Leabhar-laimhe airson Oileanaich Eadar nàiseanta

Page 1

Leabhar-làimh do dh’Oileanaich Eadar-Nàiseanta

Leabhar-làimhE do

dh’Oileanaich

Eadar-Nàiseanta WWW.SMO.UHI.AC.UK iarrtas@smo.uhi.ac.uk

+44 (0) 1471 888 304

1


2

Leabhar-làimh do dh’Oileanaich Eadar-Nàiseanta

Bu mhath le Sabhal Mòr Ostaig taing mhòr a thoirt do Kyle Carey, à Newhampshire ann an Ameireagaidh, a bha na h-oileanach aig an t-Sabhal ann an 2009 agus a sgrìobh cuid as motha den leabhar-làimhe seo. Tha sinn an dòchas gum bi am fiosrachadh seo feumail dhuibh fhad ’s a tha sibh còmhla rinn agus, ann am briathran Kyle,

Fàilte oirbh do shaoghal na Gàidhlig: gur math a thèid leibh!

Dealbhte le Cànan | www.canan.co.uk

thig còmhl a rinn


Leabhar-làimh do dh’Oileanaich Eadar-Nàiseanta

Visa Lagh na h-Alba 03. Airgead 04. Air an Itealan 05. Dòighean Siubhail dhan Cholaiste 06. Ceanglaichean Siubhail Feumail 07. Cìsean airson Oileanaich Eadar-Nàiseanta 08. Cìsean aig a’ Cholaiste 09. Slàinte 10. Cùram Cloinne agus Sgoiltean 11. Dràibheadh ann an Alba 12. A’ Cosg Airgead aig a’ Cholaiste 13. An t-Sìde 14. An t-Eadar-lìon 15. Bùth na Colaiste 16. Creideamh 17. Lethbhreacan agus Clò-bhualadh 18. Ag Obair aig a’ Cholaiste 19. Fònaichean-làimhe 20. Biadh 21. A’ Siubhal 22. Fuirichibh airson Greis 23. Cultar Eadar-dhealaichte Gur Cuairteachadh 24. Dòighean air Eòlas Fhaighinn air a’ Chultar Ùr 25. A-nis, Ruideigin Gu Tur Eadar-dhealaichte! 26. Ceanglaichean Feumail

3

01.

02.

clàrinnse


4

Leabhar-làimh do dh’Oileanaich Eadar-Nàiseanta

01 Visa Tha e an urra ribh fhèin visa fhaighinn, cùis dhoirbh a bu chòir dhuibh a chur air chois tràth, co-dhiù sia mìosan mus fhalbh sibh. Leughaibh barrachd mun chùis an seo: www.ukvisas.gov.uk/en. Ma dh’fheumas sibh visa fhaighinn, leigibh fios don Cholaiste cho luath ’s as urrainn. Ma bhios comhairle bhon Cholaiste a dhìth oirbh, cuiribh fios don Oifigear Inntrigidh: iarrtas@smo.uhi.ac.uk.

02 Lagh na h-Alba A bheil sibh nur n-èiginn? Cuiribh fios gu: 999 Feumaidh cuid a dh’oileanaich eadarnàiseanta clàradh leis a’ phoileas nuair a ruigeas iad Alba. Gheibhear stampa aig geàrd crìoch na dùthcha a dh’innseas ma dh’fheumas sibh fhèin sin a dhèanamh. Ma dh’fheumas, bu chòir dhuibh a dhèanamh sa chiad sheachdain agaibh san dùthaich. Nuair a thèid sibh don stèisean, bu chòir na leanas a bhith agaibh: • Cead-siubhail • Dà dhealbh • Cìs chlàraidh: £34 • Litir bhon Cholaiste

Ma nì sibh seo, cha bhi na poileas às ur dèidh!

