adhart nam beatha, nan ùine fhèin, ga shuidheachadh timcheall air obair no dleastanas cùraim.

Neartachadh taic do dhaoine òga na h-Alba Mar a bhios na daoine òga againn a’ gluasad bhon sgoil gu colaiste, oilthigh, trèanadh agus obair, tha sinn airson dèanamh cinnteach gum faigh iad toiseach-tòiseachaidh cothromach nam beatha inbheach. Pasgan luchd-fàgail na sgoile Tha sinn airson gum bi cothrom aig luchd-fàgail na sgoile, ge bith dè an eachdraidh, an làn chomas a choileanadh anns an ath phàirt de am beatha. Ag ionnsachadh à Sealan Nuadh, bheir sinn a-steach Pasgan Luchd-fàgail na Sgoile gus sgilean pragtaigeach a thoirt do luchd-fàgail na sgoile leithid litearrachd ionmhasail, buidseatadh agus fiosrachadh air mar a chleachdas iad an làn chòraichean catharra agus deamocratach. Obair Òigridh Bidh am prògram ath-bheothachadh samhraidh againn a’ tasgadh ann an raon de ghnìomhachd airson clann agus daoine òga agus an teaghlaichean gus an cuideachadh le bhith a’ conaltradh gu sòisealta agus a’ cluich còmhla às dèidh covid. Bidh am maoineachadh seo a’ toirt a-steach taic airson seirbheisean òigridh stèidhichte sa choimhearsnachd. Tha sinn ag aithneachadh gu bheil maoineachadh air a bhith na dhuilgheadas aig ìre nàiseanta is ionadail agus, a bharrachd air a bhith a’ meudachadh tasgadh, nì sinn athsgrùdadh air a’ bhunait reachdail airson ionnsachadh is leasachadh coimhearsnachd gus solar a neartachadh agus barrachd dìon ionmhais a thoirt seachad. Taic do na h-oileanaich againn Tha sinn gu tur dealasach mun phrionnsapal gum bu chòir cothrom air foghlam a bhith stèidhichte air comas ionnsachaidh, chan ann air comas pàighidh. Is e Alba an aon dùthaich san RA a tha a’ tabhann foghlam oilthigh an-asgaidh, a’ sàbhaladh suas ri £27,000 do dh’oileanaich Albannach a tha ag ionnsachadh ann an Alba. Cho fad ’s a tha PNA anns an riaghaltas cha bhi cìsean oideachaidh ann an Alba. Chuidich seo san oidhirp gus ruigsinneachd a leudachadh – tha sinn a-nis a’ faicinn nan àireamhan as àirde de dh’oileanaich bho na dachaighean as bochda a’ frithealadh an oilthigh. Anns an ath Phàrlamaid, leudaichidh sinn ruigsinneachd a-rithist, a’ cur an gnìomh molaidhean a’ Choimiseanair airson Leudachadh Ruigsinneachd.

#BothVotesSNP 75


Mar phàirt den amas seo, nì sinn ath-sgrùdadh air maoineachadh airson oileanaich iar-cheumnach. Ged a tha oideachadh an-asgaidh do oileanaich focheumnach a tha a’ fuireach ann an Alba, chan eil ionnsachadh. Tha sinn air an taic ionmhais a tha sinn a’ tabhann do oileanaich fo-cheum a mheudachadh anns na bliadhnachan mu dheireadh, ach tha sinn airson a dhol nas fhaide. Leudaichidh sinn ar pasgan taic oileanach gu h-iomlan gus ìre an tuarastal bith-beò a ruighinn thar nan trì bliadhna a tha romhainn. Cha bu chòir oileanach sam bith na làn shochairean aca a chall leis gu bheil iad a’ faighinn maoineachadh oileanach. Bheir sinn a-steach pàigheadh taic sònraichte gus nach caill oileanaich a tha a’ faighinn shochairean airgead leis gu bheil iad a’ faighinn, no airidh air, taic oileanach.

Taic ionmhais do inbhich òga Tha inbhich òga nas buailtich na càch a bhith ag obair anns na roinnean as motha a thàinig fo bhuaidh an dùnaidh eaconamaich, agus mar sin tha iad nas buailtich a bhith air obair a chall no a dhol air fòrladh. Mar chomharra air a’ bhuaidh a th’ aig Covid air beatha agus cothroman dhaoine òga, gu sònraichte an fheadhainn a tha a’ tighinn a-steach don mhargaidh obrach airson a’ chiad uair, cuiridh sinn an-àirde an aois aig am feum daoine òga tòiseachadh air a’ chìs comhairle a phàigheadh bho 18 gu 22. Do neach òg a tha a’ fuireach ann an togalach Bann B bidh sin a’ ciallachadh sàbhaladh bliadhnail de thimcheall air £750.

Taic do Cholaistean agus Oilthighean na h-Alba

Nì sinn ath-sgrùdadh air an roinn àiteachan-fuirich a chaidh a thogail a dh’aona ghnothach do oileanaich agus bheir sinn air adhart ro-innleachd àite-fuirich oileanach airson na h-Alba.

Tha seasmhachd ionmhasail agus comas obrachaidh colaistean agus oilthighean na h-Alba deatamach do ar misean nàiseanta airson faighinn seachad, gu sòisealta agus gu h-eaconamach, air a’ ghalar lèir-sgaoilte.

Cuiridh sinn an sàs plana gnìomha slàinte-inntinn oileanach a bhios a’ dèiligeadh ri amannan feitheimh, a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothrom co-ionann aca uile air comhairlichean agus a’ cur slàinte inntinn agus sunnd don churraicealam.

Dh’iarr sinn ath-sgrùdadh bho Chomhairle Maoineachaidh na h-Alba air an dòigh as fheàrr air co-leanailteachd agus seasmhachd a choileanadh ann an lìbhrigeadh foghlam adhartach is àrd-ìre.

Dèiligidh sinn ri bochdainn didseatach oileanach. Tha dìth innealan dealanach agus ceanglaichean a’ cur bacadh air cus oileanaich bho dhachaighean nach eil cho beairteach. Dùinidh sinn a’ bheàrn – le taic bho £5 millean gach bliadhna. Leasaichidh sinn an taic a tha ri fhaighinn do dh’oileanaich a tha air dealachadh bho am pàrantan – feadhainn nach faigh taic ionmhais bho am phàrantan – le pasgan taic co-ionann ris an Tuarastal Bith-beò. Nì sinn sgrùdadh an gabh prògram barantais a chruthachadh ann an com-pàirteachas le colaistean agus oilthighean airson oileanaich a tha air dealachadh bho am pàrantan, agus a tha ann an cunnart nas motha gun tèid brath a ghabhail orra sa mhargaidh taigheadais.

