The Record - September 2020

Page 39

Ceòl ann an tìr choimhich (Music in a foreign land) LE JANET NICPHÀIL

©afrumgartz - stock.adobe.com

T

ha sinn anns na mìosan a chaidh seachad, air a

aithneachadh. Nach e cùis-smaoinich a tha an sin? Bidh dòchas againn ‘gun tionndaidh E an ailbhinn theann gu loch de uisge tàimh’.

bhith beò ‘ann an tìr choimhich’, a’bruidhinn gu samhlachail.

Tha sinn ann an suidheachadh neònach, glè eadar-dhealaicht’ bho mar a bha cùisean nar beatha ron Mhàirt. Ged a tha sinn air a bhith glaist’ nar dachaighean, tha seirbheisean eaglais’air a thighinn thugainn nar dachaigh. Mar a thuirt sinn a’mhìos a chaidh, cluinnidh sinn agus leughaidh sinn iomadh nì math air computair. Ged a tha seo gu lèir fìor, tha an suidheachadh cho eadar-dhealaicht’ bhon bheatha àbhaisteach air an robh sinn eòlach, ’s nuair a thèid sinn a mheasg dhaoine, bidh còmhdach air ar n-aodainn. Gu cinnteach cha robh sinn eòlach air an seo, agus chan eil fios againn cuin a dh’atharraicheas cùisean. Is e sin mar a tha sinne aig an àm-sa, ach bidh dòchas againn gum bruidhinn an Cruthaidhear ann an sìth, agus dìreach mar a chleachd E an suidheachadhsa, gum bi E a’toirt oirnn’ a bhith le ceòl-molaidh, ged a tha iomadh clàrsach aig an àm-sa ‘crochte air geugan seilich’, mar bha o chionn fhada, aig sruthan coimheach Bhàbiloin. Togaidh sinn ar clàrsaichean a-rithist, agus bidh pongan anns a’cheòl, nach biodh ann ron àmshàraicht’-sa. Bidh an ceòl na òran-molaidh, airson gach cuideachadh a rinneadh oirnn’ aig àm teanntachd. Ged a tha sinne air a bhith am broinn an taigh, tha iomadh fear agus tè air feadh an t-saoghail beò ann am fìor bhochdainn, le cion bìdh, dìth dachaigh agus iomadh seòrsa uallach eile. Tha iad ann an rìoghachdan anns a bheil fìor bhochdainn, agus iad a’ cur feum air cobhair aig an àm èiginneach-sa. Nach cuimhnich sinn orra nar n-ùrnaighean, agus sinn mothachail air nach e nì sam bith a th’annainne a tha ag adhbharachadh gu bheil an Cruthaidhear cho pailt-làmhach dhuinn. Tha sinn air a bhith ag ionntrainn cuideachd ar càirdean, agus saorsa a bhith gan coinneachadh mar a b’àbhaist. Is e nì àlainn a th’ ann a bhith a’seinn laoidh-mholaidh ‘anns a’phrìosan as fhaide a-staigh’, mar gum biodh. Nuair a bhios cùisean a’dol nar n-aghaidh, is e nì brèagha a th’ ann a bhith a’moladh Dhè aig àm mar sin, oir glè thric, is e sin an ceòl as binne. Nuair a thuigeas sinn, ge b’e dè a thachras dhuinn, gu bheil Dia math, a’ riaghladh gach nì, agus saoghal a’toirt feart Air, agus mòran, ged a tha iad umhail Dha oir’s fheudar, nach eil ga

2020

Nì sinne ceòl aig àm-èiginneach, air sgàth gu bheil Criosd ag àithne d’A dheisciobail cho tric gun eagal a bhith orra. Tha na fàidhean a’ bruidhinn mar sin cuideachd, agus gealladh prìseil a’ tighinn an-dèidh na h-àithne, “Na biodh eagal ort, oir tha Mise maille riut.” Nuair a thig na facail sin le cumhachd thugainn bhon Chruthaidhear, bheir seo neart, spionnadh agus spiorad socrach dhuinn, ged a bhiodh na h-amannan nan cùis-eagail. Nach glac sinn uile misneach bho na facail-sa, “S fheàrr na bhith ’g earbs’ à duine beò ar dòchas chur an Dia.” Air ar cuartachadh led mhaitheas an Soisgeul againn ann am pailteas, mòran ri ithe de nithean tha càilear is càirdean oirnn’cuimhneach ged nach eil iad an làthair. Sinn cuimhneach an-dràst’ air na bochdan san t-saoghal, gun bhiadh is gun dachaigh ann an saoghal glè aon’rach, gum biodh iad nar n-ùrnaigh a là ’s a dh’oidhche ’s dèan casan bhios siùbhlach gu cobhair thoirt d’an ionnsaigh.

39

WWW.FREECHURCH.ORG


Turn static files into dynamic content formats.

Create a flipbook
Issuu converts static files into: digital portfolios, online yearbooks, online catalogs, digital photo albums and more. Sign up and create your flipbook.