CMAL Annual Report 2013

Page 6

Caledonian Maritime Assets Ltd Annual Report & Accounts 2013 Aithisg Bhliadhnail & Cunntasan 2013

Aithris a’ Chathraiche Airson na bliadhna a’ crìochnachadh 31 Màrt 2013

Grenville S Johnston Chairman

Tha CMAL air a bhith stèidhte a-nis airson sia bliadhna agus tha a’ chompanaidh air an t-uabhas a choileanadh anns an ùine sin nar n-amas na h-aiseagan agus na calachan a tha fo ar smachd a thabhann, a ghlèidheil agus a leasachadh. Mar a tha fìor do bhuidhnean poblach eile, tha sinn ag obrachadh ann an àrainneachd a tha dùbhlanach a thaobh ionmhais ach, am-bliadhna, chaidh againn a-rithist air an deagh chuid de dh’airgead a chur a-steach gu ruige an stèidh maoin gus ar n-amasan a choileanadh.

6

Aig deireadh an Òg-mhios chuir sin ainm ri aonta le Buidheann Bancaidh Lloyds gus maoineachadh fhaighinn airson an aiseig ùir a bhios a’ seirbheiseachadh na slighe eadar Steòrnabhagh is Ulapul. Thèid an soitheach a thogail le Flensburg Schiffbau Gessellschaft agus thèid a cur air bhog sa Ghearran 2014. San Dùbhlachd, chuir sinn air bhog an MV HALLAIG – a’ chiad aiseag dàchonnaidh ROLO air an t-saoghal do luchd-coise is charbadan. Bha mi fhèin air leth pròiseil a bhith an làthair aig Gàradh-shoitheach MhicFhearghais ann am Port Ghlaschu airson Nicola Sturgeon, leas-phrìomh Mhinistear na h-Alba, fhaicinn a’ cur a’ bhàta air bhog, a’ cleachdadh botal den uisgebheatha Talaisgear, mar chomharra air a’ chiad slighe air am bi an t-aiseag a’ siubhal eadar Sgusair agus Ratharsair. Chaidh an dàrna aiseag, an MV LOCH AN INBHIR, a cur air bhog sa Chèitean 2013 agus bidh an dà aiseag san t-seirbheis nas fhaide air adhart ann an 2013. Tha sinn a’ leantainn òirnn le bhith a’ cur a-steach airgead gu ruige calachan, a’ dèiligeadh ri duilgheadasan cumail-suas a tha fad-ùineil, cho math ri crìoch a chur air cidhe ùr ann am Port Ilein. Fhuair mise an t-urram an cidhe ùr fhosgladh gu h-oifigeil air làtha brèagha, grìanach san Lùnastal 2012, le gnothaichean air an dèanamh nas fheàrr buileach le seinn bho sgoilearan à Bun-sgoil Phort Ilein. Tha obair dealbhachaidh sònraichte a-nis a’ gabhail àite airson grunn phròiseactan mòra ann an calachan, a’ gabhail a-steach planaichean

innteanach airson ath-leasachadh aig Tràigh a’ Chaisteil. Ged a tha cùisean fhathast gu math teann a thaobh ionmhais, tha sgioba nan calachan an còmhnaidh deiseil gus an cothrom a ghabhail ma tha maoineachadh ri fhaighinn aig àm sam bith gus gluasad air adhart leis an ath ìre de leasachadh aig Ceann na Creige. Chaidh obair-tairgse a dhèanamh aig deireadh 2012 agus thòisich obair air an làraich sa Chèitean 2013. Tha am Bòrd-stiùiridh a’ leantainn le bhith faicealach ann a bhith a’ cosg airgead agus thàinig teachd-a-steach airson na bliadhna gu £20,232,000. Ged a tha sinn ag aithris call lom às dèidh chìsean, tha seo gu mòr air sgàth ìsleachadh nar stèidh maoin a’ leantainn bho bhith a’ gabhail ri Ìrean Cunntais Ionmhasail Eadar-nàiseanta (IFRS).

“San Dùbhlachd chuir sinn air bhog an MV HALLAIG a’ chiad aiseag dàchonnaidh ROLO air an t-saoghal do luchd-coise is charbadan” Tha seo gun teagamh a’ ciallachadh gum bu chòir dhuinn feuchainn ri airgead a chur a-steach dhan stèidh maoin againn agus tha sinn ag obrachadh cruaidh comhla ri ur caraidean air Còmhdhail Alba airson


Turn static files into dynamic content formats.

Create a flipbook
Issuu converts static files into: digital portfolios, online yearbooks, online catalogs, digital photo albums and more. Sign up and create your flipbook.