76

Tha a’ chiad ìre den aithisg ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha colaistean agus oilthighean na h-Alba ann a bhith ag atharrachadh beatha agus a’ toirt taic do leasachadh eaconamach is sòisealta, ach tha e cuideachd a’ comharrachadh gu bheil feum air atharrachadh agus airson còmhradh mun àm ri teachd gus am bi an soirbheachas agus an seasmhachd leantainneach aca tèarainte. Tha sinn a’ feitheamh ris an ath cheum den sgrùdadh agus freagraidh sinn an aithisg gus dèanamh cinnteach gu bheil an roinn foghlaim adhartach is àrd-ìre againn làidir san àm ri teachd. Air sgàth Brexit, cha bhi an RA a-nis a’ gabhail pàirt ann am prògram iomlaid Erasmus air feadh na Roinn Eòrpa. Tha am prògram iomlaid Erasmus air cuideachadh le bhith ag atharrachadh beatha mhìltean de na h-oileanaich againn, clann-sgoile, tidsearan, luchd-ionnsachaidh inbheach agus daoine òga, bho air feadh na RA.


SNP Manifesto 2021

Ann an Alba tha àireamh cho-rèireach nas motha de chom-pàirtichean air a dhol a-null thairis tro Erasmus+ na bho àite sam bith eile san RA, agus tha àireamh chorèireach nas motha de luchd-tadhail bhon chòrr den Roinn Eòrpa air tighinn a dh’Alba. Tha sinn dealasach a thaobh Erasmus, agus cumaidh sinn oirnn a’ tagradh airson gun tèid Alba a thoirt a-steach don phrògram. Gu ruige seo, cruthaichidh sinn prògram iomlaid Albannach gus cothroman gluasaid agus coobrachaidh a thoirt seachad ann am foghlam àrd-ìre, foghlam dreuchdail agus trèanadh, foghlam sgoile (a’ toirt a-steach foghlam agus cùram tràth-bhliadhnaichean), foghlam inbheach, òigridh agus spòrs. Cuiridh sinn an gnìomh Ro-innleachd Foghlaim Eadarnàiseanta ùr a bhrosnaicheas caidreachasan foghlaim le dùthchannan eile air feadh na Roinn Eòrpa agus an t-saoghail.

Taic do chànanan na h-Alba Tha Gàidhlig na pàirt riatanach de chultar na h-Alba agus tha sinn dealasach a thaobh dèanamh cinnteach gum bi i seasmhach san àm ri teachd. Bidh sinn gu sònraichte a’ cuimseachadh air lùghdachadh a’ ghluasaid don Bheurla a tha a’ sìor fhàs anns na coimhearsnachdan dùthchasach a tha air fhàgail. Tha Foghlam Meadhain-Ghàidhlig (FMG) na phrìomh dhòigh air dèanamh cinnteach gu bheil a’ Ghàidhlig a’ soirbheachadh agus a’ fàs ann an sgìrean bailteil agus dùthchail. Tha FMG aig an ìre as soirbheachail nuair a tha e na làn bhogadh Gàidhlig do sgoilearan, agus nuair as urrainn cùrsa-beatha sgoile air fad a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig. Gus dèanamh cinnteach gu bheil FMG dha-rìribh na bhogadh bidh ro-thaobhadh san fharsaingeachd againn an-aghaidh a bhith a’ co-shuidheachadh sgoiltean FMG le sgoiltean tro mheadhan na Beurla.

Brosnaichidh sinn cruthachadh bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean ùra FMG air feadh na h-Alba, le taic bho thasgadh gus an àireamh de thidsearan as urrainn teagasg tro mheadhan na Gàidhlig a mheudachadh. Bidh seo ag amas air an raon de chuspairean a ghabhas teagasg ann am FMG a neartachadh an dà chuid airson foghlam coitcheann farsaing agus aig ìre àrd-sgoile. Cuiridh sinn taic ri leasachadh bun-sgoiltean FMG a bharrachd ann an Dùn Èideann agus Lodainn mar cheum chudromach a dh’ionnsaigh àrd-sgoil FMG leis fhèin a chruthachadh ann am meadhan Dhùn Èideann. Tha feum air àite meadhanach gus dèanamh cinnteach gu bheil e ruigsinneach bho phrìomh mhòr-ionadan còmhdhail poblach gus leigeil leis an sgoil ùr neo-eisimeileach seirbheis a thoirt do sgìre Lodainn san fharsaingeachd. Tha Comhairle Baile Dhùn Èideann air conaltradh cudromach a thoirt air adhart mu sholarachadh FMG, ach nì sinn cinnteach gu bheil seo a-nis air a ghabhail a-steach ann an dòigh ro-innleachdail nàiseanta ùr. Tha seo riatanach ma tha sinn gu bhith a’ faicinn nan ìrean adhartais nas luaithe a tha sinn a’ sireadh airson na Gàidhlig. Tha an galar lèir-sgaoilte air sealltainn cho cudromach agus luachmhor ’s a tha e-Sgoil agus Stòrlann ann a bhith a’ toirt seachad goireasan foghlaim Gàidhlig. Nì sinn cinnteach gun lean iad a’ faighinn taic gus cuideachadh le foghlam sgoile, ionnsachadh inbheach, taic thidsearan agus ionnsachadh coimhearsnachd. Gus na rùintean sin a choileanadh nì sinn cinnteach gu bheil àite Shabhal Mòr Ostaig mar ionad sàr-mhathais airson trèanadh Gàidhlig an dà chuid air aithneachadh agus a’ faighinn taic, le maoineachadh sònraichte gus cùrsaichean FE/HE a thabhann tro agus airson Gàidhlig. Mar phrìomh institiud foghlaim Gàidhlig na treas ìre tha prìomh dhreuchd aig Sabhal Mòr Ostaig ann a bhith a’ toirt taic do FMG aig gach ìre agus raon farsaing de dh’iomairtean coimhearsnachd Gàidhlig.