’n ìle, ’n ìle ’S ann an ìle, rugadh mi ’S ann an ìle ’n ìle, ’n ìle , ìle n a n n a ’S dheach ’S ann ìle bhòi chan ann!!! ... t or h ic ir u ... F


Leabhar-làimh do dh’Oileanaich Eadar-Nàiseanta

03 Airgead a’ gliogadaich ’s a’ gliogadaich ’S e an not Breatannach a th’ againn ann an Alba an-dràsta. Tha ceud sgillinn anns gach not, agus tha buinn chruaidh ann airson sgillinn, dà, còig, deich, fichead is leth-cheud sgillinn, agus not is dà not. Tha bileagan airgid ann airson not, còig, deich, fichead, leth-cheud agus ceud not. Ma tha cairt chreideis no cairt-bhanca agaibh, faodar airgead a thoirt a-mach aig an Ionad-fàilte, gun a bhith a’ ceannach dad. Tha ATM/inneal airgid aig a’ Cholaiste agus bidh dà bhàn a’ bhanca a’ tadhal air a’ Cholaiste gach seachdain (Banca na h-Alba agus Banca Rìoghail na h-Alba). Gheibhear cunntas banca aig na bancaichean ann an Alba. Tha cairteancreideis eadar-nàiseanta ag obrachadh aig a’ Cholaiste agus anns na bùithtean is taighean-òsta san sgìre. Airson nan ìrean-atharrachaidh as ùire theirigibh gu: www.xe.com/ucc. Bidh na pocaidean agaibh a’ gliogadaich an ceann greiseig!

04

Air an itealan Tha mi a’ falbh, air an itealan, chan eil fhios ’m cuin a thilleas mi... la, la, la, la, la... oops... duilich! Dèanaibh cinnteach gun ceannaich sibh ticeadan itealain tràth – bidh na prìsean ag èirigh aig na h-amannan as trainge. Airson thiceadan nas saoire, thoiribh sùil air làrach-lìn RyanAir: www. ryanair.com/en. Ach thoiribh an aire! Tha RyanAir saor o chionn ’s gu bheil cìsean daor ann ma thèid sibh seachad air crìoch truimead nam màileidean. Faodar baga a thoirt leibh air an itealan an asgaidh, agus dà mhàileid aig prìs chomharraichte mura h-eil iad ro throm. Bon voyage!

5


6

Leabhar-làimh do dh’Oileanaich Eadar-Nàiseanta

05 Dòighean siubhail DHAN CHOLAISTE Ma thig sibh à Glaschu sa chiad dol a-mach, tha trì prìomh dhòighean ann airson siubhal dhan Eilean Sgitheanach. Dh’fhaodadh sibh trèana fhaighinn eadar Stèisean-trèana Sràid na Bànrigh agus Malaig (mu 6 uair a thìde) agus an uair sin aiseag Caledonian Mac a’ Bhruthainn fhaighinn eadar Malaig agus Armadal anns an Eilean Sgitheanach (mu leth-uair a thìde air an aiseig). Thoiribh sùil air a’ chlàr-ama ro làimh airson dèanamh cinnteach gum bi aiseag ann a bheir sibh thar na linne! Uair ‘s gu bheil sibh an Armadal chan eil a’ Cholaiste ach dà mhìle gu tuath air a’ phrìomh rathad. ’S e cuairt choiseachd àlainn a th’ ann ma tha an t-sìde math agus ur n-ultach aotrom ach tha busaichean ann cuideachd eadar Armadal is a’ Cholaiste. Chan eil na busaichean cho pailt sa gheamhradh - mar sin thoiribh sùil air a’ chlàr-ama ro làimh. Bidh dràibhear a’ bhus toilichte gu leòr stad aig a’ Cholaiste. Air neo dh’fhaodadh sibh tacsaidh a chur air dòigh. Dh’fhaodadh sibh trèana fhaighinn eadar Stèisean-trèana Sràid na Bànrigh agus Inbhir Nis (mu 3-4 uair a thìde) agus an uair sin trèana eile fhaighinn eadar Inbhir Nis agus An Caol (mu 2-2½ uair a thìde). Tha busaichean a’ dol eadar An Caol agus Slèite a tha a’ dol seachad air a’ Cholaiste. A-rithist, chan eil seirbheis a’ bhus cho pailt sa gheamhradh agus bidh agaibh ri sùil a thoirt air a’ chlàr-ama ro làimh dìreach a bhith cinnteach nach bi agaibh ri feitheamh greis mhòr. Air neo dh’fhaodadh sibh tacsaidh a chur air dòigh eadar An Caol agus a’ Cholaiste, a tha mu 20 mìle a dh’astar.

