3 minute read

Life on the Islands

Beatha an eilean

Mòran fhathast ri dhèanamh air Bile an Àiteachais,

Advertisement

Le Murray MacLeòid

Leis gu bheilear a’ bruidhinn mu 800 millean not de dh’airgead poblach gach bliadhna, tha e caran iongantach nach eilear air barrachd a chluinntinn mu Bhile Àiteachais ùir an riaghaltais.

Ach, tha dà adhbhar math airson seo. Sa chiad dol a-mach, tha gnothaichean gu math nas cudromaiche air aire dhaoine an-dràsta (mar a tha prìsean connaidh a’ sìor dol am meud agus an cruadail a tha dol a thighinn le sin) agus cuideachd, ‘s ann a thig an obair mhòr air a’ bhile a dheànamh an ath bhliadhna co dhiù, nuair a bhios aige ri dhol tro Phàrlamaid na h-Alba.

Gu ruige seo, chan e ach iadsan a chì a’ bhuaidh as motha – croitearan is tuathanaich gu sònraichte – a tha air an guth a thogail agus dh’fhaodadh a ràdh nach eil iad ro thoilichte.

‘S e seo an crathadh as motha a tha a’ dol a thighinn air susbsadaidh an àiteachais ann an ginealach agus tha e follaiseach gun robh làn dùil ri barrachd feòil air an cnàmhan aig an ìre seo.

Mar a thuirt Stiùiriche Poileasaidh Aonadh nan Tuathanach, Seonaidh Hall: “Tha e deuchainneach air leth nach eil Riaghaltas na h-Alba air roghainnean cinnteach a chur an cèill mu chiamar a gheibh na cumhachdan ùra a thig leis a’ bhile a chleachdadh airson àrach-bidhe a chur aig cridhe buannachdan eaconamaigich, soisealta is àrainneachd.”

Aon rud a tha am bile a’ moladh, ‘s e ’s gum bu chòir dhan dàrna leth dhen airgead a bhith air a cheangal ri coinneachadh targaidean air an àrainneachd, rud ris an robh dùil agus làn fhios gu feumar gluasad gu dòighean obrachd a tha nas uaine.

Ach, mar a tha faclan an aonaidh a’ sealltainn, tha feum air coimhead ri gnothach eile cuideachd – ‘s e sin, na tha sinn ag àrach de bhiadh anns an dùthaich seo fhèin a leudachadh, rud a tha gu mòr far comhair a-nis le cogadh Ucràin agus sinn cus an urra ri na margaidhean eadar-nàiseanta.

Tha e gu bhith gu math duilich cothromachadh a dhèanamh air na diofar feumalachdan, ma ghabhas a dhèanamh idir.

Mar eisimpleir, ma chuireas tu am fearann gu lèir fo chraobhan, gun teagamh tha sin a’ coinneachadh ri dleasdanasan na h-àrainneachd, ach tha e a’ toirt an fhearainn sin air falbh bho bhiadh agus feumar an uair sin, barrachd a thoirt a-staigh bho dhùthchannan eile. Cà’ bheil sin a’ fàgail carbon cothromach?

An ath mhios theid caismeachd a chumail aig Parlamaid na h-Alba gus aite a’ mhor-sluaigh a tharraing gu laigse a’ bhile.

Thuirt ceann-suidhe Aonadh nan Tuathanach, Martainn Ceannadach: “’S e ceum bunaiteach a tha ann an Bile Aiteachais Riaghaltas na h-Alba air an rathad a dh’ionnsaigh poileasaidh ùr àiteachais agus na h-atharraichean a tha dol a thighinn air mar a bhios croitearachd is tuathanas a’ faighinn taic san àm ri teachd.

“Ach, thathas ag iarraidh air croitearan is tuathanaich dhol an sas san deasbad far a bheil gainnead fiosrachaidh.

“Tha e deuchainneach air leth a’ dh’aoidheoin iomadach iarraidh thairis na miosan a dh’fhalbh nach eil soilleireachadh againn fhathast air dè na cumhachdan ùra a bhios anns a’ bhile.”

Ach, sgaradh a tha anns a’ ghnìomhachas fhèin. Aig aon cheann, tha na gnìomhachasan mòra àranta a tha cho cudromach ann an a bhith a’ cumail stuth air sgeilfichean nam bùthan mora.

Air an taobh eile, tha na tuathanachasan beinne, le stoc a’ ruith thairis raointean mòra. Ged nach eil iad a’ cruthachadh an t-uabhas bidhe, tha iad riatanach an dèidh sin airson cumadh a thoirt air na glinn is na monaidhean, le beathaichean ag inilt ga fhaicinn an-diugh nas cudromaiche a thaobh a bhith a’ brosnachadh beathaichean is lusan.

Chan eil e cho fada sin bhuaithe bho bha gach siostam ag obair làmh ri làimh ri chèile, mus tàinig cuideam bhon mhargaidh a bha a’ ciallachadh gu feumadh gnìomhachasan fàs na bu mhotha airson cosgaisean a chumail sios.

Leis nach eil am bile ach aig ìre trath fhathast, ‘s dòcha nach eil e ro anmoch cuairt bheag a ghabhail tro eachdraidh agus faicinn dè na leasanan practaigeach a tha rim faighinn.

Bhiodh dol air ais gu mar a bha cùisean uaireigin gu math tarraingeach ann an iomadach seadh, agus choinnicheadh e ri feumalachdan an là an-diugh cuideachd.

Ceann-suidhe Aonadh nan Tuathanach, Martainn Ceannadach

www.stornowaygazette.co.uk