#BothVotesSNP 77


Ag ionnsachadh à Èirinn, bidh sinn cuideachd a’ sgrùdadh Gàidhealtachd cànain a chruthachadh gus ìrean comas cànain àrdachadh agus solar barrachd sheirbheisean tro mheadhan na Gàidhlig agus a’ leudachadh chothroman gus a’ Ghàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean làitheil agus ann an suidheachaidhean foirmeil. Gu sònraichte, feumaidh sinn an taic shònraichte a dhèanamh seasmhach a tha ga dhèanamh comasach a’ Ghàidhlig a chleachdadh nas trice san dachaigh agus sa choimhearsnachd. Nì sinn ath-sgrùdadh air gnìomhan agus structaran Bòrd na Gàidhlig gus dèanamh cinnteach gu bheil buidheann ceannais èifeachdach agus lìonra de bhuidhnean aig Alba airson a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh. Bidh seo a’ toirt a-steach obair còmhla ris a h-uile ùghdarras agus buidheann aig a bheil dleastanas anns na h-ealain, turasachd agus dualchas gus sgrùdadh a dhèanamh air dè as urrainn dhaibh a dhèanamh gus ìrean adhartais nas luaithe a lìbhrigeadh don Ghàidhlig. Bheir sinn cuideachd air adhart Bile Cànanan na h-Alba a ghabhas tuilleadh cheumannan gus taic a thoirt don Ghàidhlig, a bhios ag obair airson Scots agus a tha ag aithneachadh gur e comann ioma-chànanach a th’ ann an Alba.

78


SNP Manifesto 2021

Nàisean Net Zero A dh’aindeoin nan dùbhlan mòra a tha an cois galar lèir-sgaoilte, chan eil an èiginn clìomaid ar a dhol air falbh – is fada bhuaithe e – agus tha Riaghaltas na h-Alba gu tur dealasach a thaobh dèanamh cinnteach ro 2045 nach bi Alba a’ cur ri atharrachadh clìomaid, ann an dòigh a tha ceart agus cothromach. ’S ann a tha e aig cridhe ar n-athbheothachaidh. Tha cothrom againn àm ri teachd nas fheàrr a dhealbhadh agus, a’ tighinn a-mach às a’ ghalair lèir-sgaoilte, rudan ath-thogail ann an dòigh eadardhealaichte. Tha ar n-obair gus dèiligeadh ris an èiginn clìomaid air a sgaoileadh air feadh a’ mhanifesto seo, a’ lìbhrigeadh dachaighean sgaoilidhean ìosal agus neoni, ag atharrachadh ar siostam còmhdhail, a’ dèanamh àiteachas nas uaine agus a’ leasachadh eaconamaidh charbon-ìosal.

#BothVotesSNP 79


Thar na h-ath phàrlamaid: • Meudaichidh sinn adhartas gu bhith nar nàisean Net Zero. • Cuiridh sinn taic ri aonta aig COP26 ann an Glaschu a dh’atharraicheas an t-saoghal. • Nì sinn dùblachadh air ar Maoin Ceartas Clìomaid, a tha air thùs san t-saoghal, gu £24 millean thairis air ceithir bliadhna. • Cuiridh sinn an Sgeama Eàrlais Bhotail/ chanaichean àrd-amasach againn an gnìomh airson botail is canaichean deoch aonchleachdadh an ath-bhliadhna gus athchuairteachadh a thoirt air adhart, sgudal a lùghdachadh agus ar targaidean atharrachadh clìomaid a choileanadh. • Tasgaidh sinn £500 millean a bharrachd san eaconamaidh nàdarra againn gus cuideachadh le bhith a’ dèiligeadh ris an èiginn bith-iomadachd.

Ag obair a dh’ionnsaigh ar prìomh thargaidean atharrachadh clìomaid Tha Alba a’ stiùireadh an t-saoghail a thaobh a bhith a’ dèiligeadh ris an dà èiginn de dh’atharrachadh clìomaid agus crìonadh eag-eòlasach. Tha sinn moiteil gu bheil am frèam-obrach laghail as adhartaiche againn airson lùghdachadh sgaoilidhean san t-saoghal, ach chan eil teagamh sam bith nach eil na targaidean sin gu math dùbhlanach. Tha fios againn gum feum iad gnìomhan cruthatharrachail. Bidh sinn a’ tasgadh barrachd na riamh roimhe ann an dèiligeadh ri èiginn clìomaid agus anns a’ Phlana Atharrachadh Clìomaid ùraichte againn, a chaidh fhoillseachadh an-uiridh, tha còrr air 100 poileasaidh ùr, a’ cur Alba air an t-slighe gus na targaidean sgaoilidhean aice a choileanadh thar na h-ùine gu 2032 agus a’ cuideachadh le bhith a’ coileanadh eadar-ghluasad gu net zero ro 2045.

COP 26 Tha a bhith a’ cumail COP26 ann an Glaschu na chothrom fìor mhath do Alba ar ceannas clìomaid a nochdadh air àrd-ùrlar na cruinne. Cleachdaidh sinn ar dleastanas aig COP – agus ar dleastanas mar cho-chathraiche Eòrpach air a’ chobhanntachd Under 2 – gus cuideachadh le Aonta Ghlaschu fhaighinn a chì gach dùthaich a’ gealltainn nan ceumannan a tha a dhìth gus dèiligeadh ri èiginn clìomaid. Anns a’ bhliadhna seo de COP, ma thèid ar n-aththaghadh bidh am Prìomh Mhinistear ag ainmeachadh Curaidhean na h-Àrainneachd, eòlaichean bho air feadh an t-saoghail, gus comhairle a thoirt don riaghaltas air a’ chleachdadh eadar-nàiseanta as fheàrr agus gus ar cumail air thùs chùisean a’ dèiligeadh ri èiginn clìomaid agus crìonadh eag-eòlasach. Iarraidh sinn air na Curaidhean Àrainneachd aithris aig COP 26 gus ar n-àrd-amas air feadh an t-saoghail a nochdadh.

80


SNP Manifesto 2021

Foillsichidh sinn sgrìobhainn, leis an t-ainm ‘tabhartas na h-Alba do Aonta Pharis – foillseachadh air NDC’, a chuimsicheas air targaid na h-Alba, a tha air thùs san t-saoghal, gus sgaoilidhean a lùghdachadh 75% ro 2030.