Dh’fhaodadh sibh bus Citylink a ghabhail eadar Stèisean-bus Sràid Bhochanan agus an t-Eilean Sgitheanach (mu 6-8 uair a thìde). Ruigidh sibh An t-Àth Leathann, mu 14 mìle air falbh bhon Cholaiste. Tha busaichean ri fhaighinn eadar An t-Àth Leathann agus a’ Cholaiste no dh’fhaodadh sibh tacsaidh fhaighinn. Bidh agaibh ri sùil a thoirt air a’ chlàr-ama ro làimh oir chan eil na busaichean cho pailt aig amannan. Ma thig sibh air plèana a Dhùn Èideann, gheibh sibh trèana gu Stèisean-trèana Sràid na Bànrigh, Glaschu, agus tha an turas trèana eadar an dà bhaile mu thrì chairteal na h-uarach. A’ crochadh air cuin a ruigeas sibh Glaschu, ’s dòcha gum bi sibh airson fuireach na h-oidhche mus siubhail sibh gu tuath. ’S fheàrr leam fhèin Leabaidh is Lite air a bheil 1883 Guest House. Tha e glan, sàmhach is saor agus gheibh sibh ròb-ionnlaid is beagan teoclaid còmhla ri ur tì. Ma tha sibh a’ tighinn bho Phort-adhair Ghlaschu Phreastabhaig gheibh sibh trèana gu Stèisean-trèana Sràid na Bànrigh agus an uair sin tacsaidh dhan L&L. Gheibhear ticead trèana à Preastabhaig aig leth-phrìs ma tha ticead plèana agaibh (seallaibh ur ticead don fhear-thiceadan). Ma tha sibh a’ tighinn à Port-adhair Ghlaschu Eadarnàiseanta, gheibh sibh bus gu Sràid na Bànrigh, agus an uair sin tacsaidh dhan L&L airson mu sheachd nòtaichean.


Leabhar-làimh do dh’Oileanaich Eadar-Nàiseanta

06 Ceanglaichean siubhail feumail 1883 Guest House www.1883corp.com Aisigean Caledonian Mac a Bhruthain www.calmac.co.uk Tel: 0800 066 0500 Busaichean Citylink www.citylink.co.uk Busaichean san Eilean Sgitheanach www.touristnetuk.com/sc/isleofskye/ travel/local-buses.htm Nicolson Taxi Hire: Tacsaidhean san Eilean Sgitheanach Tel: +44 (0)1471 844338 Traveline Scotland www.travelinescotland.com Tel: 08712 002233 Trèanaichean Scotrail www.scotrail.co.uk Visit Scotland www.visitscotland.com

07 Cìsean Oileanach airson Oileanaich Eadar-nàiseanta www.smo.uhi.ac.uk/Iarrtas/cisean_ gd.html Tha cìsean oileanach nas àirde airson oileanaich eadar-nàiseanta. Ach faodar iarrtas sgoilearachd a chur don Cholaiste airson taic-airgid. Uaireannan bidh Comunn na Gàidhlig a’ tairgsinn sgoilearachd do dh’oileanaich air cùrsaichean Gàidhlig as bith dè an dùthaich às a bheil iad. Airson an tuilleadh fiosrachaidh thoiribh sùil air: www. cnag.org.uk Cuideachd, mas e oileanach às Ameireaga a Tuath a th’ annaibh, faodar iarrtas sgoilearachd a chur gu Comataidh Gàidhlig Ameireaga a Tuath: www.acgamerica. org/financial-aid/scholarships Bidh iad a’ tairgsinn sgoilearachd do dh’oileanaich air cùrsaichean Gàidhlig a h-uile bliadhna airson chùrsaichean làn-ùine agus chùrsaichean goirid. Thoiribh sùil air làrach-lìn Comhairle Bhreatainn cuideachd airson fios air cothroman sgoilearachd do dh’oileanaich eadar-nàiseanta: www.britishcouncil.org

08 Cìsean aig a’ Cholaiste Nuair a ruigeas sibh a’ Cholaiste, feumaidh sibh £100 de dh’airgead àirleis a thoirt seachad airson ur seòmar cho math ris a’ chiad earrainn de na cosgaisean teagaisg. Faodar na cosgaisean teagaisg is fuirich gu lèir a phàigheadh aig an àm sin no a h-uile mìos.

