Skip to main content

Gaelic Translation Of Proposed Schools (Residential Outdoor Education) (Scotland) Bill

Page 1

Moladh air Bile Sgoiltean (Foghlamcòmhnaidh A-muigh) (Alba).

Dealbh le cead bho Anndra Dòmhnallach, Exhibit Scotland

Moladh airson Bile a nì cinnteach gum bi cothrom aig daoine òga eòlas a chur air foghlam-còmhnaidh a-muigh. Co-chomhairleachadh le Liz Nic a’ Ghobhainn BPA, Ball airson Meadhan na h-Alba agus Fìobha Giblean 2022 1


Clàr-innse Duilleag

3

Facal-toisich le Liz Nic a’ Ghobhainn BPA

Duilleag

4

Mar a tha am pròiseas co-chomhairleachaidh ag obair

Duilleag

5

Amasan a’ Bhile a tha ga mholadh

Duilleag

5

Cùl-fhiosrachadh

Duilleag

6

Mìneachaidhean

Duilleag

7

Modalan foghlaim a-muigh agus foghlam-còmhnaidh

Duilleag

8

Prògraman còmhnaidh àbhaisteach

Duilleag

9

Eisimpleir de dh’fhoghlam-còmhnaidh a-muigh

Duilleag

10

Sealladh eadar-nàiseanta

Duilleag

12

Carson a tha còir air foghlam-còmhnaidh a-muigh cudromach?

Duilleag

16

Mion-fhiosrachadh agus buaidhean a’ Bhile a tha ga mholadh

Duilleag

22

Buaidh ionmhasail agus maoineachadh

Duilleag

23

Seasmhachd

Duilleag

24

Co-ionannachd

Duilleag

26

Ceistean

Duilleag

35

Mar a fhreagras tu an co-chomhairleachadh seo

2


Facal-toisich Tha foghlam a-muigh mar aon de na h-eòlasan ionnsachaidh as luachmhoire agus as buannachdail a dh’fhaodas a bhith aig neach òg sam bith rè am beatha-sgoile. Gu sònraichte, faodaidh foghlam-còmhnaidh a-muigh, nuair a bhios daoine òga air falbh airson seachdain ann an àrainneachd a tha gu math eadar-dhealaichte bhon dachaigh aca, cruth-atharrachadh a thoirt air am beatha. Ann a bhith a’ toirt air adhart an dreachd mholadh seo airson Bile don Phàrlamaid tha mi airson dèanamh cinnteach gum bi na cothroman foghlaim amuigh a bha mise fortanach a mhealtainn fhathast ann airson ginealaichean ri teachd. Chanainn gu bheil eòlasan-dànachd ùra air a’ bhlàr a-muigh a’ toirt ceangal fad-beatha do dhaoine òga don àrainneachd nàdarra agus uallach air a son, cho math ri fèin-spèis, fèin-earbsa, misneachd, foghainteachd agus tuigse air mar a dhèiligeas iad ri dùbhlain ùra agus a làimhsicheas iad cunnart. Bidh e cuideachd a’ cuideachadh dhaoine òga gus tuigsinn na tha e a’ ciallachadh a bhith nam pàirt de sgioba, sgilean ceannais ionnsachadh agus cho cudromach ’s a tha càirdeas. Tha an fhianais mu bhuannachdan foghlam-còmhnaidh a-muigh an dà chuid farsaing agus làidir, agus, ann an aois COVID-19, nuair a tha dragh a’ sìor fhàs mu shlàinte is dòighean-beatha dhaoine òga agus leis gu bheil mòran cloinne à cuid de na sgìrean as bochda nach eil a’ faighinn nan aon chothroman ri an co-aoisean ann an àiteachan eile, bu chòir foghlam-còmhnaidh a-muigh a bhith na phrìomh phàirt den churraicealam. Tha e furasta a thuigsinn gu bheil cuid de dh’ùghdarrasan ionadail a’ faireachdainn gu bheil feum aca air gearradh air ais air an t-seòrsa gnìomhachd seo air sgàth an tsuidheachadh ionmhais teann a tha romhpa – ann am faclan eile, tha iad ga fhaighinn nas duilghe cumail ri spiorad Achd an Fhoghlaim (Alba) 1980, a tha, fo earrann 1(3), ga chur mar dhleastanas orra goireasan iomchaidh a lìbhrigeadh airson ghnìomhan sòisealta, cultarail agus cur-seachad agus airson foghlam corporra agus trèanadh, a dh’fhaodadh a bhith a’ gabhail a-steach, fo earrann 6, stèidheachadh agus cumail suas ionadan a-muigh agus tursan a chur air dòigh. An-diugh, tha sinn uile ro eòlach air a bhith a’ measadh foghlam ann an àireamhan thidsearan, àireamh teisteanasan SQA, àrdachadh sa cheud ann an sgilean litearrachd is àireamhachd agus meud chlasaichean, nuair a bu chòir dhuinn uaireannan a bhith a’ 3


coimhead air taobhan càileachdail de dh’fhoghlam – taobhan nach gabh an aithris ann an àireamhan ach, chanainn-sa, a tha bunaiteach do fhoghlam de dheagh chàileachd. Sin an t-adhbhar a tha am Bile Buill a tha mi a’ moladh cudromach agus a tha an cochomhairleachadh foirmeil seo na phrìomh phàirt den phròiseas. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhur freagairtean fhaighinn.

Liz Nic a’ Ghobhainn BPA

Mar a tha am Pròiseas Co-chomhairleachaidh ag obair Tha an co-chomhairleachadh seo a’ buntainn ri dreachd mholadh a chuir mi a-steach mar a’ chiad ìre sa phròiseas gus Bile Buill a thoirt a-steach do Phàrlamaid na h-Alba. Tha am pròiseas air a riaghladh le Caibideil 9, Riaghailt 9.14, de Ghnàth-riaghailtean na Pàrlamaid a gheibhear air làrach-lìn na Pàrlamaid aig: Gnàth-riaghailtean | Làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba Aig deireadh na h-ùine co-chomhairleachaidh, thèid na freagairtean gu lèir a sgrùdadh. Tha mi an dùil an uair sin moladh deireannach a chur a-steach don Phàrlamaid còmhla ri geàrr-chunntas de na freagairtean a gheibhear. Ma gheibh am moladh deireannach sin taic bho co-dhiù 18 BPA eile bho co-dhiù an dàrna leth de na pàrtaidhean poilitigeach no na buidhnean a tha air an riochdachadh ann am Biùro na Pàrlamaid, agus nach can Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad an dùil reachdas a dhèanamh anns an raon seo, bidh a’ chòir agam Bile Buill a thoirt a-steach. Is dòcha gun toir e grunn mhìosan mus bi am Bile agus na sgrìobhainnean co-cheangailte ris ullaichte. Nuair a thèid Bile Buill a thoirt a-steach, bidh e a’ dol tro phròiseas sgrùdaidh 3 ìrean, nuair a dh’fhaodar atharrachadh no a dhiùltadh gu tur. Ma thèid gabhail ris aig deireadh a’ phròiseis, thèid e na Achd. An-dràsta, ma-thà, chan eil Bile ann, dìreach dreachd mholadh airson reachdas. ’S e adhbhar a’ cho-chomhairleachaidh seo diofar bheachdan a lorg air cuspair a’ Bhile a tha ga mholadh, a’ comharrachadh dhuilgheadasan a dh’fhaodadh a bhith ann, a’ moladh leasachaidhean, agus a’ leasachadh agus a’ lìomhadh a’ phoileasaidh san fharsaingeachd. Faodaidh pàirt chudromach a bhith aig co-chomhairleachadh, nuair a tha e air a dheagh dhèanamh, gus dèanamh cinnteach gu bheil an reachdas freagarrach. Tha am pròiseas co-chomhairleachaidh a’ faighinn taic bho Aonad Bhilean NeoRiaghaltais Pàrlamaid na h-Alba (NGBU) agus mar sin cumaidh e ri slatan-tomhais 4


deagh chleachdaidh an Aonaid. Nì NGBU cuideachd mion-sgrùdadh agus bheir e seachad geàrr-chunntas neo-chlaon de na freagairtean a gheibhear. Tha fiosrachadh air mar as urrainnear an co-comhairleachadh seo a fhreagairt aig deireadh na sgrìobhainn seo. Faodar lethbhreacan a bharrachd den phàipear seo iarraidh le bhith cur fios thugam aig Liz Nic a’ Ghobhainn BPA, Pàrlamaid na h-Alba, Dùn Èideann, EH99 1SP; Fòn: 0131 348 6762; elizabeth.smith.msp@parliament.scot Chaidh dreach Cànan Soidhnidh Bhreatainn (BSL) agus dreach Gàidhlig den sgrìobhainn seo ullachadh cuideachd agus gheibhear thuca aig: www. schoolsresidentialbill.org Bu chòir ceistean mu bhith a’ faighinn a’ phàipear co-chomhairleachaidh ann an cànan sam bith eile seach Beurla no ann an riochdan eile a chur thugam cuideachd. Tha leth-bhreac air-loidhne ri fhaighinn air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba (www.parliament.scot ) aig Molaidhean airson Bhilean – Pàrlamaid na h-Alba | Làrachlìn Pàrlamaid na h-Alba

Amasan a’ Bhile a tha ga Mholadh Is e amas a’ Bhile a tha ga mholadh dleastanas reachdail a chur an sàs gus dèanamh cinnteach gum faigh daoine òga aois 12 - 16 ann an sgoiltean air an ruith le ùghdarras ionadail agus sgoiltean a gheibh taic-tabhartais ann an Alba cothrom air foghlamcòmhnaidh a-muigh. Bhiodh am Bile a tha ga mholadh a’ cruthachadh dleastanas reachdail airson maoineachadh a sholarachadh agus dèanamh cinnteach gum biodh cothrom ann airson co-dhiù seachdain (ceithir oidhcheannan is còig latha) de dh’fhoghlam-còmhnaidh amuigh do dhaoine òga aig àm air choreigin nan cùrsa-sgoile. ’S e an t-amas gum biodh an dleastanas airson dèanamh cinnteach gun tèid foghlamcòmhnaidh a-muigh a sholarachadh a’ tuiteam orrasan air a bheil uallach airson an solar a chur air dòigh, me ùghdarras foghlaim agus manaidsearan sgoiltean a gheibh taic-tabhartais. (Bhiodh na h-ionadan a bhiodh gan cleachdadh ag atharrachadh a rèir an t-suidheachaidh m.e. ionadan ùghdarrasan ionadail, feadhainn san roinn phrìobhaidich no le buidhnean eile.)

Cùl-fhiosrachadh Tha eachdraidh fhada agus iom-fhillte aig solar foghlam-còmhnaidh a-muigh ann an Alba, mar a chì sinn e an-diugh. Thug atharrachadh poilitigeach agus sòisealta tràth san 5


20mh linn cothrom agus saorsa do mhòran den t-sluagh faighinn chun na dùthcha . Bha an riaghaltas a’ brosnachadh dhaoine faighinn a-mach don “èadhar ghlan” agus bha fèill mhòr air cur-seachad a-muigh. Aig an aon àm chaidh buidhnean carthannach ùra a stèidheachadh a bha ag amas air am blàr a-muigh, dàn-thursan, cuairtean agus campachadh a bhrosnachadh do dhaoine òga; an Comann Ostailean Òigridh (1930), Outward Bound (1941), Duais Diùc Dhùn Èideann (1956), na scouts (1908) agus guides (1910) Ann an Alba bho na 1960an a-mach, fo bhuaidh Achdan Foghlaim na h-Alba 1945 agus 1980, stèidhich ùghdarrasan ionadail grunn ionadan-foghlaim a-muigh. Bha cuid dhiubh sin maireannach, cuid eile nach robh. Bha iomadh seòrsa aca ann air an sgaoileadh fad is farsaing. B’ e sin linn an àigh airson foghlam-còmhnaidh a-muigh ann an Alba.1 Bha an leudachadh seo aig àirde anns na 1980an (faic Figear 1.) le timcheall air 70 ionad foghlam-còmhnaidh a-muigh le ùghdarrasan ionadail agus 126 uile gu lèir, ma chunntas sinn ionadan san treas roinn agus san roinn phrìobhaidich2. Ach, bha cùisean poilitigeach agus fiosgail caochlaideach anns na 1980an agus 1990an agus dh’atharraich fortan nan ionadan-còmhnaidh a-muigh suas chun an latha an-diugh.

1

Cheesmond, J (1979) A research report of the outdoor education programmes: Lothian region and Dunfermline College of Education 2 Davis, R (2018) Residential Outdoor Education in Scotland: change over time and the impacts of socioeconomic deprivation on access’ (dàta ùraichte 2020, Thompson P.)

6


Clàr 1. (Thoir an aire gu bheil an teacs sna clàran san sgrìobhainn seo sa Bheurla ach gu bheil teacs nan clàran ri fhaighinn aig an deireadh ann an Eàrr-ràdh 1).

