Fuasgladh Comais Gabhail Ri Miann-adhartais

Page 1

Fuasgladh Comais Gabhail Ri Miannadhartais plana co-roinnte do ghnĂŹomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail 2014-2024


© 2014 Alba Chruthachail Chan fhaod pàirt sam bith den fhoillseachadh seo a bhith air ath-thoradh ann an cruth sam bith gun chead sgrìobhte ro-làimh bho Alba Chruthachail.

Cothroman co-ionnan Tha Alba Chruthachail a’ cur an gnìomh poileasaidh chothroman co-ionnan. Tha slighe a-steach do chiorramaich aig na h-oifisean againn. Gheibhear air cuid de fhoillseachaidhean fhaotainn ann an Gàidhlig, ann an clò mòr, Braille no ann an cruth claistinn. Curibh ceistean air 0845 603 6000 Cleachdaibh an àireamh 18001 an toiseach le Typetalk Tha am plana seo ga thoirt gu buil le Alba Chruthachail ann an cruth eileagtronaigeach – feuch gum bi aire agaibh don àrainneachd agus na clò-bhuailibh e mura h-eil feum agaibh air. Tha am fiosrachadh air ais bhuaibh cudromach dhuinn. Feuch gun toir sibh dhuinn ur beachd air an fhoillseachadh seo air post-d aig feedback@creativescotland.com

Còmhdach: Island Drift, coimisean fotografachd NVA le Alba Chruthachail ann an compàirteachas le Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròsaichean. Dealbh: Alan McAteer.


Cò Sinn Is e Alba Chruthachail am buidheann Riaghaltais a tha a’ cur taic ri gnìomhachasan nan ealan, sgrìona agus cruthachail tarsainn gach ceàrnaidh de dh’Alba às leth gach neach a tha a’ fuireach, ag obair agus a’ tadhal an seo. Tha sinn a’ comasachadh dhaoine agus bhuidhnean gu bhith ag obair ann agus a’ faotainn eòlas air na h-ealain agus na h-earrannan cruthachail ann an Alba, le bhith a’ cuideachadh chàich gu cultar a chruthachadh tro bhith a’ leasachadh bheachdan matha agus gan toirt beò.

1


2

Fahd Burki, neach-ealain stèidhichte ann an Lahore, aig Latha nan Dorsan Fosgailte aig Clòdhadairean Dhùn Èideann. Dealbh: le urram do Chlòdhadairean Dhùn Èideann. Fuasgladh Comais


Gabhail Ri Miann-adhartais

Clàr-innse Ann an deich bliadhna

Lèirsinn Cho-roinnte

Miannadhartais is prìomhachasan

6

13

17

Ceangal raointean

Ar n-Adhbhar

Daoine is cruthachalachd

24

32

41

An siostam cruthachail

Ag obair leis an Riaghaltas

Faigh a-mach tuilleadh

47

52

56

3


4

Cuid de na mòmaidean nach do dhìochuimhnich sinn le Christine Devaney, Indepen-dance 4, co-cheòltairean ionghabhalta anns a bheil Hayley Earlam, Adam Sloan, Neil Price, agus Kelly McCartney. Dealbh: Brian Hartley.

Fuasgladh Comais


Gabhail Ri Miann-adhartais

5


6

Ann An Deich Bliadhna 2014 Tha cruinn-eòlas na h-Alba a’ spangachadh Gàidhealtachd is Galltachd, sgìrean bailteil is dùthchail, mu 11,000km de dh’oirthìr agus faisg air 800 eilean. Tha i na dachaigh do 5.3 millean neach, a’ fuireach agus ag obair ann an coimhearsnachdan tarsainn 32 ùghdarrasan ionadail. Tha ar cultar cruthachail a’ sìor fhàs eadar-mheasgte, a’ nochdadh ’s a’ ceasnachadh eachdraidh, a’ cumadh agus ag acrachadh dhaoine is choimhearsnachdan agus a’ cur taic ri còrr agus 65,000 obair chruthachail sa bheil luach suas ri £3 billean do dh’eaconamaidh na h-Alba gach bliadhna.

Dè tha sinn ag iarraidh do dh’Alba ann an deich bliadhna? Tha sinn airson gum bi Alba mar àite far a bheil luach is aithne ga chur air gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail; far a bheil luchd-ealain is daoine cruthachail a’ fàs agus a’ soirbheachadh agus far a bheil gach neach anns gach àite sùimeil is feòrachail mu chruthachalachd. Bidh iomadachd is feartan eadar-dhealaichte na h-Alba, a tha a’ nochdadh tro ar cànanan dùthchasach, Gàidhlig is Albais, agus air a neartachadh le raon a tha a’ sìor fhàs de bhuadhan cultarach, faicsinneach don chòrr den t-saoghal. Bidh an àireamh mhòr a th’ againn de bhailtean-mòra fillichte is inneachail, bailtean is àrainneachdan air an aithneachadh gu bhith air èirigh a-mach à suidheachadh gun choimeas agus fa leth. Bidh luach ga chur air na h-ealain is cruthachalachd agus bidh iad air an tuigsinn mar phàirt de an caractar. Bidh an dlùth-chaidreabh de chruthachalachd ionadail ann an àiteachan mar Bun Ilidh, Langholm agus Ulapul cho làthaireach sa ghrèisbhrat againn ri buidhnean mar Fèisean Dhùn Èideann, na Gailearaidhean Nàiseanta, Orcastra Seòmair na h-Alba agus an V&A ann an Dùn Deagh. Fuasgladh Comais


Gabhail Ri Miann-adhartais

Thig cruthachalachd gu bhith a’ cur agus a’ fighe cheanglaichean sòisealta ùr thar choimhearsnachdan, cùl-raoin is dòighean beatha eadar-mheasgte. Bidh daoine a’ coimhead ri cruthachalachd a ruighinn agus a’ stiùireadh air adhart gu h-ionadail nan coimhearsnachdan fhèin, a thuilleadh air a bhith a’ dèanamh uaill à innse sgeulachdan, seinn òrain, cluich ciùil agus a’ cruthachadh cheanglaichean tro dhannsa, ealain, dràma, ceàird, litreachas is film. Bidh iad a’ dèanamh seo le misneachd agus len uile chridhe, a’ riochdachadh na tha e a’ ciallachadh a bhith dhe dh’Alba, a’ cur fàilte air luchd-èisteachd gu bhith ag amharc air coinneachaidhean cruthachail le luchd-ealain is companaidhean à mòran chultaran is diofar cheàrnaidhean den t-saoghal. Bidh iad a’ coroinn eòlasan, a’ comharrachadh beatha agus a’ sgrùdadh cheistean mu bhith beò, daonnachd agus dàimhean, tro bhòidhchead, truacantas is àbhachdas, a’ cur meanmna is feòrachadh ris an dùthaich seo tarsainn an àireamh-sluaigh. Bidh luchd-ealain agus daoine cruthachail a’ toirt buaidh air a’ bheatha làitheil agus mar thoradh air an sin, bidh iad air am faicinn mar thùsan comhairle is brosnachaidh luachmhor le luchd-dèanamh phoileasaidhean aig ìrean ionadail is nàiseanta ag obair ann an roinnean leithid slàinte, fàs eaconamach agus foghlam a thuilleadh air taobh a-staigh na h-àrainn chultaraich. Bidh Alba na h-àrainneachd far am faod barrachd luchd-ealain is daoine cruthachail teachd-a-steach fhallain a ghineadh mar thoradh air an oidhirpean. Bidh daoine a tha ag obair ann an seagh cruthachail agus ann an saoghal nan ealan air togail air coileanaidhean soirbheachail gu ruige seo agus air fàs nas ealanta tro leasachadh air sgilean ùra, agus lìonraidhean is modalan gnothachais ann an Alba agus air feadh an t-saoghail. Bidh companaidhean is buidhnean ùra gan cruthachadh, cuid air sgèile, a’ cruthachadh obraichean ùra thar nan roinnean cruthachail. Bidh inbhe an cuid obrach a’ cosnadh cliù gu h-eadar-nàiseanta agus aithnichte air feadh Alba gu bhith aig ìre chruinneil.

Leanaidh Alba air adhart a’ cosnadh cliù air feadh na cruinne anns na gnìomhachasan cruthachail, a’ strì ri feàrrad fhaotainn air ùr-ghnàthachadh is toradh. Bidh an siostam cruthachail a tha sinn a’ cur air adhart sa phlana seo air fhaicinn gu bhith a’ sìolachadh athbheathachadh chruthachail. Bidh gach duine òg ann an Alba a’ sùileachadh gum bi na h-ealain agus cruthachalachd mar phàirt dem beatha tro fhoghlam, tro charaidean, tro eòlasan sòisealta agus air-loidhne. Còmhla, bidh iad a’ cumadh àm teachdail ùr ag èirigh à tuigse dhomhainn den àm chultarach a dh’fhalbh, ar nòsan agus ar cànanan, agus miann-adhartais dìoghrasach ann an cumadh àm teachdail saidhbhir is freumhaichte dhaibh fhèin agus do an cuid chloinne; do gach neach a thadhaileas agus dhaibhsan a dh’fhuiricheas. Bidh Alba mar àite blàth is fàilteach, stèidhichte air càileachd is feartan a tairgse chultaraich agus air àite cumhachdach nan gnìomhachasan ealan, sgriona is cruthachail an taobh a-staigh sin. Bidh àireamhan mòra de dhaoine a’ tadhal air Alba a dh’obair agus a chluich, mas fhìor, a thuilleadh air anns an t-saoghal fhìor againn. Bidh iad uile a’ tarraing spionnadh bhon oidhirp chruthachail againn ge ’r bith cò iad, agus càite a bheil iad. Bidh Alba na cumhachd chruthachail nach gèill. A’ stiùireadh na slighe, mar nàisean a tha a’ tuigsinn a cinne-daonna, am miannan agus am feumalachdan agus a chuireas fàilte air comas cruthachail gach neach, eadar gu bheil iad airson a bhith mar chiad fhìdhlear an t-saoghail, ailtire no dealbhadair den ghnè as àirde, no cuideigin a tha airson beatha dhaoine a chruthatharrachadh le bhith gan saoradh tro dhannsa, am facal sgrìobhte, ealain, geamaichean, dràma no òrain. Is e àite mìorbhaileach a bhios ann. Tha sinn a’ creidsinn gur h-e seo an seòrsa àite a dh’fhaodas a bhith ann. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair leis gach neach ann an Alba agus nas fhaide air falbh gus an lèirsinn seo a thoirt gu bith. Janet Archer Ceannard

7


8

Is iad na h-ealain a-mhàin a tha comasach air ar gràdh dìoghrasach don àite a thaisbeanadh, bòidhchead fhillte ar dùthcha ’s ar cruthan-tìre, toinnteachd saidhbhir ar sgeulachdan agus na tha sinn airson a chur ri ar planaid thrioblaideach aig a’ mhomaid fhìor chudromach seo ann an tìm sa chiad linn air fhichead Donald Smith Ionad Sgeulachdan na h-Alba /TRACS (Ealain is Cultar Traidiseanta na h-Alba)

