3 minute read

RANNSACHADH

Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ cur gu mòr ri rannsachadh na Gàidhlig. Chaidh 16% de dh’obair rannsachaidh na Colaiste ann an cuspairean Ceilteach a chomharrachadh mar “exceptional/ world-leading” agus 45% “internationally excellent” san REF mu dheireadh. Tha a’ Cholaiste an sàs ann an iomadh pròiseact rannsachaidh agus aiseig eòlais, a leithid Faclair na Gàidhlig, Ainmean-Àite na h-Alba, Soillse agus Soillse 2, iomairt nàiseanta rannsachaidh a tha a’ toirt OGE agus oilthighean ann an Alba is dùthchannan eile cruinn còmhla. Tha luchd-obrach na Colaiste an sàs ann an obair rannsachaidh aig fìor àrd-ìre agus tha 8 den luchd-obrach air ceum dotaireachd a chosnadh is 3 air ceum proifeasair a chosnadh.

Tha a’ Cholaiste cuideachd a’ tabhann trèanadh rannsachaidh do dh’oileanaich fhorcheum tro cheumannan aig ìrean MA, MRes agus PhD.

Advertisement

RESEARCH

Sabhal Mòr Ostaig is dedicated to supporting the development of research into the Gaelic language and culture. The College’s most recent submission to the Research Excellence Framework [REF] saw 16% of our published output judged to be “exceptional/world-leading” and 45% “internationally excellent”.

The College is involved in a number of leading research projects including leithid Faclair na Gàidhlig, Ainmean-Àite na h-Alba, Soillse agus Soillse 2, a collaborative research initiative between UHI and the Universities of Aberdeen, Glasgow and Edinburgh.

Staff at the college are involved in high-level research and have amongst them 8 doctorates and 3 professorships. The College also provides postgraduate research training for the degrees of MA, MRes and PhD.

“Bidh leasachadh na Gàidhlig gu mòr an eisimeil an rannsachaidh a nì sinn air a’ chànain, agus tron chànain. Tha e na amas aig Sabhal Mòr Ostaig a bhith foillseachadh sàr rannsachadh aig ìre eadarnàiseanta air a’ Ghàidhlig, agus air na coimhearsnachdan a bhruidhneas i.”

“The future development of Gaelic will depend to a great extent on the research we do on the language, and through the language. Sabhal Mòr Ostaig is dedicated to publishing excellent research of international standing on Gaelic, and on the communities that speak it.”

LIBRARY

’S e àite cofhurtail agus tlachdmhor a th’ anns an Leabharlann far an urrainn do dh’oileanaich an cuid obrach is rannsachaidh a dhèanamh agus far a bheil cruinneachaidhean iasaid, fiosrachaidh is dealanach a tha a’ toirt taic iomlan don chlàr-oide. Tha cruinneachaidhean sònraichte taisgte san Leabharlann, Cruinneachadh MhicCarmaig agus Cruinneachadh Celtica nam measg. Tha na cruinneachaidhean seo, anns a bheil leabhraichean cho sean ris an 17mh linn, a’ buntainn ri cuspairean leithid Gàidhlig, Ceiltis agus eachdraidh shòisealta na Gàidhealtachd. ’S e goireas air leth a th’ ann do dh’oileanaich is luchd-rannsachaidh agus tha seo aithnichte anns a’ bhallrachd a th’ aig an Leabharlann de Chomann Leabharlannan Rannsachaidh na Roinn Eòrpa.

Tha an Leabharlann, mar bhall de Sheirbheis Leabharlainn OGE, a’ toirt cothrom do dh’oileanaich goireasan leabharlainn nan colaistean eile an lùib OGE agus goireasan dealanach OGE a chleachdadh.

The College Library provides a relaxed and welcoming environment for students to work and research in. It holds lending, reference and digital collections which provide comprehensive support to the College curriculum. The Library houses outstanding collections of antiquarian books such as the MacCormick and Celtica Collections. These collections date from the 17th century and cover Gaelic, Celtic Studies and Highland social history. The collections are a valuable resource for students and researchers, and their significance is recognised in the Library’s membership of The Consortium of European Research Libraries.

The Library, as a partner in the UHI Library Service, offers students access to resources from other college libraries within the UHI network and full access to UHI’s electronic resources.