Bha buaidh mhòr aig ath-eagrachadh riaghaltas ionadail ann an 1996 agus stèidheachadh 32 ùghdarrasan ionadail no comhairlean bho na h-ùghdarrasan roinneil na bu mhotha. Às dèidh sin dhùin na comhairlean nas lugha, le buidseatan nas lugha, mu thrithead sa cheud de dh’ionadan a-muigh fo smachd ùghdarrasan ionadail.3 Shuidhich seo treand airson nan deicheadan ri teachd. Chan eil fortan nan ionadan foghlam-còmhnaidh a-muigh air atharrachadh mòran bho na 1990an, agus iad a’ sìor dhol an lughad. Chan eil an suidheachadh an-diugh, às dèidh a’ ghalair lèir-sgaoilte ach cugallach, aig a’ char as fheàrr. Ann an Alba, tha 51 ionad-còmhnaidh a-muigh againn a-nis (faic Figear 2.) uile gu lèir; ùghdarras ionadail, an treas roinn agus prìobhaideach.2

3

Nichol R, (1999) ‘A Scottish Decline- A survey of Scottish Outdoor Centres’ Horizons no. 6

7


Clàr 2.

Mìneachaidhean Chan eil mìneachadh coitcheann, uile-chuimseach, air foghlam-còmhnaidh a-muigh ri fhaighinn gu furasta no air aontachadh. Tha an tuigse eadar-dhealaichte bho bhuidheann gu buidheann; bidh oileanaich, proifeiseantaich a-muigh, acadaimigich, tidsearan agus am poball uile ga thuigsinn ann an dòighean eadar-dhealaichte. Gu math tric tha a’ chiall ceangailte ri adhbhar an turais no an turas-raoin agus thathar ga mhìneachadh a rèir sin. Tric, sa mhòr-chuid le buidhnean sgoile, tha cunntas air na hamasan no adhbhar air a thoirt seachad, a’ meudachadh foghainteachd, a’ leasachadh misneachd, msaa.

8


Leis gu bheil am bile a tha ga mholadh a’ buntainn ri daoine òga, agus a’ mhòr-chuid dhiubh ann am foghlam làn-ùine, mar thoiseach tòiseachaidh airson adhbhar a’ chochomhairleachaidh seo, cleachdar am mìneachadh aig Foghlam Alba: “ …tha eòlasan-còmhnaidh a’ toirt iomradh air tursan foghlaim far a bheil ionnsachadh a-muigh na phrìomh amas agus a’ toirt a-steach aon no barrachd a’ fuireach na h-oidhche. Tha eòlasan-còmhnaidh a’ gabhail a-steach a bhith a’ cleachdadh ionadan a-muigh no ostailean òigridh, campachadh, tuill-sneachda no bàta-siùil. Tha seo eadar-dhealaichte bho eòlasan-còmhnaidh aig a bheil fòcas eadar-dhealaichte, leithid turas orcastra-sgoile don Roinn Eòrpa.”4 A bharrachd air sin, tha Foghlam Alba a’ mìneachadh gu bheil ionnsachadh a-muigh: “a’ gabhail a-steach an raon iomlan de dh’eòlasan-ionnsachaidh a thèid a dhèanamh a-muigh… ”5 Tha mìneachadh eile, nas pragmatach, bho obair co-chomhairleachaidh o chionn ghoirid leis an Institiud Ionnsachadh a-muigh, buidheann air feadh na RA a tha a’ riochdachadh proifeiseantaich a-muigh: ’S e teirm choitcheann a th’ ann an ionnsachadh a-muigh airson modhan-obrach inghabhalach a tha gu ìre mhòr a’ cleachdadh ghnìomhachdan agus eòlasan a-muigh a tha a’ cur ri ionnsachadh, barrachd slàinte is sunnd, agus mothachadh mun àrainneachd."6 Tha am facal “solaraiche” nuair a thathar ga chleachdadh ann an gnìomhachas a-muigh a’ ciallachadh: “Neach, buidheann no gnìomhachas le uallach airson seirbheis no gnìomhachd a lìbhrigeadh do bhuidheann de dhaoine òga.”7 Bidh na mìneachaidhean seo ag atharrachadh thar ùine agus is dòcha gun atharraich iad san àm ri teachd; chan eil iad mionaideach, agus faodar mìneachadh nas pongail airson co-theacs a’ bhile a tha ga mholadh a shoilleireachadh mar a thèid am pròiseas co-chomhairleachaidh air adhart.

Modail de dh’fhoghlam-còmhnaidh a-muigh ann an Alba

4

Foghlam Alba: an curraicealam airson sàr-mhathais tro ionnsachadh a-muigh (2010). Ionnsachadh a-muigh: Stiùireadh practaigeach, beachdan agus taic do thidsearan agus luchd-dreuchd ann an Alba (Foghlam Alba, 2009). 6 Anderson N, Harvey D, Crosbie J (2021) Professional matters describing outdoor learning.. 7 Going Out There, Going Out There, Scottish framework for safe practice in Off-site visits, V 3.0 (2021) 5

9


Chaidh figear 3. gu h-ìosal atharrachadh bhon mhodail a chleachdar gu cumanta airson foghlam a-muigh a chaidh a chruthachadh leis an Àrd-ollamh Pete Higgins aig Oilthigh Dhùn Èideann.8 Tha am modail ùr seo a’ riochdachadh na roinn foghlam-còmhnaidh amuigh ann an Alba an-dràsta, far a bheil am fòcas sa mhòr-chuid air buidhnean sgoile, le bhith a’ toirt a-steach eileamaidean den Churraicealam airson Sàr-mhathais, Ionnsachadh airson Seasmhachd agus dearbhadh càileachd:

Clàr 3. Air atharrachadh o Higgins, P. (1995)8 , le Harvey, M. (2021) Tha an ìre gu bheil ionadan a-muigh fa leth a’ gabhail a-steach cuid, no a h-uile càil sa mhodail gu h-àrd, agus an dearbhadh càileachd a tha a’ tachairt a thaobh seo, ag atharrachadh gu mòr. Ged a bhios a h-uile ionad a tha a’ toirt seachad gnìomhan fo cheadachas do dhaoine òga eòlach air modhan sgrùdaidh bhon taobh a-muigh, cha bhi mòran air an sgrùdadh gu cunbhalach a thaobh solar foghlaim. Ach, tha càileachd foghlaim cudromach (faic an earrann gu h-ìosal).

10


Prògraman còmhnaidh àbhaisteach

Clàr 4. Ionad na Comhairle Sgrùdadh-raoin aig Port a' Mhuilinn ann an Cumaradh, prògram sgoile còig-latha (Air a shealltainn le cead: T Foster, FSC, 2021) (Tha barrachd fiosrachaidh mu na prògraman agus na gnìomhan a thathar a’ tabhann ri fhaighinn air làrach-lìn na Comhairle Sgrùdadh-raoin.)

11


Clàr . 5 Urras Outward Bound, Alba, prògram sgoile 5-latha (Air a shealltainn le cead: M Davidson, OBT, 2021) (Tha tuilleadh fiosrachaidh mu phrògram sgoile 5-latha Urras Outward Bound OBT, 2021) ri fhaighinn air an làrach-lìn aca.)

Eisimpleir de dh’fhoghlam-còmhnaidh a-muigh Is e deagh eisimpleir de dh’fhoghlam-còmhnaidh a-muigh adhartach na rinn Àrd-sgoil Calderglen ann an Cille Bhrìghde an Ear mar phàirt den iomairt Learning Away, “Brilliant Residentials”. Rè seo, bha an sgoil, le bun-sgoiltean ceangailte agus sgoil speisealta faisg air làimh, ag obair air prògram aontaichte le ionadan-còmhnaidh, a’ cuimseachadh air sgilean agus comasan nan sgoilearan ann an dòigh nas dian na bha an curraicealam dealbhaichte a’ ceadachadh. Chaidh ceithir raointean prògraim aontachadh airson nan amannan-còmhnaidh: 1. Amannan-còmhnaidh cuspaireil 2. Cothroman ceannais 12


3. Eadar-ghluasadan gus taic a thoirt do ghluasad bho bhun-sgoil gu àrdsgoil 4. Amannan-còmhnaidh gus taic a thoirt do sgilean ionnsachaidh sgoilearan ann an AS2 Dh’fhàs am prògram na phàirt stèidhichte den sgoil agus, às dèidh còig bliadhna de leasachadh, bha e a’ gabhail a-steach eadar-ghluasadan bho BS7 gu AS1, le taic bho na h-ionadan-còmhnaidh a-muigh agus com-pàirtichean, sgoilearan bho AS3 agus nas àirde a’ faighinn tursan Duais Diùc Dhùn Èideann, turasan le Urras Ocean Trust, Duaisean Iain Muir agus clasaichean ath-sgrùdaidh air cuspairean sònraichte. Ann an geàrr-chunntas Learning Away den sgrùdadh seo tha an Ceannard aig an àm, Tony McDaid, a’ bruidhinn air mar a thug am pròiseact seo buaidh air na sgoilearan, an luchd- obrach agus an sgoil: “...chan e a-mhàin gu bheil am prògram seo air buaidh a thoirt air sgoilearan agus luchd-obrach, tha e cuideachd air amalachadh le feallsanachd na sgoile agus buaidh a thoirt air, a chom-pàirtichean agus a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd. Tha pàirt chudromach air a bhith aig Brilliant Residentials ann a bhith ag àrdachadh coileanadh agus àrd-mhiann, a’ brosnachadh co-thàthadh taobh a-staigh agus taobh a-muigh na sgoile, agus a’ toirt cruth-atharrachadh air teagasg agus ionnsachadh taobh a-staigh agus taobh a-muigh an t-seòmarsgoile.”8

Sealladh Eadar-nàiseanta Tha foghlam-còmhnaidh a-muigh air feadh an t-saoghail. Tha na h-eisimpleirean a leanas bho dhùthchannan far a bheil còir air foghlam-còmhnaidh a-muigh ann an reachdas. Ach, faodaidh eadar-dhealachadh cultarach, diofar chiallan agus thraidiseanan leantainn gu mì-thuigse eadar dùthchannan a thaobh eadar-ghluasad phrògraman no bheachdan no chleachdaidhean9. Mar sin, feumar a bhith faiceallach nuair a thathar a’ beachdachadh air na h-eisimpleirean a leanas, a tha a’ tabhann foghlam-còmhnaidh a-muigh mar phàirt den churraicealam don òigridh air fad.

8

https://learningaway.org.uk/case-studies/how-residentials-are-changing-our-school/.

9

Waite S. 2020 Where Are We Going? International Views on Purposes, Practices and Barriers in SchoolBased Outdoor Learning.

13


Singapore Ann an Singapore, tha an dòigh-obrach airson foghlam-còmhnaidh a-muigh air a dheagh phlanadh, iomlan agus stèidhichte air builean. Bho 2014, tha foghlam a-muigh air a bhith na phàirt riatanach den churraicealam an dà chuid ann am bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean. Bidh clann a’ frithealadh trì campaichean eadar-dhealaichte, aon aig ceann shuas na bun-sgoile, aon san àrd-sgoil agus campa turas còig-latha Outward Bound Singapore (OBS), a chaidh a thoirt a-steach ann an 2020. Bidh an campa mu dheireadh seo a’ measgachadh sgoilearan bho dhiofar sgoiltean timcheall air Singapore. Bidh a h-uile sgoilear ann an clas àrd-sgoile 3 (14+) a’ dèanamh a’ phrògram dùbhlain còig-latha, a tha ag amas air builean aontaichte: foghainteachd, ceannardas, obairsgioba agus saoranachd. Ma tha oileanaich foghlam àrd-ìre air an gabhail a-steach, bidh 45,000 oileanach a’ gabhail pàirt gach bliadhna. Às dèidh dhaibh am prògram a chrìochnachadh, faodaidh oileanaich pàirt a ghabhail ann an tuilleadh duaisean ceannardais agus seirbheis coimhearsnachd.10 Slobhinia Às dèidh do Slobhinia neo-eisimeileachd fhaighinn ann an 1991 bhon t-seann Iugoslabhia, chleachd roinn shònraichte den riaghaltas seann ionadan airm mar “sgoiltean a-muigh” air feadh na dùthcha. Tha uallach air buidheann riaghaltais, CŠOD (Ionad airson Sgoiltean agus Foghlam a-muigh), airson bun-structar, luchd-obrach agus prògraman “sgoiltean a-muigh”. Tha an solar aig na “sgoiltean a-muigh” ged a bha e stèidhichte air spòrs an toiseach, a-nis ceangailte ris a’ churraicealam. Tha a h-uile prògram a’ toirt a-steach “ionnsachadh stèidhichte air eòlas” ann an nàdar gus “pròiseas foghlaim a dhèanamh comasach agus leasachadh seasmhach adhartachadh…”11 Tha am maoineachadh airson tadhal agus pàirt a ghabhail ann am prògram foghlam amuigh a’ tighinn bhon bhuidseit foghlaim nàiseanta, leis gu bheil e na phàirt den churraicealam. Ach, feumaidh pàrantan pàigheadh airson thursan às dèidh sin (còmhdhail is àite-fuirich) aig cosgais bheag. Tha a’ chosgais seo, airson àmcòmhnaidh còig-latha, timcheall air £60 agus dhaibhsan nach urrainn pàigheadh, tha “maoin choitcheann” a’ pàigheadh na cosgais. Tha mòran roghainn anns na cùrsaichean, tha iad a’ còrdadh gu mòr ris na tha a’ gabhail pàirt agus tha iad air an

10

(Ng Thian Choon, PowerPoint, 2020, PowerPoint, 2020, OAE Masterplan, a vision for youth development).