Eadar-ghluasad Cothromach Tha feum air atharrachadh dàna agus àrd-amasach anns gach taobh de ar beatha ma tha sinn gu bhith a’ dìon ar sluaigh agus ar planaid san àm ri teachd. Tha sinn dìorrasach seo a dhèanamh ann an dòigh a bhios a’ seachnadh nam mearachdan a rinneadh roimhe, leithid mar a chaidh luchd-obrach guail is stàilinn, an teaghlaichean agus na coimhearsnachdan aca a thrèigsinn nuair a chaidh cur às do ghnìomhachas trom sna 80an is 90an. Lìbhrigidh riaghaltas PNA eadar-ghluasad cothromach. Cuiridh sinn an gnìomh molaidhean a’ Choimisean Eadarghluasad Cothromach agus cumaidh sinn an coimisean a’ dol gus comhairle a thoirt dhuinn air feadh na h-ath Phàrlamaid. Ma thèid ar n-ath-thaghadh, cuiridh sinn Ministear Eadarghluasad Cothromach an dreuchd le uallach airson a bhith a’ cumail sùil air ‘misean nàiseanta’ de chothromachd is chothroman mar a ghluaiseas sinn gu net zero. Gus seo a lìbhrigeadh, obraichidh sinn le aonaidhean ciùird, gnìomhachas agus coimhearsnachdan, gus planaichean Eadar-ghluasad Cothromach roinneil a thoirt air adhart, a’ clàradh eadar-ghluasad làraichean, ghnìomhachasan, roinnean agus choimhearsnachdan. Leasaichidh sinn frèam-obrach sgrùdaidh làidir gus ruith ri taobh nam planaichean roinneil sin a thomhais ar n-adhartas a dh’ionnsaigh eadar-ghluasad fìor chothromach gu net zero, stèidhichte air sunnd, seasmhachd agus prionnsapalan obair chothromaich. Tha ùidh mhòr eadar-nàiseanta anns an dòigh shònraichte a th’ aig Alba a bhith a’ dèiligeadh ri atharrachadh clìomaid a tha a’ daingneachadh cothromachd. Cleachdaidh sinn COP26 mar chothrom gus àrd-amas cruinneil a mheudachadh an dà chuid a thaobh obair air a’ chlìomaid agus cothromachd eadar-ghluasaid agus mar a bhios sinn

ag obair gus dèanamh cinnteach à cothromachd aig an taigh, co-obraichidh sinn le com-pàirtichean cruinneil gus dèanamh cinnteach à ceartas clìomaid air feadh an t-saoghail. Dèan dùblachadh air Maoin Ceartas Clìomaid B’ e Alba a’ chiad dùthaich air an t-saoghal a chuir Maoin Ceartas Clìomaid air bhog. Is e an fheadhainn ann an ceann a deas na cruinne a rinn an cron as lugha a thaobh atharrachadh clìomaid is atharrachadh eag-shiostaman ach a dh’aindeoin sin tha iad nas buailtiche droch bhuaidh fhulang an toiseach. Chan eil seo cothromach. Sin an t-adhbhar, ann am bliadhna COP26, agus aig àm anabarrach cudromach airson amas clìomaid na cruinne, gun dùblaich sinn ar Maoin Ceartas Clìomaid gu £24 millean thairis air ceithir bliadhna. Foghlam Clìomaid Anns an Riaghaltas tha sinn air taic a thoirt do fhoghlam mun èiginn clìomaid is èiginn eag-eòlasach tro bhith a’ toirt gu buil Plana Gnìomha air Ionnsachadh airson Seasmhachd. Tha sinn a’ toirt taic do bhith a’ toirt a-steach èiginn clìomaid agus èiginn eag-eòlasach ann an trèanadh thidsearan agus teisteanas teagaisg proifeasanta ùra gus cuideachadh le bhith a’ cumail suas sgilean leantainneach luchd-foghlaim. Bidh sinn cuideachd ag adhartachadh agus a’ toirt taic do ionnsachadh air a’ bhlàr a-muigh mar dhòigh air mothachadh air nàdar agus luach nàdair a mheudachadh. Feuchaidh sinn deuchainn air a’ chiad ghoireasan ionnsachaidh bun-sgoile a-muigh ann an Alba, a’ togail air soirbheachas ionnsachadh tràth a-muigh agus sgoilteanàraich sa choille. Sònaichean sgaoilidhean ìosal Tha sinn mu thràth air gealltainn Sònaichean Sgaoilidhean Ìosal a thoirt a-steach ann an Dùn Èideann, Glaschu, Obar Dheathain agus Dùn Dè. Chaidh stad a chur air obair orra mar thoradh air a’ ghalair lèir-sgaoilte. Obraichidh sinn a-nis le bailtean-mòra air feadh na h-Alba gus adhartas a dhèanamh a thaobh toirt a-steach Sònaichean Sgaoilidhean Ìosal.

#BothVotesSNP 81


Bile Eaconamaidh Chearcallaich Bheir sinn air adhart Bile Eaconamaidh Chearcallaich gus rùintean na h-Alba airson eaconamaidh chearcallach a thoirt air adhart tro cheumannan a bhrosnaicheas ath-chleachdadh stuthan agus a lùghdaicheas sgudal. Bidh am bile a’ dèiligeadh ri mar a tha sinn a’ caitheamh cus stuthan aon-chleachdaidh, agus a’ toirt a-steach ceumannan gus dèiligeadh ri truailleadh bho aodach/ fasan luath. Gabhaidh sinn ceumannan gus casg a chur air cutlaraidh phlastaig aon-chleachdaidh (forcaichean, sgeinean, spàinean, biorain agus chopsticks), truinnsearan, sràbhan, biorain bailiùn, soithichean bìdh is dibhe agus cupannan dheochan. Seo cuid de na plastaigean aon-chleachdaidh as miosa don àrainneachd agus, le aire air daoine a dh’fheumas an cleachdadh air sgàth ciorram, cuiridh sinn crìoch air an solar agus an saothrachadh ann an Alba. Cruthaichidh sinn maoin cuideachd stèidhichte air soirbheachadh Maoin Dùbhlan Cumhachd Mara Saltire airson ùr-ghnàthachadh ann a bhith a’ dèiligeadh ri truailleadh bho aodach agus bhon chultar tilgeil air falbh. Cuiridh sinn an Sgeama Eàrlais Bhotail/chanaichean àrdamasach againn an gnìomh airson botail is canaichean deoch aon-chleachdaidh an ath-bhliadhna gus athchuairteachadh a thoirt air adhart, sgudal a lùghdachadh agus ar targaidean atharrachadh clìomaid a choileanadh. Mar a bhios sinn a’ togail eaconamaidh chearcallach na h-Alba feumaidh sinn ar n-oidhirpean a chuimseachadh air lùghdachadh, ath-chuairteachadh agus athchleachdadh ghoireasan. Le seo agus le sùil air ar prìomh thargaidean atharrachadh clìomaid san amharc, tha sinn a’ gealltainn ath-bhreithneachadh a dhèanamh air a’ phàirt a tha aig losgadh ann an giullachd sgudail na h-Alba.