Fuasgladh Comais


Gabhail Ri Miann-adhartais

Ro-ràdh Bhon Chathraiche Tha mi air mo mhisneachadh gu bheil am plana seo air a leasachadh ann an co-obrachadh leis na ceudan de dhaoine a tha ag obair ann an gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail ann an Alba. Tha mi an dòchas gun tig gach neach a leughas e gu bhith a’ co-roinn na mhiannadhartais agus gu bhith ag obrachadh còmhla rinn airson a liubhairt. Gun teagamh, tha eileamaid de leantainneachd sa phlana oir tha sinn airson togail air na bha soirbheachail. Tha sealladh ùr is beachdan ùra aig a’ phlana cuideachd; tha iad sin a’ tighinn às an tuigse gun urrainn agus gum feum cuid de nithean a bhith dèante nas fheàrr, le daoine ùra san sgioba agus lèirsinn mòran den luchdgnìomh. Tha mòran air a choileanadh cheana gu buannachd coimhearsnachd nan ealan is cultar agus gu cudromach, gu buannachd muinntir na h-Alba. Faodaidh sinn fhaicinn mar shoirbheachadh gu bheil sinn air solar cultarach is conaltraidh a mheudachadh thar gach ceàrnaidh de dh’Alba, a’ gabhail a-steach ar prògram soirbheachail de ‘com-pàirteachasan àite’ leis na h-ùghdarrasan ionadail agus Duaisean Alba Chruthachail, na dhà dhiubh air mòran choimhearsnachdan a chomharrachadh ’s a chur an sàs tarsainn fad is farsingeachd na dùthcha. Air an làimh eile, tha mòran obrach romhainn ma tha sinn gus an fheum as fheàrr a thoirt à saidhbhreas is iomadachd nan ealan is cultar ann an Alba, agus na ceanglaichean thar gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail a leasachadh nas motha, aig an taigh agus thall-thairis.

tro ùghdarrasan ionadail. Tha tuigse don chomas an lùib co-cheangal air na cruthan uile aig teis-meadhain a’ phlana seo. Bidh sinn an-còmhnaidh a’ strì ri bhith ag co-obrachadh agus ann an com-pàirteachas far an gabh sin a dhèanamh, gu h-àraid leis na daoine fa leth agus na buidhnean a tha sinn a’ maoineachadh. Feumaidh sinn cuideachd fàs a thoirt air na goireasan a tha rim faotainn a thaobh ealain is cultar ann an Alba, tro chom-pàirteachasan leis an Riaghaltas agus le àireamh mhòr de bhuidhnean nàiseanta is eadar-nàiseanta anns na h-earrannan poblach, prìobhaideach is saor-thoileach; tha dleastanas leasachaidh is buadhach aig Alba Chruthachail ann a bhith a’ stèidheachadh ’s a’ beathachadh nan dàimhean sin gu buannachd nan uile. Bidh ar n-obair uile cuimsichte air an lèirsinn agus na miannan-adhartais sin a choileanadh, a tha mìnichte sa phlana seo. Bidh Alba Chruthachail ag obair còmhla ri gnìomhachasan nan ealan, sgriona is cruthachail agus le raon fharsaing de fheadhainn eile, gus nithean iongantach a chur an gnìomh ann an Alba. Sir Sandy Crombie Cathraiche

Tha sinn glòir-mhiannach a thaobh gach earrann a tha còmhdaichte le ar raondleastanais. Tha sinn cuideachd miannach air adhartas ann am faicinn barrachd cheanglaichean air an cruthachadh tarsainn làrach fharsaing chultarach na h-Alba, a’ gabhail a-steach ar companaidhean coileanaidh nàiseanta, ar taighean-tasgaidh, gailearaidhean is leabharlannan, ar dualchas agus an raon de ghnìomhachdan cultarach a tha air an liubhairt 9


10

Còisir Òigridh Nàiseanta na h-Alba air a stiùireadh leis an Stiùiriche Ealanta, Crìsdean Bell. Dealbh: Drew Farrell. Fuasgladh Comais


Gabhail Ri Miann-adhartais

11


12 Lewis Wilkins bho Theatar Dannsa na h-Alba ann an Neoichiontachd (Innocence), seòmar-cluiche coileanaidh gun choimeas, far a bheil an luchd-èisteachd a’ sgrùdadh na Songs of Innocence aig Uilleam Blake. Dealbh: Maria Falconer.

Fuasgladh Comais


Gabhail Ri Miann-adhartais

Lèirsinn Cho-roinnte Tha sinn ag iarraidh gum bi Alba na dùthaich far a bheil gach neach a’ cur luach gu gnìomhach air agus a’ comharrachadh ealain is cruthachalachd mar bhuille-cridhe ar beatha agus an t-saoghail sa bheil sinn beo; a bhios gu cunbhalach a’ leudachadh a mac-meanmhainn agus dòighean air nithean a dhèanamh; agus far a bheil gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail misneachail, co-cheangailte agus soirbheachail. Tha mòran thabhartasan air cur ri cumadh air an lèirsinn seo. Tha faisg air mìle neach ag obair ann an gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail air an lèirsinn seo agus am plana farsaing fhiosrachadh, tron phrògram againn de Sheiseanan Fosgailte san earrach agus san fhoghar 2013, tro bhuidheann iomraidh air an taobh a-muigh agus tro dheasbad dìreach. Tha am Bòrd agus an luchd-obrach againn air cur ris cuideachd, mar a tha ar compàirtichean air feadh Riaghaltas na h-Alba, Ùghdarrasan Ionadail agus na h-earrannan poblach, prìobhaideach is saor-thoileach san fharsaingeachd. Tha sinn air meòrachadh cuideachd air na beachdan a thàinig bhon phoball tro cho-chomhairle air-loidhne agus aithris.

13


14

YDance, buidheann dannsa òigridh nàiseanta na h-Alba. Dealbh: Paul Watt.

Fuasgladh Comais


Gabhail Ri Miann-adhartais

15


16

Is e cruthachalachd agus na h-ealain an sgàthan sam faic sinn sinn fhìn, a’ tuigsinn cò sinn agus cò dh’fhaodadh sinn a bhith. Tha iad a’ toirt oirnn gabhail ri ar laigsean, cothachadh le ar n-eagalan agus gu fìor chudromach luach a chur air an daonnachd a th’ annainn uile Adrian Searle Foillsichear, Leabhraichean Freight

Fuasgladh Comais


Gabhail Ri Miann-adhartais

Miann-adhartais is prìomhachasan Tha na còig miannan-adhartais seo a’ cur frèam air na h-amasan againn le chèile thar nan deich bliadhna a tha romhainn. Fo gach aon dhiubh, tha sinn air còig-deug de phrìomhachasan a chomharrachadh airson ar cuid obrach fhiosrachadh thar nan trì bliadhna a tha ri teachd. Bidh iad sin a’ fiosrachadh stiùireadh maoineachaidh is co-dhùnaidhean agus am plana leasachaidh againn fhìn. Cha bhi sinn a’ sùileachadh gun coilean gach aon neach a tha sinn a’ maoineachadh a h-uile miann-adhartais no prìomhachas. Bidh sinn gar cumail fhìn cunntachail ge-tà mu choinneadh nam miannan-adhartais agus nam prìomhachasan sin. Bidh sinn a’ dùileachadh soirbheachadh aithris man coinneamh thar na

h-ùine a tha seo tro ar dleastanas mar neachmaoineachaidh, neach-tagraidh, buidheann leasachaidh agus neach-buaidh. Gus seo a choileanadh, leasaichidh sinn aontaidhean maoineachaidh nas soilleire le buidhnean maoinichte, agus thigear gu co-dhùnaidhean ro-innleachdail gus dèanamh cinnteach à liubhairt iomlan a’ phlana. Thar nan deich bliadhna a tha ri teachd, tha sinn airson gum bi Alba na dùthaich far:

A bheil Sàr-mhathas agus dearbhachd tarsainn gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail a’ faotainn aithne agus luach Am faigh gach neach cothrom air agus tlachd a ghabhail à eòlasan ealanta is cruthachail A bheil àiteachan agus càileachd beatha air an cruthatharrachadh tro mhac-mheanmhainn, glòir-mhiann agus tuigse do chomas cruthachalachd A bheil beachd-smuaintean air an toirt beò le ceannas agus sgioba-obrach eadar-mheasgte, sgileil agus co-cheangailte A bheil Alba na nàisean chruthachail shuaicheanta co-cheangailte ris an t-saoghal. 17


18

Nan suidhe fo na miannan-adhartais sin, is iad ar prìomhachasan airson nan trì bliadhna ri teachd:

Miann-adhartais

Prìomhachasan

Sàr-mhathas agus dearbhachd thar gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail a bhith air an aithne ’s air an luach

• Taic a chur ri buidhnean ’s ri daoine fa leth air feadh Alba gus obair àrd-ghnèitheil a leasachadh ’s a thoirt gu buil. • Cruthachadh farsaingeachd airson deasbad, breithneachadh, cunnart agus deuchainneachd, brosnachadh cheanglaichean tarsainn gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail agus a’ faotainn an fheum as fheàrr à teicneòlasan didseatach. • Stèidheachadh ’s a’ comharrachadh slighean soilleir gus dreuchdan-beatha a neartachadh agus taic a thoirt do thàlant a tha a’ tighinn am bàrr.

Faodaidh gach neach cothrom a ghabhail air agus tlachd a ghabhail à eòlasan ealanta is cruthachail

• Dèanamh cinnteach gum faod gach neach a dhol an sàs san obair a tha sinn a’ maoineachadh, ge ’r bith cò iad no càite a bheil iad. • Neartachadh riochdachadh, tursan agus sgaoileadh obrach, a’ gabhail a-steach tro àrd-ùrlaran didseatach agus brosnachadh coobrachadh • Ag àrach àrainneachd far a bheil compàirtichean, luchd-èisteachd agus luchdcleachdaidh a’ cur luach air agus a’ dol an sàs le misneachd ann an gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail.

Fuasgladh Comais


Gabhail Ri Miann-adhartais

Cò ris a tha soirbheachadh coltach? Tha Alba na dachaigh do mhòran choimhearsnachdan a tha soirbheachail agus co-cheangailte de luchd-ealain, daoine cruthachail agus buidhnean ag obair ann an raon eadar-mheasgte de chruthan is de ghnèithean. Tha iad faicsinneach agus aithnichte airson brìgh an smaoineachaidh, an obair agus mar a tha iad a’ cur ris a’ chomannshòisealta. Tha luchd-ealain agus daoine cruthachail a’ faotainn taic an dà chuid ionmhasail agus cofhaireachdainneil, agus mar sin tha ùine agus àite aca gus an cleachdadh a leasachadh agus obair smaoineachail, bhrosnachail agus àrdghnèitheil a thoirt gu buil. Thathar a’ toirt aithne do rannsachadh,

Tha gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail aithnichte mar a bhith fad’ is farsaing agus in-ghabhalta. Tha na buannachdan sòisealta is eaconamach a tha iad a’ tarraing do na coimhearsnachdan againn air an tuigsinn agus air an luach. Faodaidh daoine de gach aois agus bho dhiofar sheòrsaichean choimhearsnachdan anns gach ceàrnaidh den dùthaich, a’ gabhail a-steach choimhearsnachdan leithid Gàidhlig agus Albais, a bhith an sàs anns na h-ealain agus cruthachalachd ann an dòigh dhomhainn agus bhrìgheil. Faodaidh daoine cothrom fhaotainn air na h-ealain is cultar tro ruigsinneachd didseatach fad’ is farsaing, a thuilleadh air tachartasan is

leasachadh, breithneachadh agus fèinmheòrachadh uile. Tha cothrom aig daoine air mòran slighean a leantainn a shireadh dreuchd-beatha ann an gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail, aig ìre sam bith nam beatha. Tha fiosrachadh is taic ri fhaotainn air feadh Alba, agus is urrainn do luchd-ealain a tha a’ tighinn am bàrr ceangal fhaotainn glè luath le fiosrachadh, cothroman agus le chèile, a thuilleadh air ri lìonra de bhuidhnean gus an obair a thaisbeanadh. Tha teicneòlasan ùra air an comharrachadh mar chothroman do na h-uile gus obair ùr a thoirt gu buil agus a cho-roinn.

coileanaidhean beò air an sgrion agus ann an taisbeanaidhean. Tha buidhnean is daoine fa leth do bheil sinn a’ toirt taic, a’ co-obrachadh ann an dòigh mhac-mheanmhainneach gus cothroman a mheudachadh do dhaoine a thaobh a dhol an sàs agus com-pàirteachadh. Tha iad a’ sgrùdadh dhòighean is ùrlaran ùra gus cothrom a thoirt do dhaoine air obair ealanta is chruthachail, agus luchd-èisteachd a chuideachadh gus a dhol an sàs ann an iomadachd de dh’eòlasan. Bidh seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ solarachadh mhìneachaidhean, eadar-mhìneachaidhean agus eadar-theangachaidhean far a bheil sin iomchaidh.