11

Dimec D., Kokalj I., The development and role of outdoor education in the Slovenian Education System. The changing world of outdoor learning in Europe, 2020, Routledge.

14


riaghladh tro shiostam clàraidh meadhanach. Gach bliadhna bidh timcheall air 45,000 sgoilear a’ frithealadh chùrsaichean còig-latha agus bidh 32,000 a’ tadhal airson latha.

Carson a tha còir air Foghlam-còmhnaidh A-muigh cudromach? Anns na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh tha rannsachadh acadaimigeach a’ sìor nochdadh a tha a’ toirt taic don bheachd gu bheil eòlasan air a’ bhlàr a-muigh do dhaoine òga a’ leasachadh raon farsaing de bhuilean foghlaim, sòisealta agus slàinte is sunnd12. Cha mhòr gum b’ urrainn an teachdaireachd a bhith na bu shoilleire: “Tha na ceudan de rannsachaidhean a-nis a’ buntainn ris a’ cheist seo, agus tha fianais a’ tighinn còmhla gus sealltainn gu làidir gu bheil eòlasan mu nàdar a’ cur ri ionnsachadh acadaimigeach, leasachadh pearsanta, agus stiùbhardachd àrainneachdail… tha deagh bhreithneachadh a’ nochdadh bunait fianais a tha nas làidire, nas doimhne agus nas farsainge na shaoilear bhon chiad bheachdachadh; tha dealbhadh rannsachaidh làidir ga chur an àite dealbhadh lag; tha toraidhean iongantach a’ nochdadh iomadh uair ann an grunn chotheacsan; tha an rannsachadh air nàdar agus ionnsachadh a-nis a’ toirt a-steach fianais air dòighean-obrach; agus tha toraidhean bho taobh a-muigh rannsachadh nàdair agus ionnsachaidh a’ nochdadh nan aon chodhùnaidhean.”11 Tha na h-aithrisean seo stèidhichte air lèirmheas làithreach air fianais bho raon farsaing de thùsan acadaimigeach. Tha an diagram geàrr-chunntais bhon phàipear gu h-àrd na stiùireadh aithghearr, feumail mu thoraidhean rannsachaidh làithreach:

12

Kuo M., Barnes M. & Jordan C. (2019). Kuo M., Barnes M. & Jordan C. (2019). Do experiences with nature promote learning? Converging evidence of a cause-and-effect relationship. Frontiers in Psychology.

15


Clàr 6. Ionnsachadh stèidhichte air nàdar: cothroman air nàdar, dòighean-obrach a dh’fhaodadh a bhith ann, agus builean (*Tha ceangalan ri fianais adhbhar-is-buaidh air an comharrachadh le rionnag)

Chaidh lèirmheas litreachais mionaideach agus farsaing air Ionnsachadh airson Seasmhachd (a’ gabhail a-steach ionnsachadh a-muigh) a dhèanamh leis an Ollamh Beth Christie agus an Àrd-ollamh Pete Higgins airson Riaghaltas na h-Alba13. Faodar cur ris na co-dhùnaidhean seo le fianais bhon roinn foghlam-còmhnaidh amuigh gu sònraichte. Rinn Fonndas Paul Hamlyn14, mar phàirt den iomairt “Learning Away”, rannsachadh air eòlasan còmhnaidh a-muigh le 60 sgoil a’ toirt a-steach mìltean de chlann bho air feadh na RA. Sheall na toraidhean leasachaidhean mòra, ann an raon farsaing de thomhaisean: •

Dàimhean: Dàimhean eadar sgoilearan, agus eadar sgoilearan agus an luchdobrach nan cois (Às dèidh an àm-còmhnaidh shaoil còrr is 80% de sgoilearan àrd-sgoile gun do chuidich an t-eòlas-còmhnaidh dàimhean le co-aoisean agus le

13

Christie, B & Higgins P. (2020). Christie, B & Higgins P. (2020). Educational outcomes of Learning for Sustainability: A Brief Review of Literature. Riaghaltas na h-Alba 14

Learning Away Final Evaluation Report, York Consulting 2015

16


luchd-teagaisg, agus shaoil 71% de sgoilearan àrd-sgoile gun robh tuigse na b’ fhèarr aig tidsearan, às dèidh an àm-còmhnaidh, air ciamar a b’ fheàrr leotha ionnsachadh). •

Barrachd misneachd aig sgoilearan: Bha 87% de sgoilearan àrd-sgoile a’ faireachdainn nas misneachaile rudan ùra fheuchainn às dèidh an eòlascòmhnaidh.

•

Foghainteachd (reslience) nas fheàrr: às dèidh àm-còmhnaidh, thuirt 75% den luchd-obrach gun robh sgoilearan mu thràth a’ coileanadh amasan a thaobh foghainteachd agus sunnd.

•

Barrachd com-pàirteachaidh (gu sònraichte ann an sgoilearan àrd-sgoile): Chomharraich an dà chuid luchd-obrach agus sgoilearan buaidh air giùlan agus làthaireachd sgoilearan. Chaidh a thoirt fa-near tron sgrùdadh “gun robh an teòlas-còmhnaidh air cuideachadh le bhith a’ toirt a-steach na sgoilearan sin a bha ann an cunnart às-dùnaidh”. . Eadar-ghluasad nas fheàrr: Sheall sgoilearan bun-sgoile agus àrd-sgoile barrachd misneachd ann a bhith a’ dèanamh charaidean ùra agus a’ feuchainn rudan ùra às dèidh àm-còmhnaidh. Bha an t-àrdachadh seo na bu mhotha ann an sgoilearan àrd-sgoile (85% na bu thoilichte a bhith ag obair le cuideigin nach robh na charaid dlùth; bha 64% na bu toilichte mu bhith ag atharrachadh clas, às dèidh an àm-còmhnaidh, rud nach robh iad idir dòchasach mu dheidhinn ron àite-còmhnaidh) .

•

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun iomairt “Brilliant Residentials” an seo.15 Tha na builean gu h-àrd iongantach agus a’ cur gu soilleir ri leasachadh pearsanta, slàinte is sunnd agus coileanadh. Ann an co-theacsa na h-aithisg o chionn ghoirid le Sgrùdadh Alba16 ann an 2021, ’s e deagh naidheachd a tha seo: “Tha a’ bheàrn coileanaidh co-cheangailte ri bochdainn fhathast farsaing agus tha neo-ionannachd air fàs nas miosa le Covid-19. Chuir Covid-19 bacadh air adhartas gus a’ bheàirn a dhùnadh agus chan eil amasan Riaghaltas na h-Alba gan coileanadh. Feumaidh leasachadh tachairt nas luaithe agus feumaidh barrachd cunbhalachd a bhith ann air feadh na dùthcha. Tha an riaghaltas agus 15

https://learningaway.org.uk/the-campaign/what-makes-a-brilliant-residential/

16

Sgrùdadh Alba, 2021, Aithisg: Improving outcomes for young people through school education

17


comhairlean ag aithneachadh gum feum dèiligeadh ri neo-ionannachd a bhith aig cridhe na freagairt do Chovid-19, slànachadh fad-ùine agus leasachadh foghlaim.” Ann an co-theacs Eòrpach nas fharsainge, tha aithisg PISA an OECD17 a’ dèanamh coimeas eadar sunnd dhaoine 15-bliadhna a dh’aois san RA agus 23 dùthaich Eòrpach eile. Tha na co-dhùnaidhean a’ toirt dhuinn sealladh draghail air mathas dhaoine òga. Anns an RA bha daoine òga nas mì-riaraichte lem beatha, bha iad aig an ìre as ìsle a thaobh faireachdainn adhbhar nam beatha agus bha iad aig an dàrna ìre as àirde airson bròn. Tha seo mus tèid buaidh a’ ghalair lèir-sgaoilte a thoirt a-steach – dùnadh sgoiltean, cuingeadan air caraidean is teaghlach fhaicinn, barrachd ùine aig sgrion agus nas lugha de ghnìomhachd chorporra agus tha an droch bhuaidh nas miosa air daoine òga bho dhachaighean nas bochda, agus iad nas dualtaiche a bhith ìosal ann an sunnd agus droch shlàinte inntinn fhulang.18 Às dèidh deichead de dheasbad chan eil mòran air atharrachadh ann an slàinte ar nòigridh – tha a’ bheàrn coileanaidh a’ fàs duilich a dhùnadh, tha astar an atharrachaidh gu math slaodach agus chan eil mòran soirbheachais air a bhith aig ath-leasachaidhean riaghaltais. Dè ghabhas dèanamh? Tha mi ag aontachadh le faclan àrd-amasach na Buidheann Ath-bheothachadh Foghlaim COVID-19: “Bha iad uile airson tionndadh bho bhith a’ smaoineachadh air ‘ionnsachadh caillte’ gu bhith deimhinneach agus àrd-mhiannach. Tha seo a’ ciallachadh gum feumar, aig amannan, tionndadh bho bhruidhinn air ‘faighinn air ais na chailleadh’ agus bho ionnsachadh stèidhichte sa chlas, gu bhith ag amas air na tha daoine òga a’ faireachdainn a dh’fheumas iad gus taic a thoirt do shunnd agus ath-cheangal ri coaoisean agus ri foghlam san fharsaingeachd”.19 Thar an dà bhliadhna mu dheireadh tha ionnsachadh a-muigh air fàs àbhaisteach ann an sgoiltean – tha dòighean-smaoineachaidh air atharrachadh. Seo an t-àm airson seo a leudachadh gu eòlasan-còmhnaidh agus an cumhachd sònraichte aca a chleachdadh gus daoine òga a thoirt an lùib coimhearsnachd na sgoile agus ionnsachadh. Bheir seo eòlasan fìor san t-saoghal do dhaoine òga, far a bheil an cuideam acadaimigeach air falbh, agus bidh àite aca airson soirbheachadh anns an àrainneachd nàdarra iongantach a tha ann an Alba. Ann an sgoiltean na h-Alba, tha stiùbhardachd na h-àrainneachd nàdarra air a bhrosnachadh tro Ionnsachadh airson Seasmhachd. Chithear cho cudromach ’s a tha e 17

OECD (2019). PISA 2018 Insights and Interpretations. Inchley, J.et al. Health behaviour in school-aged children (HBSC) 2018 Survey in Scotland: National Report. 19 Riaghaltas na h-Alba. (2021). Geàrr-chunntas na Buidheann Ath-bheothachadh Foghlaim COVID-19: 18 Màrt 18

18


do shoirbheachas na h-Alba san àm ri teachd agus cho buntainneachd don deasbad againn ann am faclan an Ollaimh Beth Christie agus an Àrd-ollaimh Pete Higgins, Oilthigh Dhùn Èideann: ‘Is e an rud a tha gun samhail ann am foghlam na h-Alba an dealas a th’ againn a thaobh ionnsachadh a-muigh mar phrìomh phàirt de theagasg is ionnsachadh, agus o chionn ghoirid mar phàirt de dh’Ionnsachadh airson Seasmhachd. Tha an dealas seo airson ionnsachadh taobh a-muigh an t-seòmar-sgoile – ann an coimhearsnachdan ionadail, bailtean agus san fhàsach…, a’ toirt cothrom do dhaoine òga na pròiseasan a tha a’ cumail suas beatha dhaibh fhèin fhaicinn agus eòlas fhaighinn orra; chan e amhàin a bhith a’ cluinntinn, ag ionnsachadh agus a’ bruidhinn mu dheamocrasaidh agus atharrachadh, ach a bhith a’ dol a-mach gu na h-àiteachan sa bheil iad a’ fuireach mar shaoranaich ghnìomhach a’ dol an sàs gu breithneachail ann an cùisean air a bheil iad fhèin agus an teaghlaichean a’ faighinn eòlas… faodar mòran thaobhan eile den churraicealam fhighe a-steach do dh’eòlasan goirid, fad-latha no còmhnaidheach. Tha eòlasan fìor chudromach mar seo a’ toirt comas mòr airson ionnsachadh eadarchuspaireil; a’ beairteachadh agus ag àrach sgilean airson beatha agus obair a bheir buaidh fada seachad air suidheachaidhean foghlaim foirmeil’20 Tha mi ag aontachadh ris na faclan seo, “Turas an Neach-ionnsachaidh”, adhartas foghlaim a bhios gach pàiste ann an Alba a’ dèanamh bho na tràth-bhliadhnaichean, tro foghlam sgoile agus gu saoghal na h-obrach. Is e na tha sinn a’ moladh, le bhith a’ ceangal turas an neach-ionnsachaidh ri eòlas-còmhnaidh ciallach, buntainneach agus adhartach, gun urrainn do na sgilean agus an eòlas a gheibhear air an turas sin tòiseachadh a’ dèanamh ciall, a’ fàs buannachdail a thaobh foghlam, gu sòisealta, gu seasmhach agus gu h-eaconamach.