82

Haidridean Is sinne a’ chiad dùthaich san RA a dh’fhoillsich Aithris Poileasaidh Haidridean a tha a’ mìneachadh mar as urrainn dhuinn làn fheum a dhèanamh de chomas mòr na h-Alba san roinn ùr seo. Tha comas againn a bhith nar prìomh ionad san t-saoghal airson eaconamaidh haidridean – a’ dì-carbonachadh an t-siostam lùtha againn agus a’ cruthachadh mìltean de dh’obraichean. Tha haidridean a’ nochdadh gu luath air feadh na coimhearsnachd eadar-nàiseanta mar fhuasgladh seasmhach airson a bhith a’ dì-carbonachadh na h-eaconamaidh agus na phrìomh eileamaid de dh’eadargluasad lùtha. Tha Alba deònach a làn phàirt a ghabhail còmhla ri dùthchannan Eòrpach eile – is e sin as coireach gu bheil sinn a’ tasgadh £100 millean de ghoireasan gus an roinn agus an t-sèine solair a bhrosnachadh. Ann an Alba, tha a h-uile stuth nàdarra a tha riatanach againn ann am pailteas airson a bhith a’ dèanamh haidridean aig prìs ìosal, agus aon de na cruinneachaidhean as motha de dh’eòlas innleadaireachd far-oirthir san t-saoghal as urrainn feum a dhèanamh de chomas lùth ath-nuadhachail na h-Alba ann an teicneòlasan leithid cumhachd gaoithe, tonn is làn-mara, gus haidridean uaine a dhèanmh. Gu dearbh, is e Alba aon de na dùthchannan as fheàrr san t-saoghal gus haidridean aig prìs fharpaiseach a leasachadh airson feumalachdan na h-eaconamaidh againn fhìn agus gus haidridean a bharrachd a dhèanamh a dh’fhaodadh sinn às-mhalairt gu dùthchannan Eòrpach eile a bhios ga iarraidh ach aig nach eil gu leòr gus na feumalachdan aca fhèin a choinneachadh.


SNP Manifesto 2021

Gus taic a thoirt do lìbhrigeadh eaconamaidh haidridean bidh sinn: • A’ suidheachadh targaid gus comas dèanamh haidridean ath-nuadhachail agus carbon ìosal de 5GW a bhith againn ro 2030. • A’ cur taic ri pròiseact taisbeanaidh Levenmouth gus lìonra teas 100% haidridean a lìbhrigeadh, a’ solarachadh teasachadh haidridean glan, uaine do 300 dachaigh. • A’ sgrùdadh cleachdadh trèanaichean haidridean an àite dìosail agus dealan – ag amas air co-dhiù aon seirbheis pìleat a bhith ag obair ro dheireadh na pàrlamaid.

Lùth uaine Ro 2030 tha sinn ag amas air 50% de chaitheamh cumhachd iomlan na h-Alba a ghineadh bho stòrasan athnuadhachail, agus ro 2050 tha sinn ag amas air an siostam lùtha againn a dhì-charbonachadh cha mhòr gu tur. Gus dèanamh cinnteach gu bheil sinn air an t-slighe gus sin a dhèanamh, foillsichidh sinn Ro-innleachd Lùtha ùraichte gus eadar-ghluasad a chlàradh. Le fòcas sònraichte air Obar Dheathain agus an Earthuath, bidh ar prògram Eadar-ghluasad Lùtha Alba a’ dèanamh cinnteach gu bheil prìomh àite aig gnìomhachas na h-Alba ann an leasachadh agus cleachdadh theicneòlasan ùra, carbon ìosal, leithid cumhachd athnuadhachail mara, haidridean agus CCUS. A’ togail air neart lùtha na h-Alba leasaichidh sinn prògram obrach ùr taobh a-staigh ar buidhnean iomairt, ag obair le companaidhean ann an gnìomhachasan carbon àrd mar ola is gas gus teicneòlasan ùra a leasachadh, no faighinn gu margaidhean carbon ìosal airson am bathar a reic, an dà chuid gu nàiseanta agus thall thairis.

Feumaidh sinn feum a dhèanamh de ar goireasan nàdarra uile agus cuideachd cothrom a thoirt do choimhearsnachdan dùthchail agus eileanach soirbheachadh. Tha sin a’ ciallachadh an cothromachadh ceart fhaighinn eadar leasachadh iomchaidh a cheadachadh agus an àrainneachd a dhìon. Nì sinn ath-sgrùdadh agus sgioblachadh air pròiseasan mar sin gus an tèid leasachaidhean lùth ath-nuadhachail neochonnspaideach a chrìochnachadh gu sgiobalta, a’ toirt buannachd do mhuinntir an àite agus luchd-tadhail. Dh’fhaodadh a’ chuairt màil gaoithe far-oirthir aig ScotWind suas ri £860 millean a thogail airson an sporain phoblaich. Tha seo a’ sealltainn nam buannachdan a thig a dh’Alba bho bhith a’ sealbhachadh agus a’ leasachadh ar goireasan nàdarra fhèin gus dèiligeadh ri atharrachadh clìomaid. Coimheadaidh sinn ri teachd-a-steach bho ghabhaltasan gaoithe aig muir a thasgadh ann am pròiseactan san àm ri teachd a chuireas aghaidh air atharrachadh clìomaid agus a chruthaicheas dìleab airson an ama ri teachd. Cumaidh sinn oirnn ag obair gus a’ chuibhreann de leasachaidhean ath-nuadhachail sam bith a thèid a dhèanamh ann an Alba a mheudachadh gus dèanamh cinnteach gun urrainn dhuinn taic a thoirt do dh’obraichean air tìr agus a-muigh bhon oirthir. Eileanan Carbon Neodrach Cuiridh sinn taic ri Eileanan Carbon Neodrach a bhiodh air thùs gus targaidean sgaoilidhean net zero a ruighinn ro 2045. Bhiodh seo a’ toirt a-steach pìleatan airson cuid de dh’eileanan a bhith a’ ruith 100% air lùth ath-nuadhachail, gus eaconamaidhean cearcallach a chruthachadh, a’ dèiligeadh ri agus a’ giullachd sgudal, agus a’ sgrùdadh roghainnean còmhdhail nas seasmhaiche. Obraichidh sinn le co-dhiù 3 eileanan thairis air an ath Phàrlamaid gus an urrainn dhaibh a bhith làn charbon neodrach ro 2040.