19


20

Miann-adhartais

Prìomhachasan

Tha àiteachan is càileachd beatha air an cruthatharrachadh tro mhacmheanmhainn, glòir-mhiann agus tuigse do chomas cruthachalachd

• Ag obair ann an com-pàirteachas le Ùghdarrasan Ionadail is feadhainn eile gus cuideachadh le cruth-atharrachadh air coimhearsnachdan tro chruthachalachd.

Tha beachdan gan toirt beò tro cheannas is sgioba-obrach sgileil, eadar-mheasgte agus cocheangailte

• Ag obair le buidhnean gus ceannas coroinnte a leasachadh tarsainn earrannan a tha fiosrachail, misneachail agus glòirmhiannach.

Tha Alba na nàisean chruthachail shuaicheanta co-cheangailte ris an t-saoghal

• Doimhneachadh cleachdadh ealanta is cruthachail tro chòmhradh is iomlaid eadarnàiseanta.

• Taic do leasachadh bun-structar, mòrionadan is lìonraidhean cruthachail, a tha a’ neartachadh faicsinneachd agus luach do choimhearsnachdan. • Brosnachadh cleachdadh sòisealta a tha a’ spreagadh luach agus com-pàirteachadh bhon phoball.

• Taic do leasachadh air modalan gnothachais seasmhach. • Neartachadh tàlant is sgilean a dh’fheumar gus dreuchdan-beatha seasmhach a leasachadh tro chom-pàirteachasan earrannach, a’ gabhail a-steach foghlam àrd-ìre.

• Taic a chur ri tursan eadar-nàiseanta is mòrthaisbeanaidhean ann an Alba gus conaltradh le luchd-èisteachd agus tuigse chultarach adhartachadh. • Taic a chur ri buidhnean is luchd-cleachdaidh chruthachail gus ruigsinn air agus leasachadh a dhèanamh air margaidean cruinneil.

Fuasgladh Comais


Gabhail Ri Miann-adhartais

Cò ris a tha soirbheachadh coltach? Tha na h-ealain, cruthachalachd is cultar air an aithneachadh ’s air an comharrachadh le coimhearsnachdan is luchd-cumaidh phoileasaidhean air feadh gach ceàrnaidh de dh’Alba. Thathar a’ cur luach air agus a’ brosnachadh obair shuaicheanta ionadail. Tha co-obrachadh nas dlùithe le buidhnean nàiseanta eile, a’ gabhail a-steach dualchas, cànan, ùghdarrasan ionadail, luchd-ealain, buidhnean ealain agus iomairtean cruthachail, a’ leantainn air adhart gu an fheum as fheàrr air goireasan thar choimhearsnachdan bailteil is dùthchail.

fharsaingeachd air a thuigsinn nas fheàrr, a’ spangachadh cleachdadh co-aimsireil, ealain traidiseanta ann an Gàidhlig is Albais agus obair air a spreagadh le cànanan na h-Alba. Tha Alba a’ cur fàilte air iomadachd cultarach agus air tabhartasan bho chànanan eile a tha air an labhairt an seo, bho Pundiàbai agus Ùrdu gu Pòlainnis is Arabais. Tha gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail air feadh Alba co-cheangailte, nas fhaicsinnich agus a’ cruthachadh barrachd chothroman cosnaidh.

Tha cultar nàiseanta na h-Alba anns an

Tha eòlas agus tuigse nas fheàrr air mar a tha cruthachalachd a’ gineadh sunnd do gach neach.

Tha com-pàirteachasan làidir nan àite eadar buidhnean poblach, foghlam, luchd-ealain, daoine cruthachail is buidhnean gus tàlant is sgilean a leasachadh.

Tha ceannas misneachail, fiosraichte agus eadar-mheasgte a’ dèanamh cinnteach à smaoineachadh brìgheil agus a’ toirt an fheum as fheàrr à goireasan.

Tha tàlant eadar-mheasgte tarsainn gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail air an comharrachadh ’s air am beathachadh. Tha sgilean dhaoine air am meudachadh tro ionnsachadh, co-roinn eòlais agus cothrom furasta air fiosrachadh agus lìonraidhean.

Tha modalan gnothachais ùra cruthachail a’ solarachadh bunailteachd agus cothroman ùra do dhaoine fa leth agus do bhuidhnean.

Tha Alba aithnichte mar ionad chudromach do ghnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail. Tha freumhaichean làidir traidiseanta na cultar saidhbhir eadarmheasgte agus miann air deuchainneachd is ùr-ghnàthachadh.

eadar-nàiseanta a thighinn am bàrr.

Tha Alba a’ gabhail ri cultaran eadar-nàiseanta, a’ cur fàilte air luchd-ealain a’ tadhal agus a’ brosnachadh luchd-èisteachd le obair bho air feadh an t-saoghail. Tha cothroman aig luchd-ealain agus luchdcleachdaidh chruthachail air an dòighcleachdaidh a dhoimhneachadh tro chòmhradh, iomlaid agus co-obrachadh eadar-nàiseanta. Tha tlachd ga ghabhail à obair sàr-mhath Alba a tha air adhartachadh fad’ is farsaing, agus tha obrachadh com-pàirteachail èifeachdach a’ togail comas air cothroman is margaidean ùra

Tha beachdan aig ìre chruinneil a’ spreagadh shruthan teachd-a-steach ùra agus tha planadh ro-làimh a’ fuasgladh chothroman ealanta, cruthachail is eaconamach.

Tha dàimhean is com-pàirteachasan fadùine stèidhichte cheana, a tha a’ toradh nam buannachdan agus nam buadhan as fheàrr do luchd-ealain, luchd-cleachdaidh cruthachail agus luchd-èisteachd air feadh Alba. Tha ro-innleachd Eòrpa Chruthachail 2014-2020 an EU co-chòrdail leis ar miann-adhartais. ‘Bidh còmhradh is coimeasadh aig ìrean poileasaidh, ro-innleachd is coileandh a’ gineadh dhuaisean a thaobh brosnachadh ùr-ghnàthachadh, còmhradh agus aithne bho thaobh a-muigh nan earrannan.’ Tha sinn a’ planadh air a’ mhodh-obrach seo a chur an sàs tarsainn ar dleastanas farsaing eadar-nàiseanta. Bheir sinn ro-innleachd eadarnàiseanta gu buil a bhios a’ mìneachadh mar a choileanas sinn seo. 21


22

King Creosote air àrd-ùrlar mar phàirt de Withered Hand ann am Mòr-thaisbeanadh na h-Alba (Scottish Showcase) aig SXSW, Austin, Texas. Dealbh: Drew Farrell. Fuasgladh Comais


Gabhail Ri Miann-adhartais

23


24

Raointean Co-cheangailte A thuilleadh air ar miannan-adhartais agus ar prìomhachasan, tha ceithir raointean cocheangailte a’ ruith tro gach taobh de ar cuid obrach. Tha na raointean sin ag ath-fhuaimneachadh tro ar n-obair fhìn agus tron obair ris a bheil sinn a’ cur taic. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil iad sin deatamach do ghnìomhachasan ealain, sgriona agus cruthachail a tha soirbheachail, gnìomhach agus air an luach. Mar phàirt de dh’iarrtasan maoineachaidh, luachaidhean is ath-sgrùdaidhean, bidh sinn ag iarraidh air buidhnean innse dhuinn mu na tha iad a’ coileanadh anns na ceithir raointean sin.

Fuasgladh Comais

Is iad na ceithir raointean co-roinnte:

Ionnsachadh cruthachail Co-ionnanachdan is iomadachd Didseatach Àrainneachd


Gabhail Ri Miann-adhartais

Ionnsachadh Cruthachail Tha sinn airson buidhnean a bhrosnachadh, a’ gabhail a-steach sinn fhìn, gu bhith freagairteach, sùbailte agus a’ sìor ionnsachadh. Tha ionnsachadh bunaiteach do bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil ginealaichean san àm ri teachd uidheamaichte airson togail air soirbheachaidhean an latha an-diugh, a thuilleadh air ùr-ghnàthachadh air an cumhachan fhèin. Tha sinn dealasach a thaobh meudachadh uiread is gnè chothroman do gach neach gus an tuigse orra fhèin a leudachadh tro chonaltradh le gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil buannachdan fìor mhòr an seo do dhaoine fa leth agus don chomann-shòisealta a thaobh leasachadh air sgilean agus comas cosnaidh. Tha com-pàirteachadh cultarach a’ cur gu sònraichte ri ar toileachas is sunnd fa leth agus le chèile. Tha ar n-obair ionnsachaidh chruthachail air a stiùireadh ann an com-pàirteachas le buidhnean tarsainn gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail agus raointean eile den Riaghaltas is beatha phoblach. Is e a’ chiad Phlana Ionnsachaidh Chruthachail na h-Alba eisimpleir cudromach den seo, air a leasachadh ann an co-obrachadh le Foghlam Alba agus com-pàirtichean eile. Tha Alba Chruthachail a’ stiùireadh cuideachd air Time to Shine, ro-innleachd ealain na h-Alba airson daoine bho 0-25 bliadhna a dh’aois. Tron ro-innleachd seo, bidh sinn ag obair le daoine òga anns na h-ealain gus an lèirsinn a thaobh “a’ cur taic ri clann is daoine òga na h-Alba uile gus soirbheachadh is coileanadh anns agus tro na h-ealain agus cruthachalachd”.

Tha eisimpleirean den mhodh-obrach a bhios againn san àm ri teachd a’gabhail a-steach: • Cur taic ri ar luchd-obrach gus tuigse mheudaichte do dh’ionnsachadh a leasachadh gus am bi iad comasach air a neadachadh tarsainn na raoin obrach againn uile. • Ag iarraidh air buidhnean a tha maoinichte fiosrachadh a chumail rinn mu an obair ionnsachaidh chruthachail. • Ath-dhaingneachadh chom-pàirteachasan a th’ ann cheana agus a’ leasachadh feadhainn ùra le buidhnean ionnsachaidh eile, leithid Foghlam Alba agus Comhairle Maoineachaidh na h-Alba. • Tagradh airson luach ionnsachaidh cruthachail thar na h-earrannan poblach, prìobhaideach is saor-thoileach. • A’ foillseachadh gu cunbhalach builean na h-obrach choitchinn a chaidh a choileanadh tro ar Plana Ionnsachaidh Chruthachail. Is e ar glòir-mhiann gum bi gach raon de ar cuid obrach agus den obair ris a bheil sinn a’ cur taic, a’ meudachadh àite is buaidh gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail anns a’ chomann-shòisealta fharsaing tro ionnsachadh fad-beatha.

