10
"Tha AN LINNE air a bhith air leth math agus bheir i buaidh mhaireannach air mo chuid sgrìobhaidh is obair ealain. Mòran taing." ( Alison George Buck ,Oileanach PhD, Oilthigh Dhùn Èideann) JON SCHUELER
AN LINNE Sabhal Mòr Ostaig hosted the Centenary Year Symposium and Exhibition, AN LINNE, celebrating the life, work and legacy of internationally renowned artist, Jon Schueler (1916 - 1992). As part of the 2-day conference there were presentations from artists, historians, academics and a panel discussion chaired by Finlay Finlayson with members of the Mallaig fishing community. Speakers included Prof Richard Demarco CBE, Prof Duncan MacMillan, Prof Meg Bateman, Dr John Purser, Dr Anne MacLeod, artist Marian Leven RSA, Prof Mary Ann Caws, Dr Joanna Soden, Dr Lindsay Blair (Conference Convenor), poet/ historian Angus Martin and artist Will Maclean RSA MBE. The exhibition of Schueler's own work, oils and works on paper, was complemented by screenings of new film works and an exhibition of work by resident artists at Sabhal Mòr Ostaig through the Jon Schueler Scholarship, Takeshi Shikama (Japanese photographer), Helmut Lemke (German sound artist) and Oliver Mezger (Scottish based film artist). The Scholarship is open to Scottish and international artists working to the highest level of professional practice in a visual medium and with a particular interest in the landscape and the environment, continuing the legacy of Schueler's relationship to this area. This sharing of ideas from an international perspective and responding to the Gàidhealtacht supports the creation of new contemporary art at Sabhal Mòr Ostaig. The partnership on AN LINNE between Sabhal Mòr Ostaig and lead sponsor The Crannog Concept Ltd, supported by the Jon Schueler Charitable Trust, Moray College OGE/ UHI and The Royal Scottish Academy has been shortlisted for an Arts & Business Scotland Award. The winners will be announced in March.
"The Jon Shueler Symposium has aspired to a condition of a TRUE ART WORK, a veritable Gesamtkuntswerk. I have been honoured to be here in this inspiring & magical world!"
Richard Demarco
Chùm Sabhal Mòr Ostaig a’ cho-labhairt agus taisbeanadh, AN LINNE, airson beatha, obair is dìleab an neach-ealain chliùitich eadar-nàiseanta Jon Schueler (1916-1992) a chomharrachadh, ceud bliadhna an dèidh a bhreith. Bha taisbeanaidhean ann an lùib na co-labhairt dà latha le luchd-ealain, eòlaichean-eachdraidh, luchd-foghlaim agus còmhradh pannail le coimhearsnachd an iasgaich à Malaig agus le Fionnlagh MacFhionnlaigh anns a’ chathair. Am measg nan òraidichean, bha Prof Richard Demarco CBE, Prof Duncan MacMillan, Prof Meg Bateman, Dr Iain Mac an Sporain, Dr Anna NicLeòid, an neach-ealain Marian Leven RSA, Prof Mary Ann Caws, Dr Joanna Soden, Dr Lindsay Blair (Neachcathrach na Co-labhairt), am bàrd is eòlaiche-eachdraidh Aonghas Màrtainn agus an neach-ealain Will MacIllEathain RSA MBE. Chuir taisbeanaidhean de dh'fhilmichean agus obair ùr leis an luchd-ealain a choisinn Sgoilearachd Jon Schueler stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig, Takeshi Shikama (dealbhadair camara à Seapan), Helmut Lemke (neach-ealain-fuaime às a’ Ghearmailt) agus Oliver Mezger (neach-ealain film às Alba), ris an taisbeanadh de dh’obair Schueler fhèin, dealbhan ola agus obair air pàipear. Tha an Sgoilearachd fosgailte do luchd-ealain Albannach agus eadarnàiseanta aig an ìre as àirde de dh’ealain lèirsinneach agus aig a bheil ùidh shònraichte ann an cruth na tìre agus an àrainneachd, a’ togail air dìleab na dàimh a bh’ aig Schueler leis an sgìre. Tha co-roinn nam beachdan ealanta air a' Ghàidhealtachd bho thaobh eadar-nàiseanta a’ cur ri cruthachadh nuadh ealain aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha AN LINNE, a tha na com-pàirteachas eadar Sabhal Mòr Ostaig agus a’ phrìomh bhuidheann taic The Crannog Concept Ltd, le taic Urras Carthannach Jon Schueler, Moray College OGE agus Acadamh Rìoghail na h-Alba air àite a chosnadh air geàrr-liosta Duaisean Ealanta is Gnìomhachais na h-Alba. Thèid an fheadhainn a ghlèidheas duaisean a ghairm sa Mhàrt.