10
FOSGLADH OIFIGEIL RATHAD MHICGUAIRE
NAMING CEREMONY FOR RATHAD MHICGUAIRE
Chuir Sabhal Mòr Ostaig fàilte mhòr air ainmeachadh oifigeil a’ chiad rathaid ùir ann an Leasachadh Baile na Cille Bige san Ògmhios. Tha Rathad MhicGuaire air an làraich ri taobh Ionad Iain Nobail agus chaidh ainmeachadh air seann Chathraiche an t-Sabhail Mhòir, Donnchadh MacGuaire. Chaidh am fosgladh oifigeil a dhèanamh le Ceit Fhoirbeis BPA, far an deach moladh mòr a dhèanamh air Donnchadh airson na rinn e thar nam bliadhnaichean. Thuirt an t-Ollamh Boyd Robasdan, a bha na Phrionnsapal aig an àm: “’S e urram a tha seo do Dhonnchadh air a bheil e làn thoillteanach is tha e ag aithneachadh na h-obrach thar tomhais a rinn e gus a’ Cholaiste a leasachadh rè iomadh bliadhna. Tha e iomchaidh gum bi ainm air a cheangal gu bràth ri Sabhal Mòr Ostaig agus ri leasachadh Baile na Cille Bige, coimhearsnachd Ghàidhealach ùr is sheasmhach le Gàidhlig agus a cultar aig a cridhe.” A bharrachd air a’ chuirm ainmeachaidh oifigeil, choinnich Ceit ris a’ chiad dà theaghlach a tha a’ fuireach sa bhaile ùr agus bha i cuideachd toilichte a ràdh gun tèid an ath ìre de leasachadh na Cille Bige, airson taighean aig prìs chuimseach a thogail, a thòiseachadh a dh’aithghearr, is planaichean an impis a dhol a-steach air an son.
Sabhal Mòr Ostaig warmly welcomed the official naming of the first road, Rathad MhicGuaire (MacQuarrie Road), in the new Kilbeg Village Development, in June. The official naming ceremony, carried out by Kate Forbes MSP, celebrated and honoured the name of the former SMO Trustee and Chairman, Mr Duncan McQuarrie, in recognition of the key role which he has played in the College’s development over many years. In paying tribute, then Principal Prof Boyd Robertson said: “This is a richly deserved honour for Duncan which recognises the hugely important contribution he has made over many years. It is fitting that his name will forever be associated with Sabhal Mòr Ostaig and with the development of Kilbeg Village, a new sustainable Highland community which places Gaelic language and culture very much at its heart.” In addition to conducting the official naming ceremony, the MSP also met with the first two families to take up residence in the new village and, in so doing, she was also very happy to be able to announce the imminent start on the next phase of affordable housing on site, the plans for which will very shortly be submitted for Full Planning Consents.
Ceit Fhoirbeis BPA le Donnchadh MacGuaire agus an dà theaghlach
Boyd Robasdan agus Sue Fogden, Cathraiche Urras Taigh Chearsabhagh
Iain Tormod MacLeòid agus Rodney MacDonald, CEO Colaisde na Gàidhlig © Iain Stephen Morrison and Colaidse na Gàidhlig