Mion-fhiosrachadh agus Buaidhean a’ Bhile a tha ga mholadh Atharrachadh ga Mholadh Stèidhichidh am bile a tha ga mholadh dleastanas reachdail gus eòlas-còmhnaidh amuigh a thoirt do dhaoine òga aois 12 – 16 ann an Alba. Thathas a’ moladh nach fhaigh ach daoine òga a tha a’ frithealadh sgoiltean fo stiùireadh ùghdarras foghlaim (comhairle ionadail) agus sgoiltean a gheibh taic-tabhartas, a bhios a’ faighinn maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba, cothrom air a’ chòir seo.

20

Faic bonn-nota 13

19


’S e an t-amas gum biodh an dleastanas airson dèanamh cinnteach gun tèid foghlamcòmhnaidh a-muigh a sholarachadh a’ tuiteam orrasan air a bheil uallach airson an solar a chur air dòigh, m.e. ùghdarras foghlaim agus manaidsearan sgoiltean a gheibh taic-tabhartais. (Bhiodh na h-ionadan a bhiodh gan cleachdadh ag atharrachadh a rèir an t-suidheachaidh m.e. ionadan ùghdarrasan ionadail, feadhainn san roinn phrìobhaidich no le buidhnean eile.) An àireamh de dhaoine òga air an toireadh am bile a tha ga mholadh buaidh agus faid an eòlais-còmhnaidh Bhiodh timcheall air 58,000 21 neach òg ann an Alba a’ frithealadh no a’ gabhail pàirt ann an eòlas còmhnaidh co-dhiù aon uair sa chùrsa-sgoile aca fon atharrachadh seo. Is e còig latha aig a’ char as lugha an ùine a tha ga mholadh airson an eòlas-còmhnaidh. Comas san roinn còmhnaidh Chaidh an comas air feadh na h-Alba an-dràsta gus dèiligeadh ris an reachdas a tha ga mholadh a dhearbhadh tro cho-chomhairle le riochdairean bhon roinn còmhnaidh amuigh. Tha luchd-solair às an roinn misneachail gu bheil comas gu leòr ann gus coinneachadh ri iarrtas sam bith a thig bhon bhile a tha ga mholadh. Bho na 1980an tha mòran ionadan nas lugha agus aig ionadan ùghdarrasan ionadail air dùnadh agus mar sin tha nas lugha de dh’ionadan ann ach tha iad nas motha. Mar thoradh air sin, tha an àireamh de leapannan a tha rim faighinn air feadh na h-Alba air fuireach an ìre mhath àrd: tha an àireamh leapannan an-dràsta timcheall air 4,351 22. Clàr 1. An àireamh de dh’ionadan-còmhnaidh ann an Alba 1982-2022 Bliadhna 1982 2018 2022

Carthannas

Companaidh

54 32 25

21 17

Ùghdarras Ionadail

Iomlan

72 11 9

126 64 51

Clàr 2. An àireamh de leapannan ann an ionadan a-muigh ann an Alba 1982-2022 Bliadhna 1982 2018 2022

Carthannas

Companaidh

3655 2682 2203

1679 1608

21

Ùghdarras Ionadail

Iomlan

2063 725 540

5718 5086 4351

https://www.gov.scot/publications/summary-statistics-schools-scotland-2020/ Davies, R. (2018) Residential Outdoor Education in Scotland: change over time and the impacts of socio-economic deprivation on access. Oilthigh Shruighlea (dàta air ùrachadh 2020, Thompson P.) 22

20


Frèam-obrach leasachadh càileachd san amharc airson solar foghlaim aig ionadan-còmhnaidh Tha ùidh agam anns na ghabhas dèanamh, a’ gabhail a-steach tron Bhile a tha ga mholadh, gus feuchainn ri dhèanamh cinnteach gu bheil solar foghlaim ann an eòlasan foghlam-còmhnaidh a-muigh na phàirt de fhrèam-obrach dearbhadh càileachd. Is e aon mholadh, agus is dòcha nach fheum e a bhith reachdail, gum beachdaicheadh HMIE (Luchd-sgrùdaidh an Fhoghlaim) air an t-solar mar phàirt de na sgrùdaidhean aca air sgoiltean a tha a’ gabhail àite fo Achd an Fhoghlaim (Alba), mar eisimpleir le bhith air an gabhail a-steach don fhrèam-obrach càileachd iomchaidh. Bhiodh seo ag amas air dèanamh cinnteach gu bheil solar foghlaim chùrsaichean-còmhnaidh a-muigh a tha sgoiltean a’ toirt do oileanaich a’ coinneachadh ri inbhean aontaichte sònraichte – cha bhiodh e a’ toirt a-steach sgrùdadh air ionadan a-muigh. An-dràsta, tha HMIE a’ sgrùdadh raon farsaing de sholarachadh foghlaim: tràthbhliadhnaichean, sgoiltean, colaistean, ionnsachadh is leasachadh coimhearsnachd, foghlam prìosain agus ùghdarrasan foghlaim. Is e oidhirpean co-obrachail a tha anns na sgrùdaidhean seo, a’ toirt a-steach raon farsaing de bhuidhnean com-pàirteachais agus air an riaghladh tro fhrèaman-obrach sgrùdaidh aontaichte. Tha dòigh-obrach coltach ri seo air a mholadh airson solar amannan-còmhnaidh amuigh do sgoiltean. Dh’fhaodadh Foghlam Alba, HMIE agus an roinn a-muigh coobrachadh agus aontachadh mar a bhithear a’ cur solar foghlam-còmhnaidh a-muigh ann am frèam-obrach càileachd le comharran càileachd co-cheangailte. Dh’fhaodadh frèam-obrach “fèin-luachaidh” cur ri seo agus dh’fhaodadh “sgrùdaidhean co-obrachail” a chumail an toiseach far am biodh proifeiseantaich san roinn a-muigh ag obair còmhla ri luchd-sgrùdaidh HMIE. Bheireadh an dòigh-obrach dhearbhte seo, air a bheil proifeiseantaich foghlaim eòlach, àrdachadh air comas sgrùdaidh, sgaoileadh e deagh chleachdadh, leasaicheadh e creideas nan sgrùdaidhean, chuireadh e eòlas san roinn am meud agus bheireadh e tuigse nas fheàrr do luchd-sgrùdaidh HMIE air foghlamcòmhnaidh a-muigh ann an Alba. A bharrachd air an sgrùdadh a tha ga mholadh air solar foghlaim de dh’eòlasancòmhnaidh a-muigh tro sgoiltean, tha a’ mhòr-chuid de dh’ionadan-còmhnaidh a-muigh fo smachd siostam ceadachd air gnìomhan-dànachd air feadh na RA fo Riaghailtean Ceadachd Ghnìomhan-dànachd 2004 aig an Roinn-ghnìomha Slàinte is Sàbhailteachd. Chuirinn fàilte air beachdan air an dòigh as fheàrr air dèanamh cinnteach à càileachd an fhoghlaim ann an eòlas-còmhnaidh a-muigh, agus am bu chòir seo a dhèanamh le HMIE a’ cleachdadh frèam-obrach càileachd mar phàirt de sgrùdadh sgoiltean. 21


An lagh an-dràsta Chan eil dleastanas reachdail sam bith ann an Alba aig an àm seo airson foghlamcòmhnaidh a-muigh a sholarachadh aig àm sam bith ann am beatha-sgoile neach òg. An àite sin tha ùghdarrasan ionadail fo dhleastanas reachdail nas fharsainge solar iomchaidh agus èifeachdach de dh’fhoghlam sgoile agus foghlam adhartach a lìbhrigeadh, a tha a’ gabhail a-steach gnìomhan sòisealta, cultarail agus cur-seachad agus foghlam corporra agus trèanadh; agus goireasan a lìbhrigeadh airson gnìomhan sòisealta, cultarail agus cur-seachad agus foghlam corporra agus trèanadh. Mar phàirt de seo tha cumhachd aca ionadan a-muigh a stèidheachadh, a chumail suas agus a stiùireadh. Anns na 1980an, nuair a thàinig Achd an Fhoghlaim (Alba) 1980 gu bith, bha àireamh mhòr ann de dh’àrd-sgoiltean aig an robh tidsear foghlam a-muigh làn-ùine, bha còrr air ceud ionad a-muigh timcheall na h-Alba agus bha e àbhaisteach do àireamh mhòr de sgoilearan a dhol air tursan-còmhnaidh. Tha Achd an Fhoghlaim (Alba) 1980, ann an earrann 1(3) a’ cur gach ùghdarras foghlaim fo dhleastanas goireasan iomchaidh a lìbhrigeadh do sgoilearan ann an sgoiltean san sgìre aca airson gnìomhan sòisealta, cultarail agus cur-seachad agus airson foghlam corporra agus trèanadh. Airson adhbhar an t-solair seo a lìbhrigeadh, fo earrann 6 de dh’Achd an Fhoghlaim (Alba) 198023: “… faodaidh ùghdarras foghlaim-

campaichean, ionadan a-muigh, raointean cluiche agus amaran-snàmh a stèidheachadh, a chumail suas agus a riaghladh; … cur air dòigh …turasan agus gnìomhan eile”. Dè tha seo a’ ciallachadh? Tha am facal “faodaidh” ann an earrann 6(1) de dh’Achd an Fhoghlaim (Alba), a’ cur ionadan a-muigh anns a’ cholbh “neo-reachdail” nuair a bhios “buidseatan gan cothromachadh” agus na prìomh bhuidseatan air an riarachadh le ùghdarrasan ionadail. Tric, thathas a’ coimhead air seo mar chead solar-còmhnaidh ùghdarrasan ionadail a lùghdachadh, no nas àbhaistiche, a dhùnadh, le glè bheag de dheasbad no ùpraid. Is e sin an t-adhbhar gu bheil am moladh seo ga dhèanamh airson gum biodh e na riatanas reachdail cothrom air foghlam-còmhnaidh a-muigh a sholarachadh, ge b’ e an ann aig ionad ùghdarras ionadail no eile.

23

Achd an Fhoghlaim (Alba) 1980: Achd an Education (Scotland) Act 1980 (legislation.gov.uk)

22


Tha mi den bheachd nach eil e gu diofar dè an rannsachadh a th’ ann air buannachdan foghlam-còmhnaidh a-muigh24 25 26 27chan urrainnear cur an aghaidh gur ann “neoreachdail” a tha foghlam-còmhnaidh an-dràsta, nuair a thig e gu riarachadh maoineachadh ann an ùghdarrasan ionadail. Is e a’ bhuil phractaigeach aig seo ann an Alba gu bheil nas lugha is nas lugha de sholar ann thar nan 32 ùghdarrasan ionadail gu lèir, le dìreach glè bheag de dh’ionadan-còmhnaidh a-muigh a-nis fo smachd ùghdarrasan ionadail. Às na 70 ionad ùghdarras ionadail anns na 1980an, chan eil ach naoi air fhàgail28. Tha mòran dhiubh sin an-còmhnaidh fo bheachdachadh no ann an cunnart dùnadh gach bliadhna, mar a thachair o chionn ghoirid do ionad Bhlàr a' Bhadaich aig Comhairle Baile Ghlaschu ann an Earra-Ghàidheal. Tha an dùnadh as ùire beagan nas fhaisge oirnn sa Phàrlamaid, dìreach 25 mionaid air trèana bho Phàrlamaid na h-Alba, ionad a-muigh Low Port aig Comhairle Lodainn an Iar ann an Gleann Iucha, a dhùin san Ògmhios 2021. Tha an dùnadh seo a’ sealltainn mar as urrainn do sholarachadh nàiseanta neochunbhalach le ùghdarrasan ionadail agus dìth poileasaidh ciallach neo-ionannachd a dhaingneachadh, eadhon nuair nach tachair e a dh’aon ghnothach: nuair a bhios ùghdarrasan ionadail a’ dùnadh ionadan-còmhnaidh a-muigh, chan fhaigh daoine òga fo anacothrom sna h-ùghdarrasan sin a’ phris lùghdaichte le subsadaidh a tha ri fhaotainn do luchd-còmhnaidh na sgìre sin. Lùghdaich an subsadaidh seo gu mòr cosgais àite-còmhnaidh a-muigh do dhaoine òga a tha a’ faighinn biadh-sgoile anasgaidh no tabhartasan aodach-sgoile. Feumaidh pàrantan, luchd-cùraim no, nas trice, an sgoil, maoineachadh eile a lorg. Tha e duilich a bhith a’ dearbhadh na h-àireimh de dhaoine òga, fo ana-cothrom no eile, a’ gabhail pàirt ann am foghlam-còmhnaidh a-muigh. Ach, faodar tuairmse a dhèanamh le bhith a’ cleachdadh aithisgean HMIE (nota: leis nach eilear ag aithris air ionnsachadh a-muigh gu riaghailteach, bu chòir dèiligeadh gu faiceallach ris an toradh seo) bho 2011 gu 2018, a tha a’ clàradh nach robh eòlas-còmhnaidh aig dà thrian de sgoilearan àrdsgoile 29. Tha fianais bhon aon sgrùdadh a’ soilleireachadh na buaidh air daoine òga fo anacothrom. Tha an sgrùdadh a’ sealltainn gu bheil frithealadh àm-còmhnaidh a’ 24