7


8

Leabhar-làimh do dh’Oileanaich Eadar-Nàiseanta

09 Slàinte Bidh ubhal gach latha a’ cumail an dotair bhuaibh, ach mura bi... Mar oileanach ann an Alba, gheibh sibh seirbheis shlàinte aig cosgais ìosal no an asgaidh. Tha ionad-slàinte ri taobh na Colaiste- gheibh sibh ann is air ais an ceann 10 mionaidean. Bu chòir dhuibh clàradh aig an ionad nuair a thòisicheas sibh aig a’ Cholaiste le bhith a’ tadhal air le litir bhon Cholaiste a dh’innseas gu bheil sibh nur n-oileanach. Leigibh fios don neach-fàilteachaidh gu bheil sibh airson a bhith clàraichte air an liosta airson an NHS, agus ma gheibh sibh cead, gheibh sibh cairt sa phost air am bi Àireamh Sheirbheis Shlàinte Nàiseanta. Na caill i! A rèir an NHS, tha coinneamhan le dotair an asgaidh airson chùrsaichean a tha nas fhaide na sia mìosan. Ma bhios trioblaid nas èiginniche ann, tha ospadal san Àth Leathann agus ann am Port Rìgh. Agus ma bhios trioblaidean inntinn ag èirigh no ma bhios sibh a’ fulang air sgàth uallach, tha comhairliche aig a’ Cholaiste ris an urrainnear bruidhinn uair sam bith. Tha gu leòr ri dhèanamh a chumas sibh fallainn, mar chuairtean coiseachd, sreap no ruith ach cuideachd bidh tursan ann a h-uile seachdain gu Ionad Spòrs a’ Chaoil far a bheil amar-snàmh, sauna, seòmar-ceò is talla-spòrs. Tha buidheann sreap is coiseachd aig a’ Cholaiste a bhios a’ falbh air tursan gu cunbhalach aig an deireadh-seachdain. Agus mura faigh sibh ur leòr an sin, faodar na tursan agaibh fhèin a chur air dòigh le meanbh-bhus na Colaiste.

10 CùRAM CLOINNE AGUS SGOILTEAN Tha ionad cùram-cloinne Gàidhlig ann, Fàs Mòr, a tha suidhichte aig a’ Cholaiste. ’S e àite sàbhailte, cofhurtail, beothail a th’ ann do chloinn aois 0-12 bliadhna. Tha bun-sgoil Ghàidhlig faisg air a’ Cholaiste, Bun-sgoil Shlèite. Tha aon àrdsgoil air an eilean, Àrd-sgoil Phort Rìgh, a tha 40 mìle air falbh agus tha bus ri fhaighinn airson sgoilearan a’ fuireach ann an Slèite.

11 Dràibheadh ann an Alba Ma tha sibh am beachd càr a cheannach an Alba, bu chòir dhuibh smaoineachadh air cosgaisean a bharrachd a leithid àrachas, cìs-rathaid, càradh is connadh. Tha càraichean air màl daor cuideachd is feumar a bhith nas sine na 25. Ma tha cead-dràibhidh à thall thairis agaibh, faodar a chleachdadh fad bliadhna an Alba. Ach ma bheir sibh càr a-nall thairis, feumaidh àrachas na cairt uaine agus pàipearan clàraidh a bhith agaibh.


Leabhar-làimh do dh’Oileanaich Eadar-Nàiseanta

12 A’ cosg airgead aig a’ Cholaiste Nuair a bhios sibh a’ fuireach aig a’ Cholaiste cha bhi an t-uamhas airgid a dhìth oirbh o chionn ’s gum bi na cosgaisean agaibh caran ìosal. Ach ’s fhiach e beachdachadh air beagan airgid a chur don dara taobh airson rud no dhà sa bhùth, deochan, leabhraichean no dìnnear spaideil. Ma thèid sibh don bhaile air an deireadh-seachdain feumar a bhith an dùil ri beagan a bharrachd a chosg!

13 An t-Sìde ’S iomadh oidhche fhliuch is thioram Sìde nan seachd sian... -Griogal Cridhe Ged nach eil sìde na h-Alba ro bhlàth no ro fhuar, tha sìde an Eilein air leth caochlaideach. Tha na ràithean fionnar agus fliuch, agus mòran sgòthan is uisge fad na bliadhna. Sin agaibh mar a choisinn e a chliù mar Eilean a’ Cheò! Mar sin, thoiribh leibh seacaid sheasgair, bòtannan dìonach agus (nas cudromaiche buileach) còta dìonach. Chithear a’ ghrian eadar an t-uisge ach tha a bòidhchead fhèin anns an t-side fhliuch sin, a chuireas ri saoghal grinn fiadhaich an Eilein.