#BothVotesSNP 83


Fuasglaidhean stèidhichte air nàdar Tasgaidh sinn £500 millean a bharrachd san eaconamaidh nàdarra againn gus cuideachadh le bhith a’ dèiligeadh ris an èiginn bith-iomadachd. Tha sinn air a bhith gnìomhach san t-saoghal a’ stiùireadh Pròiseas Dhùn Èideann air bith-iomadachd agus a’ foillseachadh Dearbhadh Dhùn Èideann ag iarraidh barrachd gnìomh gus dèiligeadh ri call bith-iomadachd. Foillsichidh sinn ro-innleachd bith-iomadachd ùr taobh a-staigh 12 mìosan bho COP bhith-iomadachd, agus tha sinn dealasach a bhith a’ dìon co-dhiù 30% de dh’fhearann na h-Alba ro 2030. Tha sinn airson a dhol nas fhaide na sin agus nì sinn ath-sgrùdadh air na targaidean làithreach againn nuair a dh’fhoillsicheas sinn ar roinnleachd ùr. Nì sinn cinnteach gum bi Lìonra Nàdair de phròiseactan ùra, ionadail aig gach sgìre Ùghdarras Ionadail a tha ag amas air ceanglaichean eag-eòlasach air feadh Alba a leasachadh. Tha ath-nuadhachadh mòintich na fhuasgladh deatamach stèidhichte air nàdar gus bith-iomadachd na h-Alba a dhìon agus sgur a bhith a’ cur ri atharrachadh clìomaid, a bharrachd air a bhith a’ cruthachadh chothroman airson obraichean agus sgilean uaine. Tha sinn dealasach a thaobh tasgadh deich bliadhna de chòrr air £250 millean gus taic a thoirt do ath-nuadhachadh 250,000 heactair de mhòinteach na h-Alba ro 2030. Tha cuid de na làraich coille-uisge as fheàrr san Roinn Eòrpa ann an Alba. Cuiridh sinn taic ri ath-nuadhachadh agus leudachadh coille-uisge na h-Alba mar fhuasgladh stèidhichte air nàdar don èiginn clìomaid. Stèidhichidh sinn Clàr Nàiseanta de Choilltean Àrsaidh agus obraichidh sinn le sealbhadairean agus buidhnean gus an cumail suas agus an dìon.

84


SNP Manifesto 2021

Alba anns an t-Saoghal Tha Alba na dùthaich aoigheil, inghabhalach a tha an-còmhnaidh a’ coimhead a-mach gu dùthchannan eile. Tha na dàimhean a th’ againn leis a’ choimhearsnachd eadar-nàiseanta nam buannachd do mhalairt, tasgadh, siubhal, foghlam agus iomlaid eòlais. Bidh iad a’ cuideachadh le bhith a’ cur air adhart ar luachan, leithid còraichean daonna, agus tha iad deatamach anns an t-srì an aghaidh dhùbhlan cruinneil mar atharrachadh clìomaid. Tha sinn den bheachd gu bheil obair chudromach againn ri dhèanamh, tro ghnìomhan is ceannardas – air àrd-ùrlar cruinneil an-dràsta, agus mar dhùthaich gu tur neo-eisimeileach ann an ùine nach bi fada.

#BothVotesSNP 85


Tilleadh don Aonadh Eòrpach Thar na h-ath phàrlamaid: • Cumaidh sinn suas agus neartaichidh sinn dàimh na h-Alba leis na com-pàirtichean againn san Aonadh Eòrpach le sùil ri tilleadh thuige cho luath ’s a ghabhas. • Meudaichidh sinn a’ Mhaoin Leasachaidh Eadar-nàiseanta bho £10 millean gu £15 millean le gealladh gun tèid e an-àirde a rèir na h-atmhorachd • Cruthaichidh sinn frèam-obrach cùisean cruinneil ùr, le taic bho luachan is prìomhachasan bunaiteach na h-Alba agus gabhaidh sinn ri poileasaidh cèin feimineach. • Bheir sinn air adhart Bile Sunnd is Leasachadh Seasmhach (Alba) gus a dhèanamh na riatanas reachdail do gach buidheann phoblach agus ùghdarras ionadail ann an Alba beachdachadh air builean fad-ùine nan co-dhùnaidhean poileasaidh aca air sunnd nan daoine a tha iad a’ frithealadh agus làn aire a thoirt don bhuaidh air leasachadh seasmhach geàrr-ùine agus fad-ùine aig na codhùnaidhean aca. • Stèidhichidh sinn Seirbheis In-imrich airson na h-Alba gus daoine a chuideachadh le bhith a’ dèanamh dachaigh gu furasta ann an coimhearsnachdan air feadh na h-Alba agus gus fiosrachadh fhaighinn mu na còirichean agus na seirbheisean a gheibh iad. • Cuiridh sinn taic ri stèidheachadh Institiud airson cumail na sìthe agus Comhairle Cùisean Cruinneil na h-Alba. • Bidh sinn ag obair le ùghdarrasan ionadail – a’ tòiseachadh le Glaschu – gus a’ chiad Bhailtean Fhògarrach Albannach a chruthachadh, a’ dèanamh cinnteach gu bheil Alba na àite aoigheil do sgrìobhadairean agus luchd-ealain a tha a’ teicheadh bho fhòirneart agus geur-leanmhainn.

86

Bhòt muinntir na h-Alba gu daingeann airson fuireach taobh a-staigh an Aonaidh Eòrpaich agus tha sinn gu làidir den bheachd gur e ballrachd an AE an roghainn as fheàrr do Alba. Chan eil teagamh nach bi Brexit ag atharrachadh na dòigh anns a bheil Alba a’ conaltradh ris an AE, ach chan atharraich e cho cudromach ’s a tha an EU do Alba, no ar dealas tilleadh don EU cho luath ’s a ghabhas. Le bhith a’ tighinn air ais don AE cruthaichidh sinn obraichean agus gheibh sinn làn chothrom air Margaidh Shingilte na h-Eòrpa, a tha seachd uiread nas motha na margaidh na RA. Bidh sinn ag ullachadh airson a dhol air ais don AE le bhith a’ cumail dlùth dhàimh ris an Roinn Eòrpa. Neartaichidh sinn ar bunait sa Bhruiseil agus bidh Taigh na h-Alba aig cridhe ar riochdachaidh dhioplòmasaich air feadh na Roinn Eòrpa. Leudaichidh sinn cuideachd an lìonra eadar-nàiseanta againn e bhith a’ cruthachadh mòr-ionad Innleachdais agus Tasgaidh anns na roinnean Lochlannach is Baltach.


SNP Manifesto 2021

In-imrich Tha Alba na dùthaich aoigheil agus in-ghabhalach agus tha sinn a’ cur luach air a h-uile duine, ge bith càite an do rugadh iad, dha bheil Alba na dachaigh, agus na àite far a bheil iad ag obair, ag ionnsachadh, a’ togail an teaghlaichean agus a’ togail am beatha. Tha sinn an urra ri in-imrich gus an àireamh-sluaigh againn fhàs. Feumaidh Alba daoine a tha ag iarraidh obair an seo, anns na gnìomhachasan againn, na h-oilthighean againn agus anns na seirbheisean poblach againn. Leanaidh sinn oirnn a’ toirt taic maoineachaidh do Shaoranaich an AE a nì tagradh do Sgeama Tuineachaidh an AE, a’ gabhail a-steach às dèidh a’ cheann-latha. Obraichidh sinn gus àireamh-sluaigh na h-Alba a thogail gu seasmhach, a’ toirt taic do thuineachadh air feadh na h-Alba tro iomairtean taigheadais, obair shùbailte, rannsachadh Sònaichean Àrdachadh Sluaigh, agus a’ leasachadh phoileasaidhean a tha nas càirdeile do theaghlaichean.