Amos, R., Reiss, M., (2012) The Benefits of Residential Fieldwork for School Science: Insights from a five-year initiative for inner-city students in the UK, International Journal of Science Education 25 Kendall, S., Rodger, J., (2015) Evaluation of Learning Away: Final Report 26 Scrutton, R. (2014) Outdoor Adventure Education for Children in Scotland: quantifying the benefits. Journal of Adventure Education & Outdoor Learning 27 Dudman, J., Hedges, C., Loynes, C. (2019) The Impact of Residential Experiences on Pupil Progress and Attainment in Year Six (10-11 year olds) in England 28 Davies, R. (2018) Residential Outdoor Education in Scotland: change over time and the impacts of socio-economic deprivation on access. University of Stirling. Oilthigh Shruighlea 29 Beames, S., Polack, N., (2019) School Inspection Reports and the Status of Outdoor Learning, Residential Experiences and Adventurous Activities in Scottish Schools

23


lùghdachadh, mar a tha an àireamh sa cheud de sgoilearan a gheibh biadh-sgoile anasgaidh ag àrdachadh; tha barrachd rannsachaidh ri fhaighinn a tha a’ dearbhadh agus a’ cur taic ris an fhianais seo30 Le aon a-mach à ceathrar cloinne beò ann am bochdainn ann an Alba31 tha seo a’ toirt buaidh mhì-chothromach air daoine òga fo anacothrom, a tha rannsachadh a’ sealltainn a gheibh barrachd buannachd bho àm-còmhnaidh a-muigh.32 33 34 An Roinn Còmhnaidh A-muigh an-dràsta às dèidh COVID Uile gu lèir, tha an àireamh de dh’ionadan a-muigh ann an Alba air a dhol sìos gu mòr bho ìre àrd nan 1980an de 126 gu mu 51 an-diugh35. Chan eil e na iongnadh, leis a’ chuingealachadh ionmhais a chaidh a chur air ùghdarrasan ionadail thar nam bliadhnaichean, gun do dhùin mòran ionadan nas lugha agus tha am figear a th’ ann an-dràsta air a dhèanamh suas cha mhòr gu tur de bhuidhnean san roinn phrìobhaidich agus san treas roinn. Tha buaireadh galar lèir-sgaoilte COVID-19 a’ ciallachadh gu bheil eadhon na buidhnean mòra sin ann an cunnart dùnadh agus tha eagal air a bhith air mòran gum bi an roinn, a bha mar-thà cugallach, air a sgrios agus air a chall gu bràth. Thug seo air luchd-obrach, mòran air cùmhnantan sealach agus fo bhagairt an obair a chall, an roinn fhàgail. Tha e ro thràth a ràdh an e suidheachadh sealach a tha seo. Tha e doirbh, mura h-eil e do-dhèanta, sa gheàrr-ùine daoine a lorg a thèid an àite an luchdobrach shàr-eòlaich seo. Mar an ceudna, bheir an tuiteam luath ann an àiteachan-còmhnaidh thar na roinne gu lèir, buaidh mhòr air an eaconamaidh dhùthchail san fharsaingeachd36. B’ e an aon tachartas ionann ri COVID-19 an galair roinneach ann an 2001, a rinn sgrios mòr air tòrr ghnìomhachasan dùthchail. Chan eil fhios fhathast dè a’ bhuaidh dheireannach a bhios 30

Mannion, G., Mattu, L. & Wilson, M. 2015. Teaching, learning, and play in the outdoors: a survey of school and pre-school provision in Scotland. Scottish Natural Heritage Commissioned Report No. 779. 31

Bochdainn agus Neo-ionannachd Teachd-a-steach ann an Alba 2017-2020, Riaghaltas na h-Alba, 2021 32 Amos, R., Reiss, M., (2012) The Benefits of Residential Fieldwork for School Science: Insights from a five-year initiative for inner-city students in the UK, International Journal of Science Education 33 Education Endowment Foundation (2018) Outdoor Adventure Learning Teaching & Learning Toolkit 34 Fuller, C. (2016) Making Gains: the impact of outdoor residential experiences on students’ examination grades and self-efficacy 35 Davies, R. (2018) Davies, R. (2018) Residential Outdoor Education in Scotland: change over time and the impacts of socio-economic deprivation on access. Oilthigh Shruighlea (air ùrachadh 2022 P. Thompson) 36 Higgins, P. (2001) The Economic Contribution of Outdoor Recreation, Outdoor Education and Highland Sporting Estates to the Economy of Scotland

24


aig a’ ghalar sgaoilte COVID-19 air an roinn foghlam-còmhnaidh a-muigh, agus am faigh e seachad air gu tur aig a’ cheann thall. Ach is e rud air a bheil fios againn, nach e an galar lèir-sgaoilte a dh’adhbharaich an èiginn seo san roinn a-muigh, ach gur e a sheall e. Tha an duilgheadas air a bhith a’ fàs nas miosa mean air mhean airson bhliadhnaichean. A dh’aindeoin sin dh’fhaodadh àm ri teachd seasmhach agus foghainteach a bhith aig an roinn foghlam-còmhnaidh a-muigh, ach dh’fheumadh sin a bhith taobh a-staigh frèam-obrach poileasaidh nas cothromaiche agus nas ciallaiche – fear a chaidh a thogail air obair com-pàirteachais eadar ùghdarrasan ionadail, an riaghaltas agus an roinn còmhnaidh air fad. Àm ri teachd far as e rùn agus buaidh shoilleir reachdais eòlasan-còmhnaidh a-muigh nas cunbhalaiche agus nas trice a thoirt do dhaoine òga air feadh na h-Alba. Mura tachair seo, caillidh Alba, far an do thòisich foghlam foirmeil a-muigh, an tabhartas gun samhail a dh’fhaodas ionadan-còmhnaidh a-muigh a thoirt don ath-bheothachadh foghlaim a th’ ann an-dràsta agus do bheatha ghinealaichean de dhaoine òga san àm ri teachd.

Buaidh ionmhasail agus maoineachadh Tha maoineachadh airson foghlam-còmhnaidh a-muigh, far a bheil e a’ tachairt andràsta, anns na sgoiltean buntainneach a’ tighinn bho ùghdarrasan ionadail agus bho Riaghaltas na h-Alba airson sgoiltean a gheibh taic-tabhartais. Gu tric bidh gainnead ann am maoineachadh air a chòmhdach le pàrantan/luchdgleidhidh a tha a’ cur ri cosgaisean airson, mar eisimpleir, teagasg, gnìomhan, biadh, msaa. Gu dearbh, an-dràsta, bidh pàrantan/luchd-gleidhidh tric a’ pàigheadh gu hiomlan airson foghlam-còmhnaidh a-muigh an cuid cloinne (mu £400 airson ceithir oidhcheannan). Tha ionadan a-muigh a’ meas gum biodh foghlam-còmhnaidh a-muigh airson aon bhuidheann bliadhna sgoile (mu 60,000 sgoilear)37 aig £24 millean sa bhliadhna (is e buidseat foghlaim na h-Alba an-dràsta £3.57 billean)38 . Tha fios gu bheil e doirbh sgoilearan a chomharradh a dh’fhaodadh a bhith feumach air taic-airgid airson a dhol gu ionadan agus gum faodadh duilgheadasan a bhith ann mu na comharran a thèid a chleachdadh. Mar eisimpleir, thuirt a’ Chomataidh Foghlaim agus Sgilean (Iuchar 201837) gu bheil “tomhasan bochdainn neo-fhoirfe agus gu bheil e

37

https://sp-bpr-en-prod-cdnep.azureedge.net/published/ES/2018/7/12/What-support-works--Inquiry-intoattainment-and-achievement-of-school-children -experiencing-poverty/ESS052018R04.pdf

25


toinnte siostam a dhealbhadh a dh’aithnicheadh gu h-iomchaidh diofar bhuaidhean bochdainn.” Thug a’ Chomataidh fa-near “an eisimeil air dà thaisbeanair de bhochdainn [dàta SIMD agus figearan clàraidh biadh-sgoile an-asgaidh] mar bhunait airson a bhith a’ riarachadh suimean mòra de mhaoineachadh cuimsichte bho Riaghaltas na h-Alba, agus dh’fhaodadh nach bi an dà chuid ag aithneachadh bochdainn dhùthchail gu h-iomlan”. Chomhairlich Rùnaire an Fhoghlaim don Chomataidh ged a tha dàta SIMD “na dheagh thomhas airson buidhnean brìoghmhor agus raointean bochdainn a chomharrachadh, nach eil e math air cùisean fa leth de bhochdainn a chomharrachadh”, agus “ann an sgoiltean nas lugha, dh’fhaodadh gum biodh teaghlaichean ain-deònach a ràdh gu bheil a’ chlann aca airidh air biadh-sgoile an-asgaidh leis gu bheil airidheachd mar sin beagan nas fhollaisiche ann an sgoil le 20 sgoilear na tha e ann an sgoil le 200 no 300 sgoilear”. Tha raon de cheumannan eadar-dhealaichte ann a dh’fhaodar a chleachdadh gus comharrachadh far am biodh taic ionmhais a bharrachd buannachdail. Ann an 2020, aig toiseach a’ ghalair lèir-sgaoilte COVID-19, thug Riaghaltas na h-Alba seachad £2m a bharrachd airson ionadan a-muigh a chuideachadh gus fuireach seasmhach nuair nach robh na seirbheisean gan cleachdadh. Chuidich seo le bhith a’ cumail cuid de na h-ionadan a’ dol a bha ann an cunnart dùnaidh ach chan eil teagamh sam bith nach eil dùbhlain mhòra ann fhathast a thaobh seasmhachd na roinne air sgàth cho ain-deònach ’s a tha ùghdarrasan ionadail agus sgoiltean àiteachan a chlàradh. Tha na cuingeadan maoineachaidh seo dona agus dh’fhaodadh iad a bhith a’ ciallachadh gum biodh eadhon nas lugha de dhaoine òga comasach air eòlas fhaighinn air seòrsa sam bith de dh’fhoghlam a-muigh, a’ gabhail a-steach foghlam-còmhnaidh. Bhiodh e cuideachd a’ ciallachadh gun deigheadh eòlas farsaing cuid den luchd-obrach a chall, a dhèanadh barrachd lùghdachaidh air na cothroman a tha rim faighinn. Mar sin, còmhla ris na buannachdan foghlaim agus sunnd a tha air am mìneachadh gu h-àrd, tha cruaidh fheum air maoineachadh freagarrach a thoirt do fhoghlam-còmhnaidh a-muigh. Chuirinn fàilte air beachdan air mar a bu chòir solar cur-seachadan còmhnaidh amuigh a mhaoineachadh.

Seasmhachd Ann a bhith a’ dèanamh measadh tùsail air na h-eileamaidean leasachaidh seasmhach den dreachd mholadh, chaidh beachdachadh air grunn phrionnsapalan buntainneach, a’ gabhail a-steach: 26


• • • • •

a bhith beò taobh a-staigh comasan na h-àrainneachd dèanamh cinnteach à comann-sòisealta làidir, fallain agus cothromach eaconamaidh sheasmhach a thoirt gu buil siostaman riaghlaidh èifeachdach, com-pàirteachail a chur air adhart dèanamh cinnteach gu bheil poileasaidh air a chruthachadh air bunait fianais shaidheansail làidir.

Mar a chaidh a dheasbad tron phàipear seo, chaidh a dhearbhadh gun toireadh am bile a tha ga mholadh taic do leasachadh seasmhach ann an grunn dhòighean, a’ gabhail asteach: •

Barrachd tuigse mun a’ bhlàr a-muigh agus an àrainneachd san fharsaingeachd am measg dhaoine òga, a’ gabhail a-steach òigridh bho chùl-raointean bailteil agus nach eil cho beairteach.