9


10 Leabhar-làimh do dh’Oileanaich Eadar-Nàiseanta

14 An t-Eadar-lìon Bidh an teaghlach is na caraidean agaibh toilichte a chluinntinn gu bheil wireless agus ethernet againn anns gach seòmar agus aig an Ionad-fàilte, far a bheil an leabharlann agus an complann. Tha complann eile ann an Àrainn Ostaig, mar sin, mura h-eil laptop agaibh, faodaidh sibh coimpiutar a chleachdadh anns a’ chomplann. Tha an t-eadar-lìon ri fhaighinn agus mar sin cha bhi leisgeul ann gun a bhith a’ bruidhinn ri ur màthair air Skype! Ma dh’èireas trioblaid le coimpiutar tha sgioba teicnigeach air leth fiosrach ann a bheir cuideachadh dhuibh. Gheibh sibh seòladh puist-d oileanaich bhon Cholaiste - riatanach airson conaltradh a chumail aig a’ Cholaiste agus airson fios fhaighinn air tachartasan cudromach.

15 Bùth na Colaiste Meal do naidheachd andiugh, meal do naidheachd an-diugh... Anns a’ bhùth gheibh sibh cairtean airson gach tachartas, fiù ’s cairt airson co-là breith ur màthar sa Ghàidhlig! Tha fhios gun gabh i iongnadh mu na sgilean cànain ùra agaibh! A bharrachd air sin, tha aodach, CDan, goireasan oifis is rudan bunaiteach, a leithid pileachan airson ceann goirt is pùdar nigheadaireachd, is deagh thaghadh de leabhraichean – siuthadaibh!


Leabhar-làimh do dh’Oileanaich Eadar-Nàiseanta

16 Creideamh Ma tha creideamh agaibh, tha goireasan agus tachartasan ann dhuibh. A h-uile mìos bidh seirbheis aig a’ Cholaiste anns a’ Ghàidhlig, agus a h-uile Didòmhnaich, bidh seirbheis shìos an rathad anns an Eaglais Shaoir. Agus tha ministear aig a’ Cholaiste ris an urrainnear bruidhinn uair sam bith mu cheistean spioradail sam bith a th’ agaibh.

17 Lethbhreacan agus Clò-bhualadh Faodar na clò-bhualadairean agus na complannan a chleachdadh an asgaidh agus gheibhear cairtean airson an lethbhreacadair aig prìs ìosal. Nuair a thig a’ chairt agaibh gu crìch, faodaidh sibh barrachd creideas a cheannach air an aon chairt agus a cleachdadh a-rithist.

11


12 Leabhar-làimh do dh’Oileanaich Eadar-Nàiseanta


Leabhar-làimh do dh’Oileanaich Eadar-Nàiseanta

18

20

Ag Obair aig a’ Cholaiste ’g obair ann am mèinn guail, a’ dol sìos, sìos, sìos

Biadh Obh, Obh, tha mi cho làn ri crò!

Dh’fhaodadh gum faigh sibh cothrom air obair fhaighinn aig a’ Cholaiste, agus bidh na h-uairean-obrach ceadaichte agaibh a’ crochadh air a’ visa a th’ agaibh. Bidh cothroman obrach a bharrachd anns na saor-làithean. Faodar obrachadh làntìde anns na saor-làithean ma bhios Visa Oileanach Ìre 4 agaibh. Bu chòir dhuibh an t-iarrtas agaibh a chur a-steach cho luath ’s as urrainn dhuibh o chionn ’s gum bi mòran oileanaich eile a’ sireadh obair cuideachd! Feumaidh gach neach-obrach an Alba tuarastal na cuid as lugha fhaighinn aig a’ char as ìsle. Thoiribh an aire gum bi na h-àireamhan ag atharrachadh a h-uile bliadhna, ach airson tuarastail na bliadhna sa, thoiribh sùil air: www.direct.gov.uk/en/ Employment/Employees/ TheNationalMinimumWage/ DG_10027201

19 Fònaichean-làimhe Halò? HALÒ??? A BHEIL THU GAM CHLUINNTINN? Seadh! Tha sin nas fheàrr! Thèid agaibh air am fòn-làimh agaibh a chleachdadh ann an Alba leis a’ chairt SIM a tha ceart ach ma dh’fhaoidte gun roghnaich sibh air fòn ann an Alba a cheannach. Gheibhear fear ‘pay-as-you-go’ airson mu £20.

