Feumaidh mi dhol a Lunnainn aig deireadh na seachdain. Airson shoot.
Tha an agency duilich nach tug iad cus rabhaidh dhomh. Ach, faodaidh mi fuireach còmhla ri Ellen.
Dè tha ise a’ dèanamh na làithean sa? Bha dùil ’am gur e oileanach a bh’ innte?
Fhuair i cothrom obrach le companaidh dealbhaidh.
Dè mu dheidhinn an aiste a bha thu a’ sgrìobhadh?
Chan eil i a’ faighinn pàigheadh sam bith. Mar sin, chan eil cus airgid aice. Ach, thuirt i gum faodainn cadal air an t-sòfa.
Faodaidh mi a dhèanamh air an trèana. Co-dhiù, chan eil ann ach aiste! "San àm ri teachd, bidh gach neach ainmeil air feadh an t-saoghail airson cairteal na h-uarach."
Tha mi dol a chluich sa chòmhlan!
28