25


26

Co-ionnanachdan is Iomadachd Tha co-ionnanachdan is iomadachd nam pàirt iomlan den obair againn agus deatamach do liubhairt càileachd ann an gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail. Tha sinn ag amas air co-ionnanachdan is iomadachd a chur aig cridhe na gnìomhachd againn uile. Tha sinn a’ creidsinn gun urrainn do chompàirteachadh is conaltradh leis na h-ealain cuideachadh le co-ionnanachd adhartachadh agus cur ri sunnd. Faodaidh daoine bho choimhearsnachdan eadar-mheasgte, cùlraointean eadar-dhealaichte agus de gach aois faighinn a-mach mu chothroman beatha cudromach tro ruigsinneachd air na h-ealain. Tha co-ionnanachdan mu dheidhinn a bhith a’ cur taic ri cultar eadar-mheasgte ann an Alba, ga dhèanamh comasach do ghuthan ealanta is cruthachail a bhith uile air an cluinntinn, agus ag obair gus cothroman a mheudachadh airson a dhol an sàs ann agus com-pàirteachadh anns na h-ealain air feadh na dùthcha. Bidh sinn ag obair gus tuigse àrach agus beachdan dearbhach a stèidheachadh a dh’ionnsaigh agus eadar daoine bho dhualchasan cultarach eadar-dhealaichte. Tha sinn cuideachd a’ coileanadh ar riatanasan reachdail agus a’ cur taic ri agus ag adhartachadh luach cultair is cànain dùthchasach, leithid Gàidhlig is Albais. Tha riatanas reachdail oirnn taic a chur ris a’ Ghàidhlig, sa chiad àite tro ar Plana Gàidhlig fhìn ach cuideachd le bhith ag aithneachadh an àite cudromach a tha ealain agus cultar a’ cur an gnìomh ann am meudachadh faicsinneachd na Gàidhlig agus dol an sàs sa chànan. Tha sinn a’ dèanamh uaill à taic a chur ri obair luchd-ealain a tha ciorramach, a thathar a’ meas ùr-ghnàthach ann an Alba agus air an taobh a-muigh. Tha sinn air a bhith ag obair ann an com-pàirteachas le Comhairle Ealain Shasainn gus coimiseanan is taic comhairleachaidh a thairgsinn airson obair àrdghnèitheil a leasachadh, a thoirt gu buil agus a thaisbeanadh.

Fuasgladh Comais

Mar bhuill corporra de Stonewall Alba, tha sinn a’ faotainn buannachd bhon stiùireadh agus an taic a tha ri fhaotainn tro phrògram Gaisgich Iomadachd (Diversity Champions), agus tha sinn a’ gabhail pàirt ann an Clàr-amais CoIonnanachd Àite-obrach Stonewall, air fhaicinn mar thomhais sònraichte de cho-ionnanachd LGBT anns an àite-obrach san Rìoghachd Aonaichte. Tha eisimpleirean de ar modh-obrach san àm ri teachd a’ gabhail a-steach: • Cur taic ris an luchd-obrach againn gus tuigse làidir air co-ionnanachdan a leasachadh gus ar cuideachadh ann an coileanadh ar lèirsinn a thaobh earrannan gnìomhachais ealain, sgriona agus cruthachail a bhith làn ion-ghabhalta. • Ag iarraidh air ar buidhnean maoinichte co-ionnanachdan a phrìomh-shruthadh nam planadh, nam prògramadh agus ann an leasachadh luchd-èisteachd tro Phrògram Adhartachaidh Cho-ionnanachdan (PEP). • Ag obair le com-pàirtichean gus prògraman ro-innleachdach a liubhairt gus dèiligeadh le neo-ionnanachd. • Foillseachadh ar Builean Cho-ionnanachdan agus ag aithris gach dàrna bliadhna air ar n-adhartas ann am prìomh-shruthadh coionnanachd ann an gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail ann an Alba, ann an co-rèir ri ar dleastanas laghail.


Gabhail Ri Miann-adhartais

Didseatach Tha teicneòlas didseatach a’ tairgsinn chothroman brosnachail airson cruthachalachd, comann-sòisealta agus an eaconamaidh ann na Alba. Mar a bhios bann-leathan na h-ath ghinealaich agus lìonraidhean 4G gan sgaoileadh a-mach agus sianalan ùra didseatach a’ tighinn am bàrr, tha e mar fhiachaibh oirnn taic a chur ri gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail agus làn fheum a dhèanamh de na buannachdan uile a dh’fhaodas an t-eadar-lìon agus innealan ùra didseatach a thoirt am follais. Feumaidh comas agus sgilean a bhith aig gach neach gus buannachd fhaotainn à teicneòlas ùr a thuilleadh air misneachd is sgilean gus an raon de dh’innealan a tha a’ sìor fhàs a chleachdadh, airson ùr-ghnàthachadh a stiùireadh. Tha Alba Chruthachail air a stiùireadh leis na prìomh cheithir eileamaidean ann an RoInnleachd Didseatach Riaghaltas na h-Alba: Com-pàirteachadh, Eaconamaidh, Comasceangail agus Seirbheisean Poblach. Tha cleachdadh eadar-lìon ann an gnothachas, san dachaigh agus air fòn-làimhe air fàs gu mòr anns na bliadhnaichean mu dheireadh. Tha mòran againn ri dhèanamh fhathast gus dèanamh cinnteach gu bheil am bun-structar as fheàrr na àite airson seirbheis aig ìre chruinneil a sholarachadh, gu h-àraid ann an cuid de sgìrean dùthchail, ach mar a bhios dòchas luchd-èisteachd a thaobh cleachdadh eadarobrachail didseatach a’ fàs, ’s ann a bhios an fheum air buidhnean a bhith ùr-ghnàthaichte agus obair a liubhairt ann an dòighean ùra air àrd-ùrlaran ùra. Bidh sinn a’ cuimseachadh air dèanamh cinnteach gu bheil an comas agus na sgilean didseatach aig daoine is buidhnean cruthachail gus an cuid obrach a roinn agus a mhargaideachd. Còmhla ri taic leasachaidh didseatach dìreach do bhuidhnean, tha sinn ag amas air dèanamh cinnteach gu bheil an cothrom aig gach neach ann an Alba ruigsinneachd fhaotainn air ealain is cultar fìor mhath. Faodaidh gabhail ri innealan ùra didseatach an dòigh sa bheil buidhnean a’ ruith an

cuid obrachaidhean, atharrachadh agus a neartachadh, teachd-a-steach a ghineadh, an luchd-èisteachd aca a chom-pàirteachadh agus a leudachadh agus buaidh a thoirt air an cleachdaidhean is pròiseasan cruthachail. Tha eisimpleir den mhodh-obrach againn san àm ri teachd a’ gabhail a-steach: • Leasachadh ro-innleachd làidir airson film is sgrion agus strì ri cothroman is goireasan ùra fhuasgladh. • Obair maoineachaidh a bhios a’ dèanamh feum den fharsaingeachd dhidseatach ann an dòighean ùra mac-meanmhainneach. • Brosnachadh sruthadh beò air obair stèidhichte air togail. • Brosnachadh ar buidhnean maoinichte gu an cleachdadh, pròiseas agus toraidhean a chlàradh ’s a thasgadh, gus dèanamh cinnteach gum faigh ginealaichean san àm ri teachd buannachd à coileanaidhean an latha an-diugh. • Leasachadh dhàimhean nas fiosraichte le companaidhean teicneòlais agus beachdachadh air mar a chuirear taic ri buidhnean gus teicneòlaichean no prògramairean fhastadh, eadar gur e sin neach ùr no meudachadh nan sgilean aig an luchd-obrach a th’ ann cheana. San àm ri teachd, bidh sinn a’ dùileachadh do bhuidhnean uile meòrachadh didseatach a tharraing a-steach don obair aca. Tha sinn gar gabhail fhìn a-steach don seo. Beachdaichidh sinn air comas didseatach bhuidhnean, dòchasan luchd-èisteachd agus feumalachdan sgilean luchd-obrach. Bidh obair san dòigh seo a’ toirt comas dhuinn fàs nas fheàrr air tional dàta tarsainn gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail gus an dleastanas deatamach a nochdadh nas fheàrr, a tha aig cultar an taobh a-staigh ar beatha shòisealta, eaconamach is catharra agus luchd-èisteachd a thuigsinn nas fheàrr ’s mar a fhreagras sinn am feumalachdan. 27


28

Àrainneachd Is e atharrachadh gnàth-shìde aon de na dùbhlain as cudromaiche a th’ againn an-diugh. Tha sinn airson dèanamh cinnteach gum bi sinn ag obair ann an dòigh cho seasmhach ’s a ghabhas agus gum bi gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail ann an Alba a’ dèanamh an nì cheudna. Coltach ris na buidhnean poblach eile ann an Alba, tha riatanas reachdail oirnn fo Achd Atharrachadh Gnàth-shìde (Alba) 2009, cuir an gnìomh: • anns an dòigh as fheàrr air obrachadh a-mach a thaobh cur ri targaidean lùghdachaidh air sgaoilidhean san Achd, a liubhairt; agus • ann an dòigh as seasmhaiche a tha e air a mheas.

Tha gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail ag obair gus dèiligeadh leis na dùbhlain sin, agus leanaidh sinn air adhart a’ cur taic agus a’ brosnachadh a leithid sin de leasachaidhean. Tha eisimpleirean de ar modhobrach san àm ri teachd a’ gabhail a-steach: • Strì ri obrachadh ann an dòigh sheasmach don àrainneachd, tro ar poileasaidh àrainneachdail agus tron phlana stiùiridh. • Ag obair le com-pàirtichean gus modhangiùlain seasmhach àrainneachdail a mhisneachadh am measg nan daoine fa leth agus nam buidhnean air feadh gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail gu h-iomlan, agus am measg luchd-èisteachd agus am poball san fharsaingeachd. • Ag aithris air ar tabhartas a thaobh lùghdachadh gualain agus mar a tha sinn ag obrachadh ann am modh seasmhach a thaobh àrainneachd. • Cur taic ri buidhnean a tha sinn a’ maoineachadh gus gabhail ri modhan-giùlain seasmhach, agus aithris air an tabhartas cocheangailte ri lùghdachadh air sgaoilidhean gualain.

Fuasgladh Comais


Gabhail Ri Miann-adhartais

Tha faireachdainn a’ fàs a thaobh gluasad ùr spreagail ann an cultar na h-Alba: còmhradh eadar choimhearsnachdan dùthchail agus luchd-ealain co-aimsireil, agus gu h-àraid glòrach tha pròiseactan ùra a’ cinneadh ’s a’ fàs anns a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan. Tha na pròiseactan sin a’ freagairt air coimhearsnachdan; a’ taisbeanadh gum faod, le bhith a’ rannsachadh an ama a dh’fhalbh, obraichean ealain ceistean deatamach fhaighneachd a thaobh buntainn, fuireach agus eag-eòlas Hanna Tuulikki Neach-ealain is Ceòl-sgrìobhaiche

29


30

Riochdachadh Theatar Nàiseanta na h-Alba de Ignition, ann an co-bhonn le Ealain Shealtainn agus Alba Chruthachail. Dealbh: Theatar Nàiseanta na h-Alba. Fuasgladh Comais


Gabhail Ri Miann-adhartais

31


32

Ar n-Adhbhar Is e Buidheann Poblach Neo-roinneil a th’ annainn, fo urras aig Riaghaltas na h-Alba agus Ministearan na h-Alba agus tha sinn a’ faotainn ar maoineachaidh bhon dà chuid, Riaghaltas na h-Alba agus Crannchur na Rìoghachd Aonaichte. A thuilleadh air ar dàimh urrasail le Roinn a’ Chultair aig Riaghaltas na h-Alba, tha sinn cuideachd ag obair ann an com-pàirteachas le Roinnean eile den Riaghaltas, a’ gabhail a-steach Ionnsachadh is Ceartas, Iomairt, Àrainneachd is Didseatach is Slàinte agus Cùram Sòisealta. Tha am fòcas againn air gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail an taobh a-staigh co-theacs fharsaing solair cultarach ann an Alba. Tha seo a’ gabhail a-steach nan companaidhean gnìomhachaidh nàiseanta, buidhnean co-cheangailte ri ar leabharlannan, taighean-tasgaidh is gailearaidhean agus an tasgadh cultarach aig ùghdarrasan ionadail. Tha ar dleastanas air a mhìneachadh ann am Pàirt 4 de dh’Achd Ath-leasachaidh Seirbheisean Poblach (Alba) 2010 a tha a’ dèanamh iomradh air gnìomhan coitcheann Alba Chruthachail, mar: • Comharrachadh, cur taic ri agus a’ leasachadh càileachd is sàr-mhathais anns na h-ealain is cultar bhon fheadhainn a tha an lùib oidhirpean ealanta is cruthachail eile. • Ag adhartachadh tuigse, bàidh-mheas agus tlachd anns na h-ealain is cultar. • Brosnachadh na ghabhas a dhèanamh de dhaoine gus cothrom a ghabhail agus compàirteachadh anns na h-ealain is cultar. • Tuigsinn, cho fada ’s a ghabhas sin gu reusanta a dhèanamh, luach agus buannachdan (gu h-àraid, an luach nàiseanta is eadar-nàiseanta) nan ealan is cultar. • Brosnachadh agus a’ cur taic ri oidhirpean ealanta is cruthachail eile a tha a’ cur ri tuigse de chultar nàiseanta na h-Alba mar dhòigh beatha, ann an seagh farsaing. Fuasgladh Comais