•

Barrachd giùlan is luachan àrainneachdail agus ceangal nas làidire ris an tsaoghal nàdarra.

•

Cur air adhart slàinte is sunnd luchd-compàirtich, agus ginealaichean ri teachd, a’ leasachadh am fèin-mhisneachd, fèin-spèis, conaltradh, smaoineachadh breithneachail agus sgilean fuasgladh-cheistean agus àrdachadh buileachadh.

•

Tha ionnsachadh a-muigh sa choimhearsnachd ionadail no nas fhaide air falbh a’ brosnachadh dhaoine òga a bhith ag ionnsachadh, is toil leotha a bhith gnìomhach, bidh iad a’ faighinn tlachd bho bhith ag ionnsachadh a-muigh agus faodaidh e piseach a thoirt air an ìre frithealadh aig daoine òga aig nach eil ùidh san sgoil.

Gu h-iomlan, thathas den bheachd aig an ìre seo, gu bheil buaidh adhartach nan ceumannan seo air seasmhachd dualtach a bhith nas motha na droch bhuaidhean sam bith, le bhith, mar eisimpleir, ag àrdachadh leasachadh sgilean airson beatha, ionnsachadh agus obair an coimeas ri sgaoilidhean carboin ann an siubhal gu ionadcòmhnaidh a-muigh. Bidh na sgilean a thèid a chruthachadh leis a’ bhile seo ag ullachadh dhaoine òga airson pàirt ghnìomhach a ghabhail anns an t-saoghal iom-fhillte taobh a-muigh an t-seòmar-sgoile far am bi iad a’ gabhail uallach airson an sochair fhèin, ag obair ann an sgiobaidhean gus fuasgladh fhaighinn air duilgheadasan agus a’ smaoineachadh gu cruthachail. Leigidh e cuideachd le daoine òga fìor chunnartan a riaghladh agus foghainteachd a leasachadh.

27


Co-ionannachd Bho chiad bhreithneachadh, chan eil e coltach gum biodh buaidh neo-chothromach no dona aig a’ bhile a tha ga mholadh air na buidhnean le feartan dìonta a tha air am mìneachadh ann an Achd Co-ionannachd 2010. Dh’fhaodadh am bile a tha ga mholadh co-ionannachd a chur air adhart ann an cuid de raointean a thaobh deagh bhuaidh a thoirt seachad, mar eisimpleir le bhith a’ toirt cothrom air foghlam a-muigh do dhaoine òga bho chùl-raointean nach eil cho beairteach agus nach b’ urrainn na goireasan fhaighinn air dhòigh eile. Ach, chan eil am moladh a’ buntainn ach ri sgoilearan ann an sgoiltean stàite agus sgoiltean le taictabhartais, agus chan ann ri sgoiltean san roinn phrìobhaidich/neo-eisimeileach. A thaobh ghnìomhan eile a dh’fhaodadh a bhith riatanach gus dèanamh cinnteach à solar co-ionann do na h-uile: • •

•

Dh’fheumadh am prògram agus na goireasan a bhith iomchaidh airson aois an fheadhainn a bhiodh a’ gabhail pàirt Dh’fheumadh am prògram agus goireasan a bhith ruigsinneach gu leòr gus dèanamh cinnteach gum faod clann agus daoine òga le ciorram no feumalachdan taic a bharrachd pàirt a ghabhail gu gnìomhach; agus Bu chòir don phrògram agus goireasan coinneachadh ri riatanasan creideimh/cinneachail/cultarail sònraichte na cloinne agus daoine òga a tha a’ gabhail pàirt, agus spèis a thoirt dhaibh.

Chuirinn fàilte air beachdan air buaidh a’ Bhile a tha ga mholadh air cùisean sam bith eile co-cheangailte ri feartan dìonta agus co-ionannachd.

28


Ceistean Mu do dheidhinn fhèin (Thoir fa-near: Faodar am fiosrachadh a chuirear a-steach san earrainn “Mu do dheidhinn fhèin” seo fhoillseachadh leis an fhreagairt agad (mura can thu nach eil thu airson fhoillseachadh), ach a-mhàin far a bheil e air a chomharrachadh ann an clò trom.) 1.

A bheil thu a’ freagairt mar: neach fa leth – ma tha, theirig gu C2A às leth buidhne? – ma tha, theirig gu C2B

2A. Dè de na leanas as fheàrr a bheir tuairisgeul ort? (Ma tha thu nad phroifeiseantach no acadaimigeach, ach nach eil thu ann an cuspair a bhuineas don cho-chomhairle, tagh “all den phoball”). neach-poilitigs (BPA/BP/morair/BPE/Comhairliche) Proifeiseantach le eòlas ann an cuspair buntainneach Acadaimigeach le eòlas ann an cuspair buntainneach Ball den phoball Sgoilear /oileanach Pàrant /neach-cùraim Tidsear/neach-obrach sgoile Solaraiche eòlas-còmhnaidh a-muigh treas-roinne Solaraiche eòlas-còmhnaidh a-muigh san roinn phrìobhaidich Solaraiche eòlas-còmhnaidh a-muigh ùghdarras ionadail Neach-obrach eile na comhairle

29


Roghainneil: Is dòcha gum bi thu airson mìneachadh goirid a thoirt air an fhiosrachadh no eòlas a th’ agad a tha buntainneach do chuspair a’ chochomhairleachaidh

2B.

Tagh an roinn as fheàrr a mhìnicheas do bhuidhne: Buidheann san roinn phoblaich (buidheann Riaghaltas na h-Alba/RA, ùghdarras ionadail, NDPB) Buidheann mhalairteach (companaidh, gnìomhachas) Buidheann riochdachail (aonadh ciùird, comann proifeiseanta) An treas roinn (carthannach, iomairteach, iomairt shòisealta, saor-thoileach, neo-phrothaideach) Eile (me clubaichean, buidhnean ionadail, buidhnean de dhaoine fa-leth, msaa.) Roghainneil: Is dòcha gum bi thu airson mìneachadh goirid a thoirt air na bhios a’ bhuidheann a’ dèanamh, am fios agus an t-eòlas a th’ aca air cuspair a’ cho-chomhairleachaidh, agus mar a chaidh am beachd a nochd san fhreagairt a ruighinn (m.e. an e beachd luchd-dreuchd sònraichte a th’ ann no a bheil e air aontachadh leis a’ bhallrachd uile).

3.

Tagh aon de na leanas: 30


Tha mi toilichte gum bi an fhreagairt seo air fhoillseachadh agus a chur às mo leth no às leth mo bhuidhne Bu toil leam an fhreagairt seo fhoillseachadh gun urra Bu toil leam gun tèid beachdachadh air an fhreagairt seo, ach nach tèid fhoillseachadh (“cha bu chòir seo fhoillseachadh”) Ma tha thu air iarraidh a bhith gun urra no ma dh’iarr thu nach deigheadh do fhreagairt fhoillseachadh, thoir seachad adhbhar. (Thoir fa-near: cha tèid an t-adhbhar agad fhoillseachadh.) Adhbhar airson a bhith gun urra:

4. Innis d’ ainm slàn neo ainm na buidhne agad (ma tha thu a’ freagairt às leth buidhne). (Nòta: Cha tèid an t-ainm fhoillseachadh ma tha thu air iarraidh gum bi an fhreagairt gun urra no nach bu chòir fhoillseachadh.)

Ainm:

Innis dòigh anns an urrainn dhuinn fios a chur thugad ma tha ceistean ann a thaobh do fhreagairt. Is fheàrr post-d ach faodaidh tu cuideachd seòladh puist no àireamh fòn a thoirt seachad. (Nòta: Chan fhoillsich sinn am fiosrachadh conaltraidh seo.) 31


Fiosrachadh conaltraidh:

5. Dearbhadh dìon dàta ( Feumar seo a fhreagairt)

Tha mi a’ dearbhadh gu bheil mi air an Sanas Prìobhaideachd a leughadh agus a thuigsinn don cho-chomhairle seo a tha a’ mìneachadh mar a thèid an dàta pearsanta agam a chleachdadh.

Ma tha thu fo 12 agus a’ cur a-steach freagairt, feumaidh sinn fios a chur thugad gus iarraidh air do phàrant no neach-gleidhidh dearbhadh dhuinn gu bheil iad toilichte gun cuir thu do bheachdan thugainn.

Cuir diog sa bhogsa seo ma tha thu FO 12 bliadhna a dh’aois A-MHÀIN.

Na beachdan agad air a’ mholadh

Nota: Dh’fhaodte a h-uile freagairt do na ceistean san earrainn seo fhoillseachadh (mura tuirt thu nach bu chòir an fhreagairt agad fhoillseachadh).

Amas agus dòigh-obrach 32


1. Dè as fhaisge air do bheachd air a’ Bhile a tha ga mholadh? (Thoir fa-near gum feum thu a’ cheist seo a fhreagairt.) Gu tur taiceil Gu ìre taiceil Chan eil mi a’ cur taic ris no cur na aghaidh Gu ìre na aghaidh Gu tur na aghaidh Chan eil thu airson beachd innse

Innis na h-adhbharan airson do fhreagairt.

2. A bheil thu a’ smaoineachadh gu bheil feum air reachdas, no a bheil dòighean eile ann air an gabhadh amasan a’ Bhile a choileanadh nas èifeachdaiche? Feuch am mìnich thu na h-adhbharan airson do fhreagairt.

33


3. Buinidh am Bile a tha ga mholadh ri solar foghlam-còmhnaidh a-muigh do sgoiltean ùghdarrasan ionadail agus sgoiltean le taic-tabhartais a-mhàin. Dè de na leanas as fhaisge air do bheachd air nach bu chòir an dleastanas buntainn ri sgoiltean neoeisimeileach no àiteachan foghlaim sam bith eile. Gu tur taiceil Gu ìre taiceil Chan eil mi a’ cur taic ris no cur na aghaidh Gu ìre na aghaidh Gu tur an aghaidh Neo-chinnteach Innis adhbharan airson do fhreagairt.

4. ’S e an rùn gum biodh an dleastanas airson dèanamh cinnteach gun tèid foghlam-còmhnaidh a-muigh a sholarachadh a’ tuiteam orrasan air a bheil uallach airson an solar a chur air dòigh, me ùghdarrasan foghlaim agus manaidsearan sgoiltean le taic-tabhartais. Dè de na leanas as fhaisge air do bheachd air a’ mholadh seo? Gu tur taiceil Gu ìre taiceil Chan eil mi a’ cur taic ris no cur na aghaidh Gu ìre na aghaidh Gu tur an aghaidh Mì-chinnteach Innis na h-adhbharan airson do fhreagairt. 34


Maoineachadh 5. Dè de na leanas as fhaisge air do bheachd air mar a bu chòir eòlasan foghlaimcòmhnaidh a-muigh a bhith air am maoineachadh? Gu h-iomlan le Riaghaltas na h-Alba Gu h-iomlan le ùghdarrasan ionadail (airson sgoiltean air an ruith le ùghdarras ionadail) Le pàrantan/luchd-cùraim, le cosgaisean air an còmhdach le maoineachadh poblach far a bheil clann a’ coinneachadh ri slatan-tomhais airson taic ionmhais (me còir air biadh-sgoile an-asgaidh) Le pàrantan/luchd-cùraim a’ coinneachadh ri cosgaisean bìdh is àite-fuirich, agus cosgaisean eile gan coinneachadh bho airgead poblach Ann an dòigh eile Innis na h-adhbharan airson do fhreagairt. (Ma tha thu den bheachd gum bu chòir maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba a bhith air a sholarachadh do dh’ùghdarrasan ionadail, innis an dòigh-obrach airson a leithid de mhaoineachadh, mar eisimpleir tro bhloc-tabhartais, maoineachadh cuibhrichte msaa.)

Faodaidh buaidh ionmhasail a bhith aig lagh ùr sam bith a dh’fhaodadh buaidh a thoirt air daoine fa-leth, gnìomhachasan, an roinn phoblaich no eile. Dè a’ bhuaidh ionmhasail a tha thu a’ smaoineachadh a dh’fhaodadh a bhith aig a’ mholadh seo nan deigheadh e na lagh? 6.

àrdachadh mòr ann an cosgaisean beagan àrdachaidh ann an cosgaisean 35


cha tigeadh atharrachadh iomlan air cosgaisean beagan lùghdachaidh air cosgaisean lùghdachadh mòr air cosgaisean leum seachad chun na h-ath cheist gun seo a fhreagairt Innis na h-adhbharan airson do fhreagairt, a’ gabhail a-steach cò a shaoileadh tu a dh’fhairicheadh buaidh ionmhasail a’ mholaidh, agus an gabhadh am moladh a lìbhrigeadh ann an dòigh nas èifeachdaiche a thaobh cosgais.

Inbhe/Càileachd an t-solair

7.

