2 minute read

FÀILTE - STIÙIRICHE AN FHOGHLAIM

Bheir sinne aig Sabhal Mòr Ostaig an taic agus an cothrom as fheàrr dhut a bhith ag ionnsachadh gu sàr ìre ann an àrainneachd Ghàidhlig shònraichte. Bheir na cùrsaichean cànain bunaiteach againn misneachd agus spionnadh dhut airson a dhol air adhart, ma thogras tu, gu cùrsa aig ìre oilthigh tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha sinn a’ tabhann raon de chùrsaichean a bheir dhut sùbailteachd a thaobh dhòighean agus chuspairean ionnsachaidh. Tha sinn an dòchas gum brosnaich an ro-shealladh seo thu a thighinn nar measg agus gum faigh thu fiosrachadh air na cùrsaichean a tha rim faotainn gus an cùrsa as fhreagarraiche dhut fhèin a thaghadh.

Advertisement

Tha sinn a’ tuigsinn gum bi grunn oileanach a’ tighinn gu Sabhal Mòr Ostaig agus an dùil ri obair fhaighinn ann an gnìomhachasan a chuireas ri athbheothachadh na Gàidhlig. Tha daoine a tha air ceumnachadh bhon t-Sabhal ann an obraichean cudromach ann an raointean leithid foghlaim, nam meadhanan, nan ealainean agus rianachd phoblach. Tha iad air buannachd mhòr fhaighinn à goireasan foghlaim air leth, inbhe acadaimigeach eadar-nàiseanta agus ceanglaichean làidir le buidhnean Gàidhlig.

Thar gach nì eile, tha na h-oileanaich againn air sàr theagasg fhaighinn ann an àrainneachd ionnsachaidh dhlùth is theò-chridheach, le luchd-obrach air leth comasach agus oileanaich dhealasach.

Tha fadachd oirnn ri bhith gad fhàilteachadh mar oileanach sa choimhearsnachd againn.

AN DR. MARSAILI NICLEÒID

WELCOME FROM THE

DIRECTOR OF STUDIES

At Sabhal Mòr Ostaig we support you to develop your potential in a unique Gaelic learning environment. Our foundation language courses will give you the confidence and the passion to continue to study through the medium of Gaelic to degree level or beyond, should you choose to.

Our courses offer you flexibility and choice in both how you study and in what you study. We hope this prospectus inspires you to join us and gives you the information you need to choose the best course for you.

We understand that many who come to study here want to be equipped to work in sectors which support Gaelic’s revitalisation. Our graduates play leading roles in the media, in education, in government and in the arts. They have benefited from our outstanding facilities, international academic standing and excellent industry connections.

Above all, they have benefited from an intimate, first-class teaching experience with highly committed staff and students.

We look forward to welcoming you to our Gaelic community.