• Adhartachadh agus a’ cur taic ri gnìomhachasan agus gnìomachd coimearsalta eile far a bheil a’ phrìomh chuimse air cur an sàs sgilean cruthachail. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil sinn an seo gus taic a chur ri daoine agus buidhnean gus a bhith ag obair ann agus eòlas fhaotainn air gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail ann an Alba, agus an cuideachadh gu bhith a’ toirt beachd-smuaintean mòra gu buil. Tha an dreuchd seo a’ cruthachadh chothroman dhuinn: • A bhith ag obair mar shruth-chlais do cheangal is ionnsachadh tar-earrannach. • An siostam cultarach is eaconamaidh farsaing a thuigsinn, a’ comharrachadh far an cuirear an gnìomh airson an neartachadh. • An obair a tha sinn a’ maoineachadh a shuidheachadh aig cridhe leasachadh cruthachail, ealanta, cultarach, sòisealta is eaconamach, a’ brosnachadh fàs san àm ri teachd ann an tasgadh poblach anns na h-ealain is cultar. • Cuideachadh le sruthan teachd-a-steach do ghnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail a leasachadh agus a sgaoileadh, a’ meudachadh chothroman bho sheilbheachd inntleachdail agus a’ brosnachadh co-obrachadh eadar companaidhean cruthachail malairteach, luchd-ealain agus luchd-cleachdaidh cruthachail.


Gabhail Ri Miann-adhartais

MAO

INE

ACH A

BU AID

H

TAG RAD AIR EAC HD

DH

LEA SAC HA

DH

GnĂŹomhachasan Ealan, Sgriona is Cruthachail Eadar-cheangailte, eadareisimeileach agus eadarfhuaighte. 33


34

Ealain Tha sinn a’ cur taic ri daoine fa leth agus ri buidhnean a tha ag obair an lùib nan ealan thar gach raon cleachdaidh, a’ gabhail a-steach dannsa, litreachas, ceòl, theatar is ealain lèirsinneach agus cleachdadh tar-chuspaireil. Tha sinn ag obair ann an com-pàirteachas leis an Riaghaltas, Ùghdarrasan Ionadail agus earrannan poblach, prìobhaideach is saorthoileach ann am farsaingeachd, gus an taic seo a liubhairt.

Sgrion Tha sinn a’ cur taic ri toradh film is TBh agus ri meadhanan tar-ùrlarach, agus tha sinn cuideachd ag adhartachadh dèanamh fhilmichean eadar-nàiseanta ann an Alba. Tha sinn ag obair ann an com-pàirteachas le buidhnean leithid am BBC agus am BFI. Tha sinn a’ dealbhadh ro-innleachd airson leasachadh air film ann an Alba ann an cochomhairle le earrann nam filmichean agus leis an Riaghaltas.

Gnìomhachasan Cruthachail Tha ar taic do na gnìomhachasan cruthachail ga leasachadh le Com-pàirteachas Ghnìomhachasan Cruthachail na h-Alba (SCIP), a tha a’ toirt còmhla Alba Chruthachail, Iomairt Alba, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus ùghdarrasan ionadail. Tha sònrachadh air na gnìomhachasan cruthachail co-cheangailte ri luchd-malairt fa leth, companaidhean agus buidhnean aig a bheil prìomh adhbhar a bhith a’ gineadh teachd-a-steach tro chruthachalachd no tro sheilbh inntleachdail cruthachail. Tha seo a’ gabhail a-steach raon fharsaing de ghnìomhachdan cruthachail malairteach bho cheòl is dannsa gu ailtireachd, ceàird, dealbhadh, ùr-ghnàthachadh didseatach agus gèamadh.

Fuasgladh Comais

Taobh ri taobh Plana Bhliadhnail gach bliadhna, tha sinn a’ foillseachadh thar-shealladh air feumalachdan leasachaidh làithreach gnìomhachasan nan Ealan, Sgriona agus Cruthachail. Tha iad sin air an ùrachadh airloidhne gach dà mhìos dheug agus bidh iad rim faotainn air an làraich-lìn againn aig toiseach gach bliadhna ionmhais.


Gabhail Ri Miann-adhartais

Ar Gnìomhan Is e buidheann maoineachaidh, buidheann tagraidh is buidheann leasachaidh a th’ annainn, agus buidheann a tha a’ sireadh buaidh a thoirt air càch gus cothrom a mheudachadh agus buaidh àrdachadh a thaobh na tha na goireasan againn a’ tairgsinn.

Maoineachadh

Leasachadh

Tha sinn a’ riarachadh maoineachaidh bho dhà phrìomh thùs, Riaghaltas na h-Alba agus an Crannchur Nàiseanta. Is e ar maoineachadh an dòigh air a bheil sinn a’ cumail suas cùramroinne de bhuidhnean air feadh Alba; a’ cur taic ri leasachadh dhaoine is buidhnean fa leth; a’ maoineachadh bheachdan is phròiseactan agus a’ leasachadh chom-pàirteachasan gus dèiligeadh le feumalachdan ro-innleachdail. Bidh sinn a’ dèanamh seo san àm ri teachd tro thrì shlighean maoineachaidh:

Tha sinn ag obair ann an com-pàirteachas le càch gus na suidheachaidhean as fheàrr a chruthachadh airson soirbheas nan gnìomhachasan ealan, sgriona agus cruthachail. Tha seo a’ gabhail a-steach obair le buidhnean leasachaidh eaconamach, an Riaghaltas, Ùghdarrasan Ionadail agus buidhnean poblach is prìobhaideach eile gus eòlas is goireasan a cho-roinn agus sgilean a leasachadh airson cothrom a mheudachadh ann an suidheachadh ionadail, nàiseanta is eadar-nàiseanta. Tha ar dleastanas leasachaidh a’ cuimseachadh air a bhith a’ cur taic ri sàr-mhathas agus dèanamh àite.

• Maoineachadh cunbhalach do bhuidhnean airson trì bliadhna, aig a’ char as lugha; • Maoineachadh dhaoine fa leth is bhuidhnean gus pròiseactan a liubhairt a tha cuibhrichte le tìm, a’ gabhail a-steach leasachadh cleachdaidh; agus • Àireamh bheag de phrògraman targaidte, a tha cuimsichte air liubhairt chinn-uidhe ro-innleachdail a tha co-roinnte le compàirtichean.

Tagradaireachd Tha sinn ag obair le feadhainn eile gus ìomhaigh gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail a thogail ann an Alba, a’ cuideachadh le bhith ag adhartachadh an sàr-mhathais aig an taigh agus thall-thairis gu raon fharsaing de luchd-èisteachd. Tha seo a’ gabhail a-steach a bhith ag àrdachadh obair dhaoine fa leth is bhuidhnean air feadh Alba. Tha e a’ ciallachadh cuideachd a bhith a’ togail mothachaidh do luach gnìomhachd ealanta is cruthachail agus an t-àite a th’ aca ann a bhith a’ dèanamh beatha gach neach nas fheàrr a thaobh slàinte, sunnd agus eaconamaidhean ionadail is nàiseanta.

Toirt buaidh Mar bhuidheann le thar-shealladh air gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail, faodaidh sinn ar n-eòlas agus ar n-ealantas a chleachdadh gus càch a chuideachadh gu bhith ag obair ann an dòigh nas ro-innleachdail airson an cuid obrach a neartachadh, eadar gu bheil sinn an sàs gu dìreach annta no nach eil. Bidh sinn a’ leasachadh dreuchd bhuadhach stèidhichte air fianais, a’ tarraing air sgrùdaidhean dàta na h-obrach a tha sinn a’ maoineachadh a thuilleadh air prìomh agus dàrna rannsachaidh. Le bhith a’ solarachadh mion-fhiosrachadh mu phoileasaidh, fiosrachadh gnìomhachais agus stiùireadh air deagh chleachdadh, tha sinn ag amas air daoine fa leth is buidhnean a chuideachadh gus cothroman a chomharrachadh agus a ghabhail mar a bhios iad ag èirigh.

35


36

Bunty, Pròiseact Old Skool Graffiti Livingston mar pàirt de Luminate, fèis aoiseachaidh chruthachail na h-Alba a bhios a’ tarraing còmhla luchd-èisteachd is com-paìrtichean bho tharsainn nan ginealaichean. Is e com-pàirteachas a th’ ann an Luminate eadar Aois Alba, Stèidheachd Baring agus Alba Chruthachil. Dealbh: Eoin Carey. Fuasgladh Comais


Gabhail Ri Miann-adhartais

Ag Obair Ann an Com-pàirteachas Chan eil ann an Alba Chruthachail ach aon phàirt de dh’eag-eòlas cultarach na h-Alba. Tha sinn ag obrachadh gu nàiseanta is eadarnàiseanta agus tha sinn a’ coileanandh ar miann-adhartais a thaobh gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail le bhith ag obair gu dlùth le raon de chom-pàirtichean, a’ meudachadh ar buaidh mar bhuidheann maoineachaidh, tagraidh, buaidh agus leasachaidh. Tha com-pàirteachasan nas èifeachdaich far a bheil àrainneachd de dh’earbsa, spèis agus obair-sgioba. Tha lèirsinn co-roinnte againn a thaobh gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail, agus far a bheil sinn a’ coroinn nan cinn-uidhe choitcheann sin tha sinn airson dàimhean làidir, co-obrachail agus sùbailte a leasachadh le buidhnean-gnìomha is buidhnean-coimhearsnachd gus barrachd a choileanadh na ghabhas coileanadh leis gach aon fa leth. Tha sinn ag obair le roinn-obrach tarsainn gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail, agus tha mòran diofar sheòrsaichean de bhuidhnean leis a bheil sinn ag obair cuideachd, bho ùghdarrasan ionadail gu buidhnean iomairt, oilthighean gu craoladairean, urrasan is stèidheachdan gu na meadhanan. Gu cudromach, tha sinn ag obair le luchd-ealain, luchd-dèanamh fhilmichean, gnothachasan cruthachail agus leis a’ phoball a tha a’ faotainn buannachd tro bhith nan com-pàirtichean ’s nan luchd-èisteachd. Ag obrachadh tro na dàimhean sin, le chèile tha sinn comasach air ruigsinneachd a mheudachadh, goireasan agus sgilean a cho-roinn, smaoineachadh ùrghnàthach agus ceannas adhartachadh, agus gluasad nas luaithe gus an fheum as fheàrr a dhèanamh de chothroman ùra. Seo dìreach cuid de ar com-pàirtichean: • Riaghaltas m.e. Riaghaltas na h-Alba agus Ùghdarrasan Ionadail, Urrasan Cultair Ùghdarrasan Ionadail, VOCAL, COSLA,

Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Oifis Cèin is a’ Cho-fhlaitheis agus Comhairle Bhreatainn. • Buidhnean Leasachaidh m.e. Iomairt Alba agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. • Foghlam m.e. Foghlam Alba, Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, Buidhnean Sgilean, Oilthighean, Colaistean agus Conservatoire Rìoghail na h-Alba. • Com-pàirtichean Cultarach Nàiseanta m.e. Bòrd na Gàidhlig, Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba, Taighean-tasgaidh is Gailearaidhean na h-Alba, Tachartas Alba agus Tadhal Alba. • Luchd-riarachaidh a’ Chrannchuir m.e. an Crannchur Mòr agus Maoin Dualchais a’ Chrannchuir. • Urrasan is Stèidheachdan Cultarach m.e. Stèidheachd Baring agus Stèidheachd Pòl Hamlyn • Film agus meadhanan m.e. BBC na h-Alba, BBC Alba, Sianal 4, STV, BFI, Film Into • Na Companaidhean Nàiseanta: Theatar Nàiseanta na h-Alba, Baileat na h-Alba, Opara na h-Alba, Orcastra Nàiseanta Rìoghail na h-Alba, Orcastra Seòmair na h-Alba. • Com-pàirtichean earrannan, a’ gabhail a-steach buidhnean maoinichte is neomhaoinichte, agus luchd-ealain is luchdcleachdaidh cruthachail a’ gabhail a-steach Riochdairean Neo-eisimeileach na h-Alba, Caidreachas Theatar na h-Alba, Fòram Litreachais na h-Alba agus Lìonra Gheamannan na h-Alba. • Luchd-maoineachaidh nàiseanta is eadarnàiseanta eile, a’ gabhail a-steach trì comhairlean ealain na Rìoghachd Aonaichte ann an Sasainn, Èirinn a Tuath agus a’ Chuimrigh agus IFFACA, lìonra chruinneil de bhuidhnean ealain nàiseanta. 37


38

Scarlett Johansson ann an Under the Skin. Air a sti첫ireadh le Jonathan Glazer. Dealbh: le urram bho JW Films. Fuasgladh Comais


Gabhail Ri Miann-adhartais

39


40

Patricia Shone, Patricia Shone, aig taisbeanadh Ceàird Alba SOFA ann an Chicago. Dealbh: © Ceàird Alba. Fuasgladh Comais


Gabhail Ri Miann-adhartais

Daoine is Cruthachalachd Ar càirdeas le luchd-ealain is daoine cruthachail fa leth Tha sinn a’ tuigsinn gur h-e daoine fa leth a tha a’ dèanamh diofar. Is iad luchd-ealain agus daoine cruthachail fa leth fuil-beatha gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail. Tha tàlantan pearsanta, dìoghras, ionracas, feòrachas agus obair chruaidh, mar bhun-stèidh ar siostam cruthachail co-roinnte aig gach ìre. Tha luchd-ealain is daoine cruthachail a’ spreagadh ’s a’ beothachadh ar beatha ann an mòran dòighean; tro obair ealain, film, gnìomhachadh beò, taisbeanaidhean, bùithtean-obrach, deasbadan agus eòlasan didseatach. Tha iad a’ dùbhlanachadh, a’ putadh, a’ spreigeadh, a’ toirt brìgh, ag innse sgeulachdan, a’ dèanamh dibhearsain ’s a’ ceangal tro bhòidhchead, inntleachd, truas, brìgh dhomhainn agus àbhachdas. Tha seo a’ tairgsinn cothrom dhuinn stad agus meòrachadh air cò sinn, ar n-àite san t-saoghal agus na dh’fhaodadh sinn a bhith. Tha daoine fa leth a’ làimhseachadh an cuid obrach ann an diofar dhòighean agus glè thric a’ dùbhlanach an t-suidheachaidh làithreach. Tha cuid cuimsichte air cumadh chleachdaidhean ùra agus sireadh fhuasglaidhean teicneòlasach fhad ’s a tha cuid eile, gu neo-eisimeileach no mar chompanaidhean beaga, a gineadh luach, spionnadh agus ceanglaichean tarsainn choimhearsnachdan, comann-sòisealta agus nàiseanan. Tha prògraman bhuidhnean nas motha an urra ri riochdachadh is compàirteachadh le luchd-ealain is daoine cruthachail fa leth.

Tha sinn airson cuideachadh le comannsòisealta a chruthachadh a tha a’ cur luach air obair luchd-ealain is daoine cruthachail fa leth, agus bidh sinn ag obair cruaidh gus seo a choileanadh tro dhòighean leithid: • Togail mothachadh gum feum luchd-ealain is daoine cruthachail beachd-smuaintean a rannsachadh ’s a leasachadh, agus an cleachdadh gus sàr-mhathas a liubhairt. • Brosnachadh gach neach a tha ann an suidheachadh gus ìrean nas àirde pàighidh a ghineadh do luchd-ealain is daoine cruthachail gu sin a dhèanamh, gus dèanamh cinnteach gur e dùthaich a th’ ann an Alba far am faod luchd-ealain is daoine cruthachail a bhith a’ fuireach agus ag obair gu soirbheachail. • Foillseachadh comhairle air obair còmhla ri luchd-ealain agus am pàigheadh. • Cur taic ri luchd-ealain is daoine cruthachail fa leth tro ar prògraman uile. • Tagradh às leth luchd-ealain is daoine cruthachail a chionn gu bheil iad deatamach do chomann-sòisealta a tha soirbheachail is cothromach agus do dh’eaconamaidh fallain torrach. • Ag obair gu dlùth le com-pàirtichean gus cothroman a mheudachadh do luchd-ealain is daoine cruthachail a shoirbheachadh. Tha fios againn mas urrainn dhuinn còmhla, àrainneachd obrach nas fheàrr a stèidheachadh, gum bi às-chur cruthachail na h-Alba mòran nas làidire.

41


42

Ar càirdeas leis a’ phoball Is e buidheann poblach a th’ ann an Alba Chruthachail. Tha sinn a’ faotainn ar maoineachaidh bho Riaghaltas na h-Alba agus tha sinn a’ sgaoileadh airgid bhon Chrannchur Nàiseanta. Tha sinn a’ conaltradh ris a’ phoball le bhith ag iarraidh air na buidhnean a tha sinn a’ maoineachadh dàimhean soifiostaigeach a leasachadh le luchdèisteachd, luchd-compàirt agus luchd-ceannach stèidhichte air tuigse do phàtranan conaltraidh a thaobh doimhneachd is ruigsinneachd. Tha na cothroman a tha air an cruthachadh le bhith a’ cur luchd-èisteachd is coimhearsnachdan aig cridhe na tha sinn a’ dèanamh, agus le bhith ag obair a dh’ionnsaigh in-ghabhaltas is ruigsinneachd fhosgailte, cudromach agus a’ ruighinn fad’ is farsaing. Tha sinn ag obair gu dlùth le com-pàirtichean, gu h-àraid ùghdarrasan ionadail, aig a bheil prìomh dhleastanas ann an liubhairt ealain is cultar gu daoine air feadh Alba. Rè a’ phlana seo, cruthaichidh sinn barrachd faicsinneachd don obair a tha sinn a’ maoineachadh le bhith a’ togail chompàirtichean mheadhanan gus obair dhaoine is bhuidhnean fa leth air feadh Alba a mhìneachadh agus a thaisbeanadh nas motha. Bidh sinn a’ leasachadh ar làraich-lìn gus ìomhaigh nas àirde a thoirt do raon nas fharsaing de dh’obair tarsainn gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail. Thar cùrsa nan trì bliadhna a tha romhainn, leasaichidh sinn frèam-obrach airson conaltradh leis a’ phoball agus bidh sinn ag iarraidh air daoine is buidhnean fa leth a tha maoinichte, aithris ma choinneamh. Bidh seo a’ tairgsinn dhuinn sealladh nas soilleire air cò tha sinn a’ ruighinn tro ar maoineachadh ’s ar tasgadh agus ga dhèanamh comasach dhuinn ar maoineachadh ro-innleachdail a chuimseachadh nas fheàrr san àm ri teachd, gus dèiligeadh le beàrnan ann an solar cultarach is ealain. Tha sinn airson a dhèanamh cinnteach gu bheil ar maoineachadh na bhuannachd don raon as fharsainge de dhaoine ann an Alba agus nas fhaide air falbh. Bidh sin a’ ciallachadh a bhith a’ brosnachadh nan daoine agus nam buidhnean a tha sinn a’ maoineachadh, gu bhith a’ beachdachadh gu cùramach air mar a tha iad a’ ceangal ri daoine a tha duilich an ruighinn ann an àiteachan no coimhearsnachdan dùthchail, aig nach eil cothrom furasta air gnìomhachasan Fuasgladh Comais

nan ealan, sgriona agus cruthachail air sgàth anacothrom eaconamach, ciorram, no suidheachadh sòisealta. Tha sinn cuideachd airson ar conaltradh a leudachadh le coimhearsnachdan air feadh Alba a tha eadar-mheasgte gu cultarach. Bidh seo a’ ciallachadh gum bi sinn a’ brosnachadh nan daoine agus nam buidhnean fa leth a tha sinn a’ maoineachadh gu seata nas fharsainge de roghainnean ealanta a thairgsinn, gus taic a chur ri obair a tha eadar-mheasgte a thaobh cultair le luchd-ealain bho dhiofar dhualchasan. Tha ar càirdeas leis an earrann shaor-thoileach cudromach dhuinn cuideachd. Tha àite brìoghmhor aig buidhnean ealain saor-thoileach ann an cruthachadh chothroman do dhaoine air feadh Alba gus com-pàirteachadh ann an ealain is cultar. Tha sinn ag aithneachadh seo tro ar taic do bhuidhnean ealain saor-thoileach a tha a’ riochdachadh agus ag adhartachadh luchdealain proifeiseanta, buidhnean agus daoine cruthachail. Tha daoine òga aig cridhe àm ealanta ri teachd a tha spreagail is cruthachail. Ag obair le raon de chom-paìrtichean, tha sinn air Time to Shine a leasachadh, a’ chiad Ro-Innleachd Ealain Òigridh Nàiseanta na h-Alba. Is e aon de thaobhan brosnachail na ro-innleachd seo, a bhith a’ leasachadh raoncluiche ùr didseatach far am faod clann is daoine òga a bhith comasach air an lèirsinn fhèin a dhealbhadh a thaobh mar a dh’fhaodadh na h-ealain obrachadh a-mach san àm ri teachd. Tha sinn airson daoine òga a bhrosnachadh gu bhith a’ smaoineachadh ann an dòigh mhacmheanmhainneach agus ar dùbhlanachadh gu smaoineachadh diofraichte. Tha sinn an dòchas gum bi na beachdan ag èirigh às an fharsaingeachd dhidseatach seo, a’ fiosrachadh ar poileasaidhean san àm ri teachd a thuilleadh air fosgladh chothroman ùra thar nan earrannan ris a bheil sinn a’ cur taic. Tha sinn cuideachd gu tur mothachail do dh’àireamh-sluaigh an t-saoghail a bhith a’ sìor-fhàs sean. Bidh sinn a’ brosnachadh ar buidhnean maoinichte gu bhith a’ leasachadh mhodhan-obrach dheimhinneach gus dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig daoine nas sine air ealain is cruthachalachd agus cultar, ann an dòighean a tha brosnachail is brìoghmhor dhaibh.


Gabhail Ri Miann-adhartais

Dhòmhsa, tha na h-ealain agus cruthachalachd deatamach ann an co-chomann an latha andiugh a thaobh ’s nach eil iad a-mhàin a’ toirt dhuinn cothrom air daoine, àiteachan is sgeulachdan diofraichte a rannsachadh gu h-ionadail agus gu cruinneil, ach tha iad cuideachd a’ toirt cothrom dhuinn rannsachadh is taisbeanadh na tha e a’ ciallachadh a bhith beò Paul Wright Neach-dèanamh Fhilmichean

43


44

Fuasgladh Comais


Gabhail Ri Miann-adhartais

Luchd-ealain sràide a’ coileanadh air an deireadh-seachdain mu dheireadh de Fhroidhneas Fèis Dhùn Èideann. Dealbh: Callum Bennetts. Le urram bho Chomann Froidhneis Fèis Dhùn Èideann.