Dè de na leanas as fhaisge air do bheachd air a’ mholadh airson frèam-obrach càileachd gus dèanamh cinnteach à càileachd solar foghlaim ionadan a-muigh? Gu tur taiceil Gu ìre taiceil Chan eil mi a’ cur taic ris no cur na aghaidh Gu ìre na aghaidh Gu tur an aghaidh Mì-chinnteach

Innis adhbharan airson do fhreagairt, a’ gabhail a-steach am bu chòir seo a dhèanamh le HMIE a’ cleachdadh frèam-obrach càileachd mar phàirt den sgrùdadh aca air sgoiltean agus an ìre a bu chòir a bhith reachdail, mas còir idir.

36


8.

Dè de na leanas as fhaisge air do bheachd gu bheil an raon aoise 12 – 16 iomchaidh airson a bhith an sàs ann am foghlam-còmhnaidh a-muigh? Gu tur taiceil Gu ìre taiceil Chan eil mi a’ cur taic ris no cur na aghaidh Gu ìre na aghaidh Gu tur an aghaidh Mì-chinnteach

Innis adhbharan airson do fhreagairt, a’ gabhail a-steach am biodh raointean aoise eile na b’ iomchaidh.

Co-ionannachd 9. Faodaidh lagh ùr sam bith buaidh a thoirt air diofar dhaoine fa leth sa chomannshòisealta, mar eisimpleir mar thoradh air an aois, ciorram, ath-shònrachadh gnè, inbhe pòsaidh is com-pàirteachas catharra, torrachas is màthaireachd, cinneadh, creideamh no creideas, gnè no claonadh feise. Dè a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig a’ mholadh seo air daoine sònraichte nan deigheadh e na lagh? [Mura h-eil beachd agad, leum chun na h-ath cheist] 37


Innis na h-adhbharan airson do fhreagairt agus am faodadh am moladh droch bhuaidh a sheachnadh air daoine sònraichte.

10. Ciamar a dh’fhaodar dèanamh cinnteach à cothromachd solair do na h-uile, a dh’aindeoin inbhe shòiseo-eaconamach? Innis adhbharan airson do fhreagairt.

Seasmhachd 11. Faodaidh lagh ùr sam bith buaidh a thoirt air obair gus an àrainneachd a dhìon agus a neartachadh, eaconamaidh sheasmhach a thoirt gu buil, agus comann-sòisealta làidir, fallain agus cothromach a chruthachadh airson nan ginealach ri teachd. Am faodadh am moladh buaidh a thoirt air gin de na raointean sin? [Mura h-eil beachd agad, leum chun na h-ath cheist] Innis na h-adhbharan airson do fhreagairt, a’ gabhail a-steach dè a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig a’ mholadh, agus a bheil dòighean sam bith a dh’fhaodadh am moladh droch bhuaidh a sheachnadh?

38


San Fharsaingeachd

12.

A bheil beachdan no molaidhean sam bith eile agad mun Bhile a tha ga mholadh (nach deach dèiligeadh riutha mar-thà ann an gin de na freagairtean agad do cheistean na bu tràithe)?

Mar a fhreagras tu an co-chomhairleachadh seo Thathas a’ toirt cuireadh dhut freagairt a thoirt don cho-chomhairle seo le bhith a’ freagairt nan ceistean sa cho-chomhairle agus le bhith a’ cur bheachdan sam bith eile a tha thu a’ meas iomchaidh a-steach.

Cruth fhreagairtean Thathas gad bhrosnachadh gus do fhreagairt a chur a-steach tro shuirbhidh air-loidhne (Smart Survey) ma ghabhas e dèanamh, oir tha seo nas luaithe agus nas èifeachdaiche dhut fhèin agus don Phàrlamaid. Ach, mura h-eil cothrom air-loidhne agad, no mura heil thu ag iarraidh Smart Survey a chleachdadh, faodaidh tu cuideachd freagairt tro phost-d no ann an cruth pàipeir. Tha fàilte ro bheachdan sa Ghàidhlig. Suirbhidh air-loidhne Gus freagairt tro shuirbhidh air-loidhne, lean an ceangal seo: https://www.smartsurvey.co.uk/s/OutdoorEducation/ ’S e Smart Survey an t-ùrlar airson an t-suirbhidh air-loidhne, siostam suirbhidh airloidhne treas-phàrtaidh a leigeas le BCPA freagairtean a chruinneachadh do chochomhairlean BPA. Tha Smart Survey stèidhichte san RA agus tha e fo smachd riatanasan an Riaghailt Dìon Dàta Coitcheann (GDPR) agus reachdas dìon dàta iomchaidh sam bith eile. Chì am BPA a tha a’ toirt air adhart a’ Bhile agus luchd-obrach 39


ann am NGBU fiosrachadh sam bith a chuireas sibh mar fhreagairt don cho-chomhairle seo (a’ gabhail a-steach dàta pearsanta). Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu làimhseachadh an dàta agad anns an t-Sanas Prìobhaideachd, a tha ri fhaighinn an dàrna cuid tron cheangal Smart Survey gu h-àrd no an seo Sanas Prìobhaideachd Tha poileasaidh prìobhaideachd Smart Survey ri fhaighinn an seo: https://www.smartsurvey.co.uk/privacy-policy

Tagraidhean dealanach no air pàipear

Bu chòir freagairtean nach deach a dhèanamh tro Smart Survey, mas urrainnear, ullachadh gu dealanach (ann an MS Word aig a’ char as fheàrr). Feuch gun cùm thu cruth na sgrìobhainn seo sìmplidh. Cuir an sgrìobhainn tro phost-d (mar cheangal, seach ann am meadhan a’ phuist-d fhèin) gu: Elizabeth.Smith.msp@parliament.scot Thathar a’ cur fàilte air beachdan sgrìobhte sa Ghàidlhig. Bu chòir freagairtean ann an cruth pàipeir a sganadh agus a chur mar cheangal chun tseòladh puist-d gu h-àrd no a chur sa phost gu: Liz Nic a’ Ghobhainn BPA Seòmar M12.16 Pàrlamaid na h-Alba Dùn Èideann EH99 1SP Faodaidh an oifis agam no NGBU freagairtean a chuirear a-steach tro phost-d no air pàipear a chur a-steach don Smart Survey. Ma tha thu a’ cur a-steach freagairt tro phost-d no air pàipear, cuir a-steach dearbhadh sgrìobhte gu bheil thu air am Fios Prìobhaideachd a leughadh agus a thuigsinn. Faodaidh tu cuideachd fòn a chur chun na h-oifis agam air (0131) 348 6762. 40


Ceann-latha airson fhreagairtean Bu chòir a h-uile freagairt a bhith a-staigh ro 22 Iuchar 2022. Feuch an leig thu fios dhomh ron cheann-latha seo ma tha thu an dùil gum bi duilgheadasan agad a’ coinneachadh ris. Cha bhi freagairtean a gheibhear às dèidh don chochomhairleachadh dùnadh air an gabhail a-steach ann an geàrr-chunntas sam bith de fhreagairtean a thèid ullachadh.

Mar a thèid freagairtean a làimhseachadh Gus taic-fiosrachaidh a thoirt do dheasbad mu na cùisean a tha air an còmhdach leis a’ cho-chomhairleachadh seo agus a thaobh fosgarrachd, thoir fa-near gum bithinn mar as trice an dùil a bhith a’ foillseachadh gach freagairt a gheibhear (ach a-mhàin freagairtean nach eil airson foillseachadh): http://schoolsresidentialbill .org/

Bidh ainm an neach-freagairt (seach freagairtean gun urra) air freagairtean foillsichte, ach cha tèid dàta pearsanta eile a chaidh a chur ris an fhreagairt (a’ gabhail a-steach sgrìobhadh-ainm, seòladh agus fiosrachadh conaltraidh) fhoillseachadh. Far a bheil freagairtean a’ gabhail a-steach susbaint a thathas a’ meas oilbheumach, cliù-mhillteach no neo-iomchaidh, dh’fhaodadh an oifis agam fios a chur thugad gus atharraichean aontachadh air an t-susbaint, no dh’fhaodadh iad an t-susbaint atharrachadh iad fhèin agus dreach ùr fhoillseachadh. Thèid lethbhreacan de na freagairtean gu lèir a thoirt do Aonad Bilean Neo-Riaghaltais Pàrlamaid na h-Alba (NGBU), gus an ullaich iad geàrr-chunntas a dh’fhaodas mi an uair sin a chur a-steach le moladh deireannach (an ath cheum sa phròiseas gus Bile Buill a thoirt a-steach). Tha an Sanas Prìobhaideachd a’ mìneachadh barrachd air mar a làimhsicheas a’ Phàrlamaid do fhreagairt. Ma chuireas mi a-steach moladh deireannach, bidh e mar dhleastanas orm lethbhreacan de fhreagairtean (ach a-mhàin freagairtean nach eil airson foillseachadh) a thoirt gu Ionad Fiosrachaidh Pàrlamaid na h-Alba (SPICe). Faodaidh SPICe freagairtean a thoirt do BhPA no luchd-obrach ma thèid an iarraidh.

Iarrtasan airson freagairtean gun urra no gun fhoillseachadh

41


Ma tha thu airson gun tèid do fhreagairt a làimhseachadh gun urra no nach tèid fhoillseachadh”, innis seo gu soilleir. Tha an Sanas Prìobhaideachd a’ mìneachadh mar a làimhsicheas sinn an leithid de fhreagairtean.

Adhbharan eile nach tèid susbaint fhoillseachadh Far am faighear àireamh mhòr de fhreagairtean, gu h-àraidh ma tha iad glè choltach ri chèile, dh’fhaodadh nach bi e practaigeach no iomchaidh am foillseachadh fa leth. Is dòcha gur e aon roghainn an teacsa fhoillseachadh aon turas a-mhàin, còmhla ri liosta de dh’ainmean an fheadhainn a thug seachad an fhreagairt sin. Faodaidh adhbharan laghail a bhith ann cuideachd gun a bhith a’ foillseachadh cuid de fhreagairt no làn fhreagairt – mar eisimpleir, ma tha briathran neo-iomchaidh, oilbheumach no cliù-mhillteach ann. Ma tha mi a’ smaoineachadh gu bheil an leithid de shusbaint anns an fhreagairt agad, dh’fhaodadh gun tèid a thilleadh thugad ag iarraidh adhbhar a thoirt seachad airson na thuirt thu no na briathran atharrachadh no a thoirt amach. Air neo, dh’fhaodadh sinne na briathran fo cheist atharrachadh no a thoirt amach agus do fhreagairt fhoillseachadh às an aonais no dh’fhaodadh sinn diùltadh fhoillseachadh uile gu lèir.

Dìon Dàta Mar BPA, feumaidh mi cumail ri riatanasan an Riaghailt Dìon Dàta Coitcheann (GDPR) agus reachdas dìon dàta eile a tha a’ cur dhleastanasan orm nuair a bhios mi a’ làimhseachadh dàta pearsanta. Mar a chaidh a ràdh gu h-àrd, mar as trice foillsichidh mi do fhreagairt gu h-iomlan, an cois d’ ainm, mura h-iarr thu gum bi e gun urra no gun iarr thu nach tèid fhoillseachadh. Chan fhoillsich mi an sgrìobhadh-ainm agad no fiosrachadh conaltraidh pearsanta. Tha an Sanas Prìobhaideachd a’ mìneachadh nas mionaidiche dè tha seo a’ ciallachadh. Faodaidh mi cuideachd pàirt sam bith den fhreagairt agad atharrachadh a tha mi a’ smaoineachadh a dh’fhaodadh aithne cuideigin eile a nochdadh, mura h-eil an neach sin air cead a thoirt dhomh fhoillseachadh. Ma tha thu ag iarraidh orm fiosrachadh fhoillseachadh a dh’fhaodadh aithne cuideigin eile a nochdadh, bu chòir dhut cead an neach sin fhaighinn ann an sgrìobhadh agus a chur a-steach leis an tagradh agad. Ma tha thu den bheachd gum faodadh do fhreagairt cùisean sam bith eile a thogail fon GDPR no reachdas dìon dàta eile agus gu bheil thu airson tuilleadh a ràdh mu seo, cuir fios thugam mus cuir thu a-steach do fhreagairt. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu dhìon dàta aig: www.ico.gov.uk .

Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002 42


Mar a chaidh innse gu h-àrd, is dòcha gum bi cothrom aig NGBU air fiosrachadh fhaighinn anns an fhreagairt agad, no air a thoirt seachad leis an fhreagairt agad nach bithinn gu h-àbhaisteach a’ foillseachadh (leithid susbaint phrìobhaideach, no am fiosrachadh conaltraidh agad). Tha fiosrachadh sam bith mar seo a tha aig a’ Phàrlamaid an urra ri riatanasan Achd Saorsa an Fhiosrachaidh. Mar sin ma dh’iarras treas phàrtaidhean am fiosrachadh feumaidh Pàrlamaid na h-Alba beachdachadh air an iarrtas agus is dòcha gum feum iad am fiosrachadh a thoirt seachad mura h-eil am fiosrachadh a’ tighinn fo aon de na saoraidhean a tha air am mìneachadh san Achd. Mar sin chan urrainn dhomh gealltainn nach tèid fiosrachadh sam bith a chuireas tu thugam fhoillseachadh ma thèid iarraidh fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu Shaorsa Fiosrachaidh aig: www.itspublicknowledge.info .

