New Writing Sampler - Scotland

Page 98

NEW WRITING

Cadal Chan Fhaigh Mi

S

guab i a falt bho maoil agus thilg i air falbh aon de

na cluasagan mìn, àlainn a bh’ air cùl a cinn. Cha robh i a’ faireachdainn socrach no cadalach, ’s bha sin mar bu dual dhi aig an àm ud den oidhche. Ghabh i balgam beag den uisge fuar a bh’ aice ann an glainne ri a taobh agus air dhi a dhol na sìneadh a-rithist, chual’ i an aon fhuaim ud air an robh i cho cleachdte – an fhuaim a bh’ air a cuir bhon chadal airson oidhche eile. Chan e gum b’ urra dhàsan a leasachadh. Ri taobh, bha esan na shìneadh, air a dhruim, aodann mar aingeal agus fuaim mar tharbh fhiadhaich a’ sruthadh bho chuinnlean gun stad. Dh’fheuch i ri phutadh aon uair eile ach cha do stad an t-srann uabhasach. Chuir i a h-òrdag fo shròin ach cha do sguir e – fiù ’s nuair a chùm i grèim air bàrr a shròin airson ùine. Stad an onghail airson diog ceart gu leòr, ’s an uair sin thill e, ach na bu mhiosa buileach. Dh’fheuch i ri dùnadh a-mach fuaim an tairbh le bhith a’ lìonadh a h-inntinn le rudeigin eile. Thuit a sùil air dealbh a bh’ aig ceann na leapa. Dealbh shnog, le h-athair ’s a bhràthair nan seasamh còmhla ris an teaghlach aice fhèin. Dealbh phrìseil. Cha robh a h-athair no bràthair a h-athar air an talamh tuilleadh ach bha, agus bhiodh, iad beò na h-inntinn-se gu 91


Issuu converts static files into: digital portfolios, online yearbooks, online catalogs, digital photo albums and more. Sign up and create your flipbook.