45


46 Luchd-conaltraidh saidheans, Craig MacPhàrlain agus Nicola Shepherd, aig foillseachadh Fèis Saidheans Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann, tha am prògram a’ sgrùdadh ann an sreath thachartasan, thaisbeanaidhean is thachartasan tarraingeach is fèisteach, mar a tha saidheans aig cridhe gach nì. Dealbh: Colin Hattersley.

Fuasgladh Comais


Gabhail Ri Miann-adhartais

An Siostam Cruthachail Tha sinn dealasach a thaobh feumalachdan eadar-dhealaichte nan cruthan ealain agus nan earrannan cruthachail. Tha am feumalachdan leasachaidh fhèin aig gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail. Dealbhaidh sinn modh-obrach soilleir ro-innleachdail airson taic a chur riutha tro ro-innleachdan fa leth do gach aon dhiubh. Feumaidh sinn cuideachd a’ cur romhainn tuigsinn cho math ’s a ghabhas dèanamh, mar a tha an siostam cruthachail iomlan ag obair, agus mar as urrainn dhuinn a dhèanamh cinnteach gu bheil ar maoineachadh agus ar taic san àm ri teachd air eagrachadh ann an dòighean a tha freagarrach agus mothachail do a nàdar innsgineach. Tha cruthan ealanta is cruthachail a’ sìor leasachadh cheanglaichean is thar-iadhaidhean: air an stiùireadh le eòlas agus ceanglaichean ùra tro chothroman didseatach, co-aomadh, tar-ùrlaran no 360 slighean gu cruthachalachd. San àm ri teachd, ’s ann ri meudachadh a bhios am bitheantas. Ged a tha dleastanas cudromach againn ann a bhith a’ cur taic ri glèidhteachas seann nòsan, tha ùidh againn cuideachd ann an tuigsinn agus cur taic ri leasachadh air modhan-obrach san àm ri teachd. Mar sin, bidh sinn a’ cruthachadh cothrom airson liùbhraigeadh eadar cruthan an taobh a-staigh ar ro-innleachdan. Tha dreuchdan le cùram-roinne glè thric aig daoine a tha ag obair ann an gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail: bidh iad a’ gluasad bho aon seòrsa gu seòrsa eile, a’ cleachdadh sgilean a ghabhas gluasad gus an comas cosnaidh agus coileanadh dreuchd a mheudachadh gu an ìre as àirde. Mar thoradh air an sin, tha iad nan ioma-oibrichean cruthachail, ealanta ann an leasachadh dhòighean gus an glòir-mhiann a choileanadh. Stèidhichte air traidisean làidir de dhaoine sùbailte a tha air èirigh a-mach à dualchas saidhbhir cultarach air a lìbhrigeadh tro mhòran chruthan cruthachail, tha luchd-ealain, luchd-cleachdaidh cruthachail, buidhnean is companaidhean na h-Alba glè eadardhealaichte, feòrachail gun sguir, agus a’ cur an sgilean an sàs ann an raon de ghnìomhachdan.

Tha na slighean gu dreuchd-beatha chruthachail tric agus eadar-dhealaichte, eadar-cheangailte tarsainn ar cùram-roinne dleastanais ann an iomadachadh de dhòighean. Tha barrachd is barrachd luchd-ealain is luchdcleachdaidh cruthachail a’ co-obrachadh tarsainn chruthan. Tha cuid a tha a’ gluasad gun dragh eadar obair chruthachail a tha a’ faotainn taic agus obair choimeirsealta, a’ cleachdadh aon gus an tè eile a bheathachadh. Tha seo uile a’ ciallachadh nach eil e iomchaidh tuilleadh ar poileasaidh a mhìneachadh tro mhodhan sreathach a-mhàin. Tha cothrom ann comas fhuasgladh le bhith a’ togail cheanglaichean tarsainn cruth-tìre farsaing nan gnìomhachasan cruthachail. Mar a bhios Alba Chruthachail a’ leasachadh, bidh sinne cuideachd sùbailte agus freagairteach do mhodalan cleachdaidh a bhios a’ tighinn am bàrr, a thuilleadh air a bhith a’ dìon mhodalan a th’ air am feuchainn a-mach ’s air an dearbhadh, agus a’ togail orra. Gabhaidh sinn rannsachadh os làimh airson an ioma-fhillteachd seo a thuigsinn, gus buaidh agus leudachadh a thoirt air na slighean gu soirbheachadh, agus daoine a stiùireadh gu cothroman ann an Alba agus taobh a-muigh Alba. Tha sinn airson siostam cruthachail a leasachadh gus daoine a chuideachadh a’ seòladh agus faighinn mun cuairt na slighe a tha iad a’ roghnachadh. Bidh pàirt den seo a’ gabhail a-steach leasachadh air mapa-slighe gus am bi daoine comasach air siubhal nas fhasa na ghabhas dèanamh gu làithreach. Bidh pàirt eile a’ leasachadh tuigse nas doimhne de mar a tha dìoghrasan, beachd-smuaintean, sgilean, luachan agus modhan-giùlain a’ cumadh cultar agus an eaconamaidh, mar phàirt de dh’èiceo-siostam cruthachail cocheangailte. Bidh coileanadh air an seo gu soirbheachail a’ ciallachadh a bhith ag obair nas dlùithe ann an com-pàirteachas le càch, a’ gabhail a-steach luchd-cleachdaidh, buidhnean poblach, buidhnean-gnìomha is buidhneancoimhearsnachd, a thuilleadh air oilthighean le eòlas rannsachaidh. 47


48

Bho chruthachadh gnèitheach gu malairteach Tha gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail a’ co-roinn adhbhar choitcheann a thaobh ’s gu bheil iad a’ rùnachadh obair mhath a ghineadh a tha a’ glacadh mac-meanmhainn nan daoine. Tha iad uile air an saodachadh le rùn, air an stiùireadh le ùr-ghnàthachadh nan cridhe agus air am bun-stèidheachadh le siostaman creideis a tha stèidhichte air a bhith a’ cruthachadh nithean, tachartasan agus eòlasan cudromach. Glè thric, cha bhi iad sin buntainneach do chomannsòisealta an latha an-diugh a-mhàin, ach bidh iad air an cuimhneachadh ’s air an comharrachahdh leis na ginealaichean ri teachd. Gun choimeas mar bhuidheann cultarach, tha raon-dleastanais aig Alba Chruthachail a tha a’ spangachadh an àite chudromach ann an solarachadh maoineachadh poblach do luchdealain, buidhnean ealain, film agus sgrion a thuilleadh air cuideachadh chompanaidhean cruthachail coimeirsealta gu lorg taic ionmhasail gus fàs agus soirbheas a chruthachadh. Mar phàirt den sin, tha sinn a’ liubhairt cùram-roinne meadhanach mòr de thasgadh gu buidhnean coimeirsealta a tha comasach air an cuid maoineachaidh a phàigheadh air ais, a’ toirt cothrom dhuinn subsaididh ath-chuartachadh mar bhuannachd do chàch. Tha ùidh againn cuideachd ann a bhith a’ dèanamh sgrùdadh air mar a dh’fhaodas sinn modh-obrach a leasachadh gu bhith a’ goireasachadh airgeadcalpa cruthachail, a’ cuideachadh luchd-ealain is daoine cruthachail gus am beachdan a ghrinneachadh ’s a leasachadh a bhios a’ biathadh an cuid obrach agus a’ cuideachadh le bunait eaconamach a chumail suas airson fàs agus feabhas. Tha Alba a’ tairgsinn cruth-tìre chruthachail agus fìor bhrosnachail.

Tha earrann nan ealan ann an Alba aithnichte le Riaghaltas na h-Alba gu bhith de luach gnèitheach don chomann-shòisealta. Tha sinn a’ cur fàilte air an aithne seo, bho thaobh luach cultarach agus sòisealta. Tha luchd-ealain, daoine agus buidhnean cruthachail ag atharrachadh beatha an duine agus a’ fosgladh amannan ùra ri teachd. Tha ealain is cruthachalachd a’ tairgsinn brìgh do bheatha dhaoine ann am mòran diofar dhòighean. Chan eil againn ach smaoineachadh air saoghal gun leabhraichean, ceòl, ealain is dealbhadh, dannsa, theatar agus filmichean gus tuigsinn cho bunaiteach ’s a tha cruthachalachd do ar beatha. Tha neartan na h-earrainn ealain ann an Alba a’ spangachadh soirbheachaidhean ealanta air sgèile àrd a tha a’ cur gu mòr ris an eaconamaidh; beachdan iongantach a’ sruthadh bho luchd-ealain agus sgrìobhadairean tàlantach is sgileil; agus obair-ceàird mhionaideach ri fhaicinn a’ tighinn bho luchddèanamh, luchd-cumaidh ciùil agus luchddannsa. Tha na h-ealain a’ cur ri ionnsachadh tron Churraicealam airson Sàr-mhathais a tha a’ nochdadh nan ealan ghnìomhach, cànanan, slàinte is sunnd tro iomairtean a tha a’ cuideachadh chloinne is dhaoine òga gu bhith ag ionnsachadh, a thuilleadh air misneachd agus sgilean eadar-phearsanta a leasachadh. Tha luach gnèitheach a’ ceangal ri teòiridhean a tha leasaichte mun cuairt eaconamachd sunnd: stèidhichte air an loidsig ma tha an comann-

Fuasgladh Comais


Gabhail Ri Miann-adhartais

sòisealta toilichte le faireachdainn sunndach, bidh e nas dèanadaich agus a’ gineadh ìrean nas àirde de dh’ìocadh eaconamach. Tha gnìomhachas film ann an Alba air soirbheachadh iongantach fhaicinn, a tha air ìomhaigh agus glòir-mhiann luchd-dèanamh fhilmichean ann an Alba àrdachadh. Taoabh ri taobh ris na prìomh shoirbheachaidhean sin, tha feumalachdan leasachaidh n-ghnèitheach leis am feumar dèiligeadh ma tha an earrann a’ dol a dh’fhàs. Tha feum aig Alba air modh-obrach ùr ro-innleachdail a thaobh film agus mheadhanan, a’ gabhail a-steach comharrachadh thùsan airson meudachadh air tasgadh ann an toradh, bun-structar stiuidio, leasachadh gnothachais do SMEan, iomairtean sgilean ceangailte bho chonaltradh poblach agus foghlam treas-ìre gu inntrigeadh gnìomhachais, roinn sgilean tar-earrannach agus leasachadh luchd-èisteachd. Tha na Gnìomhachasan Cruthachail aithnichte le Riaghaltas na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte mar phrìomh earrann fàis airson an eaconamaidh san àm ri teachd. Sna bliadhnaichean mu dheireadh, tha Alba air a mìneachadh air Gnìomhachasan Cruthachail a leudachadh seachad air an raoin a bha mìnichte le Roinn Cultair, Meadhanan is Spòrs (DCMS) gu bhith a’ gabhail a-steach ceàird, dualchas, eileamaidean de dh’aodach agus foghlam cultarach. Tha liosta de 16 gnìomhachasan air an stèidheachadh. Tha an liosta a’ tarraing air sgrùdadh dàta bho Alba agus an Rìoghachd Aonaichte, a’ nochdadh chùisean air an comharrachadh gu h-ionadail agus ann an tachartasan co-chomhairle earrannach, a chaidh a choileanadh mar phàirt den sgrùdadh. Tha na h-atharrachaidhean sin a’ ciallachadh gu bheil sinn comasach air tabhartas eaconamach na h-earrainn Ceàird ann an Alba a ghlacadh, tro staitistigean oifigeil airson a’ chiad uair agus a’ dèanamh tuairmsean fa leth air na h-earrannan Ciùil, Ealain Lèirsinneach is Gnìomhach.

a’ faotainn buannachd bho cheanglaichean làidir tarsainn gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail, gus buaidh chruthachail agus prothaid eaconamach a chumail suas. Tha dreuchd Alba Chruthachail, a tha a’ spangachadh an dà chuid cruthachalachd ghnèitheach agus malairteach, a’ tairgsinn chothroman a thaobh mhargaidean gun dearbhadh agus dèanamh àite. Is e Alba Chruthachail am prìomh choòrdanaiche agus cathraiche Com-pàirteachas Ghnìomhachasan Cruthachail na h-Alba (SCIP). Tha sinn ag obair gu dlùth gus comas a dhearbhadh airson ro-innleachd co-roinnte a mhìnicheas mar a dh’fhaodas buidhnean poblach taic a chur san dòigh as èifeachdaiche ris na gnìomhachasan cruthachail air feadh Alba. Tha sinn a’ coimhead air gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail gu bith nan raointean obrach eadar-cheangailte agus eadar-eisimeileach. Ged a tha gach aon dhiubh ag iarraidh modh-obrach speisealta, cha bu chòir gin dhiubh fhaicinn lethoireach. Tha iad a’ beathachadh ’s a’ biathadh a chèile ann am mòran dhòighean eadar-dhealaichte. Tha sinn a’ creidsinn gum faigh gach neach a tha ag obair sna h-earrannan agus sna gnìomhachasan sin ann an Alba buannachd bho bharrachd obair tar-earrannach, an dà chuid bho thaobh poileasaidh agus a thaobh raointean cleachdaidh fa leth.