43


PÀIPEAR-TAICE Sgrùdaidhean airson cùl-fhiosrachadh: Foghlam a-muigh ann an Alba – Peter Higgins: http://www.docs.hss.ed.ac.uk/education/outdoored/higgins_oe_in_scotland.pdf Pannal Comhairleachaidh https://www.sapoe.org.uk/

na

h-Alba

air

Foghlam

A-muigh

(SAPOE):

https://www.sapoe.org.uk/wp-content/uploads/2020/08/OEC-Fit-for-the-Future-FinalVersion-1.1.pdf Education Endowment Foundation (EEF): https://educationendowmentfoundation.org.uk/evidence-summaries/teaching-learningtoolkit/outdoor-adventure-learning/ https://educationendowmentfoundation.org.uk/evidence-summaries/teaching-learningtoolkit/outdoor-adventure-learning/technical-appendix/ Foghlam Alba: https://education.gov.scot/improvement/learning-resources/a-summary-of-outdoorlearning-resources/ curraicealam airson sàr-mhathais tro ionnsachadh a-muigh. An Lìonra Nàiseanta airson Ionnsachadh A-muigh : https://nnolscotland.blogspot.com/p/research-to-support-outdoor-learning.html Tha sleamhnagan aca cuideachd bho ghrunn acadaimigich, mar eisimpleir: https://nnolscotland.blogspot.com/p/strategic-seminar-20th-november-2019.html Ionadan Foghlaim A-muigh na h-Alba: https://www.soec.org.uk/resources/downloadlibrary/

44


Eàrr Ràdh 1: Teacs Gàidhlig airson nan clàran/figearan uile: Clàr 1 ENGLISH Number of Centres: 126 Number of beds: 5718 12 Centres have no bed data and are not displayed No. of beds Operator Local Authority Charity/Company

GÀIDHLIG Àireamh de dh’ionadan: 126 Àireamh de leapannan: 5718 Chan eil dàta mu leapannan aig 12 ionadan agus chan eil iad air an taisbeanadh Àireamh de leapannan Obraiche Ùghdarras Ionadail Carthannas/Companaidh

Clàr 2 ENGLISH Number of Centres: 51 Number of beds: 4351 No. of beds 2022 Data Local Authority Commercial Company Charity

GÀIDHLIG Àireamh de dh’ionadan: 51 Àireamh de leapannan: 4351 Àireamh de leapannan Dàta 2022 Ùghdarras Ionadail Companaidh Mhalairteach Carthannas

Clàr 3 ENGLISH Safe, professional & quality assured Relevant & Planned learning The curriculum, the school and the community Transitions & Progressive experiences Health and Wellbeing Outdoor & Adventure Activities Personal & Social Development Learning for Sustainability and the Environment (Residential) Outdoor Education

GÀIDHLIG Sàbhailte, proifeasanta is le dearbhadh càileachd Ionnsachadh Buntainneach is Dealbhaichte An curraicealam, an sgoil agus a’ choimhearsnachd Eadar-ghluasadan is Eòlasan adhartach Slàinte agus Sunnd Gnìomhan A-muigh is Dànachd Leasachadh Pearsanta is Sòisealta Ionnsachadh airson Seasmhachd agus na hÀrainneachd Foghlam (Còmhnaidh) a-muigh

45


Clàr 4 ENGLISH Programme Summary Number of Students: Arrival time: Objectives : • Gain the Discovery level of the John Muir Award • Learn how animals and people survive on the Isle of Cumbrae • Develop teamwork and communication skills • Explore a range of natural environments Number of School Staff: Departure time: Lead Tutor DAY MORNING AFTERNOON EVENING ARRIVAL - midday Team Building What Wanders at Night Bushcraft Discover Cumbrae Walk Orienteering Rocky Shore Exploration Rock Climbing Aquarium and Museum Habitat Creation Rafting Campfire Reviews and Sharing Fri 3rd DEPART – midday

GÀIDHLIG Geàrr-chunntas Prògraim Àireamh de dh’Oileanaich: Àm ruighinn: Amasan: • Faigh an ìre Lorg airson Duais Iain Muir • Ionnsaich mar a tha beathaichean agus daoine beò air Eilean Chumaraidh • Leasaich obair-sgioba agus sgilean conaltraidh • Rannsaich grunn àrainneachdan nàdarra Àireamh de Luchd-obrach Sgoile: Àm fàgail: Prìomh Neach-teagaisg LATHA MADAINN FEASGAR OIDHCHE RUIGSINN - meadhan-latha Togail Sgioba Na Bhios A-muigh Feadh na h-Oidhche Sgilean a’ Bhlàr A-muigh Cuairt Rannsachaidh Chumaraidh Comas-iùil Rannsachadh Cladach Creagach Sreap Creige Iasglann agus Taigh-tasgaidh Cruthachadh Àrainn Seòladh Ràtha Teine-campa Beachdan agus Co-roinn Dihaoine 3mh FÀGAIL - meadhan-latha

Clàr 5 ENGLISH SAMPLE PROGRAMME FIVE DAY This is what a week at Outward Bound might look like. MONDAY DAY 1

GÀIDHLIG SAMPALL DE PHRÒGRAM CÒIG-LATHA Seo cò ris a dh’fhaodadh seachdain aig Outward Bound a bhith coltach. DILUAIN LATHA 1

46


ARRIVE: Setting the scene. Course introductions. Hope and fears. ADVENTURES: Immersion into the natural environment with jog and dip followed by group work. EVENING: Exploring course aims and personal responsibility. ACTIVITIES: High challenge activity and stargazing. TUESDAY: DAY 2 DAY: Goals for the day. Self-confidence and self-awareness. Achieving personal goals. Try something new. ADVENTURES: A full day of authentic adventure in the natural environment, such as gorge scrambling, rock climbing or abseiling. EVENING: Effort and reward. Importance of collaboration and support. ACTIVITIES: Preparing and packing for overnight expedition. WEDNESDAY: DAY 3 DAY: Confidence and resilience to overcome new challenges. Taking responsibility. Link between effort and reward. Concern and awareness for the natural environment. ADVENTURES: An all-day journey through the wilderness. Ascent of a mountain peak with environmental awareness tasks. Set up camp. EVENING: Self-reliance. Recognising achievement. ACTIVITIES: Overnight camp in the wilderness. A hike in the dark followed by a facilitated review. THURSDAY: DAY 4 DAY: Awareness of the natural environment. Goal setting and taking responsibility. Contributing to working collaboratively. Resilience and reward. ADVENTURES: An all-day linked journey back to centre over land and water, such as a hike followed by canoeing, kayaking or rowing.

RUIGSINN: Ro-ràdh. A’ cur eòlas air a chèile. Dòchas agus eagal. GNÌOMHAN-DÀNACHD: Bogadh san àrainneachd nàdarra le ruith is leum agus obairbuidhne às dèidh sin. OIDHCHE: Sgrùdadh amasan cùrsa agus uallach pearsanta. GNÌOMHAN: Gnìomh àrd-dhùbhlain agus amharc nan rionnagan. DIMÀIRT: LATHA 2 LATHA: Amasan airson an latha. Fèinmhisneachd agus fèin-mhothachadh. A’ coileanadh amasan pearsanta. Feuch rudeigin ùr. GNÌOMHAN-DÀNACHD: Latha làn de dhànachd fhìor anns an àrainneachd nàdarra, leithid sreap mòr-ghil, streap chreagan no abseileadh. OIDHCHE: Oidhirp agus duais. Cho cudromach ’s a tha co-obrachadh agus taic. GNÌOMHAN: Ullachadh agus pacadh airson turas oidhche. DICIADAIN: LATHA 3 LATHA: Misneachd agus foghainteachd gus faighinn seachad air dùbhlain ùra. Gabhail uallach. Ceangal eadar oidhirp agus duais. Dragh agus mothachadh air an àrainneachd nàdarra. GNÌOMHAN-DÀNACHD: Turas fad an latha tron fhàsach. Sreap gu mullach beinne le gnìomhan mothachadh àrainneachd. Togail campa. OIDHCHE: Fèin-earbsa. Aithne air coileanadh. GNÌOMHAN: Campa oidhche anns an fhàsach. Cuairt san dorchadas le ath-bhreithneachadh às a dhèidh. DIARDAOIN: LATHA 4 LATHA: Mothachadh air an àrainneachd nàdarra. Suidheachadh amasan agus gabhail uallach. Obair còmhla. Foghainteachd agus duais. GNÌOMHAN-DÀNACHD: Turas fad latha air ais chun ionaid thairis air fearann is uisge, leithid coiseachd agus curachanachd, kayakadh no iomradh eathair.

47


EVENING: Exploring course aims and personal responsibility and engagement. ACTIVITIES: Clean up and put away camping equipment. Facilitated discussion and personal reflection. FRIDAY: DAY 5 DAY: Personal goal setting. Recognition of achievements. Reward and celebration.

OIDHCHE: Sgrùdadh amasan a’ chùrsa agus uallach pearsanta agus com-pàirteachadh. GNÌOMHAN: Glanadh agus cur air falbh uidheamachd campachaidh. Deasbad agus meòrachadh pearsanta le taic.

ACTIVITIES: Group rowing. Team challenges in new groups, course review and presentations of learning. DEPART: 1pm

GNÌOMHAN: Iomradh buidhne. Dùbhlain sgioba ann am buidhnean ùra, ath-sgrùdadh cùrsa agus taisbeanaidhean ionnsachaidh.

DIHAOINE: LATHA 5 LATHA: Suidheachadh amasan pearsanta. Aithne air coileanadh. Duais agus gàirdeachas.

FÀGAIL: 1f

Clàr 6 ENGLISH NATURE EXPOSURE THE LEARNER LEARNING OUTCOMES Free play in nature Nature walks Camp experiences Wilderness adventures Nature center programs Nature-based preschools Nature-based curricula Outdoor classes and schools Forest schools Classroom views Vegetation around early childhood institutions, schools and homes School gardens Animal-assisted learning • More able to concentrate* • Less stressed* • More self-disciplined* • More engaged • More physically active, fit THE LEARNING CONTEXT • Calmer, quieter, safer social context • Warmer, more cooperative social context

GÀIDHLIG COTHROM AIR NÀDAR AN NEACH-IONNSACHAIDH BUILEAN FOGHLAIM Cluich saor ann an nàdar Cuairtean nàdair Eòlasan campa Tursan-dàna san fhàsach Prògraman ionadan-nàdair Ro-sgoile stèidhichte air nàdar Curraicealaman stèidhichte air nàdar Clasaichean agus sgoiltean a-muigh Sgoiltean coille Seallaidhean seòmar-sgoile Fàsmhorachd timcheall air ionadan tràthbhliadhnaichean, sgoiltean agus dachaighean Gàrraidhean-sgoile Ionnsachadh le taic bheathaichean • Nas comasaiche air aire a chumail air rud* • Nas lugha de dh’uallach* • Barrachd fèin-smachd* • Barrachd com-pàirteachaidh • Nas gnìomhaiche gu corporra, fallain AN CO-THEACSA IONNSACHAIDH • Co-theacsa sòisealta nas ciùine, nas sàmhaiche, nas sàbhailte • Co-theacs sòisealta nas blàithe, nas coobrachail

48


• Autonomy and “loose parts”

• Neo-eisimeileachd agus “pàirtean sgaoilte”

Academic Achievement Increased retention of subject matter content* Higher standardized test scores Better grades Better reading, math, writing skills

Coileanadh Acadaimigeach Barrachd glèidhidh de shusbaint cuspair* Sgilean deuchainnean coitcheann nas àirde Comharraidhean nas fheàrr Sgilean leughaidh, matamataig, sgrìobhaidh nas fheàrr Ìrean ceumnachaidh nas àirde Leasachadh Pearsanta Sgilean ceannais nas fheàrr Sgilean conaltraidh nas fheàrr Barrachd foghainteachd Smaoineachadh breithneachail agus fuasgladh cheistean nas fheàrr Sgilean spàsail nas fheàrr Stiùbhardachd Ceangal nas làidire ri nàdar Luachan àrainneachd nas làidire Giùlan nas fheàrr a thaobh na h-àrainneachd

Higher graduation rates Personal Development Better leadership skills Better communication skills More resilience Better critical thinking and problem solving Better spatial skills Stewardship Stronger connection to nature Stronger environmental values More pro-environmental behaviors

49


Turn static files into dynamic content formats.

Create a flipbook
Gaelic Translation Of Proposed Schools (Residential Outdoor Education) (Scotland) Bill by Mike Harvey - Issuu