Ùraichidh sinn ar ro-innleachd ‘Albannach Ùr’ agus nì sinn cinnteach gu bheil daoine le eòlas air in-imrich agus comraich aig cridhe an leasachaidh. Thèid sinn nas fhaide na an ro-innleachd roimhe agus bheir sinn a-steach roinn do dhaoine de gach nàiseantachd a tha a’ dèanamh dachaigh ann an Alba.  Leanaidh sinn oirnn a’ cur ìmpidh air Riaghaltas nan Tòraidhean gus siostam comraich is fògarraich a tha cothromach agus daonna a thoirt a-steach far a bheil còir aig daoine a bhith ag obair agus a bhith a’ cur ris a’ chomann-shòisealta. Cha bu chòir neach sam bith a bhith bochd mar thoradh air poileasaidh Gun Chothrom air Maoinean Poblach (NRPF) nan Tòraidhean a chuireas stad air daoine cothrom fhaighinn air prìomh sheirbheisean riatanach. Chan eil cumhachdan againn na riaghailtean seo air feadh na RA atharrachadh ach bheir sinn air adhart ar ro-innleachd gus taic a thoirt do dhaoine faighinn gu àiteachan-fuirich sàbhailte, biadh agus comhairle speisealta.

Gus togail air ar n-iomairt Gluasad a dh’Alba, stèidhichidh sinn Seirbheis In-imrich airson na h-Alba gus daoine a chuideachadh le bhith a’ dèanamh dachaigh gu furasta ann an coimhearsnachdan air feadh na h-Alba agus gus fiosrachadh fhaighinn mu na còirichean agus na seirbheisean a gheibh iad. Obraichidh sinn cuideachd le ùghdarrasan ionadail gus Pìleat Bhìosa Dùthchail a leasachadh mar iomairt inimrich dhùthchail agus iomallach. Le in-imrich na chùis a tha glèidhte aig Westminster, chan urrainn dhuinn dearbhadh inbhe a thoirt seachad ann an Alba, ach rannsaichidh sinn comas air cairt-aithne a chruthachadh airson saoranaich an AE aig a bheil inbhe stèidhichte/ro inbhe stèidhichte gus a dhèanamh nas fhasa dhaibh cothrom fhaighinn air seirbheisean poblach ann an Alba.

#BothVotesSNP 87


Cùisean Cruinneil Chan eil poileasaidh in-imrich na RA ag obair do Alba Chan eil poileasaidhean in-imrich na RA a’ toirt aire air suidheachadh sònraichte na h-Alba agus tha iad a’ dèanamh cron air na coimhearsnachdan againn agus air beairteas san àm ri teachd. Bhiodh molaidhean in-imrich Thòraidheach uabhasach do Alba. Nì iad crìonadh air an t-sluagh aig aois obrach, bagairt air teachd-a-steach chìsean agus adhbharaichidh iad fìor ghainnead luchd-obrach san NHS, seirbheisean cùraim agus prìomh roinnean leithid turasachd, àiteachas agus togail. Le neo-eisimeileachd, agus làn chumhachd air poileasaidh in-imrich, is urrainn dhuinn siostaman tèarmainn agus in-imrich a thogail a tha ag amas air coinneachadh ri feumalachdan na h-Alba agus a tha stèidhichte air cothromachd agus còraichean daonna. Tha sinn ag iarraidh air Riaghaltas na RA: • leigeil le daoine a bhith ag obair agus cur ris a’ chomann-shòisealta, agus na cuingeadan cronail a dh’adhbhraicheas Gun Chothrom air Maoinean Poblach a thogail. • ath-bhreithneachadh air imrich teaghlaich, a’ coimhead air mar a tha ball teaghlaich ga mhìneachadh, cosgaisean, agus clann a rugadh an seo, • leudachadh còirichean nàiseantaich an AE san RA gu fèin-obrachail, no co-dhiù cur às don cheann-latha airson Sgeama Tuineachaidh an AE, agus • poileasaidh in-imrich a thiomnadh a dh’Alba gus an urrainn dhuinn siostam cothromach a thogail a choinnicheas ri feumalachdan na h-Alba.

88

Tha deagh chliù aig Alba san t-saoghal air a thogail air dearbh-aithne nàiseanta làidir, cultar ainmeil air feadh an t-saoghail agus bathar agus seirbheisean a tha aithnichte fad is farsaing. Mar fhreagairt ri barrachd farpais eadar-nàiseanta ann am malairt, tasgadh agus turasachd, cruthaichidh sinn suaicheantas na h-Alba, gus ar suidheachadh a dhaingneachadh mar phrìomh àite airson tadhal, agus gnìomhachas a dhèanamh. Cruthaichidh sinn frèam-obrach cùisean cruinneil ùr airson a bhith a’ togail ar conaltraidh eadar-nàiseanta, le taic bho luachan is prìomhachasan bunaiteach na h-Alba. Is sinn a’ chiad dùthaich san RA, a’ tighinn còmhla ri àireamh bheag de dhùthchannan air feadh an t-saoghail, gus gabhail ri poileasaidh cèin feimineach. Cuiridh sinn taic ri bhith a’ stèidheachadh Comhairle na h-Alba airson Chùisean Cruinneil gus smaoineachadh breithneachail a leasachadh air cùisean eadar-nàiseanta agus àite na h-Alba san t-saoghal. Leasaichidh sinn ro-innleachd ùr airson a bhith an sàs le diaspora na h-Alba gus ceanglaichean brìoghmhor a mheudachadh le daoine à Alba a tha a’ fuireach ann an àiteachan eile air feadh an t-saoghail, agus an fheadhainn le dualchas Albannach.