Mas e oileanach eadar-nàiseanta a th’ annaibh, ’s dòcha nach bi càr agaibh. Mas e sin a’ chùis bidh e nas doirbhe dhuibh faighinn don Cho-op san àth Leathainn airson biadh. Na gabhaibh cus dragh getà oir gheibhear bracaist, dìnnear is lòn aig a’ Cholaiste an lùib ur cosgaisean fuirich. Agus mar rudeigin a bharrachd, no ’s dòcha riatanach, fàsaidh sibh eòlach air na h-oileanaich is an luchd-obrach ma dh’itheas sibh san t-seòmar-bhidhe aig àm bidhe. Gheibhear siùcairean, sùgh is tì aig prìs ìosal, cho math ri ceapairean ma bhios greim tron oidhche a dhìth oirbh. Tha an seòmar-bidhe fosgailte Disathairne is Didòmhnaich gu 10.00m, far am faighear bracaist theth, is a-rithist aig 5.00f airson dìnnear. ’S fhiach e beagan bidhe a chumail nur seòmar. Tha goireasan cidsin a leithid frids, microwave is coire ri fhaighinn anns na h-àiteachan-fuirich. Bidh oileanaich le càraichean a’ siubhail don Àth Leathann gu cunbhalach agus a-rithist faodar meanbhbhus na Colaiste a chur air dòigh dhuibh fhèin. Cuideachd tha bùth bheag ann an Àrd a Bhasair, dà mhìle air falbh. Air àbhaisteach, tha Cafè Ostaig aig an t-seann àrainn fosgailte gach feasgar tron t-seachdain, far am faigh sibh ti, cofaidh agus bèicearachd. Slàinte!

13


14 Leabhar-làimh do dh’Oileanaich Eadar-Nàiseanta

21 A’ siubhal Bidh busaichean a’ dol seachad air a’ Cholaiste a’ dol dhan Àth Leathann no a Phort Rìgh, am baile as motha san eilean, mu 40 mìle air falbh. Tha stèisean trèana anns a’ Chaol a bheir sibh a dh’Inbhir Nis agus ann am Malaig airson siubhal gu deas. Ma bhios oidhche sa bhaile mhòr a dhìth oirbh dèanaibh air Inbhir Nis no Glaschu. Uaireannan, bidh cuid de na h-oileanaich eile a’ dèanamh air a’ bhaile air an deireadh-seachdain cuideachd- mar sin cuimhnichibh agus na Manolos a thoirt leibh!

22 Fuirichibh airson greis Airson barrachd oileanaich eadar-nàiseanta a chumail an Alba, tha an riaghaltas air ‘Sgeama Obrach an dèidh Rannsachaidh’ a chur air chois do dh’oileanaich eadarnàiseanta a tha air crìoch a chur air HND, Masters no PhD ann an oilthigh Albannach is a bha a’ fuireach san dùthaich fhad ’s a bha iad a’ rannsachadh. Faodaidh oileanaich iomchaidh fuireach an Alba fad dà bhliadhna a bharrachd: www.talentscotland.com


Leabhar-làimh do dh’Oileanaich Eadar-Nàiseanta

23 Cultar Eadardhealaichte Gur Cuairteachadh Hmmm... Am fàileadh... An dualchas... Na h-aodaich? Tha e doirbh do chuid a bhith a’ fuireach an cultar eile, gu h-àraid aig an toiseach, agus gu seachd àraid nuair a dh’fheumar cànan ùr ionnsachadh. Ach na gabhaibh dragh, tha a’ Cholaiste air leth taiceil is chan fhada gus am fàs sibh glè eòlach air a’ choimhearsnachd. Bidh cuid a dh’oileanaich a thall thairis a’ faireachdainn air chall aig amannan san dùthaich ùir is tha cuid de na diofar ìrean iongnaidh mun chultar ùr sgrìobhte an seo: Aoibhneas: Tha sibh air bhiorain san àite ùr, tha a h-uile nì inntinneach is ùr agus chan eil an diofar eadar an dà chultar a’ cur dragh sam bith oirbh.