Tha eaconamaidh cruthachail na Rìoghachd Aonaichte a’ fàs mòran nas luaithe na an eaconamaidh iomlan. Tha earrann ghnìomhachasan cruthachail a tha soirbheachail 49


50

Mirror Lands le Mark Lyken agus Emma Dove – film agus fuaim a’ sgrùdadh dhàimhean eadarmheasgte ri chur san Eilean Dubh air a’ Ghàidhealtachd. Pàirt de Cryptic Nights, air a thaisbeanadh le Cryptic. Dealbh: Alex Woodward.

Fuasgladh Comais


Gabhail Ri Miann-adhartais

Ar Prionnsapalan Obrachaidh Tha sinn dealasach a thaobh liubhairt ar seirbheisean gu h-èifeachdach agus gu buadhach: a’ dèanamh cinnteach à eòlas deimhinneach air Alba Chruthachail dhaibhsan ris a bheil sinn a’ cur taic agus ar com-pàirtichean, agus a’ stiùireadh nam maoinean poblach gu h-èifeachdach ris a bheil sinn an urra. Bidh sinn a’ leasachadh ar pròiseasan obrachaidh le bhith a’ tomhais sàsachadh luchd-cleachdaidh agus a’ comharrachadh ’s a’ ceartachadh dhuilgheadasan gu luath agus gu h-òrdail. Leasaichidh sinn inbhean seirbheis soilleir dom faodadh sinn a bhith cunntachail. Gus taic a chur ri tomhais adhartais mu choinneamh ar cinn-uidhe, tha sinn air frèam-obrach a leasachadh a tha a’ dearbhaithneachadh comharran coileanaidh airson nan raointean obrach againn uile. Tha sinn dealasach a thaobh dèanamh cinnteach gu bheil stiùireadh coileanaidh buadhach air a neadachadh air feadh na buidhne air fad. Cleachdaidh sinn am fiosrachadh seo gus poileasaidh a leasachadh agus gus ar n-èifeachdas a chur am feabhas. Tha ar prionnsapalan obrachaidh a’ fuireach gu ìre mhòr mar a bha air aithris sa Phlana mu dheireadh againn. Is iad sin:

Thar nan ceithir bliadhna a dh’fhalbh, bho thàinig Alba Chruthachail gu bith, tha sinn air aithneachadh gum feum sinn obrachadh nas cruaidhe gus na prionnsapalan sin a stèidheachadh nar n-obair làitheil. Tha am Bòrd-stiùiridh againn dealasach a thaobh atharrachadh eagrachail a tha air fhiosrachadh fad’ is farsaing, agus a tha air fhoillseachadh air an làraich-lìn againn. Tha sinn a’ leasachadh stiùireadh soilleir don luchd-obrach uile gus dèanamh cinnteach gum bi sinn a’ cumail ris na prionnsapalan againn agus gum bi iad sin nochdte anns gach nì a tha sinn a’ dèanamh. Tha sinn dealasach a thaobh a bhith nar buidheann a bhios ag èisteachd agus ag ionnsachadh. Buidheann a bhios a’ freagairt agus ag atharrachadh agus a’ solarachadh bunailteachd do na daoine agus na buidhnean fa leth a tha e mar fhiachaibh oirnn a chuideachadh, cho fada ’s a ghabhas dèanamh.

• Bidh sinn air ar stiùireadh tro dhealas a thaobh liubhairt airson muinntir na h-Alba. • Bidh luchd-ealain agus luchd-cleachdaidh cruthachail aig cridhe ar dòighsmaoineachaidh. • Bidh sinn a’ co-obrachadh agus ag obair ann an com-pàirteachas. • Bidh sinn a’ solarachadh ceannais. • Gabhaidh sinn co-dhùnaidhean beachdail agus fiosraichte, a’ lùghdachadh biurocrasaidh chun na h-ìre as ìsle. • Bidh sinn a’ tasgadh anns an luchd-obrach againn agus ann an comhairle speisealta gus leasachadh cultarach na h-Alba adhartachadh agus a thagradh. 51


52

Ag obair leis an Riaghaltas Mar Bhuidheann Poblach Neo-roinneil (NDPB), tha obair Alba Chruthachail co-thaobhach ri Frèam Coileanaidh Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba (NPF) gus taic a chur ri liubhairt air adhbhar iomlan an Riaghaltais ann an Alba, agus ’s e sin: Gus seirbheisean poblach is Riaghaltais a chuimseachadh air dùthaich nas soirbheachaile a chruthachadh, le cothroman air fàs do dh’Alba air fad tro mheudachadh ann am fàs seasmhach eaconamach. Tha an NPF a’ mìneachadh 16 de Bhuilean Nàiseanta a tha a’ dèanamh iomradh air na tha an Riaghaltas a’ sùileachadh ri choileanadh. Ged a tha an obair againn a’ cur gu ìre ris gach aon de na builean sin, bidh Alba Chruthachail a’ sgrùdadh ar gnìomhachaidh mu choinneamh seachd dhiubh, mar a tha air a chur a-mach gu h-ìosal.

Builean Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba1

Tha sàr-mhathas agus dearbhachd tarsainn gnìomhachasan nan ealan, sgriona agus cruthachail aithnichte is luachaichte. Buil Nàiseanta 2: Tha sinn a’ tuigsinn ar làn chomais eaconamach le barrachd chothroman cosnaidh nas fheàrr do ar daoine. Buil Nàiseanta 3: Tha sinn nas fhoghlamaichte, nas sgileil agus nas soirbheachail, ainmeil airson ar rannsachaidh is ùr-ghnàthachadh. Buil Nàiseanta 4: Tha ar daoine òga nan luchd-ionnsachaidh soirbheachail, nan daoine misneachail, nan com-pàirtichean èifeachdach, agus nan saoranaich earbsach. Buil Nàiseanta 7: Tha sinn air dèiligeadh leis na neoionnanachdan cudromach ann an comann-sòisealta Alba. Buil Nàiseanta 13: Tha sinn a’ dèanamh uaill à dearbh-aithne nàiseanta a tha làidir, cothromach agus ion-ghabhalta. Buil Nàiseanta 14: Tha sinn a’ lùghdachadh buaidh àrainneachdail ionadail is cruinneil ar caitheamh agus ar dèanamh. Buil Nàiseanta 16: Tha ar seirbheisean poblach àrd-inbheil, èifeachdach, a’ dol am feabhas gun sguir, agus a’ dèiligeadh le feumalachdan dhaoine.

Fuasgladh Comais

Miann-adhartais Ro-Innleachdail Alba Chruthachail


Gabhail Ri Miann-adhartais

Is urrainn do gach neach cothrom fhaotainn air agus tlachd a ghabhail à eòlasan ealanta is cruthachail

Tha àiteachan is càileachd beatha air an cruthatharrachadh tro mhacmeanmhainn, glòir-mhiann agus tuigse de chomas cruthachalachd

1

Tha beachdan air an toirt beò tro cheannas agus sgioba-obrach a tha eadarmheasgte, sgileil agus co-cheangailte

Tha Alba na nàisean chruthachail shuaicheanta, co-cheangailte ris an t-saoghal

http://www.scotland.gov.uk/About/Performance/scotPerforms/outcome

53


54

Dhòmhsa, tha na h-ealain agus cruthachalachd deatamach ann an co-chomann an latha an-diugh a thaobh ’s nach eil iad a-mhàin a’ toirt dhuinn cothrom air daoine, àiteachan is sgeulachdan diofraichte a rannsachadh gu h-ionadail agus gu cruinneil, ach tha iad cuideachd a’ toirt cothrom dhuinn rannsachadh is taisbeanadh na tha e a’ ciallachadh a bhith beò Sir Nicholas Serota Stiùiriche, Tate

Fuasgladh Comais


Gabhail Ri Miann-adhartais

Tha Ceòl Drake Alba a’ cleachdadh raon de dh’innealan is mhodhan gus dèanamh cinnteach gun urrainn do gach neach a bhith gnìomhach ann an dèanamh ceòl. Is e siostam sìmplidh a th’ ann am Figurenotes (maidseadh dhathan is chumaidhean sa cheòl ri stiogaran air an cur air an ionnsramaid), a tha ga dhèanamh nas fhasa meur-chlàr is giotàr a chluich. Dealbh: Anne Binckebanck.

55


56

Faigh a-mach Tuilleadh Gus am plana seo fhaicinn ann am Beurla, tadhailibh air www.creativescotland.com/ourplans Airson cumail suas ris na tha sinn a’ dèanamh, soidhnigibh airson an fhiosrachaidh às ùire bhuainn air post-d an seo: www.creativescotland.com/updates Agus ma tha sibh airson tuilleadh fhaighinn a-mach mu Alba Chruthachail agus an obair a tha sinn a’ dèanamh, cuirbh fios gu ar Seirbheis Cheistean air a’ fòn no post-d. F: +44 (0) 845 603 6000 Post-d: enquiries@creativescotland.com

Fuasgladh Comais


Tha fios aig gach neach gu bheil àite ann nach eil an eisimeil nan riaghailtean àbhaisteach ann an dòigh eaconamach no phoilitigeach. Is e farsaingeachd smaoineachail a th’ ann dhuinn gus aithne dhomhainn a chur air ar beatha, no comasachd air an doimhneachd sin a choileanadh. Is e an t-àm a th’ ann mothachadh don t-solas, an teòthachd, fuaimean na beatha; agus mothachadh dhuinn fhìn mar dhaoine fa leth no mar bhuidheann. Is e connadh a’ chridhe Fleur Darkin Stiùiriche Ealanta, Theatar Dannsa na h-Alba


Geata Waverley 2-4 Rathad Bhatarlù, Dùn Èideann EH1 3EG Alba RA 249 Sràid Sheòrais an Iar Glaschu G2 4QE Alba RA Fàilteachadh +44 (0) 330 333 2000 Ceistean +44 (0) 845 603 6000 enquiries@ creativescotland.com www.albachruthachail.com @creativescots ISBN: 978 1 85119 204 5 An giblean 2014


Turn static files into dynamic content formats.

Create a flipbook
Issuu converts static files into: digital portfolios, online yearbooks, online catalogs, digital photo albums and more. Sign up and create your flipbook.