SNP Manifesto 2021

Lìonra Riaghaltais air Eaconamaidh Sunnd Anns an riaghaltas ann an 2018, stèidhich PNA lìonra Riaghaltais air Eaconamaidh Sunnd (WeGo) le Sealan Nuadh agus Innis Tìle. O chionn ghoirid tha Fionnlainn agus a’ Chuimrigh air a thighinn a-steach don lìonra a tha ag obair le buidhnean eadar-nàiseanta mar an OECD gus dòigh-obrach a bhrosnachadh don eaconamaidh agus don chomann-shòisealta a tha mu dheidhinn barrachd na dìreach GDP, ach a tha den bheachd gu bheil slàinte, àrainneachd agus sunnd sòisealta dùthcha a cheart cho cudromach ri fàs eaconamach. Le barrachd dhùthchannan a’ nochdadh ùidh san obair seo cumaidh sinn oirnn a’ togail lìonra eadar-nàiseanta de Riaghaltasan Eaconamaidh Sunnd, le goireasan air an sònrachadh dha taobh a-staigh Riaghaltas na h-Alba, gus taic a thoirt don obair agus leudachadh gu dùthchannan ùra. Cuiridh sinn Tosgaire Eaconamaidh Sunnd an dreuchd gus obrachadh thar dhùthchannan gus an obair seo a bhrosnachadh agus bheir sinn dùthchannan còmhla timcheall air COP26 gus beachdachadh air mar as urrainn fòcas air sunnd dùthcha cuideachadh le bhith a’ coinneachadh ri net zero. Deagh shaoranach cruinneil Tha sinn ga mheas air leth cudromach gu bheil Alba na dheagh shaoranach cruinneil. Tha seo a’ ciallachadh a bhith a’ dèanamh nas urrainn dhuinn gu bhith a’ dèiligeadh ri dùbhlain chruinneil a’ toirt a-steach bochdainn, anaceartas agus neo-ionannachd. Tha e soilleir gum bi Covid fhathast na chunnart airson ùine ri thighinn, agus mar sin feumaidh sinn ar tabhartas cruinneil a chur am meud. Meudaichidh sinn a’ Mhaoin Leasachaidh Eadar-nàiseanta bho £10 millean gu £15 millean le gealladh gun tèid e anàirde a rèir na h-atmhorachd.

Cumaidh sinn oirnn a’ toirt taic do bhith a’ dèiligeadh ri cùisean èiginn cruinneil tron Mhaoin Èiginn Daonnachd. Stèidhichidh sinn Maoin Cumhachdachaidh Bhoireannach is Nigheanan Eadar-nàiseanta luach £500,000 a tha ag amas air boireannaich is nigheanan a chuideachadh, gu sònraichte a thaobh faighinn gu foghlam, anns na dùthchannan com-pàirteach againn ann am Malawi, Zambia agus Rwanda. Gus togail air a’ mhodail shoirbheachail de Aonad Coòrdanachaidh Slàinte Cruinneil na h-Alba, stèidhichidh sinn Ionad Ath-nuadhachail Cruinneil, ag obair le dùthchannan com-pàirteach ann an Ceann a Deas na Cruinne gus eòlas agus rannsachadh a thoirt seachad ann an teicneòlasan ath-nuadhachail, gus taic a thoirt do leasachadh lùth seasmhach. Cruthaichidh sinn cuideachd com-pàirteachasan co-leithid ùra eadar Ionadan Eòlais na h-Alba airson Atharrachadh Clìomaid, Uisgeachan is Tuiltean, agus buidhnean ann an Ceann a Deas na Cruinne, a’ roinn eòlas agus dàta gus dèiligeadh ris na dùbhlain choitcheann sin. Leasachadh Seasmhach Mar a bhios sinn a’ faighinn seachad air agus ag aththogail bhon ghalar sgaoilte, tha e nas cudromaiche na bha e a-riamh a bhith air ar stiùireadh le lèirsinn agus luachan Frèam-obrach Coileanaidh Nàiseanta na h-Alba agus Amasan Leasachadh Seasmhach nan Dùthchannan Aonaichte. Bheir sinn air adhart Bile Sunnd is Leasachadh Seasmhach (Alba) rè na h-ath Phàrlamaid. Bhiodh an reachdas seo ga dhèanamh na riatanas reachdail do gach buidheann phoblach agus ùghdarras ionadail ann an Alba beachdachadh air builean fad-ùine nan codhùnaidhean poileasaidh aca air sunnd nan daoine a tha iad a’ frithealadh, clann nach deach a bhreith fhathast nam measg, agus làn aire a thoirt don bhuaidh air leasachadh seasmhach geàrr-ùine agus fad-ùine aig na co-dhùnaidhean aca, ann an Alba gus àiteachan eile.

#BothVotesSNP 89


Còmhla ri seo stèidhichidh sinn Buidheann Obrach Ministreil air co-leanailteachd poileasaidh airson leasachadh seasmhach agus buidheann gnìomh Amasan Leasachadh Seasmhach san roinn phoblaich a dhaingnicheas dealas airson SDGan a choileanadh air feadh na roinne phoblaich. Institiud airson Cumail na Sìthe Cuiridh sinn taic ri bhith a’ stèidheachadh institiud sìthe a bhios a’ togail air àite na h-Alba ann am fuasgladh còmhstri agus a’ brosnachadh dhòighean-obrach gun fhòirneart airson connspaidean eadar coimhearsnachdan agus nàiseanan a rèiteach. A’ tòiseachadh le Glaschu, obraichidh sinn le ùghdarrasan ionadail air feadh na h-Alba gus a’ chiad Bhailtean Fhògarrach Albannach a chruthachadh, a’ dèanamh cinnteach gu bheil Alba na àite aoigheil do sgrìobhadairean agus luchd-ealain a tha a’ teicheadh bho fhòirneart agus geur-leanmhainn.  Leanaidh sinn oirnn a’ toirt taic do Rùn1325 Chomhairle Tèarainteachd nan Dùthchannan Aonaichte, a’ trèanadh bhoireannach gus pàirt chudromach a ghabhail ann an togail sìthe agus fuasgladh còmhstri, agus leudaichidh sinn ar n-obair sa bhliadhna COP26 gus caidreachas a tha cuimsichte air atharrachadh clìomaid a ghabhail a-steach. A’ dol an aghaidh armachd niùclasach Cuiridh sinn an aghaidh armachd niùclasach gu làidir agus gu soilleir – an dà chuid ann am prionnsapal agus far a bheil iad suidhichte ann an Alba. Tha seo a’ toirt a-steach cur an aghaidh siostam urchraichean niùclasach Trident agus planaichean Riaghaltas na RA gus an àireamh de chinn-cogaidh niùclasach a mheudachadh. Tha sinn airson saoghal fhaicinn saor bho armachd niùclasach, agus bidh Alba neo-eisimeileach na guth làidir agus prionnsapalach airson dì-armachadh niùclasach air àrd-ùrlar na cruinne. Cumaidh sinn Faslann mar ionad armachd agus cabhlaich traidiseanta.

90


SNP Manifesto 2021

Feumaidh sluagh na h-Alba taghadh àm ri teachd na h-Alba. Seall ri ar Craoladh-taghaidh Pàrtaidh agus tagh #BothVotesSNP air 6 Cèitean gus àm ri teachd na h-Alba a chur ann an làmhan na h-Alba.

#BothVotesSNP 91


Air a bhrosnachadh agus air a chlò-bhualadh le SNP 3 Jacksons Entry EH8 8PJ

MANIFESTO 2021

NA H-ALBA roghainn