1

Frionas: Aig an ìre sa fàsaidh sibh mothachail air na diofaran eadar an dà chultar. Ma dh’fhaoidte gun cuir rudan nach eil cudromach dragh oirbh is gum bi cianalas oirbh. Tha an ìre sa car doirbh ach bidh mòran luchd-siubhail a’ faireachdainn an aon rud is tha an ath ìre fada nas fheàrr!

2

3 Eòlas air an àite: An ceann tacain, bidh ur beachd ag atharrachadh gu tur is fàsaidh sibh eòlach air a’ chultar ùr. Bidh sibh nas cofhurtail is bidh barrachd misneachd agaibh.

An sàs sa chultar ùr: Aig an ìre sa tha sibh misneachail is cofhurtail sa chultar ùr, chan eil sibh mothachail air na rudan a bha a’ cur dragh oirbh is tha sibh a’ gabhail pàirt ann an cleachdaidhean a’ chultair ùir. A rèir coltais, bidh ‘clisgeadh tilleadh dhachaigh’ aig cuid nuair a thilleas iad don dùthaich aca fhèin!

4

15


16 Leabhar-làimh do dh’Oileanaich Eadar-Nàiseanta

24

25

Dòighean air Eòlas Fhaighinn air a’ Chultar Ùr

A-nis, rudeigin gu tur eadardhealaichte!

• Na bithibh diùid ann a bhith a’ lorg charaidean ùra.

An rud as cudromaiche, dèanaibh ur dìcheall an ùine agaibh aig an t-Sabhal a chosg cho eifeachdach sa ghabhas agus cuimhnichibh, mar oileanach eadarnàiseanta, tha pàirt shònraiche agaibh ann an saoghal na Gàidhlig. Mòran taing airson ùidh a ghabhail sa Ghàidhlig- suas leis a’ Ghàidhlig!

• Faighibh eòlas air àrainn na Colaiste agus a’ choimhearsnachd mu timcheall. • Faighibh eòlas air ainmean is abairtean na Colaiste is na sgìre. • Èistibh gu cùramach nuair a tha daoine a’ bruidhinn is cuimhnichibh tha fhios nach bi iad a’ smaoineachadh air an dearbh nì ‘s a tha sibhse. Faighnichibh, ma tha ceist agaibh. • Bruidhnibh Gàidhlig, fiù ’s mura h-eil mòran agaibh aig an toiseach. Còrdaidh e ri daoine gu bheil sibh a’ feuchainn. • Ma tha cur-seachadan agaibh, cumaibh iad a’ dol san dùthaich ùir, agus bidh sibh a’ tarraing charaidean aig a bheil ùidh san rud cheudna. • Lorgaibh àiteachan cofhurtail air falbh bhon t-seòmar agaibh. • Bithibh dripeil! • Bruidhnibh ri ur caraidean ùra no ri comhairliche na Colaiste ma tha dad a’ cur dragh oirbh- na cumaibh na duilgheadasan agaibh dhuibh fhèin. • Seallaibh air gach duilgheadas fa leth, na leigibh leotha ur beatha a ghabhail thairis. • Fàgaibh ur beachdan air a’ chultar air ais aig an taigh. Gabhaibh ri beachdan ùra. • Airson barrachd fios air dèiligeadh le cianalas, thoiribh sùil air: www.juliaferguson.com/shock.

26 Ceanglaichean Feumail Pailteas fiosrachaidh, an t-sìde agus na naidheachdan: www.bbc.co.uk Comhairle Bhreatainn, le fios oileanaich ann am Breatainn: www.educationuk.org

airson

Comhairle Fhoghlaim Eadar-nàiseanta, le comhairle is fiosrachadh: www.ukcisa.org.uk Duilleagan OGE airson Oileanaich Eadarnàiseanta: www.uhi.ac.uk/en/studying-at-uhi/ international Ùghdarras Crìochan na RA: www.ukvisas.gov.uk/en/


Issuu converts static files into: digital portfolios, online yearbooks, online catalogs, digital photo albums and more. Sign up and create your flipbook.